[134]

Latha Nan Seachd Sian

Le CALUM MACIOMHAIR

’S ANN sagheamhradh a bhann, afeasgar atarruing anmoch agus farum an uisge air sgliat is uinneig acòmhstri ri dùrdan nan teangannan gormgheal a bha streap bhon an teine, suas beul an t-simileir. Bha fuaim an dìle bha muigh amuthadh gach fuaim eilesgan toirt iomlan dhan aon choisir aon-ghuthach, dripeil bith-bhuan. Chaidh carbaid no dhà seachad le srann ìosal, tùchanach, mar gum biodh iad asiubhal troimh rathad chlòimhe.

Shaoil leams mi fiachainn ri truimead an fheasgair a chrathadh dhiom, fhads a ghleidheadh naMonsoonsan cùrsa as na h-Innseachan fada siar, nach robh an so ach fras. Gu tas e fras fhada bhann adòirteadh fad alatha, ’s a roimhe. Ma bha gin ann bho chionn ghoirid dha nafair periodsa bhios acur a leithid de mhoit air na fàidhean-aimsir cha mhath a bha cuimhne agam a faicinn. Chan eil teagamh an deidh sin nach robh iad ri tighinn ris, far nach buaileadh sùil orra, ach sùil na gréine, no sùil jet gu h-àird as an iarmailt os cionn sgàilean dubharach na dìle. Nuair a thuit achiad boinneag no dhà de shileadh bho mhullach an tighe thug iad brag air linoleum an làir a ghluais mi le cabhaig as mo chathair. Ruith na boinneagan an ceann a chéilenan sruthan, mar gum biodh cuideiginga dhòrtadh a strùp coire san t-seòmar gu h-àrd.

Shuidhich mi peile-zinc air an làr fon dòrtadh, ach rinn e leithid de ghleadhraichs gu robh mi an bharail am fàgainn am peile no an leiginn cothrom siubhail leis an t-sruth air feadh an tighe.

Rinn mi mo chùrsa troimh an imcheist a bhagam tharruing a thaobh le bhith stiùreadh, mar a bhaCaptain Neillyuair-eigindlùth ris a liathaig,” air a mhodh so: Mur a cuir Bòrd na Sgoile mullach dìonach air an tigh aca, chan eil mi fo ìmpidh sam bith fuireach ann ag éisdeachd ri torman tacaideach an t-silidh ri bragadaich air peile-zinc, na eadhon gun teid mo bhàthadh. Tha sgiobairean ann gun teagamh a tha fuireach sabhàta gun téid i fodhas an sgiobadh air an casan a thoirt leotha. Ri aghaidh cunnairt tha barrachd cuartachaidh aig sgiobadh na thaig an sgiobair. Oir



[135]

tha esan ceangailte ri bhàta an chuid le bannan-ceangail dleasdanais is le riaghailtean-còrdaidh, noship ’s articleseadar e fhéins an sgiobadh.

Achs ann tha sin atachairt aig muir, is iomadh rud neònachga thuilleadh. Cha baithne dhomh bann-còrdaidh noarticlesam bith a bheadar Bòrd Na Sgoiles mi fhéin, mar a robh an tuil is am peile-zinc. Agus ge boil le Bòrd Na Sgoile sin an rud, nan gabhadh e dèanamh, bha mi dol a sheachnadh.

Dhfhuirich mi san tigh mar thà fad oidhche an stoirm mhóir sagheamhradh so chaidh. Achs e baobhar dha sin nach fhaighinn mo shròin amach air dorus le neart agus farum na gaoithe. Nuair a thainig fèath samhadainnagus cothrom meatraigeadh amach air dorus, bha ceathramh earrainn na sgoiles na casan-ceangail ris, ’s a mullachcorrugated ’na laighe shìos am pàirc Iain Ruaraidh.

Ged a chaidh asgoil a sgailceadhs a rusgadh bha Tigh aGheamairna sheasamh fhathast os a chionn air mullach achnuic cho daingeann seasmhach ri Caisteal Mór Steòrnabhaigh.

