AIR MHUINNTIREAS ANN AN GLEANN AFRAIC
le Ciorstaidh NicAoidh
(Uibhist-a- Deas)
Ann an Og-mhìos na bliadhna 1935 fhuair mi bileag bho Cholaisde Notre Dame ann an Glaschu a’ toirt cead dhomh teagasg ann am bun-sgoiltean Siorrachd Inbhir Nis. Bha cor nan tidsearan aig an àm, chanainn, na bu riaslaiche na tha e ’n-diugh, ach bha mise fortanach, cha robh mi fada gun obair.
Ann a mìos na Samhna, fhuair mi fios bhon Fhear-stiùiridh, am Moireasdanach, gun robh e fosgladh sgoil bheag ann an Gleann Aladail, fo sgeith Sgoil Ghlinn Fhionghain, far an robh an geamair Raghnall Dòmhnallach, agus a bhean, aig an robh triùir chloinne — triùir ghillean — aois sgoile.
Tha Gleann Aladail sia mìle sìos Loch Seile. Bha ’m bàta ’n Clanranald 11 a’ seòladh gach latha eadar Gleann Fhionghain agus Ath Tharracail agus bha bàta beag aig Raghnall fhèin. Mar sin, ged a bha ’n Gleann car aonranach, am freasdal an aon teaghlaich, bha e furasda gu leòr faighinn ann agus às.
Faisg air deireadh bliadhna na sgoile, fhuair mi litir bhon Mhoireasdanach, ag iarraidh orm a’ chlann, agus samhla den obair aca, an Clàr Ainmean, agus an Clàr Obrach agam fhìn a thoirt suas air a’ bhàta gu Gleann Fhionghain, agus gun dèanadh esan gach ceasnachadh ’s gach sgrùdadh a chitheadh e freagarrach, air an t-slighe air ais. Rinn mise mar a dh’àithn’ e, agus rinn esan mar a mhaoidh e. Thuirt e rium gun robh e riaraichte lem obair, agus nach fhàgadh e fad’ an siud mi. Chùm e gu math ri fhacal. Mu mheadhain an Dàmhair 1936 fhuair mi litir bhuaithe gam òrdachadh a Ghleann Afraic, far an robh geamair eile, Seumas MacEanraig agus a bhean aig an robh sianar chloinne — còignear dhiubh san sgoil. Thuirt e gun robh e aonranach, iomallach, agus camaidealach faighinn ann, agus gu feumainn oidhche chur seachad ann an Inbhir Nis air an t-slighe.
Fhuair mi ’m bàta gu Gleann Fhionghain, an trèan dhan Ghearasdan, bus gu Inbhir Nis, agus cò bh’air mo chùlaibh anns a’ bhus, ged nach tug mise ’n aire gur h-e bh’ann gus an robh mi air suidhe air a bheulaibh, ach am Moireasdanach. Nuair a ràinig sinn Inbhir Nis chomharraich e mach
Fhads a bha mi feitheamh a’ bhus, madainn fhuar fhuar sgarrachail, bha mi gabhail beachd air muinntir an àite a’ falbh gu ’n obair — a’ coiseachd an uair ud, cha robh ’n càr cho pailt — bha ’n aon ghreann fhuar orra uile agus thug mi ’n aire cho dearg ’s a bha na srònan aca. Ach theid mi ’n urras nach robh aon tè dhiubh a leth cho dearg ’s a bha mo shròn-sa man tug mi mach cala ’n oidhche sin.
Fhuair mi ’m bus aig seachd uairean sa’ mhadainn dhan Mhanachainn, bus eile gu Canaich, agus b’e sin am bus agus b’e sin an rathad. Mar a chanadh mo sheanmhair, bha de lùbaidhean ’s de chamaidhean ann ’s a tha ’m broillein an tairbh, agus am bus, bha mi mionnaichte, gabhail a h-uile lùbadh dhiubh sin air dà roth. Agus, rud a bha annasach dhomh, an dràibhear, gun lùghdachadh air an astar, a’ tilgeil a-mach phaisgein phàipeirean-naidheachd air gach taobh dheth an siud ’s an seo, far an togradh iad bualadh!
