“Gnothaich Bhoireannach”
Le CAIRISTIONA NIC AOIDH.
“SAMHRADH geal grianach is foghar breac riabhach” Rogha sìde gun teagamh. Agus is fhada ’s cian o’n a bhuilich na siantan a leithid oirnn anns an dùthaich so. Cha mhór nach saoileadh tu gu robh an aimsir a’ deanamh aithreachais airson a’ chruaidh-chàis a thainig an cois na droch shìde rè a’ gheamhraidh. Ach ge be ciamar a dh’fhaodas sin a bhith, chan eil teagamh nach do chuir grian an t-samhraidh sunnd an cridhe ’s am pearsa gach òig is inbhich.
Ach chan e mhàin grinneas an t-samhraidh a tha a’ cur ri beul aithris na bliadhna, gu sònraichte sna h-Eileanan Siar. Tha cuspair eile air aire mhnathan Leódhuis a chumas seanchas riutha fad latha ’s bliadhna. Turus na Ban-Diùc Kent do Steòrnabhagh. ’Se là mór a bha sud da-rìribh. Chruinnich iad as gach ceàrnaidh de’n eilean—fir is mnathan, sean is òg—cuid dhiubh a bha air ceann an turuis gann mun do bhlais an t-eun an t-uisge. Chan eil fios cuin a chunnacas tional dhaoine mar sud ann an Steòrnabhagh, ged is cinnteach gu robh fear no dhà an làthair a bheireadh cunntais air là eile de’n t-seòrsa—an là, bho chionn leth-cheud bliadhna an uair a thadhail an Rìgh Eideard agus a’ Bhànrigh Alexandra ann an Steòrnabhagh is iad air an turus rìoghail an deidh a’ chrùnaidh.
B’ ann mar cheann-suidhe an R.N. L.I. a bha a’ Bhan-Diùc ann an Steòrnabhagh, a’ baisteadh a’ bhàta-eiridinn ùir. B’e sud a ceud thurus don Eilean Fhada, ged a bha i riamh deònach air an t-àite fhaicinn, bhon a bha a céile, Diùc Kent nach maireann, air chuairt anns an eilean ann an 1920. Chòrd e rithe gu h-annabarrach mar a chaidh gabhail rithe, agus chòrd ise ris na h-eileanaich. Ann am briathran snasail, leig i ris gu robh ùidh is eòlas aice air cùisean nan eilean, agus thug i iomradh air cho coltach ’s a bha iad ann an iomadh
[Sanas]
[Sanas]
dòigh ris na h-Eileanan Greugach air an robh i fhéin eòlach ’na h-òige. ’Na pearsa, tha i an còmhnuidh eireachdail agus air a deagh chur oirre. Fad is farsuing air feadh an t-saoghail, tha suim ’ga ghabhail de na fasain aig Marìna.
Bha àireamh uasal de luchd tadhail rìoghail againn ann an Alba am bliadhna. Bha dòchas aig muinntir Mhuile gun tàladh seann bhàta an Armàda am Brittania gus oidhche chur seachad am Bàgh Thobar-Mhoire. Ach ged a chruinnich daoine as gach ceàrnaidh, cha d’fhuair iad ach sealladh de’n Bhrittania an uair a chaidh i suas Caol Mhuile. Tha e duilich a thuigsinn carson nach do thadhail i eadhon anns an Oban. Bha fàilte chridheil air a bhith roimh’n Bhànrigh ’s roimh’n Diùc ’s roimh’n fheadhainn bheaga nan robh iad air cas a chur air tìr.
Ann an Glaschu, tha bùth ùr air fosgladh fo ùghdarras Dhaibhidh Sandeman. Abradh sibhse bùth eireachdail cuideachd—chan eil dad fo’n ghréin, eadar biadh Ruiseanach is biadh Shìneach nach eil innte. Mar a chithear air an duilleig so, tha bùth Sandeman far am b’àbhaist bùth ainmeil eile, Manuel & Webster a bhith. Tha’n te ùr cho math ris an t-seann te, agus fóghnaidh sin!
