[328]

SEANN BHATAICHEAN URA (1)

Dòmhnall E. Meek

Aig àm na Nollaige, chuir mi seachad beagan ùine ann am baile Bhristol ann an taobh an iar-dheas Shasainn. ’Se àite gu math inntinneach a thann am Bristol, oir tha iomadh ceangal aige ri cuid de na gluasadan a bu mhotha a thug buaidh air eachdraidh Bhreatainn. ’Sann timcheall air abhaile seo a thòisich an dùsgadh spioradail sin anns an ochdamh linn deug ris an canarAn Dùsgadh Mòr”, agus ann am meadhon abhaile chìthear gus an an-diugh an Seòmar Ur a thog an t-Urramach Iain Wesley, ’s far am biodh e afuireachs ateagasg. ’Sann ann am Bristol cuideachd a thogadh achiad bhàta mòr iarainn a bha comasach air seòladh air cuantan an t-saoghailanGreat Britaina bhair a dealbh leIsambard Kingdom Brunel, fear-ceàirde a bha ainmeil anns an naoidheamh linn deug airson a theòmachd ann an iomadh raon a bharrachd air a bhith atogail bhàtaichean.

Sann air gnothaichean mara co-cheangailte ri baile Bhristol a bu mhotha a bha maire air an turas seo, agus chuir mi romham gun gabhainn cuairt air feadh docaichean is ceidheachan abhaile feuch am faicinn co ris a bha iad coltach, ’s gus am blaisinn air beagan de dheachdraidh an àite. Tha fir-riaghlaidh abhaile air deagh oidhearp a dhèanamh air na seann docaichean a sgioblachadh, agus tha e furasda beachd a ghabhail air na ceidheachan agus air na bàtaichean a tha rin taobh. Nuair a bha mi anns abhaile, chunnaic misa phàipear-naidheachd gun do choisinn e duais airson cho sgiobalta, grinns a tha na docaichean a thann. Tha a h-uile coltas gu bheil fir-riaghlaidh Bhristol mothachail air an dòigh anns am faodar eachdraidh a chumail beò fa chomhair dhaoine, agus tha iad acleachdadh nan seann docaichean mar mheadhon air sin a dhèanamh a thaobh marachd.

Cha robh mi ach air tòiseachadh air mo chuairt nuair a laigh mo shùil air bàta air an robh mi glè eòlach aig aon àm, nuair a bha i aseòladh anns na h-Eileanan an Iar. an long a bhann ach an Locheil, a chuir seachad amhòr-chuid da beatha aseòladh fo bhratach Mhic-a’ -Bhriuthainn eadar Tairbeart Loch Fìne agus Ile. Nach iomadh droch shuaineadh a thug an dearbh leadaidh do na h-Ilichach tha i an-diughna laighe gu socrach ann am meadhon Bhristol! ’Sann oirre a thàinig an latha, gu dearbh! An


[329]

[Dealbhan]



[330]

àite an dubhs an dearg a bu dual do Dhàibhidh Mac-a- Bhriuthainn, tha i a-nise air a peantadh gu lèir ann an deargs ann an geal; tha na geòlachan beaga air an toirt bhuaipe; ’s a-rèir cho àrds a tha i aseasamh anns an uisge, tha na h-innealan mòra air an toirt aisde cuideachd. A dhaindeoin sin, thug an cianalas orm dol air bòrd. Chaidh mi suas air an drochaid, ’s sheall mi a-steach air doras an taigh-chuibhle. Ach cha robh sgeul air combaiste no cuibheall, no air na glagan teileagraph a bha uaireigin cho faramach nuair a bhiodh i atighinn gu port no ga fhàgail. Cha robh ri chluinntinn ach gliogadaich ghloineachan thalls a-bhos, agus an àite nan seòladairean treuna Gàidhealach a bhiodh alàimhseachadh nan ròpaichean, bha còcairean le adan àrda anochdadh an-dràsdas a-rithist air an deic. Tha an Locheil a-nisena taigh-seinnse, agus a-rèir choltais, ’se smùid de sheòrsa eile a tha i atogail ann am Bristol. Nuair a dhfhàg i aiseag Ile, thug an Locheil oirre mu dheas, agus chaidh a ceannach mu dheireadh thall le buidheann aig a bheil dòrlach de thaighean-seinnse air feadh Shasainn. Ged a chaidh dreach abhàta atharrachadh, tha seo aciallachadh gun do dhfhan an Locheil ann am Breatainn, agus bha ena thogail-inntinn dhomh a faicinn uair eile agus i fhathast air bhog. Tha achuid as motha de sheann bhàtaichean Mhic-a- Bhriuthainn ann an dùthchannan cèin, agus feumar dol cho fada ris aGhrèig gus sealladh eile fhaighinn air feadhainn dhiubh.

