Alasdair Grannd, Bard Mor an t-Slagain
Le EACHANN MACCOINNICH
RUGADH ALASDAIR Grannd no Bàrd Mór an t-Slagain mar a theirte ris le a chomh-luchd-dhùthcha ann an Geàrrloch a Tuath, beagan bhliadhnaichean roimh bliadhna Theàrlaich. B’ ann bho’n ghille a chompanaich nighean an Ridire Ghranndaich a phòs aon de thighearnan Gheàrrloch a shìolaich am bàrd. Tha Osgood MacCoinnich a’ toirt iomraidh air an teaghlach d’am buineadh a’ bhean-uasal so ’na leabhar“A Hundred Years in the Highlands. ”Faodaidh an leughadair aig a bheil ùidh anns a’ chùis so fios nas mionaidiche fhaotainn bho’n leabhar sin.
Fóghnaidh dhuinne an dràsda, gun do phòs nighean an Ridire Ghranndaich ceann-feadhna Chloinn ’ic Choinnich anns a’ bhliadhna 1640. Bhiodh e coltach gun robh an gille-flidir a chompanaich i gu Geàrrloch ’na dhuine tapaidh, treubhach. Bitheadh sin mar a bhitheas e, tha fios tre bheulaithris gun tug am Bard Mór barrachd air daoine a latha ann an cruth ’s ann an neart.
Cha robh am Bard ach ’na òige nuair a chaidh fhuadach a Tùrnaig air dha bhith air a ghlacadh ’s e a’ cumail teine ris a’ phoit dhuibh. Chan eil e mì-choltach nach robh na gàidsearan glé thric air a shàillibh oir tha bloighean de òrain anns a bheil e ’g innseadh gun robh e ’na chleachdadh aige bhith ’n còmhnuidh a’ deanamh uisge beatha dha fhéin. Tha fhios againn bho eachdraidh na h-Alba gum b’e Srath Spé agus na crìochan mun cuairt, earrann de’ n dùthaich anns am bu mhotha bha de dh’ uisge beatha ga riarachadh leis an tuath, agus ’s e beachd feadhainn a rinn rannsachadh air a’ chùis so gum b’ e am Bàrd Mór agus a dhaoine a thòisich air an obair so anns a’ cheàrnaidh tuathach so de Shiorrachd Rois. Tha ’m bloigh òrain a dh’fhàg am bàrd againn a’ toirt dhuinn dealbh de’n bhàrd ann an cor mhì-shunndach ’s e a’ gearan gu bheil “a bhotul dubh ’na thàmh ’s nach creideadh duine air an Fhàin, am bàrd a bhith gun dram aige.”
Bha mac a’ bhàird a’ cuideachdadh athar an uair a chaidh a ghlacadh, agus a chùm réite a dheanamh ris an riaghaltas tha iomradh ann gun deachaidh e an co-bhonn ris a’ chabhlach agus gu robh e ’na oifigeach fo Nelson aig baiteal Trafalgar.
Ochd bliadhna deug an deidh so, anns a’ bhliadhna 1823, chaidh am mac so a null do Chanada. Dh’ fhàg e Mealabhaig agus fhuair e an soitheach a bha gu thoirt a null, ann an Steòrnabhagh. B’ ann aig an àm so a sgrìobh am bàrd an rann a leanas:—
“Faigh a nuas am botul
A chuireas socan gun ghruaim,
Tha m’ inntinn-sa deònach
Dhol a sheòladh a’ chuain,
A dh’ ionnsaigh an àite
’S an do bhàrc am mór-shluagh,
Gu Eilean St. Màiri
Cha bhi màl air thoirt bhuainn.”
Ach ’s ann ris a’ Bhàrd Mhór e fhéin a tha ar gnothach-ne an tràth-sa. A thaobh a neirt chorporra tha dearbhachd againn gu robh e annasach. Tha ùghdar an leabhair a dh’ ainmich mi cheana—A Hundred Years in the Highlands—ag innseadh dhuinn nach robh ann an sgìre Gheàrrloch ach dà dhuine a phronnadh faochagan crom a’ chladaich ’nam mìn-mhìrean ’an duirn, agus b’ iad sin an ridire Eachann MacCoinnich, Triath Gheàrrloch agus Alasdair Grannd e fhéin.
’Na dhreach, a bharrachd air a àirde neo-chumanta, bha e ’na dhuine maiseach. Bha dealbh dheth air a tarruing a bha ri faicinn anns a’ chiad leabhar a sgrìobh Iain MacCoinnich. B’e so a’ chiad chlo-bhualadh de “Sàr Obair nam Bàrd Gaidhealach.”
