[214]

F.F.S. RENONCULE

le Dòmhnall Dòmhnallach (An Gearasdan)

Bi ancorvette F.F. S. Renoncule (Free French Ship)an treas bàta air an robh mi aig àm achogaidh. Chaidh mise, gun aon fhacal Fraingeis, a churnamRadio Mechanicair an Renoncule ann an Grianaig, an dèidh tilleadh às an Ruis air H.M. S. Honeysuckle. Chan eil mi cinnteach ciamar a fhuair an sgiobair a-mach gun obraichinn seata radar (be càradh seataichean an obair a bha còir a bhith agam) ach bhon a bha luchd-obrachaidh radar gann dhiarradh orm a dhol air faire còmhla ri Frangach, aig nach robh facal Beurla, air abhòidse gu Casablanca.

Cha robh an oifis radar ach mu shia troighean air gach rathad. Ach a bharrachd air a sin bha an oifis ann an dorchadas. Cha robh ri fhaicinn ach loidhne uaine mu shia òirlich air an t-seata agus figearan air cleoc. An ceann a h-uile leth-uair dhfheumadh duine an seata fhàgail agus am fear eile àite a ghabhail. Mar sin an dèidh dhomh mo leth-uair a chur seachad acoimhead air an loidhne uaine chrathainn am fear a bha còmhla rium is chanainn san Fhraingeis a bfheàrr a bhagamO.K. ” is fhreagradh esan saBheurla a bfheàrr a bhaigeO.K. Jock.” Be siud ar còmhradh a h-uile leth-uair fad na ceithir uairean a bhitheamaid air faire.

Le a dhol a-mach pìos mòr saChuan Siar agus an sin tilleadh air ais, thug sinn mu thrì seachdainean mun do ràinig sinn Casablanca. Feumaidh mi innse gu robh sinn ag ithe an aon aran a thug sinn air bòrd ann an Grianaig agus be sin a thug oirnn feuchainn ri biadh fhaighinn sabhaile.

Chaidh iarraidh oirnn uiread seo de dhfhosglaidhean neo chinn sràidean a sheachnadh mun ruigeamaid am pìos ceart den bhaile. Dhfhaoite gun deach sinne ceàrr nar cùnntais neo fhuair sinn am fiosrachadh ceàrr, ach thachair dhuinn a bhith acoiseachd sanchashah — pàirt nan Arabach den bhailemun tug sinn an aire gun robh sinn sabhad cheàrr. Bha na sràidean caol, is thalls a-bhos bha daoine le coltas fiadhaichnan suidhe neonan seasamh sna dorsan. Cha do chuir na daoine sin dragh sam bith oirnne ach cha be sin don chloinn a bha cho pailt ri seangain. Bha iad sin an crochadh ri ar làmhan is ri ar casan ag iarraidhcigarettes. Gu fortanach bhacigarettesgu leòr againn agus nuair a gheibheadh fear againn làmh saor thilgeadh e dha no trì air falbh is dhfhalbhadh aghraisgnan dèidh, ach bha uiread eile (dhfhaoite an aon


[215] fheadhainn) afeitheamh oirnn aig an ath oisean.

Bha iad ag èigheach facal mar ‘Scots’ ach tha mi cinnteach nach e Albannaich a bha iad aciallachadh ach amadain. An dèidh a dhol timcheall iomadh oisean is iomadhcigarettea chall ràinig sinn mu dheireadh am pàirt ceart den bhaile is dhfhàg achlann sinn.

Chaidh sinn a-staigh do thaigh-budhe is dhordaich sinn biadh: brot, cearc is buntàta, is measan. Thàinig truinnsear a-nall le drùthag de rud uaine air a grunndcoltach ri lìonanaich. Dhòl sinn am balgam a bhann ach chan eil cuimhne agam am blas a bhair. An sin thàinig truinnsear eile le beagan ghrìolagan, pìos craiceann, cnàimh is bìdeag sitheann. Tha mi asmuaintinn gu robh achearc ud aruith airson mìltean san Sahàra mun do rugadh oirre oir bha pìos a fhuair mise cho ruighinn ri pìos rubair. An dèidh sin fhuair sinn sia deutaichean. Cha eil cuimhne agam chosg na bha seo ach phàigh sinn e lecigarettes — bfheàrr leis na daoine sin na airgead tioram.

Bha mi atogail facal neo dhà de Fhraingeis an dràsdas a-rithist ach cha be na facalan a bfheàrr a bha mi acluinntinn mar bu trice. Bha iad acleachdadh faclan mar buachair is faclan mar sin cho tric is gum bfheudar dhomh a bhith gu math faiceallach thogainn neo theirinn.