Thug càr nan litrichean mi gu Loids Afraic. Dh’iarradh a-staigh an sin mi agus fhuair mi cupa tea. Nuair a bha mi ga h-òl, thàinig leth sheann duine agus sheas e taobh a-staigh an dorais. Nuair a dh’òl mi ’n tea dh’fhaighnich e an robh mi nis deiseil gu falbh. Dh’fhaighnich mi an robh agam ri dhol astar eile. Fhreagair e gun robh.
Lean mi mach e. Bha dà each bheag aig an doras. Dh’acraich e ’n dà bhaga agamsa air fear dhiubh, agus dh’fhaighnich e an rachainn fhìn air an fhear eile. Nis, ged a bha eich againn aig an taigh agus aig a h-uile duine bha ’n aon eilean rium, bha mi air mo chlisgeadh roimh eich bhon a thug làir mhòr dhonn a bh’againn roid às mo dhèidh ’s mi beag, ’s thuirt mi gum b’fheàrr leam coiseachd. Cha tuirt e guth, ach choisich e còmhla rium, esan an ceann an eich. ’Se duine anabarrach sàmhach a bh’ann, agus cha robh mòran agamsa ri ràdh aig an àm cuideachd, agus nuair a bha sinn ullamh de chàineadh na sìde, thuit sàmhchair eadarainn.
Nuair a shaoil mi bha sinn gus a bhith co-dhiù aig Taigh Iain Ghròta, ’s mi air glan thoirt thairis, dh’fhaighnich mi an robh fad’ againn ri dhol fhathast. Fhreagair e gun robh sinn mu leitheach rathaid (Rinn mi mach a-rithist gun robh sinn air ceithir mìle gu leth a choiseachd). Thuirt mi gu robh mi smaointinn nach dèanainn ceum eile ’s gu feuchainn ciamar a rachadh dhomh air an each. Chuidich e suas mi. Nis, bha dùil ’am gun cumadh e fhèin roimhe mar a bha e dèanamh an ceann an eich, ach ’sann a thuirt e, gam chur à cochall mo chridhe, ceart, “Cùm deagh ghrèim air an dìollaid”, ’s dh’fhalbh e fhèin air thoiseach an ceann an eich eile.
Bha mise ’n sin — a’ chiad uair riamh ’nam bheatha ’marcachd ann an àite anns nach robh mi riamh, air rathad caol — mu leud cheithir chasan an
Dh’fhàs an sin an rathad na bu leatha ’s thug mi ’n aire do choltas pàirce agus crodh innte. Nuair a ghabh esan mu chùl a’ chruidh thuirt mi rium fhìn“ ’S fheudar gu bheil sinn faisg air taigh nam beathaichean co-dhiù ’s tha mi ’n dòchas nach eil taigh nan each fada bhuaithe.” Astar beag eile agus, mar a bhiodh sna seann sgeulachdan, nochd solas beag bìodach biorach aig bonn na beinne, ’s ma b’fhada bhuainn e cha b’fhada ga ruigheachd sinn. Bha sinn aig ar ceann-uidhe, ’s bha sin ’na uair oir bha i tòiseachadh air cur an t-sneachda. Bha mi air ragachadh cho mòr leis an fhuachd agus leis an eagal ’s nach robh grèim faireachaidh annam, ach mar phìos eile dhen each, ’s b’fheudar mo chuideachadh gu làr.
Nuair a rinn mi mo chasan chaidh sinn a-staigh. Fhuair mi fàilte chridheil, choibhneil bho bhean an taighe — boireannach mòr tlachdmhor toilichte. Bha aic’ air ar coinneamh braidseal de theine mònadh — ris an do rinn mi deagh thoileachadh — bòrd air a shuidheachadh làn bìdh, agus gloinne mhòr uisge-bheatha air gach ceann dheth.
