TURAS GU HIORT ANN AN 1970
le Marsaili NicFhionghuin
(Pàirt II)
A bharrachd air na h-eòin chan fhaighear ach dà sheòrsa ainmhidhe air an eilean. Tha caoraich Hiortach agus caoraich Shòdhaigh ann. Tha dath donn no dubh-dhonn orra, agus tha iad caol, clis, caran coltach ri gobhar. Chitheadh tu iad air feadh an eilein ag ionaltradh leis na h-uain a bhitheas a’ mireadh is a’ leumnaich mar uain àite sam bith eile.
’Se an luch Hiortach am beathach eile a gheibhear ann. Tha i nas motha na luch na tìre-mhòir agus aon nì a fhuair mi fhìn a-mach ma deidhinn, tha i anabarrach dèidheil air teòclait oir bhitheadh i ga goid às mo rucsac gach oidhche! Ach gu dearbha ’sann le mo làn aontachd is bheannachd a bha i aice.
Tha cuimhne agam gu h-àraidh air an latha a chuir sinn romhainn Conachair a dhìreadh. B’fheudar dhuinn feitheamh gus am biodh teas a’ mheadhon latha seachad agus bha dà uair a thìde de shaorsa againn gu dèanamh mar a thogradh sinn. Chaidh mi air m’aonar sìos gu bun na h-aibhne aig ceann thall a’ bhaile is shuidh mi ri taobh glumaige. Bha fàman beag gaoithe a’ tighinn thugainn on chladach, chluinninn an trìlleachan a’ feadaireachd gun sgur, òran binn na curracaig is na cuthaige fhèin fada air falbh. Bha na sòbhrachan a’ fàs mun cuairt fo làn bhlàth ann am pailteas, is chuir iad ’nam chuimhne mar a bhitheamaid nar cloinn gam buain ann an coilltean Chataibh. An sùil m’inntinn-sa bha mi a’ faicinn na cloinne Hiortach anns na làithean a dh’fhalbh, is iad a’ ruith ’s a’ leum casruisgte air an fheur agus a’ cluiche ’s ag gàireachdaich am-measg a chèile.
An ceann greise choisich mi suas gu ceann a’ bhaile, chaidh mi a-steach do aon de na seann taighean is shuidh mi air bonn na h-uinneig. Thug mi sùil mun cuairt is air leac an teine is i cho lom, falamh, agus thuirt mi rium fhìn, “Bha latha eile ann.” ’Nam inntinn-sa bha mi a’ dèanamh deilbh gu math eadar-dhealaichte. Chluinninn srannadh na cuibhle-snìomha, glagadaich na beairt, guth màthar a’ dèanamh tàlaidh, agus aig deireadh an latha guth fear an taighe a’ gabhail nan leabhraichean a-rèir cleachdaidh an àite. Feumar aideachadh gu robh obair throm, dheuchainneach aca is
Chaidh mi an uair sin chun a’ chladha aig cùl nan taighean. Tha balla cloiche àrd daingeann ga chuartachadh is ’se obair ealdhaine a th’ann. A-staigh, far an robh am feur is na seileastairean a’ fàs tiugh, chithinn clachan neo-sgeadaichte an siud ’s an seo, seann leacan air an robh gràbhaladh seargte, agus tha ceudan eile falaichte fo thìm ann. Smaoinich mi air na naoidheanan ’nan ceudan a fhuair bàs air sgàth ‘tinneis nan ochd làithean’, an galar uabhasach a rinn uimhir de chall ’nam measg mun d’fhuair iad smachd air.
Chuala mi fead is guth ag èigheachd orm. An ceann eile na sràide bha a’ bhuidheann air feitheamh rium. ’Sann gu math diombach a bha iad a chionn is gun deachaidh an cumail air ais. Ach bha mise coma. ’Se fiosrachadh air leth tlachdmhor a bh’ann a bhith ag aisling ann an Hiort air latha brèagha, sèimh samhraidh. Is rud glè annasach neo-àbhaisteach a thachair. Nuair a thug mi sùil air m’uaireadair chaidh stad a chur air dà uair a thìde air ais gun sgeul air adhbhar air a shon.