Cha robh Alasdair Grannd cho ainmeil mar bhàrd ri Uilleam Ros no Alasdair Buidhe MacIomhair agus rinn e na bu lugha a dh’òrain na iad so. Bha móran de òrain air an tionail le Iain MacCoinnich, ùghdar “Shàr-Obair,” an uair a bha esan ris an obair sin, an deidh dha a leabhar a chlo-bhualadh, ach chaochail e mun deachaidh leis òrain a’ Ghranndaich Mhóir a chur ann an clò, agus chan eil fhios gu dé a dh’éirich dhaibh.
A dh’aindeoin sin faodaidh sinn ar beachd fhéin a bhith againn air a’ Bhàird Mhóir, tre’n t-solus a tha na sgeulachdan a tha fathast ri’n cluinntinn ’na sgìreachd a’ cur air.
Bha duine ann an Loch Carruin ri linn a’ bhàird agus tha e air aithris gun deachaidh mulchagan càise an t-samhraidh a ghoid as an t-sabhal. A nis bha iad a’ cur air a’ Ghranndach Mhóir buaidhean no comasan mì-nàdurrach a bhith aige, tre ’m b’ urrainn da rannsachadh mu nithean a rinneadh cheana agus cuideachd mu nithean a bha fathast gu tachairt. Dh’fhaodadh na buaidhean so, ma b’fhìor an sgeul, a bhith air an cleachdadh a chùm ciontach air bith fhoillseachadh do’ n mhór-shluagh. B’ ann a réir a’ bheachd so a chuir an duine sìmplidh còir so fios do’ n t-Slagain a dh’ ionnsaigh a’ Ghranndaich ag iarraidh air thighinn gu Loch Carruin agus am meirleach fhoillseachadh. Air ball thog am bàrd air a’ smuaineachadh gu robh so ’na chothrom annasach air sgillinn “onaireach” a chosnadh. Chuala ann meirleach gun deachaidh fios a chur air a’ bhàrd agus chuir so feagal a bheatha air, agus choisich e trì mìle amach bho’ n bhaile a h-uile là an dòchas gun tachradh e ris air an t-slighe.
Mu deireadh thall thainig an Granndach air fàire agus thuirt am meirleach ris: “Nach ann as an t-Slagain a thog thu ort an so?”
Dh’ innis an Granndach dha fàth a thuruis.” ’S mise matà an duine a ghoid na mulchagan càise agus bheir mi cóig tasdan deug dhut mur innis thu có rinn a’ mheirle.” “Cha robh teagamh sam bith agam nach bu tusa am meirleach,” arsa am bàrd, “ach innis dhomh càit an do chuir thu na mulchagan?” “A dhuine chridhe,” arsa an Carrunnach, “nì mi sin.” “Tha iad air am falach ann an cruach mòna air cùl a’ bhaile.” Chomharraich e mach dha an dearbh àite anns an robh an creach a thog e air fhalach agus dh’ innis e dha gu robh aon de na mulchagan a fhuair e nach robh anns a’ chruach sin idir oir thug e leis dhachaidh i. Fhuair am bàrd fios air na bha dhìth air agus gheall e do’ n duine nach innseadh e có bu ghadaiche
[Dealbh]
anns a’ bhaile, ’s thug e beannachd leis, an deidh dha a chóig tasdan deug fhaighinn—suim riaghailteach a dh’ airgead san latha a bh’ ann.
Rainig am bàrd tigh an fhir a chuir fios air agus an deidh dha a shàth a ghabhail an sin, chaidh iarraidh air le fear an tighe ainm a’ mheirlich innseadh, agus an t-àit anns an deachaidh na chaidh a ghoid a chàramh lorgachdainn amach. “Coma leibh ainm a’ mheirlich,” arsa am bàrd, “fóghnaidh e ma dh’ innseas mi dhuibh càit a bheil na mulchagan ri’m faotainn,” Bu bheag air fear an tighe nach fhaigheadh e amach có a rinn a spùinneadh, ach bha feagal air corruich a chur air a’ bhàrd ’s cha robh air ach gun do thog iad orra ’nan dithis, ’s fhuaireadh na mulchagan. Chaidh am bàrd dhachaidh là no dhà an deidh sin le ’chuid ’s le ’chliù.
