Dòmhnall Dòmhnallach, as a’ Ghearasdan
Anns a’ chiad dol amach is fheàrr dhomh innse gur Uibhisteach mi a chuir seachad greis do’ n fhoghar so chaidh air feadh luchd m’eòlais ann an Uibhist-a- Deas. Aig an àm ud is e obair na rocaidean a bha gu coitcheann ’na chuspair seanachais. Thachair mi ri móran is fhuair mi barail mu’ n obair so bho iomadach duine, eadhon bho fheadhainn
nach fhosgladh am beul aig comunn ged a gheibheadh iad pàidheadh air a shon. An deidh mion sgrùdadh a dhèanamh air na chuala mi, is e mo bheachd nach eil ach glé bheag de na h-Uibhistich a tha còmhnaidh anns an eilean an aghaidh stéidheachadh obair na rocaidean. Dh’ fhaodadh gun cuir so mór iongnadh air gu leòir, gu h-àraidh air an fheadhainn a bha a’ leughadh an othail a bha na paipearan-naidheachd a’ deanamh mu dheidhinn. Ach co-dhiùbh, so an aithghearr cuid de na beachdan a chruinnich mi.
Sa’ chiad àite tha móran a’ creidsinn gur fheàrr eun anns an làimh na dhà dheug air iteig. Is fheàrr punnd Sasunnach san dòrn is obair chinnteach bho ochd gu cóig na obair bho mhoch gu dubh is gun chinnt am bi an gamhainn beag beò là na féille. Tha luchd an t-saoghail gu léir air fàs titheach air airgead tioram, is chan eil na h-Uibhistich deifireach san dòigh so bho dhaoine eile. Thug feadhainn fa-near, cuideachd, gu robh a’ chuid bu mhotha a bha deanamh iorram mu dheighinn obair na rocaidean suidhichte ann an obraichean socair sa’ bhaile mhór le deagh phàidheadh is le an cuid teaghlaichean aig an tigh.
’S dàrna àite tha feadhainn de’n bharail ma dhiùltas iad an obair so a leigeil air adhart nach faigh iad cuideachadh (ged is beag cuideachadh a fhuair iad riamh) gu sìorruidh tuilleadh. ’S e cuideachadh a bha iad a’ ciallachadhsubsidychruidh is chaorach is cuideachadh airson obair rathaidean, obair uisge is obraichean de’ n t-seòrsa sin.
’S treas àite tha feadhainn a’ smuainteachadh gum buannaich an t-eilean gu léir. Theid rathaidean ùra is cidheachan ùra a dhèanamh is theid aig croitearan air an cuid buntàta, uighean, bainne is goireasan mar sin a reic ris an luchd obrach.
Sa’ cheathramh àite tha feadhainn coma co-dhiùbh. Chan eil e gu deifir leotha co-dhiùbh thig no nach tig rocaidean do’n àite. Tha iad a’ creidsinn nach eil rathad air tilleadh a chur air ar luchd-riaghlaidh.
Feumaidh mi aideachadh nach e so idir mo bheachd fhéin air a’ chùis. Tha mise mi fhéin an aghaidh stéidheachadh an obair uabhasach so, ach chan fheum mi mo bharail fhéin a thoirt seachad an dràsda. Feumaidh mi ràdh cuideachd gu bheil cuid de na h-Uibhistich de’ n aon bheachd rium fhéin. Ach chan e gu léir bàs na Gàidhlige is nòsan Gaidhealach a tha a’ toirt orra an guth a thogail an aghaidh na h-obrach so. Tha a’ Ghàidhlig a’ bàsachadh ann an Uibhist mar àite eile, ach chan e obair na rocaidean a tha toirt a’ bhuille-bhàis dhi.
Anns an àireamh mu dheireadh de Ghairm, chuir sinn a’ cheisd “Càite a bheil An Comunn Gaidhealach ’s nach eil e ri trod ’s ri ùpraid . . . . ?” Fhuair sinn an litir so, dìreach an uair a bha an àireamh so air a’ bheairt-bhualadh, bho—
title | Na Rocaidean (7) |
internal date | 1955.0 |
display date | 1955 |
publication date | 1955 |
level | |
reference template | Dòmhnall Dòmhnallach in Gairm 14 %p |
parent text | Gairm 14 |