As dèidh dhuinn am baile fhàgail choisich sinn suas chun na glaice eadar Oiseabhal is Conachair ris an canar ‘An Lag bhon Tuath’. Anns a’ ghlaic seo chitheadh tu seann fhaingean far am biodh na Hiortaich a’ trusadh is a’ spìonadh nan caorach. Cha b’ann gan rùsgadh le deamhais idir a bhitheadh iad ach a’ spìonadh na clòimhe uachdaraich le sgeanan-pòcaid airson an còmhdach ìochdarach fhàgail orra mar dhìon rè na droch thìde. Bu mhòr an othail an latha ud — latha na fainge — na fir ag èigheach, na coin a’ comhartaich is na caoraich a’ mèilich. ’Sann air a’ chliathaich an ear a dhìrich sinn gu mullach Conachair. Bha ar n-anail nar n-uchd nuair a sheas sinn air mullach na beinne. Abair sealladh a-nise — mu cheithir mìle gu ’n ear-thuath chitheamaid Eilean Bhoirearaigh, air a thaobh an iar Stac an Armainn, an stac as àirde ann am Breatann — dà cheud troigh nas àirde na Bodach Hòdhaigh an Arcaibh — air a thaobh an iar-dheas Stac Lì.
Tha talamh torach fàsmhor air leathad Bhoirearaigh is bhiodh na Hiortaich a’ cumail chaorach duibh-cheannach ann. Chan eil cladach idir air is mar sin dh’fheumadh iad leum air tìr nuair a bhiodh am bàta air bàrr tuinne is fantainn ann airson latha no dhà no fad seachdain gus am biodh an obair seachad. An dràsda ’s a-rithist bhithinn ag èaladh air mo bhroinn gu bàrr a’ bhearraidh a tha ’na thuiteam dìreach faisg air mìle ’s a ceithir ceud troigh a dh’àirde o thaobh na mara — am bearradh as àirde ann am Breatann. Bhithinn a’ caogadh sìos is dh’fhairichinn seòrsa de uabhas is de chrith a’ tighinn orm — sealladh gun teagamh nach urrainn dhomh iomradh ceart a dhèanamh air. Dh’fheumadh tu fhaicinn dìreach le do shùilean fhèin.
Tha e doirbh dhuinn a thuigsinn no a chreidsinn ciamar a bhiodh
An cladh air cùl nan taighean.
eunadairean an eilein a’ dol sìos a leithid seo a dh’àite agus a’ streap gu mullach Stac Lì is Stac an Armainn, eadhon anns an dorchadas, air tòir nan eun-mara is an uighean. Bidh na h-euchdan mòra a rinn iad air na creagan, an teòmachd is am fearalachd, gar fàgail làn de dh’iongnadh. Tha an sgil sin a-nise air chall is sinne nas bochda dheth sin.
Dh’fhan sinn greis mhath a’ coimhead air na h-eòin ag itealaich gu faramach am-measg nan creag. Chithear fhathast pìosan de phlèan ‘Bearfighter’ a bhuail a’ bheinn aig àm an dara cogaidh air an sgapadh anns na sgoran eadar Conachair is Bradastac. Chaill an dithis chriutha am beatha. Chitheadh tu sa’ Ghleann Mhòr pìosan bàta-itealaichSunderlanda bhuail air mullach a’ Bhlaid; chaill deichnear am beatha anns an tubhaist sin. Chaidh fear eile, bomairWellington, a sgrios air Eilean Shòdhaigh le sianar air bòrd. An-diugh, taing do rannsachadh le buill Chomann Hiort, tha plac umha anns an eaglais mar chuimhneachan air na h-ochd-daoine deug sin — an cuimhneachan-cogaidh as iomallaiche ann am Breatann, tha mi cinnteach.
Theirinn sinn air a’ chliathaich an iar agus dh’fheuch fear de na balaich cleas airson faighinn sìos na b’fhasa. Shuidh e air a thòin is leig e leis fhèin sleamhnachadh aig deagh astar thar an sgrìodain — seòl math ceart gu leòr ach chuir e crìoch air a bhriogais oir bha an tòn air a sracadh aisde gu tur!
