[28]

Coimisean nan Croitearan

le T. M. MACCALMAIN.

Sir Raibeart Urchardan

AIR acheud den Dàmhair fosgailear an Inbhir-Nis oifis Coimisean nan Croitearan agus théid buill aChoimisean agus an sgioba aca an sàs anns an obair a bheir, tha sinn an dòchas, beothachadh is soirbheachadh don Ghaidhealtachd is do na h-Eileanan.

Bann an uiridh a dhfhoillsicheadh beachdan na comhairle-rannsachaidh mu chroitearachd, agus am bliadhna rinneadh Achd Pàrlamaid a chur Coimisean air chois mar a dhearalaich achomhairle ud. A nis tha fhios againn air ainmean nan daoine a thaghadh a chum na h-oibre so, agus faodaidh sinn gu dearbh, ar làn-earbsa a chur anns aChoimisean.

Is e an Ridire Raibeart Urchardan as Ceann-suidhe air aChoimisean. Cha Ghaidheal e ach is mac croiteir e, a mhuinntir Bhanbh. Chaidh e, le mór-chliù, troimh chùrsa an fhòghluim an Oil-thighean Obaireadhain is Cambridge, agus, an deidh dha seirbhis a dheanamh an càbhlach an rìgh ri linn acheud Chogaidh Mhóir, ghabhadh e a steach gu seirbhis na h-Impireachd, agus thug e greis bhliadhnachan anns an Eiphit agus anns na dùthchannan mun cuairt. Dhéirich e ceum air cheum gu inbhe is gu àrd-dhreuchd an seirbhis aChrùin an tìrean céine, agus thug e greis anns na Stàitean Aonaichte, agus bho 1951 is esan Fear-ionaid na Ban-righ againn thall an Venezuela. Rinneadh Ridire dheth an 1950 agus thug Oil-thigh Obaireadhain urram LL. D. dha an uiridh. Tha e pòsda agus tha ceathrar nighean aige. Tha e fhichead bliadhna agus a h-ochd deug a dhaois.



[29]

[Dealbh]
Iain MacNeachdainn

Rugadh Mgr. Iain MacNeachdainn ann an Gearasdan Loch-abair an 1896, ach bann am Bail’ -a’ -chaolais a fhuair e amhór-chuid de a oileanachadh. An 1910 thàinig an teaghlach don Oban agus air an ath-bhliadhna ghabh Iain ann an seirbhis an rathaidagus riamh on uair sin is ann anns an Oban a tha a chòmhnaidh agus is ann air an rathad-iarainn a tha a chosnadh, agus e astiùireadh nan trèanaichean eadar Glaschu is an t-Oban no eadar an t-Oban is Bail’ -a-chaolais.

Agus gu a chuir sgiobair-trèanana bhall de Choimisean nan Croitearan? Chuir gur e a tha an so duine sònraichte. Duine nach dfhuair cothrom sgoilena òige ach, a dhaindeoin sin, aig a bheil eanchainn agus a rinn feum den eanchainn a fhuair e a chum maith na dùthcha.

Bheirinn-sa ùine mhór acur sìos air paipear gach dreuchd is inbhe anns an drinn Iain MacNeachdainn seirbhis da luchd-dùthcha. An 1933 thaghadh e mar bhall de Chomhairle-baile an Obain, agus rinneadh Pròbhaist abhaile dheth an 1937. An 1934 thaghadh e mar bhall de Chomhairle Siorrachd Earraghaidheal, agus is esan Iar-cheann-suidhe na Comhairle sin o chionn naoi bliadhna. Is e Ceann-suidhe Comhairle an Fhòghluim anns an t-siorrachd sin o chionn dheich bliadhna. Tha ena bhall de Chomhairle Earalachaidh na Gaidhealtachd. Tha e air móran chomhairlean eilemu shlàinte an t-sluaigh is riaghladh nan tighean-eiridinn is tuarasdal luchd-saothrachaidh an fhearainn. Tha e air Bòrd na Coille. Bha ena bhall den Choimisean Rìoghail a bha arannsachadh Cùisean na h-Alba o chionn bliadhna no dhà. Is esan Ceann-suidhe riaghlairean Urras Catriona NicCaoig. Fhuair e an t-urram C. B. E. bhon Bhan-righ, agus is math a thoill e sin, achs e an t-urram as a chuir moit air gun tugadh dha saorsa baile an Obain, urram nach tugadh do neach eile riamh roimhe no as a dhéidh.

