Gliocas Nan Gall
Le FIONNLAGH DOMHNALLACH
CHAN EIL duine ciallach sam bith—no eadhon boireannach—aig nach eil fios gu bheil na Gaidheil mar shluagh fad air ais. Is fhada bhon a bha fios againne air, ach cha do thuig sinn riamh carson gus an do chuir Alasdair Domhnallach a Bòrnais a mheòir air cnag na cùise anns an litir a chuir e thugainn mu na rocaidean ann an Uibhist-a- Deas. Cus Gàidhlige! Sin an rud a tha ceàrr. Tuilleadh mór is cus.
Bha a’ Ghàidhlig math gu leòir ann an Gàrradh Eden—agus tha fios is cìnnt againn gur i a’ chànain a bha eadhon aig na h-eòin anns an lios sin—ach chan eil i math gu leòir anns an là ’s am bheil sinne beò an diugh. Mar dhearbhadh air sin, tha’n àireamh a tha ’ga bruidhinn—beagan is ceithir fichead mìle a thog i mun do ràinig iad aois no tuigse agus nach urrainn a nise a call ged a tha feadhainn aca a’ deanamh an dìchill. Tha sinn uasal as an fheadhainn sin—bithidh sinn ’gam faicinn uaireannan aig a’ Mhòd agus aig dannsachan Oidhche Shathurna ann an Aitreabh nan Gaidheal. Tha iad sin air gliocas a lorg, mar a rinn na h-èoin bho chionn fhada, oir càite an diugh a bheil eun aig a bheil Gàidhlig, mur a bheil guga no dhà air Sùlaisgeir.
Is e cho seann fhasanta ’s a tha sinn air a’ Ghaidhealtachd is coireach. Mar a thuirt sinn mar thà, bha a’ Ghàidhlig math gu leòir ann an Gàrradh Eden, aig teaghlach beag nach robh, cho fad ’s as aithne dhuinn, a’ deanamh siubhail. Teaghlach aig nach robh eadhon radio, ’s nach fhaca riamh dealbh Ameireaganach ann an Tigh Dhealbh. Ach chan ann mar sin a tha sinne. Tha sinn air ar cuartachadh le mìorbhuilean an t-saoghail mhóir, le radio agus telibhisean agus le rudan mar sin. Tha dealbhan Ameireaganach ann an Tighean Dhealbh air gach taobh dhinn, agus, le cion na Beurla tha sinn buailteach an fheadhainn as fheàrr dhiubh a chall, oir tha iad air an comharrachadh le litir nach eil idir anns an aibidil againn—an litir X.
Agus càite a bheil rudan againn anns a’ Ghàidhlig a chuireas sinn mu choinneamh nan tàlaidhean sin a tha ’gar buaireadh ann an cànain choigreach? Am bheil seinneadair againn a chuireas sinn mu choinneamh Seonaidh Réidh, ged is ann a Baile Màiri ann an Leódhas a dh’fhalbh a sheanmhair ri linn an Ath-leasachaidh. Càite am faicear caileag air cléith-luaidh cho snog ri Marilyn Nic-an-Rothaich, ged is ann a Camustianabhaig anns an Eilean Sgitheanach a theich piuthar a seanar an déidh dhith rud-eigin a thilgeil air polasman an uair a bha Batal a’ Bhràighe aig a theas. Am bheil aon“Teddy Boy”againn as fhiach an t-ainm? Am bheil comas aig ar fir feasgar socair a chur seachad a’ cur thasdan air cù no air each? Chan eil! Chan eil! Chan eil! Agus b’e sin an fhreagairt a gheibhinn ged a dh’ ainmichinn rudan ionmholta eile.
Tha e math gu leòir a bhith a’ bruidhinn ’s a’ faighneachd cheisd, ach dé tha sinn a’ dol a dheanamh mun chùis? Tha uallach òirnne
mu na rudan sin, agus tha uallach buileach oirnn nach eil An Comunn Gaidhealach a’ deanamh dad, agus nach eil coltas gu bheil eadhon Coimisean nan Croitearan a dol a ghabhail ùidh ann an dad ach croitean. An e seinn aig Mòid a’ Chomuinn a chuir Seonaidh Réidh far am bheil e? Agus an e idir idir croit a rinn a h-ainm do Mharilyn Nic-an-Rothaich?