Air taobh thall nan docaichean, bha a dhà no trì de bhàtaichean eile, agus chaidh mi a-null far an robh iad. Bi an a bu mhotha dhiubh bàta-smùide a bha uaireigin aig aChabhlach Rìoghail, ’s a chaidh a togail ann am Bristol ann an 1947. ’Se amFreshspringas ainm dhi, agussann atarraing uisge gu bàtaichean-cogaidh a bha i mar a bu trice. Mhothaich mi gun robh toit ag èirigh às an t-similear aice, ’s thuig mi bhuaithe sin gun robh i fhathast comasach air seòladh. ’Sann le fear-gnothaich anns abhaile a tha i a-nise, agus tha e astrì gu dìcheallach ri cumail aseòladh fo a cumhachd fhèin. Cha bheag an obair sin anns an àm a thann, le prìsean connaidh asìor dhol suas, agus feumar sporan gu math làn gus bàta den t-seòrsa sin a ghleidheil beò. Tha ola a-mhàin acosg faisg air ceud gu leth not an tunna. ’S eadhon ged nach biodh am bàta comasach air seòladh idir, tha cosgaisean mòra ann a thaobh glanaidh is peantaidh.

Beagan astair air thoiseach air a’ Freshspring, bha long annasach a bha atoirtnam chuimhne bàta-guail no pufair a chìtheadh tu anns na h-eileanan againn fhìn. Bha i air leth spaideilna coltas, agus bha clàr-sanais air a cliathaich ag innse dhomh gun robh i uaireigin aseòladh air an Avon le luchdan sìl, ’s gum biodhte ga slaodadh air chùl bàta-todhaidh. ’Se an Glevum a bainm dhi, ’s nuair a chaidh mi air bòrd, fhuair mi fàilte


[331]

chridheil bhon fhear a bhanns an taigh-chuibhle. Bha esan air an long seo a cheannach, ’s air a sgeadachadh às ùr. ’Se dealbhadair a bhann, agus anns an taigh-chuibhle chìte eisimpleir no dhà de dhannas a làimhedealbhan brèagha de bhàtaichean a bhiodh e acruthachadh a-rèirs mar a gheibheadh e òrdain. Shìos ann an toll abhàta, far am bàbhaist an sìol a bhith air a stòradh, bha tuilleadh dhealbhan leis an duine seo agus le dealbhadairean eile às abhaile. “Le bhith acleachdadh abhàta mar seo,” ars esan, “thèid agam air airgead a chosnadh a chumas am bàta seo air bhog. Tha mi ag iarraidh a cumail dìreach mar a bha i airsons gum faic an ath ghinealach long da seòrsa. Agus,” ars esan, “chan e obair shoirbh a thann.”

Sann aige-san a bha an fhìrinn. ’Se an rud a bha comharraichte dhòmhsa an latha ud cho duilichs a tha e dualchas mara Bhreatainn a chumail beò fa chomhair dhaoine. Cha robh anns na chunnaic mi ann am Bristol ach pìos beag den dualchas sin, oir chaidh amhòr-chuid dheth a dholaidh troimh na linntean le cion airgid, cion toil agus cion suim. ’Se dìcheall dhaoine an siuds an seo a chuir gu bheil dad idir air fhàgail dheth. Tha an dìcheall sin gu math follaiseach ann am Bristol, agus saoilidh mi nach eil mòran eisimpleirean ann a tha cho soilleir ris an t-saothair a thatar acosg ris aGhreat Britain, an long mhòr iarainn aig Brunel. Shìos fa mchomhair, bha cruinn aGhreat Britain ag èirigh gu h-uaibhreach don speur, agus thog mi orm gus sùil a thoirt oirre. Tha i an-diugh ga càradhs ga togail às ùr, agus gu dearbh is math as fhiach e an sgeul a chluinntinnach gleidhidh sinn sin gu turas eile.

titleSeann Bhàtaichean Ura (1)
internal date1985.0
display date1985
publication date1985
level
reference template

Dòmhnall E. Meek in Gairm 132 %p

parent textGairm 132
<< please select a word
<< please select a page