Tha sgeul eile ri ’innseadh mu mhnaoi thorraich a bha an coimhearsnachd a’ bhàird a dh’fhaighnich ris an e nighean no gille a bha gu bhith aice. Thug e air a’ mhnaoi coiseachd a sìos agus a suas ’na làthair agus air dhi bhith a’ spaidsearachd air an dòigh so agus am bàrd a’ beachdachadh oirre dreiseag, thuirt e: “Is e gnothach duilich a th’ann dòmh-sa cinnt a bhith agam as a’ chùis so, oir an uair a tha thu a’ coiseachd suas saoilidh mi gur e gille a bhios ann, ach an uair a tha thu a’ gabhail sìos tha mi dearbhte gur e nighean a bhios ann.”
Dh’fhàgadh a’ chùis mar so agus chaidh an Granndach dhachaidh.
Cha b’ fhada gus an deachaidh a’ bhean aisead agus gu fortanach rugadh nighean is gille dhi. Fortan ann no as thugadh tuilleadh cudthrom do bhriathran an fhàidh!
Fóghnaidh sin de na sgeulachdan mu’ n Bhàrd Mhór.
Cha bhiodh cunntas sam bith mu bheatha Alasdair Grannd, cothromach no ceart gun chunntas a bhith ’ga thoirt mu na bha air aithris air ann an Canada oir b’ann gu Ceap Bhreatainn san dùthaich sin a chaidh a mhac agus a theaghlach.
’S math dh’fhaoidte gum b’ann san dùthaich sin a bhiodh, bho chionn grainn a bhliadhnachan air ais, cuid de òrain ri’m faotainn. Bu mhath nan d’rachadh feadhainn dhiubh a lorg.
Chaochail Alasdair Grannd anns a’ bhliadhna 1820. Chaidh a thiodhlaiceadh ann an clachan Gheàrrloch air sgàth iarrtais a mhnà a rugadh anns a’ Chaithir Bhig(Kerrysdale).
(Air Dòmhnall Moireasdan a bha ’na thuathanach ann an Druim a’ Choirc ri linn a’ Bhàird)
1. Latha féill an Dùin dhomh ’s mi cùnntadh nan dròbh,
Tionndan air mo chùlaibh bha m’ ionndrainn ro mhòr
An t-òigfhear foinnidh dealbhach a thachair air Féill Ghairbh mi:
Dòmhnall Moireasdan a b’ainm dha, b’e sealgair a’ gheòidh.
2. Sealgair eal’ is ròn thu ’s an dòbhrain fo thuinn,
Coileach dubh air mòintich ’s neul reòidht’ air a druim,
Nuair thadh’leadh tu air àthan le d’ mhorgh bu mhath do làmh air
Gum biodh am bradan cnàimh-gheal ’s a thàrr fos a chinn.
3. ’S math thig sìd a sheòid ort ’s a chòrr as a dhéidh,
Gheibh sibh dhe an aodach cho daor ’s a thig dhe féill,
Bho chùl do leadain dualaich sìos gho bann do ghualainn
Gur ainneamh fear do shnuadha, ’s gur uasail do shàil.
4. Cha robh càil na h-iargaltachd riamh riut a’ fàs,
Ach cridhe farsuinn fialaidh gu riarachdainn chàich,
Fiaghaltachd is còirsinn is gliocas mar bu chòir dha,
’S cha d’ aithnich mi riamh mòr-chuis no pròis riut a’ fàs.
5. Cha robh pròis no mòr-chuis a’ fàs riut a laoich
Ged is iomadh tràill anns an d’fhàs e maraon,
Fhuair thu cuid is àilleas is neart gu bualadh shràcan
’S mur teidear fada ceàrr ort b’e t-àbhaist an t-sìth.
6. Chì mi do thigh cùmhnaidh ’s a bhùth aig a cheann,
Luchd nam breacan dùbh-ghorm is stùic orra thall;
Cho gann ’s gum bi an cùinneadh bidh tusa steach air thùs dhiubh:
Deoch slàint’ an fhir nach cùmhnadh na crùin a chur ann.
7. Ach fhir a theid an Dìridh bi ìnnseadh mar thà
Dha’n fhear uasal, fhìnealta, is fìor-ghloine càil,
Gum bheil mi’n so ’nam ònar, gun duine thairgeas stòp dhomh,
Mur tarruing mi mo phòcaid ’s cha mhòr th’ innte ’n dràsd.’
title | Alasdair Grannd, Bàrd Mór an t-Slagain |
internal date | 1955.0 |
display date | 1955 |
publication date | 1955 |
level | |
reference template | Eachann MacCoinnich in Gairm 14 %p |
parent text | Gairm 14 |