[163]

Turus Do’n Spainnt

(1) NA TAIRBH
(earrann de litir)

bho MHURCHADH MOIRREACH

CHAIDH mi a Bharcelóna aon a dhfhaicinn beagan den bhaile agus gu h-àraidh an t-sabaid-tharbh. Chuala mi na h-urad mu dheighinn i sins gu robh mi airson faicinn le mo dhà, shùil an robh cridhe an Spàinntich cho eadar-dhealaichte ri ar cridheachan fhìn a thaobh co-fhaireachdainn ri duine is ri ainmhidh. Bha an bhann bruitheil ga riribh. Adol don bhaile san trèine bha gach fear ach beags a sheacaid dheth agus sruth falluis o mhalaidhean. Nuair a ràinig sinn am bailes a bhrùchd sinn amach as an trèine, mhothaich mi gu robh am mórshluagh adol air an aon siubhal ruinn fhìn. Ghabh móran aca na tramachan móra, ach o nach robh fhios againne càite an robh iad adol lean sinn òirnn acoiseachd gusna ràinig sinn ar ceann-uidhe, agus be an t-astar sin an aon mhìle a bfhaide a choisich mi a riamh. Ged a bha sinn rudeigin tràth, chaidh sinn asteach, is chùm sinn sùil fhosgailt ris na bha tachairt.



[164]

Bha an togalach anns an robh an tarbh-shabaid ri a cumail air chumadh cuaich mhóir fhosgailte, shaoilinn mu cheud slat a liad aig a mullach agus còrr is leth-cheud slat anns abhuaile san robh an tarbh ri a chluich. Bha na suidheachainachlach chruaidh— ’nan cuairtean timcheall air abhuaile sos ag éirigh, ruith air ruith, gu bil-àrd abhalla, a bha suas ri ceud traigh a dhàirde. Ghabhadh an t-àite na mìltean.

Fhuair sinn àite-suidhe anns achóigeamh no an sèathamh sreath, ri aghaidh gaoitheged nach robh móran ann dith sinagus air chùl gréine, an dearbh thaobh a dhiarr sinn, oir ged is e am feasgar a bhann, bha teas mór fhathast anns aghréin. Thòisich daoine atighinn asteach, ’s nuair a thòisich, cha robh na suidheachain fada gun an lìonadh. Bha an taobh air an robh sinnetaobh na sgàilelàn chun amhullaich, ach cha robh an taobh eile buileach cho dùmhail. Agus be sin an sealladh! Cuid air an éideadhnan trusgain feasgair, na mnathan ann arìomhachas ghùintean de gach seòrsas de gach dath, móran ann á dùthchannan céin (len gabhail air an éideadh), cuid dhiubh mar sinn fhìnnan tuathaich air chuairt, a thainig a dhfhaicinn an aoin seallaidh as nàiseanta don Spàinnt, ’s achuid mhór aca air an éideadh cho sìmplidhs a leigeadh teas na gréine, an nàire fhéin agus lagh theann na Spàinnt leotha.

Mar cheann air gach bha àrd cheann suidhe roinn Bharcelóna den dùthaich, e-fhéin no fhear-ionaid, ’s cha robh ceumga thoirt am phéusan no foillsean na sabaid ach le òrdugh-san. Aig an àm shuidhichte thug esan cead an fhéisd fhosgladh. Shéideadh trompaid, is thainig gach duine aig an robh gnothach rithe a steach air dorus-taoibh, cuid air eich is cuid air chois, gach fear air a rìomhadh an trusgan lainneireach ioma-dathach, gu h-àraidh iadsan a bha adol a chumail aghaidh ris na tairbh. Chaidh iadnan triall timcheall na buaile, is nuair a fhuair an mhaor dhubha a bha marcachd air thoiseach iuchair crò-nan-tarbh bhon cheann-suidhe, chaidh iad amach.

