LANAIG AN TAIRBH
le Torcuil MacRath
Tha e follaiseach gu leòr gur h-e tac a bh’ann an Grimsiadar san t-seann aimsir. Tha bonn a’ ghàrraidh ri fhaicinn fhathast astar beag a-mach on bhaile — gàrradh a bha uair ’na sheasamh, ’s mathaid fad iomadh linn, air taobh na mòintich dhen tac. An àm an t-samhraidh bha an gàrradh a’ cur dìon air an arbhar fad ’s a bhiodh an sprèidh anns a’ mhonadh. Sin gu ìre mar a bha cùisean an latha thàinig fios chun an tac mu dhaoine a bha air a thighinn air tìr air Rubha Urnabhaigh ’s a bha a-nis a’ goid a’ chruidh.
Airson muinntir an tac dheth bha fìor chunnart ann, mus tigeadh deireadh an latha, gum biodh an crodh às an aonais. Cha robh a’ chùis dòchasach idir. Bha an sprèidh air a bhith ag ionaltradh aig astar math bhon tac, faisg air cladach Rubha Urnabhaigh. Bha iad a-nis ann an grèim aig coigrich, ’s a h-uile coltas ann gum biodh na daoine sin aig muir leotha mus fhaigheadh muinntir an tac thuca.
’Se ceist a th’ann, co às a thàinig na daoine? Thàinig, arsa beul-aithris, à Lochlann, ’s cha teid mi fhìn a ràdh nach ann. Tha e furasda a chreidsinn gu robh na maraichean ainmeil sin a’ tadhal air ar tìr fad nan ceudan bliadhna an dèidh 1266, a’ bhliadhna chaidh cùisean a rèiteachadh eadar Lochlann agus Alba. Tha mòran de ar n-eachdraidh air nach eil lorg an-diugh.
Ach às bith co às a bha na daoine a thàinig bho thaobh na mara an latha ud, cha b’e daoine bh’unnta bh’air an aineol. Air am falbh ’s air an tighinn bha cladach rompa, gun guth a thoirt air stùcan àrd — Polla a’ Chàrnain, Sloc Sheumais ’s Creag na h-Iolair — ’s iad uile le leothaidean cas ag aomadh sìos gu bàrr a’ chladaich, ach cha do chuir leathad no creag maille orra.
Chruinnich iad an crodh ’s thàir iad às leotha chun a’ chladaich. Mar dhaoine a bha eòlach is misneachail thagh iad ceum air am faigheadh iad air beathach mu seach a thoirt sìos gu bàrr a’ chladaich. Bha am bàta ann an sin a’ feitheamh. A-rèir am beul-aithris a fhuair sinn, bha a latha gu cinnteach air a dhol leotha mura b’e mar a mhill an tarbh a’ chluich orra.
Cha bu luaithe chunnaic an tarbh am bàta air a bheulaibh na chuir e a chasan an sàs — ’s cha tigeadh ’s cha deidheadh. Thug iad ionnsaigh air gus am faighte air bòrd e, on bha e ’na chnap-starradh san t-slighe, ach bha
’S neònach mur do bhuail e air na seòid an uair sin gu robh an latha air tionndadh gu tur ’nan aghaidh. Bha iad ann an àite cumhang cugallach, far nach robh mòran cothrom aca air iad fhèin a dhìon o na daoine a bha an tòir orra, ’s a bha a-nis a’ dlùthachadh riutha. Co-dhiù, thug iad às chun na mara. Dh’fhàg iad a’ bhuaidh aig an tarbh.
Bu mhòr am beud nach cualas barrachd mun tarbh — gu dè an t-ainm a bh’air is rudan den t-seòrsa sin. ’S dòcha nach robh ainm air, ach tha fios gur h-ann Gaidhealach a bha e mar a bha an treud air fad. Ghleigh e an ceum agus leis a sin chum e an sprèidh gun iad a bhith air an goid. ’Se sin gu dearbh cridhe an t-seanchais, is canar Lanaig an Tairbh ris an àite gus an latha an-diugh.
A-nis mu mhìle suas bho Lanaig an Tairbh, anns a’ mhonadh, tha gleann air a bheil an t-ainm, Gleann Airigh nam Mòrthir. Faodaidh e bhith gu bheil buinteanas aig an àite sin ri ar seanchas. Tha ainm a’ ghlinne ag innseadh dhuinn gu robh Mòrthirich a’ tadhal air an àite anns na làithean a dh’fhalbh. An dùil an e iadsan a bha a’ goid a’ chruidh?
Ach co às a bha na Mòrthirich? An ann do thaobh thall a’ Chuain Sgìth a bhuineadh iad? No an ann do Lochlann? Mar a thubhairt sinn, tha mòran de ar n-eachdraidh air nach eil lorg an-diugh, is an uair a bheir duine sùil air leabhar mar The Northern and Western Isles in the Viking World, nach dòcha gur h-e sin an rud as motha a bhuaileas air — cho tana agus a tha an eachdraidh a chaidh fhàgail againn.
title | Lanaig an Tairbh |
internal date | 1985.0 |
display date | 1985 |
publication date | 1985 |
level | |
reference template | Torcuil MacRath in Gairm 131 %p |
parent text | Gairm 131 |