Nis, ged a bha mise bliadhn’ thar fhichead aig an àm, cha robh sian de fhios agam dè ’m blas a bh’air uisge-beatha, ach gur e deoch car comasach a bh’ann nach biodh iad a’ gabhail anns an àit’ againn ach aig a’ bhliadhn’ Uir, agus aig amannan àraid greadhnachais mar tha bainnsean, agus ’s dòcha latha fèill a’ chruidh nan ceadaicheadh prìs a’ ghamhna bhig tadhal anns an taigh-sheinnse air an rathad dhachaigh airson leth-te — seadh mura biodh an gamhainn beag a’ tilleadh cuideachd — ’s cha do ghabh mi idir e. Chan eil teagamh nach d’fhuair mi eòlas air fhèin agus air a bhlas on uair sin.
Shil an sneachd an oidhche sin.
’S nuair dh’èirich mi sa’ mhadainn
Seo an gleann bha ’g amharc gruamach,
M’am choinneamh bha’Bheinn Fhada,
Leam gum b’fheàrr bhith fada bhuaipe,
Le cleòca teann de shneachda
Air a phasgadh mu a guaillean,
’S i stiùireadh le beag truais
A cuid fuachd air an seo.
Agus shil e gun abhsadh ro mhòr fad suas ri dà mhìos. Bha e h-uile madainn suas gu buinn nan uinneagan agus bha ’n starsach bheag a bha
Cha ruig mi leas a ràdh nach do ghluais mi mach às a’ ghleann fad ràithe a’ Gheamhraidh. Nuair a cheadaicheadh an sneachd bhitheamaid a’ gabhail cuairt air a’ mhonadh Disathairne ’s DiDòmhnaich. Bu choingeis dhuinn càite an coisicheamaid — bha na sluic cothrom ris na cnuic. Bha gaoir a’ dol troimh m’ fheòil nuair a thàinig an aiteamh ’s a chunnaic mi far an robh sinn air a bhith coiseachd.
Bha ’m posta gar ruigheachd uair san t-seachdain agus a’ fuireach an oidhche. (Bha motor-baidhsagal aige san t-Samhradh). Nuair a bhiodh latha brèagha tioram ann ruigeadh Seumas leis an each agus slaod, Loids Afraic. Bha càr aige fhèin an sin agus ruigeadh e Canaich. Gheibheadh e na litrichean nam biodh litrichean ann, agus goireasan beaga dh’fhaodadh a bhith dhìth an taighe.
Bha iad gu math beartaichte air choinneamh cruas a’ Gheamhraidh. Bha stòr aca de na goireasan a bu riatanaiche — bollachan mine; bocsaichean mòra tea; pocannan mòra siùcair agus mar sin. Bha cead aca air feumalachd an teaghlaich dhen fhiadh, agus bha iad air leth math air sin a ghiollachd. Cha do dh’fheuch duine riamh a’ hama muice sin a bha leth cho blasda ris a hama a bha iadsan a’ dèanamh air sitheann an fhèidh.
Bha rèidio againn gar cumail suas ri cor an t-saoghail mhòir agus ri ceòl is cluich Henry Hall ’s a chòmhlan! Chaithris bean-an-taighe ’s mi fhìn roinn mhòr dhen oidhche air an deachaidh Righ Seòrsa V a ghairm a-mach às an t-saoghal seo, ag èisdeachd ris na sanasan a bha ’n dràsda ’s a-rithist a’ dol a-mach. Chuala sinn a cheart cho luath ’s a cheart cho soilleir ’s a chualas an teis-mheadhon Lunnainn na briathran“The King’s life is drawing peacefully to a close. ”Bha sinn gu math duilich. Bha sinn mar sin gu bog, blàth, beathaichte agus fiosraichte.