Cha robh am fear mu dheireadh ach gann as an t-sealladh nuair a shéid an trompaid a rìs, is mus do shìolaidh am fuaim mu na ballachan, sud tarbh mór dubh a mach as a chròna dhearg leum. Stad e, is le cheann uallach, móralach is sealladh sgianachna shùil, sheall e an cridhe na gréine is air na bha dhaoine an cuaich mhór na togalaich, is mar gun gabhadh e eagal thug e asna chruaidh leum. Ach an sin dhearc e air aghille stàtail a bha gu coinneamh a thoirt dha. Ma dhearc cha bann gu sìth a chaidh sin don tarbh: le spàrn is ùtarrais eagalaich rinn e as a dheidh is earball dhan adhar, an rùn reubadh as a chéile sam bith a thigeadhna rathad. Cha burrainn duine beò seasamh ris, is ghabh an gille dìon air chùl còmhla mhór leathainn

[Sanas]



[165]

[Dealbh]

de bhùird làidir a thann a dhaon ghnothach airson àm den t-seòrsa. Bha dùil agam gum bristeadh an tarbh sìos roimhe gach dìon is eile, ach cha do bhrist, ged a rinn e a dhìchioll ris; ’s ann a thug an dian riag seòrsa de stàmhnadh air. Ghabh an gille fàth air sin gu thighinn amach le ceum stàtail, gun luaisgean gun chabhaig, a thoirt aghaidh dha. Bha brat aige, buidhe air an dara taobh is pinc air an taobh eile, ’s gach ionnsaigh a thug an tarbh air bha e acumail abhrait so ri aghaidh, is nuair a shaoil leat a bha an duine air adhaircean aige, ’s ann a bha esan air ceum beag grinn a thoirt a thaobh is thusa, a thairbh, a steach fo achlais. Thug an gille greiseag acluiche an tairbh mar sin, a dhearbhadh a mhisnich, a lùghmhoireachd is eòlais fhéin, agus afiachainn dòigh is gnè an tairbh a bha e gu shabaid gu bhàs.

Air don cheann-suidhe crathadh a neapaicean, sheinn an trompaid a rìs, ’s thainig fear air each a steach don bhuaile le sleagh thapaidh fhiodha aigena làimh is rinn stàillinn oirre mu thrì òirlich a dhfhad. Bha brat mór trom tiugh acòmhdach an eich air an taobh dheas, cha mhór chun a làir, agus an t-sùil dheas air a dalladh. Dhfhuirich am fear-sleagha (picador) faisg air iomall na buaile, is thionndaidh e an t-each a chumail na sùla doilles abhrait-dhìon ris an taobh muigh, agus sheas e an sin is math dhfhaoidte, airson nan tigeadh air, gun teàrnadh e e-fhéin le leum thairis air a challaid fhiodha a bha cuairteachadh na buaile. Chaidh aire an tairbh a thoirt chun amharcaich, is, ma chaidh, sud ena bhoile-chaothaich an cliathaich an eich, afiachainn ri a reubadh as a chéiles atogail a leth-deiridh uair is uair bhon talamh, agus sin a dhaindeoin is gu robh am picador, gu a chumail air ais, asàthadh na sleagha le uile neart am bac a ghuaillean; ach cha robh e coltach gun tug sin feac air aig an àm, ’s bha dùil agam uair is uair gum bitheadh an t-eachs an duine ri làr. Ach cha robh: bha am brat a bha còmhdach an eich cho tiughs nach dfhuair an t-each, cho fadas a chunnaic mise, dochann sam bith. Cha tug e fiù is breab no sitir as, dìreach mar nach bitheadh fhios aige bhag a dhiogladh: bha an t-sùil dhall eadar e is eòlas air a chunnard. Lean am fear-sleagha aditheadhs adinneadhs asàthadh na sleagha gusna lagaich an tarbh rud-eigin. Thugadh an sin aire an tairbh dhen each, is thòisich an toreador a rìsga chluich; fòil, lùghmhor, stàtail, cha robh cleas a baithne dha nach do dhfhiach e, air uairibh a’ “gabhailan tairbhs e-fhéin air



[166]

[Dealbh]

a ghlùinean no o chùlaibh, agus a dhaindeoin gach sian a chaidh air cha do shuath adhairc ann.