Chuir sinn seachad an latha a bu theotha — latha dheth againn — sa’ Ghleann Mhòr air taobh an iar-thuath an eilein. Tha bàgh ann ris an canar Bàgh a’ Ghlinne ach chan eil eadar acarsaid mhath idir ann is e cho fosgailte. Dhìrich sinn troimhn chadha eadar Mullach Sgar is am Mullach Geal don ghleann fhada thorach sin. ’Se ceàrn bhrèagha aonarach dha-rìribh a th’ann, àite ionaltradh a’ chruidh far am biodh na boireannaich a’ tighinn dà uair san latha gam bleoghan. Tha abhainn ann cuideachd ris an canar Abhainn a’ Ghlinne Mhòir ged nach eil ann ach sruth. Stad sinn aig eas beag airson grèim bidh a ghabhail, bad cho tàlaidheach ’s a chunnaic mi riamh. Bha lusan ‘rose - root’ le flùraichean beaga buidhe a’ fàs ri a thaobh. A-muigh air a’ bhàgh bha gathan na grèine a’ dèalradh air na h-uisgeachan is bha an Cuan Siar farsaing, rèidh mar sgàthan a’ sìneadh gu fàire gun nì a’ briseadh an t-seallaidh.
Anns a’ mhuir faisg air a’ chladach nochd ceann dubh ròin is e a’ coimhead suas gu feòrachail far an robh sinn, mar gum biodh e ag ràdh ris fhèin ‘Cò iadsan? Co às air thalamh a thàinig iad?’ Rinn fear nar buidhinn seòrsa de bhìgeil agus sa’ bhad nochd mu fhichead dhiubh, an cinn dhubha a’ bogadaich suas is sìos. Cho luath ’s a nochd iad. chaidh iad à fianais a-rithist fon uisge. Nuair a choisich sinn dhan tunail aig Gob na h-Airde — ’se sin toll mòr ann an creig ceithir fichead troigh a dh’àirde — chunnaic sinn ròn mòr glas ’na shuain chadal air creig, a’ faighinn sgàile bho theas na grèine, is dh’fhan e gun charachadh is sinn uile nar seasamh ri a thaobh. As dèidh beagan putaidh chlisg e is chaidh e air a phliutan a’ plapail chun na mara.
Dà uan Hiortach.
’Sann sa’ Ghleann Mhòr a gheibhear làrach ‘taigh na bana-ghaisgich’. Cian air cian air ais, a-rèir seannsgeula, bhiodh am boireannach cumhachdach treun sin a’ dol a-mach a shealg eadar Hiort is Na Hearadh nuair a bha an dà eilean fhathast ceangailte ri chèile! Tha lorg fhathast cuideachd air seilbh na sean-aimsir a bhith a’ toirt ùidh mhòir do luchd-seanchais.
Tha tobar sa’ ghleann ris an canar ‘Tobar nam Buidhe’ is bithidh mi a’ cuimhneachadh gu sìorraidh an deoch a fhuair mi aisde. Mar a thubhairt mi cheana, ’se latha teth a bh’ann. Bha mi loisgte le teas na grèine is bha tart mòr gam lèireadh. Bha sinn a’ gabhail dibhe fear mu seach is ’sann à glaic na làimh a thug an fheadhainn eile balgam dheth. Ach laigh mise ’nam shìneadh gu talamh ri a taobh is le sùilean dùinte shrùb mi fada is domhainn agus bhàth mi mo phathadh. ’Sann dìreach fìorghlan, faisg air milis, a bha am blas, saor, gun phrìs. Tha e air aithris gu robh fìoruisg na tobrach seo ìocshlainteach airson iomadh seòrsa tinneis — cuirp is inntinne. Chan urrainn dhomh fianais a thoirt a thaobh sin, ach canaidh mi seo le fìrinn — cha b’e sin a’ chiad uair no gu dearbha an uair mu dheireadh a dh’òl mi à sruth nam beann, ach bha ùrachadh is sàsachadh coimhlionta san deoch à Tobar nam Buidhe nach d’fhuair mi à tè sam bith eile, agus ghabh mi air mo rathad gu sùrdail.
Chaidh sinn an uair sin a-mach don Chambair, còmhnard fada feurach air an taobh an iar far an tug sinn greis mhath a’ coimhead a-null air Eilean Shòdhaigh is na stacan anns a’ chaolas, an Stac Biorach, an Stac Dona is Stac Shòdhaigh. ’Se Sòdhaigh an t-eilean as fhaisg air Hiort fhèin ann am meud — tha mu mhìle a dh’fhaid air an strìoch-mheadhoin aige. Tha na caoraich a gheibhear ann nas fhiadhaiche na na caoraich ann a Hiort fhèin. ’Sann leis an uachdaran o shean, ceann-cinnidh Clann MhicLeòid, a bha iad o thùs, is air an adhbhar sin cha bhiodh gnothach sam bith aig na Hiortaich orra. Bhiodh iad gam fàgail a’ ruith air an allaban.