Tha Mgr. Alasdair R. MacCoinnich ri tuathanachas faisg air Baile-Dhubhthaich an siorrachd Rois, ach is mac croiteir e a mhuinntir an Eilein Sgitheanaich, agus bann air achroit a chuir e seachad làithean na h-òige. Is esan Ceann-suidhe Comhairle Fòghluim Siorrachd Rois, agus tha ena bhall de mhóran chomhairlean eile. Tha e fhichead bliadhna agus a h-aon-deug a dhaois.



[30]

[Dealbh]
Alasdair MacArtair

[Dealbh]
Alasdair MacCoinnich

Sin agaibh, ma thà, an triùir a tha air an taghadh a chum is gun leig iad an inntinn agus an neart gu h-iomlan ris an obair chudthromaich a dhearbadh riutha. Tha iad air an taghadh airson cóig bliadhna agus is e an tuarasdal a bhios acatrì mile not sabhliadhna aig aCheann-suidhe agus mhìle an urra aig an dithis eile.

Mar a chunnacas anns na paipearan naidheachd, bho chionn ghoirid, tha an triùir a bhios air aChoimisean pàirt den ùine air an ainmeachadh cuideachd, agus tha sinn cho toilichte leotha agus a tha sinn leis achòrr. Seumas Grannd, fear deasachaidh anStornoway Gazette, Seumas MacIain as aMhanachainn, agus Caiptean Dùghall MacLachlainn a Bail’ -a’ -Chaolais.

Feumaidh an Coimisean sgioba de dhaoine fiosrach ealanta a bheir na rùintean aca gu buil. Dhiùbh sin dhainmicheadh dithis cheana, dithis Ghaidheal air a bheil deagh theist.

Is e Mgr. Alasdair MacArtair Ard-oifigeach aChoimisein. Buinidh esan do eilean Ile agus tha e fhichead bliadhna agus a seachd a dhaois. An deidh acheud ghreis da bheatha a chur seachad air croit an Ile chaidh e do Cholaisde an Aiteachais an Glaschu, agus dhéirich e gu àrd-dhreuchd ann an seirbhis Bòrd an Aiteachais. Tha deagh-aithne air am measg Gaidheil Ghlaschu far an robh ena Cheann-suidhe air aChomunn Ileach.

Is e Mgr. Dòmhnall MacCumhais Rùnaire aChoimisein. Buinidh esan do Fhionnsabhagh anns na Hearadh agus, air dha oileanachadh fhaotainn an sgoil Chinn-a’ -ghiùthsaich agus an Oil-thighean Obaireadhain is Dhun-éideann, bha ena fhear-lagha an Dun-éidinn,



[31]

[Dealbh]
Domhnall Iain MacCumhais.

agus anns na bliadhnachan mu dheireadh ann an seirbhis Bòrd an Aiteachais. Tha ena cheann-iùil am measg Gaidheil Dhun-éidinn.

Faodar a ràdh mu cheathrar as achóignear a dhainmicheadh gun drugadh iad agus gun do chuir iad seachad bliadhnachan na h-òige ri croitearachd, agus tha ceathrar as achóignearnan luchd-Gàidhlige. Agus tha gibhtean sònraichte agus fiosrachadh farsaing aig gach aon den chóignear, agus, an uair a théid iad cruinn mun bhòrd, faodar dùil a bhith ri eòlas is tuigse is ealantachd ann a bhith alàimhseachadh gach cuspair a bhios fan comhair.

titleCoimisean nan Croitearan
internal date1955.0
display date1955
publication date1955
level
reference template

T. M. MacCalmain in Gairm 13 %p

parent textGairm 13
<< please select a word
<< please select a page