[151]

Gnothaich Bhoireannach

Le MURDAG NICCOINNICH

FAODAIDH na fasanan as ùra bhith an cuibhrionn gach san lathan diugh. Tha na boireannaich air fàs gu math nas tuigsinnich agus nas seòlta mu bhathar fasanta agus nas ealanta mu chaitheamh an cuid airgid. Cha e idir an as daoire còmhdach as nòsail, snasail. Saoileam gu bheil sinn gu mór ann an comain luchd deilbh, dèanamh agus reic nam fasan airson cho reusantas a tha am prìsean.

Aig stairsneach agheamhraidhs e cota-mór ar prìomh chùram. Ged is furasda bhith sgeadaichte gu rìomhach san t-samhradh, tha bhith seasgair, blàth agus taitneach air an t-sùil nas fhasa ràdh na dhèanamh an dòmhlachd agheamhraidh. Tha taghadh achota-mhóir geamhraidh, ma , car coltach ri bhith an tòir air ionad còmhnaidh. ’S annna bhroinn a gheibhear muinghin car móran den aimsir a tha romhainn. Feumaidh e bhith comhfhurtail agus snasail, oir is tric a chì an saoghal mór e. Is math as fhiach e saothair anns acheannachd. Feuch mas bi cabhag oirbh! ’S e cheist am bheil e freagarrach ris achor beatha, no ris aghnè oibreach is teachd an tìr, a cheart cho math ris an sporan agus achruth.

Tha gach seòrsa bian gu ro fhasanta am bliadhna. Gheibhear e air pòcaidean, bun-dùirn agus coileirean. ’Se craiceann an dobhar-choin as buileach cleachdail.

[Dealbh]

Chunnaic mi coilear dheth air achòta fharsuing shnasmhor so. Seallaibh mar tha na putanan an cruthle aon shuas faisg air an amhaich agus adol nas fhaide bho chéile mar tha iad ateàrnadh. Abair gu fuirich am fear-sa dùinte teann am fiacail na gaoithe. Còta bean an tighe tha so, agus i steachs amach gu daonnan. ’S e phrìs ochd ginidhean.



[152]

[Dealbh]

Bha lìnig de rùsg uain molach geal anns achòta ghlas so agus cha robh e idir tomadach. Nach grinn an shreath de ghreimean fuaigheil geala tha mu na h-uinnlean, mu bhàrr nan guaillean agus mu na pòcaidean. Brod achòta tha so don te leis an toil móran ùine chaitheamh amach a dorusfiach naoi puinnd Sasunnach.

Tha na còtaichean farsuing anabarrach freagarrach don te aig a bheil móran suidhe ri dheanamhna cota-mór, oir cha deanar làrach suidhe annta clisg; ach ged is e an cruth leathann as gnàthaichte an dràsda chunnaic mi còta snog ann an cumadh na bana-phrionnsa, mar their iad.

[Dealbh]

Cha teid e so air muin cus aodaich ach tha an t-aodach clòimh a thann fìor-bhlàth le coilear leathann thar nan guaillean agus sreath phutanan eireachdailga dhùnadh. Am measg iomadh dath eile bha an còta so air dath aghobhainn-uisge air deich puinnd Sasunnach.

Tha a h-uile gnè clò fasanta an tràth so anns gach ball trusgain. Tha DANNIMAC air eadhon an clo-mór a chleachdadh. Gheibhear a nis còta den chlo-mhóir agus adna chois air an deanamh buileach dìonach on tuil. Don te nach urrainn iomadh còta fhaotainn, tha DANNIMAC air leth feumail. Bho làimh brod nan tàilleirean, an dathan càileir, cha dearg an t-uisg orra agus tha cuid dhiubh le lìnig a ghabhas carachadh a rèir ar deòin, le bann fighte mu chaol an dùirn. Tha iad cuideachd acur amach còtaichean cloinne a tha cheart cho taitneach, agus cuimseach am prìs.

