AN AIRIGH SHAMHRAIDH
le Coinneach Mac a’ Ghobhainn
“Leam bu mhiann a bhith air àirigh
Air a’ mhòintich àrd a Leòdhas.”
’Se Uilleam MacNeacail, air a neo ‘Bilidh an Fhiosaiche’ mar a b’fheàrr aithne air, a rinn an t-òran fo bheil an earrainn seo air a togail. ’Se fìor bhàrd a bh’ann am Bilidh, agus a bhàrdachd gu coitcheann a’ toirt cliù agus moladh do Eilean Leòdhais, àite àrach. ’Se sgrìobh òrain mar ‘An teid thu leam a rìbhinn mhaiseach’, ‘Eilean mo ghaoil’ agus mòran eile. Orain a tha a’ toirt taitneas do mhuinntir a bhith dha seinn agus dhan èisdeachd, chan ann a-mhàin le eilthirich, ach cuideachd le sluagh a dh’fhuirich, agus gu sònraichte aig cuid a tha air a thighinn gu beagan aois. Oir tha bàrdachd Bhilidh ri dùsgadh smuaintean agus faireachdainn làidir ann an inntinnean agus cridheachan an t-sluaigh, mu chleachdaidhean agus fasanan a bh’ann ’nan òige, ach a tha nis air a dhol à bith.
Tha e iongantach, nuair a theid daoine air ais gu lathaichean an òige, am-measg na duilgheadasan, gur ann air na rudan matha a bheachdaicheas iad. Tha mar sin samhradh air àirigh ’na phrìomh chomharradh tlachdmhor dhaibh, mar ròs am-measg nan droigheann. Tha seo nàdurrach, oir le obair chruaidh àiteachadh an Earraich seachad, ’se faothachadh a bh’ann don a’ mhuinntir a bha a’ cur seachad an t-samhraidh air an àirigh.
Cha b’e gu robh cofhurtachd air taobh staigh na h-àirigh cho math ris na taighean-baile, ach gu robh saorsa, fallainneachd agus farsaingeachd air a’ mhòintich. Bha na sàibhlean a-nis falamh, dh’fheumadh an talamh-curachd a bhith air a dhìon, agus an crodh a thoirt gu na h-àirighean far am biodh iad beò ri ’g ionaltradh air na slèibhtean gu fàsadh feur an t-samhraidh air na machraichean.
Cha b’e fear àirigh a bh’ann am Bilidh gu coitcheann, ged a bha e eòlach gu leòr air a bhith ga tadhal. ’Se duine sònraichte a bha ’na athair, ‘Am Fiosaiche’. Bha e ’na òige anns na Stàitean Aonaichte, far na phòs e ban-Ameireaganach, boireannach uasal gasda. ’Se Baistich a bha unnta le chèile, esan ’na shearmonaiche anns a’ chreideamh sin.
Thàinig e air ais le a bhean agus teaghlach òg a Nis aig àm a’ Chiad Chogaidh, agus thog e eaglais agus dachaigh aig oir na mòintich
’Se duine dà-thaobhach a bh’ann, rudeigin trom air an luchd-obrach aige, ach còir air an taobh eile, ri toirt airgead agus aodach dha na bochdan — air chùmhnant gu frithealadh iad na seirbhisean aige. Cha robh rathad air an astar seo idir aig an àm, agus bha gach nì a’ dol a-mach leis an luchd-obraich, eadhon na cearcan ann an cliabh.
Bhiodh cuirm aig an Fhiosaiche agus a bhean do chlann an àite aig àm na Nollaige, anns a faigheadh iad ùbhlan, oraindsearan, aran cridhe agus mìlseagan eile a bha cho annamh ’nam beatha. Bha sgoil Shàbaid dha cumail aig an eaglais shamhraidh agus bhiodh a’ chlann ri coiseachd a sin cuideachd, air sgàth am biadh math a bha iad a’ faighinn, còmhla ri Leabhar Aithghearr nan Ceist agus na Sgriobtairean.
’Se cuireadh gasda bho mo nàbaidh Tormod Mac a’ Ghobhainn a dhol cuairt a-mach chun an Taigh Samhraidh aige air Cuidhsiadar air an t-samhradh a chaidh seachad, a thug mi gu bhith beachdachadh air a’ chuspair seo, agus ri dèanamh beagan rannsachadh air a’ chùis.
Le taing do obair gnìomhachas mar ‘Job Creation’, I.D.P. agus eile, theid duine an astar an-diugh air rathad le beagan cofhurtachd, Dh’fhalbh sinn air feasgar brèagha dhan Lùnasdal anns a’ charbad, ri dol timcheall na tuill-phrasach a bha air pàirt dhan a rathad. Stad sinn aig taigh-samhraidh a bha air a togail air tobhtaichean seann àirigh, eadhon le tughadh fraoich air. Chaidh sinn beagan astar tarsainn a’ mhonaidh, le maide làidir ’na ar làimh, ri seasamh ann an taigh a siud ’s a seo air an t-slighe. Bha oidhche thoilichte againn ann an taigh-samhraidh mo charaid. Làmpa ola toirt dhuinn solas. Le teatha bhlasda bho uisge fuarain air a theasachadh air slabhraidh os cionn teine mònach. Bha sàmhchair an àite ri toirt dhuinn blas agus faireachdainn air mar a bha e leth-cheud bliadhna agus còrr air ais.
Chaidh sinn a dh’fhaicinn Taigh-samhraidh agus Eaglais an Fhiosaiche, a tha fhathast cho seasmhach gu h-àrd os cionn na mara a dh’aindeoin a bhith falamh airson iomadh bliadhna. Seo far a faca Bilidh “a muir gun sgìos ri bualadh air na creagan gruamach àrd.”
Thog sinn oirnn dhachaigh ann an ciaradh na h-oidhche, ’s mi faireachdainn mar gu robh mi air tadhal air ais ann an tìm gu saoghal eile.
Ach ri coiseachd tarsainn air a’ mhonadh gu ceann a rothaid far na dh’fhàg sinn an carbad a bheireadh sinn ann an cabhaig gu ar n-àite còmhnaidh, ’se briathran bho bhàrd ainmeil eile a bha air m’inntinn, bàrdachd Màiri Mhòr nan Oran, “Gach bot is poll agus talamh-toll Ri toirt
’nam chuimhne nuair bha mi òg.”
Bha comann aig an dà bhàrd ri chèile, gu minig ri moladh eileanan an àrachd.
title | An Airigh Shamhraidh |
writers | Kenneth Smith |
internal date | 1987.0 |
display date | 1987 |
publication date | 1987 |
level | |
reference template | Coinneach Mac a’ Ghobhainn in Gairm 139 %p |
parent text | Gairm 139 |