Ach cha do chaill sinne ar misneachd, sinn nach do chaill, oir le bhith a’ beachdachadh air figeirean tha sinn air tighinn chun a’ cho-dhùnaidh nach eil a’ Ghàidhlig a’ searg idir—gur ann a tha i a’ sìor dhol o neart gu neart. So agaibh clàr-fhigeirean a chuir sinn an eagan a chéile an deidh móran sgrùdaidh agus rannsachaidh.
An t-àite A’ bhliadhna Aireamh an luchd Gàidhlige
Eden 1 1
Eden 2 2
Eden 3 3
Eden 4 4
Alba 1955 90,000
An e searg a tha na figeirean sin a’ dearbhadh? Chan e idir, ach cànain a tha a’ dol bho neart gu neart. Gu dearbha, mur a tig atharrachadh mór air a’ chlàr ud shuas ann am beagan bhliadhnachan, ’s ann a dh’ fheumas sinn smaoineachadh mu chomunn air cho-eigin a chur air chois gus a’ Bheurla a chuideachadh, agus Gairm a chlo-bhualadh ann am Beurla, le leasanan. Ach cha leig sinn leas sealltainn cho fada air adhart an dràsda. ’S fheàrr dhuinn tilleadh chun a’ chuspair.
Chan eil, mar a thubhairt sinn, ar cuid fhéin againn de mhaitheas an t-saoghail ann an Gàidhlig an latha an diugh. Anns na h-àireamhan de Ghairm a tha air thoiseach oirnn (chan urrainn dhuinn dad a dheanamh mu chàch—tha a’ chuid as motha aca air reic) tha sinn a’ dol a dheanamh oidhirp rudan beaga, feumail, a theagasg do ar luchd leughaidh gus am fàs iad rud-eigin coltach ri mór-shluagh an t-saoghail. (A nise, na biodh eagal sam bith oirbh roimh leasanan—cha dean iad dochair sam bith. Tha luchd Beurla air a bhith a’ leantainn nan leasanan aig Jake Dòmhnallach bhon a thòisich Gairm, agus tha am Beurla cho réidh, siùbhlach ’s a bha i riamh.)
So mar a tha sinn a’ dol a dheanamh.
Ann an àireamhan na h-ath-bhliadhna, bithidh comh-fharpaisean beaga againn mar a bhios aca anns na paipearan naidheachd, le duaisean. Mar so.
(1) Duais airson ainm agus dealbh an Uibhistich as coltaiche ri (a) Groucho Marx, (b) Rìgh Farouk, (c) Dòmhnall Donn.
(2) Duais airson (a) òran mór, (b) òran beag, bìodach.
(3) Duais airson (a) fear a chunnaic leth-uair de’n Mhòd air telibhisean (b) boireannach aig am bheil an dà shealladh a h-uile feasgar Di-Ciadainn.
Agus mar sin air adhart . . . .
Sin beagan de na rudan a tha a’ feitheamh oirbh anns na Gairmean a tha air thoiseach oirbh, agus tha sinn a’ gealltainn nach tuit a’ phrìs fo leth-chrun. Bithidh sinn cuideachd a’ toirt cuiridhean do sgrìobhadairean Gàidhlig ainmeil gus naidheachdan a thoirt dhuibh air cuspairean cho eadar-dhealaichte ri “Mar a dh’fhàs mi reamhar le bhith ag ithe buntàta” agus “Mar a dh’fhàs mi caol le bhith ag ithe buntàta.”
Ach, air adhart sinn gu cuspair na ràithe so.
Am bliadhna, tha An Nollaig gu bhith air a cumail air a’ chóigeamh latha fichead de’n Dùdlachd, agus, an uair a chuala sinne so air Iomradh Gàidhlig a’ Bh. B. C., bhuail e oirnn gu bheil na Gaidheil—ri linn a bhith cho fad air ais ’s a tha iad—fada air dheireadh air sluagh an t-saoghail mhóir ann a bhith a’ toirt seachad ghibhtean aig àm na Nollaige. An uiridh, mar eiseamplair, cha do ràinig dad oifis Gairm ach aon phasgan a chaidh iomrall anns a’ phost, agus seachd litrichean bho fheadhainn a bha ag iarraidh an cuid airgid a thilleadh thuca seach nach d’ fhuair iad Gairm an fhoghair mun do thog iad am buntàta. Tha aobhar air a so, agus tha sinn mionnaichte gur e an t-aobhar gainne an airgid.
