[147]

THA cuimhne aig móran againn air na làithean anns do thòisich an gramafon air a rathad a dheanamh do dhachaidhean an suds an so air feadh na Gaidhealtachd. Obair an Donais! Gnothach an-diadhaidh! Faoineas! Ach, leana beag is beag, sguir na cailleachan a choimhead fon bhòrd feuch càitas an robh an guth atighinn, agus thòisich eadhon an fheadhainn a bu dùire ri gabhail ris abhocsa iongantach a bheireadh Ruaraidh MacLeòid agus Earchaidh Grannd agus Niall MacIlleathain gu taobh thall an teine. Gus an tàinig an ràdio fhéin, cha robh a leithid de chur-seachad riamh air aGhaidhealtachd.

Rinneadh agus reiceadh na mìltean clàr eadar an chogadh. Cha robh seinneadair Gàidhlig no fear Mòid nach robh an greim air ball aig na buidhnean móra, mar H.M. V. agus Parlophone agus Columbia, aguss fheudar gun do rinneadh fortain air na clàir Ghàidhlig ged nach do rinn na seinneadairean móran. Ach chuir an cogadh, gu ìre mhóir, casg air deanamh chlàr, agus stad buileach air deanamh chlàr Gàidhlige. An uair a bha an cogadh ullamh, bha prìsean agus cosgais de gach seòrsa air a dhol suas cho mór agus nach robh probhaid ann an deanamh chlàr na bu lugha na bha reic chinnteach air na mìltean dhiùbh. Cha toireadh buidheann thall no bhos sùil air clàr Gàidhlig tuilleadh, agus, bhon a sguir an cogadh, cha do nochd barrachd air ceithir clàir ùraSeumas Mac aPhì agus Seoc Caimbeul agus duine no dhà eile. Bebhuil a bhann, nach robh clàr de dhòran Gàidhlig ra fhaotainn thall no bhos.

Mu dheireadh thall, tha coltas gu bheil atharrachadh adol a thighinn air achùis. Tha buidheann ùrga cur air chois ann an



[148]

[Dealbh]
Evelyn Chaimbeul

Glaschubuidheann nach buin, anns achiad dhol amach co-dhiùbh, ach ri òrain Ghàidhlig a mhàin. Is e soGaelfonn.” Anns an dealbh so shuas, chithear dealbh den chiad chlàr a chuir abhuidheann so amach bho chionn seachdain no dhà.

Air cùlGaelfonntha dithis dhaoine aig a bheil ùidh ann an cùisean Gaidhealach, agus bann ann an seanachas ri Murchadh Fearghastanan seinneadair Leódhasacha thàinig an gnothach fon ùidh an toiseach. Tha enam beachd clàir a dheanamh de mhóran de luchd abhuinn òir, agus rinneadh achiad tòiseachadh mar thà, le Aonghas MacLeòid a Scalpaidh, agus le Evelyn Chaimbeul a Leódhas. Tha iad sin adeanamh trì clàir an urra, agus, cho luaths a ghabhas e deanamh, bithidh an tuilleadh anns na bùthan. Anns an t-sanas reic a tha an so shìos, chithear ainmean nan seinneadairean eile a tha, mar tha, air gealltanas a thoirt gun dean iad clàir.

Tha bliadhna a nise bhon a thòisich achiad obair co-cheangailte riGaelfonn.” Mun tugadh gealladh sam bith, no eadhon iomradh sam bith air achùis, chuireadh litrichean amach air feadh an t-saoghail feuch de an iarraidh a bha air clàir de dhòrain Ghàidhlig. Thainig freagairtean as gach ceàrnaidh. AsFort William, Ontario, sgrìobh Dòmhnall Màrtainn:—

[Dealbh]
Aonghas Macleoid



[149]

Bann le tlachd a leugh mi gum bheil enur beachd clàir Ghàidhlig a chur amach. Tha iarraidh mhór air clàir den t-seòrsa ann an Canada agus ann an Ameireaga, agus tha mi cinnteach gun teid gu maith leibh. Cuiribh sìos mainm-sa, agus feuch gun toir sibh dhuinn uair-eigin clàr de dhòrain luaidh a Leódhas . . . .”

Chuir Ealasaid Cowie fios a Connecticut:—

Cuiribh thugam fear de na clàir aig Aonghas MacLeòid, agus, mas urrainn dhuibh, thoiribh dhomh eadar-theangachadh de na h-òrain aige, oir chan eil Gàidhlig agam ann . . . .”

Sgrìobh Dòmhnall MacAsgaill a Nyasaland ann an Afraca:—

Cuiribh thugam fios mu gach clàr Gàidhlig a sibh . . .”

Agus thuirt Lloyd Leland aPennfield Ridge, New Brunswick:—

Tha feum mhór air clàir Ghàidhlig, agus is annna làn àm a tha sibh adol an greim. Feuch gun cuir sibh thugam a h-uile gin de dhòrain Aonghais MhicLeòid, agus feuchaibh gun dean sibh, uair-eigin, clàir de fheadhainn de na mith-òrain Ghàidhlig. Buaidh agus piseach leibh . .”

Agus mar sin air adhart. As gach ceàrnaidh tha litrichean atighinn leis gach posd anochdadh gu bheil daoine toilichte an cothrom fhaighinn aon uair eile air òrain Ghàidhlig a cheannach.

ThaGaelfonnadeanamh strì òrain de gach seòrsa a chur amach. Air gach clàr, bithidh òran aotrom agus òran mór (no òran tomadach air choir-eigin) agus, leana beag is beag, tha dòchas gun dean iad clàir de cheòl Gaidhealach eile cuideachd. Tha sinn uile an dòchas gun teid gu maith leis an fheadhainn a tha air cùl gnothach.

[Sanas]

titleGaelfonn
internal date1955.0
display date1955
publication date1955
level
reference template

Gairm 14 %p

parent textGairm 14
<< please select a word
<< please select a page