Air sgàth ùghdarrais a thoirt do na bha min dùil a sgrìobhadh mu na fasanan chaith mi greiseag tìde acòmhradh ri fear leis a bheil, agus a tha aig mullach cinn, bùth as toil leis ainmeachadh mar teis



[153]

[Sanas]



[154]

meadhon mìle nam fasan an Dun-éideann; ’s e sin bùth Greensmith Downes. Tha Caiptean Downes astrì ri cur air adhairt nan gnàthan fasanta an Alba. Chan eil Gaidhealach fada bho chridhe, agus tha dlùth aithne aige air eileanan agus tir-mór taobh siar agus tuath ar dùthcha. ’Na bharail-san, a tha cho tric an comunn bhoireannach maiseach, nòsail, tha na mnathan Gaidhealach comasach air seasamh ri taobh an leth-bhreac feadh an t-saoghail mhóir. Dhfhaodadh iad a bhith cho fasanta, oir tha iad mar is tricnas bòidhche, le snuadhan fìnealta, deudan dreachail, cuailein fhallain agus gun teagamh sam bithnan athais nas tarruinnich sùghach; ach biomchuidh dhaibh barrachd suim a churnan trusgan, iad a bhith annasach car àm agus an còmhnuidh grinn.

A nis, feumaidh sinn aideachadh gum bàbhaist don bhan-Ghaidheal a bhith ro thogarrach air i fhéin a sgeadachadh ann an ceairt chruth agus samhla a coimhearsnaich. Is iomadh sgillinn ruadh a choisinn an deònachas sin don luchd-reic a thuig gu tràth gum bu mhór a bfheàrr le Mòr an aon seòrsa còta ri Ceit. Tha an so acaochladh.

Thogadh dealbh nan cóignear mhnà so air an ath dhuilleig mu choinneamh bùth Greensmith Downes. Thagh mi an dealbh a measg dòrlach mhath air sgàth gum faic sinn ann culaidh eudaich, freagarrach airson gach àm is tuiteamais, gun aon diubh ro iomallach sachruth. Chan eil càil a mhath don chuid as motha na fasanan a tha gu tur neo-àbhaisteach a chleachdadh. Faiceamaid air an làimh chlì cho àluinns a tha an coilear agus na pòcaidean. ’S ann am bòidhchead an aodaich do-lùbach a chuir am fear deilbh earbsa. Bhiodh treallaich a chur air aghùn sràid so mar òrachadh an lilidh. Ach ge be gùn do obair ghréis no brat òir luachmhor e, cha bhi abhean-caitheamh fasanta mur eil a brògan, ’s a stocainnean, a miotagan, ’s a h-ad, eadhon gach a bhios an cois an trusgain air an taghadh acheart cho ealanta ris aghùn. ’S ann dubh a tha gach eile air achaileig nòsail so.

S e sgiorta chumhang a tha anns an dara deise. An tug sibh an aire nach eil ball anochdadh fon t-seacaid ach sreath neamhnad? Than ad bheag dlùth don cheann. Mus leugh sibh so, ’s e mo bharail gum bi seacaidean mar as trice ainnleathann, sìmplidh, fada sìos thar ceann nan sliasad, le crios caol leathair gu minig mun mheadhon agus móran phleatan no pailteas tarruing làn anns an sgiort.

Tha an treas ghùn de shìoda molach dubh. Nach eireachdail cho sìmplidh réidhs a tha e, ìosal aig abhroilleach. Tha sreathan neamhnad aice mu h-amhaich, aguss ì dhfhaodas, oir tha a muineal fada. Feumaidh te na h-amhaich ghoirid a bhith air a faicill. Is mór as fheàrr dhì-se a muineal fhàgail lom. Ged a thachaileag-sa an ìre mhath àrd, tha cnaipean àrda air a brògan.

Do na mnathan as sine, bhiodh an ceathramh gùn fìor iomchuidh ann am móran thuaran dreachail, càileir, le muilichinnean gu dìreach thar na h-uillne, agus a rìs tha gach na chois dubh.

Anns achóigeamh gùn chì sinn aon uair eile sìoda-gréiste bòidheach, neo-thruaillte. Tha iomlanachd sachruth nach fheum sgeadach-



[155]

[Dealbh]

adh sam bith eile. So an dearbh thrusgan don te air an bheil guaillean agus muineal fìnealta bòidheach.