Chitheamaid cuideachd bearraidhean mòra Mullach Bì, còrr is mìle a throighean a dh’àirde is na h-eòin ’nan greighean mòra mun cuairt. Gu deas air Mullach Bì chitheadh tu ‘Clach an Fhir-ghaoil’ ’na seasamh a-mach dìreach o na creagan ochd ceud troigh os cionn na mara. Bhiodh na fir-suirghe, tha e air aithris, gan co-chothromachadh fhèin aon-chasach is a’ lùbadh air a muin mar dhearbhadh gu robh comas gu leòr aca an lòin a chosnadh is uime sin a bhith pòsda. Tha tè eile am-measg creagan Ruaidheabhail ris an canar ‘Clach na Maighdinn’ is i air cumadh àrd-dorais, far am biodh na fir-suirghe a’ dèanamh lùtha-chleas airson an aon adhbhair. Nach sona fleasgaich an latha-an-diugh is iad a’ pòsadh gun fheum air deuchainn sam bith! Shìos anns a’ chaolas chitheamaid bonn na fairge a’ bualadh gu làidir air na creagan is na stacan, ged ’sann ciùin is socair a bha a’ mhuir is ged nach robh ach osag bheag gaoithe ann.
An-diugh bidh a’ chuideachd Airm a’ faighinn seirbheisean siubhail gu cunbhalach bhon tìr-mhòir. Aon uair san t-seachdain rè mìosan an
Seo an gunna!
t-samhraidh tha bàta-tràghad a’ tighinn air tìr air a’ ghainmhich mhìn-ghil. Bithidh innealan-obrach is bathar trom air an cur gu tìr gun mhòran Ach bhon t-Samhainn gus am Màrt chan eil tràigh idir ann ach cladach de cjlachan mòra. Bithidh plèan a’ tighinn a-null is a’ leagadh mèileachan, pàipearan-naidheachd is goireasan aotrom bhon adhar air àite còmhnard shuas airMullach Sgar. Bithidh beagan spòrsa aig na saighdearan an latha ud is iad a’ ruith an siud ’s an seo às dèidh nam pacaidean. An latha chaidh sinne suas còmhla riutha, bha an t-àrd-oifigeach, duine òg à Sasainn, bragail is cinnteach às fhèin, a’ tòirt seachad an òrdugh àrd a chinn, “Feuch nach caill sibh am pacaid agamsa is slaopair nan uighean agam innte.” Cha b’urrainn dhomh gun ghàire a dhèanamh is smaoinich mi “Ma bhios inneal mar sin a dhìth ort ann a Hiort, bidh cho math dhut falbh dhachaigh.”
Tha deagh chuimhne agam air an latha a streap sinn suas gu mullach Oiseabhail — b’e sin ar latha mu dheireadh air an eilean. ’Sann air a’ chliathaich an ear a chaidh sinn suas far am faicear fhathast am balla-cloiche air a thogail bho bhonn gu mullach na beinne airson an crodh a chumail air falbh bho thaobh na mara. ’Sann gu math cas a tha an taobh sin is theab mi car-a- mhuiltein a dhèanamh nuair a thuit mo chamara far mo ghualainn is thionndaidh mi ann an cabhaig airson grèim fhaighinn air.
Air a’ mhullach shuidh mi ri taobh creige gar am faighinn ‘sealladh sùil-eòin’ air a’ bhaile. Bha sgòth os cionn a’ Bhioda Mhòir — an sgor as àirde air Eilean an Dùin — is mheòmhraich mi dè seòrsa coltas a bhiodh air a’
Air an t-slighe dhachaigh stad sinn a choimhead air a’ ghunna mhòr aig bràigh a’ chladaich os cionn fearann a’ mhansa, suidhichte air àrd-ùrlar concret is a bharaille fada grànnda a’ cuimseachadh a-mach air a’ bhàgh. Tha sgeul inntinneach uime. ’Se ionad sanas-cogaidh a bh’ann a Hiort aig àm a’ Chogaidh Mhòir is bha cuideachd càbhlach stèidhichte ann. Anns a’ Chèitean naoi ceud deug ’s a h-ochd-deug thàinigU - boatGearmailteach a-steach don bhàgh, thug i rabhadh do na h-eileanaich is chaidh iadsan gu fasgadh ann an clais aig cùl a’ bhaile. Fad uair a thìde loisg i trì fichead cuairt ’s a dhà-dheug de shligean a chum an t-ionad-rèidio ann an taigh a’ bhàillidh a sgrìos. Rinn iad sin is damaist eile a bharrachd. Dh’fhalbh mullach on taigh-thasgaidh aig a’ chladach, bha am mansa is an eaglais is a dhà de na taighean air am milleadh. A thuilleadh air seo bha an dà bhàta a b’fheàrr aig na h-eileanaich air an sgrios gu tur — call mòr sin. Nuair a dh’iarr am bàillidh dìoladh air luchd a’ chàbhlaich-chogaidh fhreagair iad “nach robh gnothach sam bith acasan air a’ chùis,” is cha d’fhuair iad
An ceannard againn, Ailean Aitken, air ‘Clach an Fhir-ghaoil’.