Chan eil seòladair sabhaile cho tapaidh ris aGheamair, no clachair, no breabadair. Agus chan eil eadar crìochan abhaile tigh céilidh cho fialaidh, fosgailte ris an tigh aige. Rachainn gu tigh aGheamair, agus nan gleidheadh am peile-zinc an tuil, ro-mhath! Mur a gleidheadhs gu ruigeadh e ìreMonsoonleagadh e grunn pheil-

[Dealbh]
Dòmhnall Iain Chaimbeil agus Calum MacIomhair aig ceann an tigh-sgoile.



[136]

eachan mus ruigeadh e làrach tigh aGheamair. Thug mi mo chasan leam.

Bha grunnan de fhir aChinn-o- Thuath air gach being ri seanachas mu choinneamh an teine. Sheas an Geamairs e cur fàilt orm. Ged tha an slighe goirid eadar an thigh bha e air drùidheadh orm uireads nach bann gun spàirn a fhuair mi mach a greim mo bhonaids mo chòta. Shuidh mi a measg an luchd céilidh.

Lean Alasdair Fìdhleir air a sheanchas mun an tuil mhór a bhann abhliadhna a leum an gleann thairis air na seann bhruthaicheangan tilgeil a thaobhsgan sracadh as am bonnsgan toirt leatha le neart an t-srutha sìos gu bun na h-aibhne, ’s amach seachad air Eilean Mara Arnoil. Bho bhris an abhainn a bruaichean tha bun na h-aibhne aruith air chùrs eile, is thràigheadh Loch Arnoil cha mhór gu meud lòin. Adearbhadh nach eil càil nach caochail an Leódhus ach cumhachd nan Siantan.

Sud abhliadhna, arsa Uisdean Beag, a dhéirich an Stangs mur a bitheadh gu robh tigh Dhòmhnaillain Chaimbeil air liathad, ’s asruth aruith seachad cho dian, is Dòmhnall ag éigheach, “Fan a mach, a mhate, seachainn an tulach so,” bhan tuil air éirigh os cionn an tighe. Co-dhiùbh, ars Uisdean, cho robh iomagain sam bith air Dòmhnall oir chan eil snàmhaiche dha leithid sabhaile.

Chaidh aseanchas air adhart a stigh, ged a bhan dìle muigh a dol an truimead, is aire na cuideachd an dràsds a rithistga leantainn gu fuirealach air sgliat is uinneig.

Bha Nap abruidhinn air a liuthad rubha ris na shuath Dòmhnallain Chaimbeil fhéins a liuthad bàthadh as na thog e ceann air Cuantan an t-Saoghail Mhóir, bho sheòl e an toiseach amach a beul Abhainn Ghrìoda. Cha robh duinem Bradhgair cho eirmiseach ri Dòmhnall . . . . Dhfhosgail an dorus. Dhèalaidh cuid-eigin a steach. Stad an còmhradh. Sud Dòmhnall e fhéinna sheasamh mu ar coinneamh!

Sheas e measg na cuideachd, ìochdar a chòta adrùidheadhs asileadh gu lòn am meadhon an làir.

Mus canadh tutreabhad sobhris grad shoillearachd air gach fear a bha làthair. Dheàlraich e mar éirigh na gréine asgapadh neòil an dorchadais, ’s atoirt fiamh gàire air gach aghaidh san tigh-céilidh.

Dhfhaodadh an dìle bhith dòrtadh amuigh, ach le aon cheist faoin bho Nap, bhafair periodair briseadhcha robh ceist mu dheighinnair achuideachd a bha stigh. “A Dhòmhnaill,” ars esan. “Eil turadh ann?”

titleLatha nan Seachd Sian
writersCalum MacIver
internal date1955.0
display date1955
publication date1955
level
reference template

Calum MacÌomhair in Gairm 14 %p

parent textGairm 14
<< please select a word
<< please select a page