[134]

Oran Mu Na Rocaidean

le ALASTAIR MACDHOMHNAILL, BORNAIS

Chan eil àit an diugh fon ghréin
Far an togteRocket Range
Ach an Uibhists e cho réidh
S truagh leam fhéin na daoin bhitheas ann.

Chan eil cnoc no glaic no gleann
Nach bi làn de chlann nan Gall,
Bithidh na Gàidheils iad fo choill
An cùl nam beann gun fhois gun tàmh.

Cha bhi Uibhist mar a bha
Loma làn den h-uile gràdh
Tha na Goill a tighinnnar n-àit
S fàgaidh iad gach nan déidh.

S ann a sud a bhitheas a fuaim
Nuair leigeas iad anRocketsuas
Thig crith-thalamhuinne mun cuairt
Is tuitidh gach beinn don chuan.

Chan eil giadh na cala bhàn
Air an loch aig ceann abhàigh
Nach falbh air iteig— ’s mór an càs
S nach till gu bràth fhads bhios sin ann.

S mas fheudar dhuinne falbh gun dàil
A Uibhist bhòidheach nam beann àrd
Gheibh sinn fasgadh ann am Màrs
S budh sinn dlùth don t-Sìorraidh Bhràth.

S ged a tha mi nise aosd
Cha iarrainn falbh a tìr mo ghaoil
Gu falbh iad leam an ciste chaoil
Air giùlain cuideachd tìr mo ghaoil.

Ach ma chailleas sinn ar còir
Air Uibhist bhòidheach nam beann mòr,
Air solus Bharraidh isRockall
Nach mór an sgrìob a thainig òirnn.

titleOran Mu Na Rocaidean
internal date1955.0
display date1955
publication date1955
level
reference template

Alastair MacDhòmhnaill in Gairm 14 %p

parent textGairm 14
<< please select a word
<< please select a page