Their iomadh lighiche tric gu leòir nach eil ìocshlaint a ni togail misnich boireannaich cho éifeachdach, ri culaidh ùr, no eadhon ad ùr, gu h-àraid, ma tha fios math aicena cridhe nach eil an sporan da-rìribh comasach air na phàidh i oirre.

Ann am beachd Chaiptein Downessean shaighdearchan e na mnathan a mhàin, ach na fir, a thafaighinn misneachd agus togail meanmna nuair tha na boireannaichgan cur fhéin gu saothair a bhith sgeadaichte fasanta, dreachail. Gu dearbhs ann thuirt e gum be dleasdanas nam ban a bhith còmhdaichte cho sgiamhach, grinn, ’s a ghabhas a bhith gu sònraichte nuair tha an obair latha seachad. Na -chuimhnicheadh iad na cnaip chaola àrda bharrachd, oirs truagh achas nach dèan iad-san nas grinne.

Chì sinn anns an dealbh eile gùn feasgair a bheirnar cuimhne Eilidh Bheag nan Eubhlan. Seallaibh a rithist cho sìmplidhs a tha e air a dheanamh den t-sìoda ris an abrarorganzaair uachdair cota-bàn farsuinn de sheòrsa sìoda soillseach(taffeta). Cluinnear achaileag so atighinn da-rìribh, agus an nighean nach dùraich trusgan àillidh samhail so air coinneamh Nollaig na BliadhnUir! ’Se so cruth a dhfhaodadh i chleachdadh troimh iomadh aimsir gu fasanta, snasmhor. Rabhadh, ma tha sibh an dùil gùn fada feasgair a cheannach, ged tha na dathan boillsgeach taitneach car greis fasaidh neach gu luath sgìth dhiubh, agus tha an t-uabhas anns na bùithtean de dhfheadhainn shaora le cosmhuileachd chlachan luachmhor nach fhiach an dara sealladh.



[156]

[Sanasan]



[157]

[Dealbh]

Dhfheòraich mi den chaiptean mu àite achlo-mhóir sna fasanan. Ma tha brod an tàilleir agaibh agus mur eil an clò ro throm is snasail e gu dearbh; ach feumaidh e an deas thàilleireachd gun cus dòmhlachd. Gun teagamh chan eil e soirbh gun a bhith tomadach sachlo-mhór throm.

Dhaontaich mi ris gu dearbh an uair a thuirt e a rithist is a rithist gu bheil an trusgan as cosdail atighinn gu neo-ni le brògan -iomchuidh, le miotagan -dhreachail no le ad mhì-cheutach. ’S e an te a bhios fasanta, speisealta an te nach eil leisg air aire fhaiceallaich a thoirt air gach a thadol an cois an trusgain, nach dearmad an gùn saor ma tha e air a bhrod ghearradh de aodach earbsail, agus ma tha gach ballna chois iomchuidh freagarrach.

Is e an droch shàbhaileadh aodach saor fhaotainn don chloinn. Tha deagh fhios agam gu bheil iad afàs ann an aithghearr. Chan eil samhailLINDSAY MAIDra cheannach. Tha còrr agus òirleach air gach fàitheam aig meadhon agus muilchinn, nach feum buille ach an leigeil sìos no mach. ’S e an t-ionnsachadh òg an t-ionnsachadh bòidheach agus feuchamaid ri so a chumailnar n-aire mar tha na caileagan beaga ri fàs. Chan fhaicear nighean bheag gun ghuailleans gun ghàirdeanan àluinn. Bu chòir dhuinn a bhithgam faicinn nas trice.

Millidh stocainnean grannda an culaidh as taitniche agus tha na stocainnean nylon doirbh an cumail slàn. Gheibh sibh a niseNYMOORann am botul. Cuiribh làn spàin bhig ann am pinnt bùirn agus fàgaibh am bogadh iad fad chóig mionaidean. Teasraigidh so phaidhir bho gach sracadh agus meudaichidh e am beatha.

