An Sgeilp Leabhraichean
The Island Hill,le Campbell Steven.
Clo-bhuailte, le Hurst & Blackett. 18/-
Bithidh móran de ar luchd leughaidh eòlach air an ainm aig Campbell Steven. Tha e daonnan a’ sgrìobhadh ann am paipearan naidheachd agus ann am mìosachain Albann—an còmhnuidh air an aon chuspair, beanntan agus eileanan ar dùthcha.
Is ann do Ghlaschu a bhuineas e, agus, mar sin, tha e nàdurra gur ann aig a dhorus fhéin, mar gum bitheadh, a thòisich e air a thurus. Thug e a’ chiad sgrìob gu Creag Ealasaid, agus tha e a’ toirt dhuinn iomraidh thaitnich air aon de na h-eileanan beaga as ainmeile ann an Alba.
Bho Chreag Ealasaid, tha an leabhar ’gar toirt gu Eilean Arain, agus, as a sin, gu Eilean Bhòid, agus, an uair sin, tuath gu eilean beag ainmeil Scarba far an do chuir Mairi Nighean Alasdair Ruaidh, a reir cuid, seachad làithean dubhach a fògraidh a Dun Bheagain. Bha mise riamh de’n bheachd gum b’ eilean beag, lom, fuar, Scarba, ach chan e sin idir an dealbh a tha an so, ach dealbh de eilean làn de fhéidh ’s de spréidh ’s dh’ ainmhidh, le daoine coibhneil ’ga chòmhnaidh.
Cuairt a Dhiùraidh. As a sin a Liosmór. Mar a tha Steven fhéin ag radha chan eil ainm air eilean Gaidhealach eile cho taitneach tarruingeach ris an fhear so, agus tha tàladh iongantach anns gach fuigheig de eachdraidh a tha co-cheangailte ris. Ach, mar a tha fìor a thaobh iomadh ceàrnaidh de’n Ghaidhealtachd an diugh, tha tighean a sìor dhol fàs air Liosmór, agus tha Steven a’ deanamh iomraidh air na togalaichean “fuaraidh, fàs” a chunnaic e air gach taobh.
Chan ann a mhàin anns na h-eileanan air a bheil sinn eòlach a thadhail an t-ùghdar so, ach anns na h-eileanan beaga bìodach far nach eil ’s far nach robh sluagh, oir tha e an tòir air obair nàduir mar a tha e an tòir air làmh-obair dhaoine. Fad an t-siubhail, tha a shùil air an taobh tuath, agus tha e a’ deanamh a shlighe troimh Mhuile ’s troimh I, troimh Rùm is troimh Eige agus suas do’ n Eilean Sgitheanach.
Is e caibidil cho taitneach ’s a tha anns an leabhar, an te mu dheighinn Eilean Shanndaidh mu’n bheil iomradh anns a’ Ghairm so air duilleig 173. Bha luairean a’ tighinn ’nam cheann a’ leughadh mu dheidhinn an Stac agus mu dheidhinn nan Leódhasach* a ràinig a mhullach air ròp a bha sìnte ceithir cheud troigh os cionn geodhaidh. Ged nach bitheadh aig Campbell Steven ach so fhéin, cha mhór nach b’fhiach“The Island Hills”na h-ochd tasdain deug.
* Faicibh t .d. 173
F. McD.
title | An Sgeilp Leabhraichean (The Island Hill) |
internal date | 1955.0 |
display date | 1955 |
publication date | 1955 |
level | |
reference template | Fionnlagh MacDhòmhnaill in Gairm 14 %p |
parent text | Gairm 14 |