[173]

Stac Eilean Shanndaidh

Le DOMHNALL A. MACLEOID

ANN an Aireamh II de Ghairm tha cunntas air a thoirt le Iain Moireastan airMana an Nisichanns a bheil aon co-dhiùbh a tha airidh air an còrr beartachadh na gheibhear sna trì sreathan aig Iain Moireastan far a bheil e ag ràdh: “Tha cuid de na gugannan cho duilich faighinn thuca ris na maidean a chuir Dòmhnall Dòmhnallach Lìonailnam seasamh air Stac Eilean Shanndaidh” —Gairm II, t. d. 16. Nis, ged is e an tigh agam-sa aitreabh as fhaisg air Eilean Shanndaidh air mór-thir Dùthaichic Aoidhastar mìle air falbhcha chuala mi riamh roimhe ainm aghaisgich a rinn an gnìomh treubhantais bha sud, agus is math a bfhiach a chumail air chuimhne. Ach ged nach cuala miainm chunnaic mi an duine, agus an sgioba nuair thill iad on Stac, is mi còmhla ri mathair air an Eilean suas ri trì fichead bliadhnair ais.

Is iomadh uair a sheas mise fa chomhair Stac iomraideach Eilean Shanndaidh asealltainn maidean an Dòmhnallaich do luchd turuis a iomadh ceàrn a bhios gach bliadhna atadhal an Eilein a choimhead iomadh seòrsa eun-mara nach fhaicear ach gann an àite air bith eile. Tha na maidean adearbhadh gu soilleir gun deach an cur ann le làmhan duine, agus mar be so cha toireadh an luchd turuis bha mise atreòrachadh ach beag creideas do an sgeul gun deach duine riamh gu mullach an Staic.

Ach bithidh acheisd a nis ag éirigh an inntinn luchd-leughaidh ciamar a chaidh aig an Dòmhnallach air mullach an Staic a ruigsinn. Tha an Stac còrr air trì cheud troigh air àird, agusna seasamh an geodha rud-eiginn mar so: Ú. Chaidh ròp a tharruing bho sròin gu sròin den geodha agus thairis air mullach an Staic, agus air don Dòmhnallach a dhol null gu ruig an Stac air an ròp, air a làmhans a chasan, chaidh seòrsa de chreathall, no bascaid uidheamachadh air an ròp, agus mar so fhuaireadh dòigh air na h-uigheans na h-eòin a bha an Dòmhnallach acosnadh an lìonmhorachd a tharraing a null gu càch. Fhuair mise an t-iomradh so mu thimcheall deich bliadhnan deidh an àm o sgioba sgoth Niseach a chaidh a bhriseadh aig Eilean Shanndaidh is iad atilleadh o Shùlaisgeir. Bha dithis co-dhiùbh de sgioban sgoth so còmhla ris an Dòmhnallach aig an Stac.

titleStac Eilean Shanndaidh
internal date1955.0
display date1955
publication date1955
level
reference template

Dòmhnall A. MacLeòid in Gairm 14 %p

parent textGairm 14
<< please select a word
<< please select a page