Beachd Gairm
Anns a’ chiad àite cha do dhearbh an luchd-riaghlaidh fhathast gur h-e Uibhist an t-aon àite freagarrach airson ionad-rocaidean. Bhiodh e gu math na b’ fheàrr, a thaobh sàbhailteachd agus slàinte an t-sluaigh nam biodh a leithid so dh’ àite air a shuidheachadh ann am fàsach, mar a tha Woomera ann an Astràilia. Ma their an luchd-riaghlaidh gum biodh e ’na chosgais agus ’na dhragh ro mhór luchd-airm a chur air ais ’s air adhart as a leithid sin de dh’ àite, cha chreid sinn iad. Dhearbh iad tric gu leòir roimhe so gu bheil e furasda dhaibh airgead a lorg airson obair sgriosa de’ n t-seòrsa so. Cha mhotha a dhearbh iad nach eil àite eile ann am Breatainn a tha nas freagarraiche—abair ann an ceann a tuath na h-Eireann, neo air còrsa an iar-thuath na h-Albann. Bu chòir so a dhearbhadh gu follaiseach, chan ann aig coinneamh bhig ann an Uibhist, ach ann an Tigh nan Cumantan, neo aig coinneamh mhóir a bhiodh air a gairm an Dunéideann.
Na saoileadh duine beò gur h-ann airson leas nan eileanan a tha dùil aca an obair so a chur air adhart. Tha iad ’ga chur air adhart an so a chionn is gur h-e na h-Eileanan an Iar an t-àite as lugha luach a réir am barail-san anns an rìoghachd. Tha e iomallach agus bhiodh e na bu dorra a ruighinn le bomairean no rocaidean bho dhùthaich eile, agus nan ruigte e, bu bheag an call (a rèir am barail-san) taca ris gun tuiteadh sgrios an an adhar air àite urramach mar a tha Lunnainn, neo eadhon East Anglia. Na saoileadh duine beò gun togar rathaidean agus cidheachan agus drochaidean móra a chum leas a’ chròileagain bhig a tha a’ gabhail còmhnaidh anns a’ chùil so air chùil an t-saoghail. Cha b’ann do an leas a thog iad an drochaid a tha eadar Uibhist-a- Deas agus Beinn-a- Bhaoghla aig toiseach a’ chogaidh mu dheireadh, ach gu feum luchd-cogaidh. Sin an dearbh aobhar a th’aca airson drochaid a thogail eadar Beinn-a- Bhaoghla agus Uibhist-a- Tuath an dràsda, ged a tha airgead agus stuthan cho fìor ghann is nach urrainn dhaibh drochaid a chur tarsuinn air an abhainn Forth. Agus ged a thogadh iad drochaid agus rathad no dhà, cha duirt sin gum bi rathad ùr anns gach baile—bithidh rathaidean na cartach ri’m faicinn fhathast, agus na cidheachan a tha a’ breothadh agus a’ sgaoileadh as a chéile air cladaichean an iar na Gaidhealtachd bho dh’fhàgadh an obair sin, ann an tomhas mhóir, an urra ri rìoghachd mhóir Bhreatainn.
Có tha dol a chreidsinn gu faigh na h-Uibhistich, no na Baoghalaich, no na Barraich, obair anns na tighean-iunnstramaid agus anns na stéiseanan-ràdar a thathas a’ dol a thogail? Is dòcha gu faigh cuid aca sin ma bhios iad gabhte anns an arm, neo ma thug iad amach na ceàirdean sin roimh làimh, air an cosgais fhéin. Agus ma tha iad gabhte anns an arm, tha e a’ cheart cho dòcha gur h-ann an Greenland no an Cyprus a thogas iad ceann.
Gheibh muinntir Uibhist na h-uiread de dh’ obair airson dà bhliadhna, agus an deidh sin bithidh iad a’ fiachainn ri uighean agus clò a reic ris na saighdearan. Ach chan eil ugh a bheireas cearc ann an Uibhist nach fhaod iad a reic mar thà, aig prìs a tha cuimseach math, agus cinnte aca gu faigh iad cuidhte ’s iad, agus tha reic air gach clò is fuigheig a thig bho am beairtean mar thà. Ma theicheas an sluagh bho obair na feamad rè dà bhliadhna tha coltas air gu feum iad teicheadh bhuaithe buileach.
Tha soluis an dealain a’ dol thuice mar thà ann an tighean Uibhist—taing do Bhòrd an Dealain-uisge agus fad-léirsinneachd is daonnachd an duine mhóir sin, Tómas MacIain, agus a cho-oibrichean Albannach. Cha bhi uisge nam pìoban fada air a chùl. Chan eil e furasda fhaicinn co as a thig a’ bhuannachd do shluagh Uibhist an ceann dà bhliadhna an deidh do’n obair rocaidean tòiseachadh, ach tha e glé fhurasda fhaicinn co as a dh’ fhaodadh call a thighinn.
A thaobh na Gàidhlige, chan eil an teagamh as lugha againn nach fheàirrde ise na rocaidean agus na Goill a bhitheas timcheall orra. Cha leig duine sam bith de’n òigridh a leas a ràdh gu bheil dìth na Beurla orra an diugh. Is dòcha gur h-e dìth na Gàidhlige bu chòir a bhith a’ cur dragh air cuid aca. ’S e gnothach bochd a bhiodh ann nan éisdeamaid ri còmhradh de’ n t-seòrsa so as a’ cheàrnaidh anns an do thuinich Clann Mhuirich agus Iain MacCodrom, agus a chùm air mhaireann, gu ruig an linn so fhéin, móran de na seann sgeulachdan
agus na h-òrain as an do rinn na Gaidheil uaill fad iomadh linn. ’S e gnothach bochd a bhiodh ann leigeil leis a’ Bheurla làmh-an-uachdar fhaighinn air a’ chànain againn fhìn, gun fiù strìth a dheanamh as a leth. Chan e idir cho seasgair agus cho socair is a tha sinne anns a’ bhaile-mhór a tha a’ toirt oirnne a h-urram dhligheach a thoirt do chainnt ar màthar.
Tha còirichean aig a’ Phàrlamaid—is ann a tha cus aca a cheana—ach tha còirichean an t-sluaigh a’ dol os cionn còirichean na Pàrlamaid, agus mur eil a’ Phàrlamaid a’ dol a dhìon nan còirichean sin, faigheamaid Pàrlamaid a nì an dìon. Ach gun feitheamh ris a sin, nochdamaid treubhantas Iain Mhuideartaich agus neo-eiseimeileachd Chlainn Dòmhnaill nan Eilean.
title | Na Rocaidean (9) |
internal date | 1955.0 |
display date | 1955 |
publication date | 1955 |
level | |
reference template | Gairm 14 %p |
parent text | Gairm 14 |