Thainig an sin a dhionnsaigh an tairbh fear gun chleòc gun bhrat gun eile ach gath anns gach làimh mu shlat a dhfhad (bandilleras) air an sgeadachadh an riobanan dealbhach. Nuair a bha e mu fhichead slat bhuaithe, thòisich ega shiùthadachadh, ach cha robh an tarbh ag iarraidh móran spreòtaidh, is sud sibh gu chéilenur deann, ach dìreach nuair a rinn an tarbh airson a thogail air adhaircean, thug mo laochan leum grinn thuiges gu thaobh le chasan righte sìnte, is shàth e na gathan am fìor mhullach a ghuaillean. Rinneadh so trì uairean, is shaoil mi nach robh car san iomairt cho snasail ri leum a bhandillero an aghaidh an tairbh, ’s gun dìon air ach a mhisneachds a shùils a lùghmhorachd fhéin. Mas ann a dhùsgadh a mhèinn a chaidh na gathan a chur ann, agus shaoileadh neach nach robh sin ri iarraidh, cha robh iad gun bhuaidh, oir nuair a thòisich an toreador a rìs acluiche an tairbh, bha aige ris gach cleas a bha aige a chur an gnìomh mas robh an tarbh stàmhnaichte gu leòir leis. Nuair a bhà, chaidh e a dhiarraidh air a cheann-suidhe cead abhuille-mharbhaidh. Fhuair e sin, is dhfhalbh e le ceum socair, flathail, is nuair a bha e faisg air meadhon na buaile, thionndaidh e trì no ceithir a dhuaireans a cheannabheart aigena làimh shìnte; choisrig e an tarbh do na h-uile bha làthair, is thilg e a cheannabheart thar a ghuailne air aghainmhich.

Ghabh e an sin brat dearg le oir fìllte mu luirg bhig fhiodha, agus le chlaidheamhna làimhs ega fhalach uairean an lùib abhrait, chaidh e a dhionnsaigh an tairbh, is cha robh stàtalachd is grinneas-char ann gus an sin. Chluich is chleas e an tarbh gu thogradh, ’s gach car is tionndadh ealamh, clis, deas, ach gun sheas an tarbh aon uair air a bhrat, ’s bha aige ri leigeil as. Ged a chaidh caol theàrnadh air, cha tug e aon cheum cabhagach as. Ruith na fir-chuidich a thoirt aire an tairbh thuca fhéin gus am faigheadh an toreador brat eile. Fhuair e sin, is nuair a shaoil e a bha an tarbh fo smachd aige is a chasan ceithir-cheàrnach air dhòighs nach burrainn gluasad gun fhios , chaidh e thuige, is shàth e an claidheamh, shaoil mi, mun t-shlinnean. On nach deach e domhainn gu leòir ann, tharraing e amach e, agus an deidh greiseag cluich eile, shàth e a rìs e, agus dhfhalbh a chasan tioram bhon tarbh is thuit e marbh. Nuair a shlaodadh achlosach amach, chaidh cluas dheth a thoirt don



[167]

toreador mar urram, is chaidh esan an sin timcheall na buaile ga nochdadh fhéin le mórghreadhn do na h-uile, is iolach àrd is bas-bhualadhga choinneachadh anns gach ceàrnaidh, cuid asadadh an adan, cuid gibhtean luachmhor air bith a nochdadh am meas a bhac air, ach chunnaic mi maoir-shìth adol air an dearg chaothach nuair a thòisich cuid den fheadhainn òg asadadh nan cuisionan thuige. Leum an sin sgaoth de ghlas-ghillean don bhuaile, is dhfhalbh iad leis aghaisgeach mhór air fras-mhullach an guaillean, oir chan eil dad ann as cliùitiche leothasan na urram amhatador (fear marbhaidh an tairbh).

Cha do lean an iomairt sin uile ach mu leth uair a thìde, oir chunnaic sinn sia tairbhgam marbhadh an aon fheasgar. Cha robh dol aig cuid de na matadors air marbhadh aithghearr, glan a dheanamh, ged a dhfhaodadh iad a bhith glé sgiobalt roimhe an sin, is chual iad air achluais bu bhuidhre aca an tàir-fheadalaichs an tàmailt a fhuair iad on luchd-amharc. nach dean am fear nach eil air an stiùir! Cha mhór nach robh cuid aleum a shealltuinn dhaibh mar bu chòir dhaibh snas achlaidheimh a nochdadh leis abhuille dheireannaich! Agus bodach as aithne dhomh fhìnnam measg!

An robh an sealladh brùideil? Saoilidh mi gu robh, ged nach téid an Spàinnteach leinn an sin. Co dhiù, tha fhaicinn aon uair gu leòir dheth, gu h-àraidh sàthaidhean aphicador. Ach tha mi toilichte gum faca mi e, ged tha mi duilich, a dhaindeoin fearalachd nan gillean, gu bheil na h-urad acur ùidh cho mór ann.

[Sanasan]

titleTurus do’n Spàinnt
internal date1955.0
display date1955
publication date1955
level
reference template

Murchadh Moirreach in Gairm 14 %p

parent textGairm 14
<< please select a word
<< please select a page