Thàinig an sin làithean saora na Nollaige. Am feasgar mun robh mi cur m’aghaidh air Uibhist chaidh Seumas sìos air an earalas mun rathad. Nuair a thill e dh’fhaighnich e dhìom an robh e uabhasach riatanach dhomh falbh. Fhreagair mi gum bu toigh leam faighinn air falbh mur an robh cunnart sam bith ann. Cha tuirt e ’n còrr. Bha mhadainn brèagha tioram agus rinn sinn air falbh. Cha robh tighinn às agam ach an t-each an turas seo, agus chaidh mo chur air thoiseach leis. Nuair a bha sinn air togail a-mach on taigh, thug mi sùil air mo chùlaibh ’s mhothaich mi gun robh spaid aigesan tarsainn air a bheulaibh air an each. Dh’fhaighnich mi “C’à’ eil a’ spaid a’ dol?” Fhreagair e “Bidh fhios agad mun ruig thu c’à’ eil a’ spaid a’ dol.” Chuir seo car de ghiorag orm, ach bha sinn gu math air aghaidh, ’s bha sinn a’ faighinn air aghaidh gu math.
Mhol mi ’n latha agus mhol mi ’n rathad. Ach gann a bha na briathran molaidh a-mach agam, nuair, gun fhios, gun fhàth, gun fhaireachadh, siud sìos an t-each agam ann an cithe sneachda. Cha robh ’m bàrr dheth ach an
Fhuair mi cead barrachd siubhail fad ràithe an t-samhraidh — a thaobh sìde co-dhiù. Rinn mi seòrsa de dh’ionnsachadh air baidhsagal ann, ach chaidh dà shàbhaladh chaol orm leis, agus air eagal tighinn tron treas fear, phaisg mi seachad e. Canaich — mìle air fhichead bhuainn — am baile beag a b’fhaisg oirnn. ’Sann ann a bha ’n Eaglais, a’ Bhùth, an Taigh-òsda, Oifis a’ Phuist agus an Dotair.
’S ged a thigeadh anshocair
A bheireadh leatha fiabhras
Fhads a bhios an anail annainn
Cha bhi math dhuinn strìochdadh,
’S ged gheibheamaid fios cabhaig
Chun a lighiche ga iarraidh
Bhitheamaid san t-sìorraidheachd
Mum feuchadh e ’n seo.
Gus faighinn dhan eaglais bhithinn a’ coiseachd chun na Loids Disathairne. Gheibhinn càr gu Canaich agus chuirinn seachad oidhche Shathairne aig boireannach còir, Bessie NicLabhrainn. Gheibhinn sa’ chàr aig Seumas fhèin DiDòmhnaich chun na Loids, agus bhithinn a’ coiseachd às a sin. Cha robh an saoghal cho cunnartach an uair ud ach ’s iomadh uair a bhios mi smaointeachadh gun robh deagh mhisneach agam a’ coiseachd leam fhìn, an ciaradh an fheasgair, na naoi mìle suas Gleann Afraic.
Bhiodh ‘luchd-gabhail-an-rathaid’ glè thric a’ dol suas seachad. Bha e ’na ghiorrachadh-astair aca bho Inbhir Nis gu Dòirnidh agus dhan Chaol. Chuireadh feadhainn dhiubh seachad an oidhche ’n siud. Dh’fhaodadh iad cadal san t-sabhal nuair a lìrigeadh iad seachad na maidseachan nam biodh iad aca.
An uair a bha mi aig an taigh air làithean-saora ’n t-Samhraidh fhuair mi brath — nach robh agam ri tilleadh dhan Ghleann. Ged a bha Gleann Afraic aonranach, iomallach agus camaidealach faighinn ann, agus gu h-àraid às, bha na pàrantan cho gasda. Bha ’chlann cho furasda, cho modhail ’s cho iomchaidh, cha robh mi aon latha ann gun a bhith toilichte.
Ach càit’ an robh an spaid a’ dol? Nas lugha na b’fheudar dha an t-each agamsa ’chuideachadh leatha a-mach às a’ chithe — bha mo chùlaibh riutha ’s bha ’n t-each air a cheithir chasan gam fheitheamh nuair a dh’èirich mi — chan eil fhios ’am chun an latha ’n-diugh càit’ an robh an
title | Air Mhuinntireas ann an Gleann Afraic |
internal date | 1986.0 |
display date | 1986 |
publication date | 1986 |
level | |
reference template | Ciorstaidh NicAoidh in Gairm 136 %p |
parent text | Gairm 136 |