Mi fhìn is Bodach nan Eun air ‘Clach na Maighdinn; Mullach Mòr air ar cùlaibh.
sgillin airgid. As dèidh an tachartais sin fhuair na h-eileanaich an gunna sin mar dhìon ach bha an cogadh an uair sin gu bhith seachad. Nuair a thug mi sùil air seann bhallachan an taigh-tasgaidh, bha mi a’ smaoineachadh air a’ mharsantachd is air a’ mhalairt a bhiodh ann a shin nuair a thigeadh am bàillidh don eilean anns na seann làithean a thogail a’ mhàil.
Dh’èirich sinn tràth an ath mhadainn oir bha am bàta (Na h-Eileanan Siar) a’ feitheamh ruinn am meadhon a’ bhàigh is buidheann eile a’ tighinn nar n-àite. ’Sann gu math tùrsach a bha mi a’ mhadainn ud is nuair a bha sinn ag iomradh a-null bhon a’ chidhe bhuail e orm mar clach às an adhar dè bha mi ag ionndrainn. Cha robh duine air tìr a dh’fhàgadh beannachd is soraidh againn no a bheireadh cuireadh blàth dhuinn “Feuch nach bi sibh fada gun tilleadh.” Bha sgleò air mo shùilean nuair a thog sinn an acair is a tharraing sinn a-mach às a’ bhàgh.
Bha a’ mhuir ’na dubh-fhèath, dìreach mar sgàthan — madainn cho brèagha ’s a chunnaic mi riamh, is thubhairt Brus, an sgiobair, gum bitheadh deagh thuras againn. Tha seann sgeulachd ag innse dhuinn gum bitheadh anaman nan seann Hiortach a’ gabhail còmhnaidh anns na h-eòin mhara is gu dearbha bha ealtainn mhòr dhiubh gar leantainn astar math a-mach don chuan. ’S dòcha gun d’fhuair sinn beannachd air a’ cheann thall.
Dh’fhan mi air an deic fad an t-siubhail. Mu mheadhon-latha sheòl sinn troimh Chaol na Hearadh, a’ faighinn seallaidh maith air na h-eileanan Easaigh, Ceileagraigh, Lingaigh, Pabaigh, is Hilleigh. An uair sin chithinn iùilean-tìre air eilean mo bhreith, an t-Eilean Sgitheanach. Troimh na gloinneachan chithinn Rubha Bhatarnais is Ceann Dhun-Bheagain, Ceann
Ràinig sinn Mallaig mu sheachd uairean feasgar. Bha Hiort a-nise fada air mo chùlaibh is air thoiseach orm saoghal eile. Tha iomadh cuimhne chùbhraidh agam air na saor-làithean sin nach dìochuimhnich mi chaoidh. ’Se Hiort àite sònraichte gun teagamh a bhitheas a’ toirt toileachas-inntinne do mhòran — is math sin.
A’ coimhead air adhart, ma thig obair na h-ola don Chuan Shiar, co aige tha fios dè thachras dha rè nam bliadhnachan ri teachd. Ach a dh’aindeoin sin, bithidh mòran a rachadh leam anns a’ bheachd seo tha mi cinnteach — dh’fhalbh a’ bheatha às an àite an latha a dh’fhàg a mhuinntir fhèin air an naoidheamh latha fichead den Lùnasdal, naoi ceud deug, fichead ’s a deich.
title | Turas gu Hiort ann an 1970 (II) |
internal date | 1987.0 |
display date | 1987 |
publication date | 1987 |
level | |
reference template | Marsaili NicFhionghuin in Gairm 138 %p |
parent text | Gairm 138 |