‘BREACAN MAIRI UISDEAN’ MHICILLEATHAIN
le Peadar MacMhorgain
Bha an t-òran ainmeil le Màiri Mhòr nan Oran, ‘Breacan Màiri Uisdean’, air a stèidheachadh air òran eile den aon ainm. Chaidh an t-òran seo a sgrìobhadh anns an t-seachdamh deichead den naoidheamh linn deug agus ’se Iain MacIllEathain (1827-95), Bàrd Bhaile Mhàrtainn, à Tiriodh a rinn e. A-rèir Eachainn Chamshroin, fear-cruinneachaidh ‘Na Bàird Thirisdeach’, tha an t-òran mu bhreacan a chaidh a dheasachadh le Màiri Uisdean à Baile Mhàrtainn agus a chaidh fhighe le bean Eachainn MhicIllEathain à Còrnaig Bheag.
Tha Dòmhnall Meek air ràdh (Nota 12, ‘Màiri Mhòr nan Oran’, air fhoillseachadh an 1977 le Gairm.) gur e òran a’ moladh breacan a tha ann, agus e a’ cumail a-mach nach eil e “idir ceart a ràdh gu bheil breacan Màiri Uisdein a’ riochdachadh breacan-teine, mar a tha mòran an dùil.” Agus gun teagamh tha e ceart nach e breacan-teine a tha ann — nach ann air boireannach a bhiodh ’na suidhe ro fhaisg air a’ chagailt a tha an t-òran.
Ach a bheil e ceart a ràdh gur e òran-molaidh a tha ann? Am biodh breacan nach robh anns na bùithean (rann 1) cho fasanta (1) cliùiteach air feadh na h-Alba? An robh breacan ann riamh a bha deàlrach air oidhche dhorcha (10) agus air an robh leòghann agus bradan agus làmh-dhearg agus crùn agus ceann-tuirc agus fèidh (12)? ’S dòcha gu bheil MacIllEathain dìreach a’ cur ris an fhìrinn ann an dòigh nan òran-molaidh, ach tha e ga dhèanamh gu ìre far am bu chòir dhuinn a bhith a’ lorg ciall fhalaichte, ciall a bhiodh soilleir do mhuinntir Bhaile Mhàrtainn air an linn seo chaidh. Mar a thuirt Camshron mu MhacIllEathain, “he was an unequalled wit, and often is brimming over with mirth already inwardly relished to the full” agus uaireannan bhruidhneadh e “in the scorching terms of satire and lampoon.” Ma tha dà chiall anns an òran tha sin dìreach a’ toirt fianais air sgil a’ bhàrd air òrain-aoire. Bu chaomh leam mìneachadh ùr air an t-seòl seo a chur air adhart.
Tha trì dathan anns a’ bhreacan air an ainmeachadh — dubh is geal is sgàrlaid. ’S iad na trì dathan traidiseanta a bhiodh air neach bòidheach agus ’s dòcha gun robh iad rim faicinn air dreach Màiri fhèin. Mar sin bhiodh am
breacan a’ riochdachadh a maise. Ma leughas sinn an t-òran, agus sinn a’ leughadh ‘maise’ an àite ‘breacan’, am bi ciall ann?
’Se an fhìrinn a tha ann nach urrainn dhut maise a cheannach anns na bùithean (1) (a dh’ aindeoin na tha na sanasan-reice a’ tagairt) agus ’s dòcha gun do dh’fhairtlich a maise air mòran bhoireannach eile (7), ann am beachd MhicIllEathain co-dhiù. Ach cha robh maise Màiri dìreach measail ainmeil (2) — bha i fasanta cuideachd (1). A bheil seo a’ ciallachadh gun robh mòran ga tadhal agus gur e gràdh na colna a bha aig muinntir nan gleann dhi (6) agus nach ann le maise a-mhàin a bha i a’ fairtleachadh air na boireannaich ‘spòrsail’ eile (7)? Chan eil e ’na iongnadh gun robh iad a’ cluich (ri fealla-dhà?) mu bhreacan Màiri (3, 5). Faodaidh gun robh iad ag ràdh gun robh làmh aig còig ceud deug fear agus còig (8) anns a’ chùis. Can gun robh i fasanta! Agus ged a bhiodh làmh aig iomadach ‘tàillear’ ann roimhe bha sùil aig MacIllEathain ri mac an Diùca fhèin (Diùc Earra Ghaidheal?) làmh a chur ann cuideachd (9). Feumaidh gun robh a maise deàlrach ach ’sann air an oidhche a bhiodh i air a nochdadh gu lèir (10) agus a bhiodh gach ball air fhiaradh dhith (air toinneamh leithe?) (11).
Ann an rann 11 tha iomradh air sìoda liath ri cùl-thaobh a’ bhreacain. Bhiodh sìoda freagarrach airson lìnigeadh trusgan dhan bhan-rìgh ceart gu leòr ach dh’fhaoidte gu bheil MacIllEathain a’ dèanamh luaidh air deagh ghnè aodach-leapa Màiri.
Tha na dealbhan a tha air an liostaigeadh ann an rann 12 — leòghann agus bradan tarra-gheal glas agus làmh-dhearg agus crùn agus ceann-tuirc agus fiadh — cumanta air suaicheantais nam fineachan. Cho fad ’s a tha fhios agam cha bhi a h-uile tè a’ nochdadh air an aon shuaicheantas agus mar sin is math a dh’fhaoidte gu bheil an rann seo ag ràdh gun tigeadh luchd-tadhail de iomadach fine gu taigh Màiri. Tha MacIllEathain ag aideachadh nach eil seo a’ gabhail a-steach muinntir taobh a tuath na h-Alba ach nan tigeadh bhiodh iad ag iarraidh Màiri cuideachd (14).