Saoil dé an ath litir de’n aibidil air an stéidhich Dior am fasan ùr. ’S coltach gu bheil anY - linea nise a’ gabhail àite anA - lineair an robh dreasaichean is deiseachan na bliadhna so air an dealbhachadh. Tha sinn a’ feitheamh ris an latha anns am bi anRocketlineaig mnathan Uibhist-a- Deas.
Ma thig fàisneachd leabhair nam fasan gu buil, bithidh còtaichean uachdrach na bliadhna so farsuing sa’ ghualainn agus bithidh na h-adan
[Dealbh]
Clann ’Ic Cormaig a’ Chiùil.
[Sanas]
mar an ceudna nas motha. Ach ma tha te gleusda, sgiobalta le a làmhan faodaidh i ad a chur ri chéile dhi fhéin. Gheibhear gach àsuig a dh’fheumar anns na bùthan, agus tha móran bhoireannach a’ deanamh còmhdach-cinn dhaibh fhéin. Chunnaic mi fhéin dha no trì adan a rinneadh le caileagan air a bheil mi eòlach, agus bha iad snog gu dearbh.
Dh’ fhalbh an là anns an robh aodachnylon ’na annas, ach, bho ám gu ám, tha rudan ùra a’ tighinn air lom. Chunnaic mi léine fir ann annylonle colair cruaidh. An deidh a nighe, bha an colair cho cruaidh ’s a bha e riamh agus cha robh feum aig an léine air sgriob de’ n iarunn.
Ma tha thu a’ faotainn do shàrachaidh ag iarnaigeadh phleatachan ann an sgiort no ann an dreas, feuch na prìneachan beaga plastaig ris an abrar “Klippy.” Cumaidh iad na pleatachan ’nan àite, agus chan fhàg iad làrach air an aodach. Tha iomadh dòigh eile anns an gabh “Klippy” cur gu feum—mar phrìneachan aodaich, airson sgiortaichean a chumail air bioran crochaidh—no airson cùirteirean a chrochadh. ’S math as fhiach iad leth-chrun an dusan.
Ma tha ball àirneis agad a bu mhath leat a lìomhadh as ùr, feuchModernway French Polish.Cha ruigear leas am fiodh a locradh no saothair sam bith a ghabhail ris—dad ach dà shuathadh le luideig air a bogadh ann amModernway. Fàg e, an uair sin, fad latha, agus lìomh e anns an dòigh àbhaistich leToppsnoJohnson ’s Pride.
Chan eil an geamhradh fad as, agus ma bhios e mar as àbhaist, ’s iomadh anshocair agus tinneas a thig ’na chois. Ach ’s dòcha gun seachainn thu fuachd is cnatan co-dhiùbh ma ghabhas tuSupa -vite Tablets.Gheibh thu bocsa dhà fhichead dhiubh air cóig tasdain, agus, ged nach eil iad saor, tha iad fìor éifeachdach. Thaobh na cloinne, faodaidh gun tig tinneas gabhaltach ’nan rathad nach bi e san Dàn dhaibh a sheachnadh, ach an uair a tha iad ag ath-shlànachadh cùm riutha leMinadex Syrup.Bheir e dhaibh càil a chuireas iongnadh ort, agus tha blas air a chòrdas riutha.
Tha sanas reic eile anns na duilleagan so air am bu mhath leinn iomradh a thoirt—an sanas aig MacCormaig, far a bheil an dealbh aig Rob MacLeòid a’ cluiche a’ bhocsa-chiùil. Thachair mi ri aon de theaghlach MhicCormaig an latha roimhe, agus nach ann a bha e ag innse dhomh gun cluicheadh gach aon bhall de’ n teaghlach inneal chiùil air choir-eigin. Chì sibh an so thall, dealbh dhiubh cearta cruinn còmhla. Nach beag an t-iongnadh gu bheil bùth chiùil anns an teaghlach!
[Sanas]
title | “Gnothaich Bhoireannach” |
internal date | 1955.0 |
display date | 1955 |
publication date | 1955 |
level | |
reference template | Cairistiona NicAoidh in Gairm 13 %p |
parent text | Gairm 13 |