Uill, tha e furasda gu leòir airgead a dheanamh. Tha na Sasunnaich ’ga dheanamh. Ciamar? Tha leis gum bheil iad cho math air a’ Bheurla agus gum bheil iad a’ buinneig nam “Pools.” Tha sinn, matà, a’ dol a thòiseachadh air “Pools” Ghàidhlig, agus, anns a’ chiad dol amach tha sinn a’ dol a litreachadh an fhacail ann an riochd Gàidhlig, mar is minig a bhios sinn a’ deanamh le facail eile. Mar so— “P-U- L-S. ” Nach eil sin cho Gaidhealach ’s a throgras sibh?
Chan eil teagamh sam bith againn nach bi na Gaidheil cus nas sgileile aig na Pùls na tha na Goill. Agus innsidh sinn dhuibh carson. Tha tàlantan nàdurrach dual do’n Ghaidheal nach eil dual do a bhràithrean mu dheas. Canaibh, airson toiseach tòiseachaidh, an dà shealladh. Chan eil duine sam bith aig a bheil an dà shealladh nach fhaod na mìltean not a dheanamh a h-uile seachdain air na Pùls. Agus, rud eile—tha fàisneachdan againn air bilean an t-sluaigh fhathast a rinneadh bho chionn bhliadhnachan móra air ais, a tha ag innseadh na fìrinne a thaobh ball-coise mar a tha iad ag innseadh na fìrinne a thaobh rudan eile. Beachdaichibh air te de na fàisneachdan as ainmeile a rinn Coinneach Odhar riamh—tha fios aig gach pàisde sgoile oirre:—
“Thig an latha anns an toir balaich An Rubha buaidh air gillean a’ Phuill Duibh.”
Nach eil sin cho soilleir ’s a throgras sibh? Cho math ’sa chì sìbhse cuban (so a’ Ghàidhlig a bhios sinn a’ cur air“coupon”) le loinne mar so air—
Point , Lewis v. Blackpool
stobaibh sios 1 cho luath ’s a rinn sibh dad riamh.
Tha sin, tha sinn a’ smaoineachadh, soillseachadh gu leòir air a’ chùis. Ma dh’ innseas sinn an còrr, bithidh a h-uile duine agaibh a’ buinneig nam Pùls aig Gairm, agus ’s ann aig Sealbh a tha fios càite as an tig an t-airgead a phaidheas sibh uile. Ach na gabhaibh cùram. Duine sam bith a gheibh an cuban so ceart, gheibh e luach a shaothrach gun teagamh.
So na riaghailtean.
(1) Faodaidh duine sam bith Pùls Gairm a dheanamh, ach a mhàin ministearan. (Cha bhiodh e dòigheil dhoibh-san.)
(2) Lìonaibh an cuban mar so;—
I ma bhuinneagas aon taobh.
II ma bhuinneagas an taobh eile.
III ma bhuinneagas an dà thaobh.
V mar a buinneig taobh idir. ( ’Se X a bhitheas aca anns na Pùls Bheurla airson so cuideachd, ach, mar a thubhairt sinn mar tha, chan eil X ann an aibidil na Gàidhlig ann. Tha sinn a’ cumail ris na figeirean Ròmanach— ’se sin as coltaiche.)
(3) Tha ‘bh’ eadar dà ainm a’ ciallachadh ‘an aghaidh’ (Anns a’ Bheurla ’se ‘v’ a bhios aca. Ach ma thogair!)
(4) An uair a lìonas sibh an cuban, gearraibh as an duilleig e, a’ toirt an aire nach geàrr sibh an sgrìobhadh air taobh eile na duilleige. Tha e furasda gu leòir so a sheachnadh ma ghearras sibh an duilleag air a tighead le ràsar.
(5) Cuiribh thugainn an cuban troimh’n phost, mur a bheil duine as aithne dhuibh a’ tighinn taobh Ghlaschu.
(6) Cuiribh deich tasdain an cois a’ chubain, agus mar a bheil an cuban ceart cuiridh sinn thugaibh Gairm airson bliadhna. (Ma tha an cuban ceart cho toireadh sibh smugaid air deich tasdain co-dhiùbh.)
(7) Ma tha an dà shealladh anns an teaghlach agaibh, cha leig sinn leas an còrr riaghailtean a thoirt dhuibh. Mur a bheil an dà shealladh anns an teaghlach agaibh, fàgaibh an cuban far am bheil e.
(8) Bliadhna mhath ùr dhuibh.
[Sanas]
title | Gliocas Nan Gall |
internal date | 1955.0 |
display date | 1955 |
publication date | 1955 |
level | |
reference template | Fionnlagh Dòmhnallach in Gairm 14 %p |
parent text | Gairm 14 |