Ma tha sibh ealamh, clis air na bioran tha gach ball aodaich fighte gu ro chleachdail. Tha eadhon snàth a dhfhigheas an samhla cló cnapach ra fhaotainn. Ma tha sibh den ghnè nach bi blàth uair sam bith le guaillean rùisgte, fighibh guailleachan fada le fraoidhneas (stole) le snàth òir air oibreachadh troimhe agus bithidh sibh snasail, clùmhar.

Facal anns an dealachadh, ged theirear gun dean itean sgéimheach eòin ghrinn, chan eil sgàthan ann as earbsail na sùil bana-charaid dhìleis.



[158]

Facal mu shanasan-reic anns an àireamh so

Is iomadh rud a dhfhaodas a dhol ceàrr anns achidsin uair sam bith, ach, aig àm Nollaige, ’se briseadh cridhe a thann ma théid cuisean cudthromach, leithidPlum PuddingagusMince Piesa Thigh Iain Ghròt. Fhuair sinn litir bho ChlannIcDhonnchaidh ann am Baile Phàisliga tha air a bhith acumail shanas-reic ri Gairm bhon a thòisich sinnag iarraidh oirnn a chur an cuimhne ar luchd-leughaidh gun cùm iadsan mìlsein Nollaige fo gach cùlaig ann an Alba. Tha sinn daonnan toilichte iomradh beag a thoirt air feadhainn a bhios acumail taice ri Gairm, agus tha sinn an dòchas gun cùm ar luchd-leughaidh cuimhne air na buidhnean a tha acur amach airgid air sanasan anns na duilleagan so.

Am measg an fheadhainn sin cuideachd, tha buidheann Watson airSt . Vincent Streetann an Glaschu. Is math as fhiach iadsan an ainmeachadh, oir is e rud annasach a tha iad atairgsinn. Chan e mhàin Litreachain (noType - writers) a tha iadsan acur for comhair an turus so, ach innealan recòrdaidh. Tha iad acur am follais gum bitheadh na h-innealan so fìor fhreagarrach, agusnan cuideachadh mór, do sheinneadairean a tha ag ullachadh airson aMhòid. So an aon dòigh anns an urrainn duine e fhéin a chluinntinn dìreach mar a chluinneas càch e, agus shaoileamaid nach bu mhisde feadhainn der seinneadairean sin.

Chan fhada gus am bi daoine atòiseachadhma tha iad adol a thòiseachadh idirair pent a chur air na ballachans air na dorsan a tha acur feuma air. An diugh, is iad na boireannaich gu tric a bhios adol an greim aghnìomh so, oir tha am penteadh air fàs cho furasda leis na stuthan mìorbhuileach a tha rim faotainn. Thoireabh an aire ma tha sibh ann an tigh ùr, agus afeuchainn ri pent a chur air balla plastair. Tha ola anns aphlastar a tha buailteach tighinn an uachdar agus am pent a chur bho fheum. Air duilleig eile, chì sibh iomradh airFabriguard”—pent a tha, a réir an fheadhainn a thaga dheanamhacur casg air an ùilleadh sin, agus tha e coltach gum faodar a chàradh air balla plastair no sement aon uairs gum bheil am balla da sheachdain a dhaois. Rud eile mu dheighinn amFabriguardsocha toir e ach ceithir uairean an uaireadair atiormachadh, agus faodar a ghlanadhs a sgùradh aon an déidh dhuibh a chur an greim.

Tha sinne uile acur fàilte airGaelfonnair a bheil iomradh air duilleig eile an so, ach ged is ann ri clàir Ghàidhlig a tha iadsan gu bhith strì, bithidh reic is sireadh fhathast, eadhon am measg luchd Gàidhlige air clàir Bheurla. Tha Mgr. Seumas Scotta tha air a bhith acumail shanasan-reic ri Gairm bhon a thòisich sinnatoirt fios gu bheil esan a nise gu bhith a reic chlàr a thuilleadh air na h-innealan dealain a tha e air a bhith acumail for comhair thuige so. Mar a thuirt sinn mar thàis airidh an fheadhainn a tha acumail tacsa ri Gairm, tacsa a chumail riutha.

title“Gnothaich Bhoireannach”
internal date1955.0
display date1955
publication date1955
level
reference template

Murdag NicCoinnich in Gairm 14 %p

parent textGairm 14
<< please select a word
<< please select a page