Air an t-siathamh latha den Og-mhios 1944 (D - Day) bha anRenonculecuide ri iomadh bàta eile aig cladach na Frainge. Bha sinne na bfhaisge air achladach na bha luingeas mhòra chogaidh na Nèibhidh is mar sin bha sinn eadar na gunnachan a bha losgadh bho thìr agus gunnachan na Nèibhidh a bha alosgadh bho mhuir. Cha robh e laghach sam bith a bhith sastèidh sin le ‘shells’ atuiteam thalls a-bhos. Ach co-dhiù, cha do bhuaileadh sinne.

Nuair a chaidh na Gearmailtich a phutadh a-mach à Normandy fhuair feadhainn de na Frangaich cothrom a dhol air tìr agus tadhal air an daoine. Thàinig fear dhiubh air ais le botalcidermar a thuirt e fhèin, agus dhfhaighnich e an gabhainn balgam. Thuirt mi gun gabhadh is thug mi nall cupacha robh glainneachan againnis chuir e drùthag bheag ann. Bha dath is fàileadhciderair a stuth is bho nach robh mòran ann thilg mi seachad e. Ach ma thilg, dhèirich a h-uile gas gruaigenan stob air mo cheann agus ràinig an stuth chan e mhàin an stamag ach na h-òrdagan. Cha do bhlais mise riamh air stuth cho làidir. Chan eil mi cinnteach fhathast an seòrsacidera bhann.

Their daoine gun e Frangaich còcairean cho math is a tha air an t-saoghal ach cha burrainn dhòmhsa sin a ràdh mun chocaire a bhagainne. Dhèanadh esan rud sam bith ach còcaireachd. Nan tachradh stèic a bhith againn thogadh esan làn lonaid de dhola à seann phucaid aig ceann an stòbh agus thilgeadh e sin air uachdar an stòbh, nach deach a ghlanadh bhon chiad latha a chaidh a chur don bhàta. Bhuaileadh e an stèic air uachdar na bha sin agus nuair a dhadhadh neo loisgeadh aon taobh chuireadh e car dheth agus nuair a bha an taobh eile loisgte bha e, air rèir achòcaire,


[216] deiseil, ged a bha am meadhan cho amhs a bha e riamh.

Cha robh a chòcaireachd eile mòran na bfheàrr. Gu tric bha am buntàta againn air an deargadh leis an fheòil air an uachdar. Bha am brot a bha sinn afaighinn atighinn às an aon phoit anns an robh e agoil aodach salach samhadainn. Ach co-dhiù le a bhith agoid bhriosgaidean às na bàtaichean-teasargain agus a bhith acòcaireachd nuair a gheibheamaid an cothrom cha do thachair olcas dhuinn a dhaindeoin acras agus droch bhiadh.

Tha cuimhne agam air achiad turas a dhfheuch sinn ri cèic a dhèanamh air an Renoncule. Cha deach duine riamh cho mionaideach ris na toimhsean a fhuair sinn, na sinne. Cha robh gràinne a bharrachd anns achupa flùir neo anns an spàin shiùcair neo ann a spàin sam bith eile. Chuir sinn am measgadh a rinn sinn ann an cnogans chuir sinn e san àmhainn. Mu uair an dèidh sin chaidh mise a choimhead an robh an cèic deiseil, ach nuair a dhfhosgail mi doras na h-àmhainn cha robh ri fhaicinn ach àmhainn làn taois. An dèidh a bhith apiceadhs asgrìobadh airson greis, fhuair mi an cnogan ann an meadhan na h-àmhainn le taois cho amhs a bha e riamh. Thachair seo thuras eile mun dfhuair sinn nàdur de chèic a ghabhadh ithe.

Se rud a bhann nach do dhinnis duine dhuinn gu robh a leithid de rud ann riself -raising flour, agus chuir sinne, a dhaindeoin tòimhsean cho mionaideach, uiread de shòda iscream -of- tartarsamheasgadhs a thòcadh làn cupa gu làn pucaid. Cha robh sinn afaighinn mòran cothrom airson còcaireachd ach ghabhadh na bha sinn adèanamhdonas gun robh eithe.

Ged a be mo dhleasanas a bhith acàradh seataichean radar is rèidios mi dhfheumadh a bhith ag obrachadh seata radar aigaction stations. Tha mi asmuaintinn gu robh barrachd earbsa aig an sgiobair annamsa na bha aigena luchd-dùthcha fhèin. Bhithinnsa ag innse dha na bha atachairt ann am Beurla is fhreagradh esan mi facal air an fhacal na thubhairt mi, agus an sin dheadar-theangaicheadh e na thubhairt mi gu Fraingis airson na h-oifigearan air an drochaid. Sin mar a dhionnsaich mi figearan ann am Fraingis.

Bha mi mu bhliadhna air an Renoncule mun deach mo thilleadh air ais gu Grianaig turas eile gu bhith acàradh seataichean bhàtaichean an sin.

titleF.F.S. Renoncule
internal date1986.0
display date1986
publication date1986
level
reference template

Dòmhnall Dòmhnallach in Gairm 135 %p

parent textGairm 135
<< please select a word
<< please select a page