[107]

THA e duilich dhuinn a thuigsinn carson a tha luchd-sgrìobhaidh cho gann, air neo cho doirbh an lorg, am measg mhnathan na Gaidhealtachd. Chan e idir nach eil taobh aig fir-deasachaidh Ghairm do na boireannaich, is chan e nach do chuir sinn cuireadh uair no dhà thuca, is coireach gun deach cho beag an clò bho am pinn anns an leabhar so. Tha caraid againn a bhios ag ràdh (tha fhios gu math nach canadh sinn fhìn e) gur h-e as coireach don aimlisg so gu bheil na mnathan acaitheamh uiread de dhfhacail ann an còmhradh is nach eil abheag air fhàgail aca gus a chur air paipear. Chan urrainn dhuinn idir a bhith cinnteach gur h-i an fhìrinn tha so, oir bha sinn a riamh den bheachd gum bann mar bu mhotha a chuireadh duine (no boireannach) tàlant gu feum a thigeadh piseach air an tàlant sin. ’S fheudar a réisd gu bheil móran de rosg agus de bhàrdachd Ghàidhlig adol a dholaidh ann an cisteachan is ann an dreasairean air feadh na Gaidhealtachd, gun luaidh idir air na seòmraichean sin anns abhaile mhór far a bheil bana-Ghaidheil acaitheamh nam mionaidean sin nach eil iad air chéilidh no ri obair fheumail eile.

Dhfhalbh an anns am biodh na mnathan riaraichte a bhith fon chléibh, no adeasachadh bidhe, no anighe shoithichean. Tha iad a nis adleasadh an aon inbhe ris na fir, agus feumaidh mar sin pàirt den chòmhradh aca a dhol an clò. Tha airgeadga chur amach orra anns na sgoiltean is iadnam pàisdean, is feumaidh iad pàirt dhe sin a phàidheadh air ais anns an aon chùinneadh a ghleidheas beagan de a luach anns an a thann— ’s e sin facail, agus gu h-àraidh facail ann an clò. Cha robh Màiri Nighean Alasdair Ruaidhna tàmh anns an t-seagh so, is cha mhotha bha Dìorbhail Nic aBhruthainn, is Silis na Ceapaich, is Mairearad Nighean Lachainn, no Mairi Mhór nan Oran. Chan eil sinn adìochuimhneachadh na feadhnach sin de na mnathan a thanam bàird isnan sgrìobhadairean gu follaiseach an diugh; ’s ann a tha ar casaid riutha-san a tha acleith an tàlantan thalls a bhos air feadh na dùthcha. Is math dhuinn Cairistiona NicAoidh agus Murdag NicCoinnich a bhith cho èasgaidh an còmhnaidh is tha sinn atoirt taing dhaibh, achs ann agearain a tha iad air cho aonranachs a thà iad. Cuiribh, matà, tuilleadh thugainnsgeulachdan no bàrdachd no eile. Tha am fear-deasachaidh nach eil asgrìobhadh so ag iarraidh oirbh cuideachd an dealbh as fheàrr a thagaibh dhibh péin a chur an cois an sgrìobhaidh.

Anns an dealachadh tha sinn aguidhe dhuibh uilegach fear is Nollaig chridheil is Bliadhna Mhath Ur.

titleAs A’ Chathair
internal date1955.0
display date1955
publication date1955
level
reference template

Gairm 14 %p

parent textGairm 14
<< please select a word
<< please select a page