Dh’fhaoidte gu bheil dà gheàrr-fhacal ann an rann 13. ’Se pìos a’ dìon bàrr bròig a tha ann am fraochan. Ach ’s urrainn dha taom beag boile a chiallachadh cuideachd. Thigeadh fir ‘gu faoilidh’ — ach an e geàrr-fhacal eadar gu h-ait agus gu fialaidh a tha ann, agus e a’ nochdadh gun d’fhuair Màiri duais airgid airson a suirghe? Tha rannan 15 agus 16 a’ dèanamh coimeas eadar fearalachd nan Gaidheal agus nan Gall, mas e geàrr-fhacal a tha ann an ‘rùsgadh chrann’ (15) — eadar claidhean agus bodan. B’ fheàrr le Màiri oidhche a chur seachad le Gaidheal na le Gall agus tha seo ’na shamhla gur treasa na Gaidheil na na Goill. Bha MacIllEathain a’ sgrìobhadh aig toiseach Aimhreit an Fhearainn air a’ Ghaidhealtachd.
Aig deireadh an òrain tha Iain MacIllEathain ag aideachadh gu bheil e a’ cur crìoch air mus tog e spiorad àrdanach man bhreacan (17). Nach eil e ag ràdh ma-thà nach e rud a bu chòir dha moladh a bha ann am ‘breacan Màiri Uisdein’?
BREACAN MAIRI UISDEIN
le Iain MacIllEathain
1. Am breacan bòidheach fasanta
Nach faighear anns na bùithean;
Tha dubh, tha geal, tha sgàrlaid ann
Am breacan Màiri Uisdein.
2. Am breacan measail, ainmeil seo
Feadh gharbh-chrìoch agus stùcan,
Bhon dhealbhadh dhuinn le Màiri e,
Chaidh feadh gach àite cliù air.
3. Chaidh naidheachdan do Ile air,
Cheann-tìre, Ghigha ’s Dhiùra;
Tha Muile ’s Col’ air bhàinidh ’cluich
Mu bhreacan Màiri Uisdein.
4. Gun cuala clann nan Gàidheal e,
Nì chunnaic càch le’n sùilean;
’S tha clann nan Gall gam bodhradh leis
’S gach baile-mòr is dùthaich.
5. Chual’ Comhall, Bòd is Arainn e,
Braid-Albainn, Latharn, Mùideart;
Tha Marbhairn nam beann àrda ’cluich
Mu bhreacan Màiri Uisdein.
6. Na teaghlaich rìoghail anns na glinn
’Bha cian roimh linn a’ Phrionnsa,
An clann ’nan dèidh tha gràdh aca
Do bhreacan Màiri Uisdein.
7. (Ged ’s lìonmhor bainneach spòrsail a
Tha chòmhnaidh anns an dùthaich,
Gun dh’fhairtlich orra spàl a chur
’Am breacan Màiri Uisdein.)
8. Tha còig ceud diag ’s trì àireamhan
’S dà shnàithean air a chùl sin;
’S tha ’m bogha-frois air dhath an t-snàith
Tha ’m breacan Màiri Uisdein.
9. Mun cumar anns an fhasan e
Gu deise ’mhac an Diùca,
Bidh obair mhòr aig tàilleirean
Air breacan Màiri Uisdein.
10. Gur ballach, strianach, boillsgeil e;
’Cur deàlradh soills’ mu’r sùilean
San oidhch’ bu duirch’ a thàinig oirnn
Tha breacan Màiri Uisdein.
11. Gum bheil gach ball air fhiaradh dheth,
Le sìoda liath ri chùl-thaobh,
Gu trusgan ùr don bhàn-righ ann
De bhreacan Màiri Uisdein.
12. Tha leòghann ’s bradan tarra-gheal glas,
Làmh-dhearg, is dealbh a’ chrùin air;
Ceann-tuirc is fèidh mar sgàthan leagt’
Air breacan Màiri Uisdein.
13. Gur lìonmhor laoch le brògan fraochain
’Thig gu faoilidh, sùnndach,
Fo earradh sgeanail Gaidhealach
De bhreacan Màiri Uisdein.
14. Ma thig taobh-tuath na h-Alba oirnn—
Na feara calma, lùghmhor—
A thagar còir air pàirt bhith ac’
Am breacan Màiri Uisdein.
15. Bu chearr an t-àm do chlann nan Gall
Bhith rùsgadh chrann gu ’r mùiseag;
Sinn chuireadh rèis aig fèill là blàir
Fo bhreacan Màiri Uisdein.
16. Bhiodh ghlaodh crois-tàrr’ is pìob dhos-àrd,
Is clàidhean stàilinn rùisgte;
Bu shuaicheant’ blàir do chlann nan Gàidheal
Breacan Màiri Uisdein.
17. Gur còir dhuinn crìoch le rèit ’thoirt dha,
Mun dèan Prionns’ Teàrlach dùsgadh,
’S mun tog mi spiorad àrdanach
Mu bhreacan Màiri Uisdein.
title | “Breacan Màiri Uisdean” MhicIlleathain |
internal date | 1985.0 |
display date | 1985 |
publication date | 1985 |
level | |
reference template | Peadar MacMhorgain in Gairm 132 %p |
parent text | Gairm 132 |