[183]

The Ghost Book, ”le Alasdair Alpin MacGriogair.
Clo-bhuailte, le Raibeart Hale. 18/ -.

Cha chuala sinn móran mu Alasdair Alpin MacGriogair bhon a bhàth e a chliù ann am peileachan liùnn Steòrnabhaigh bho chionn beagan bhliadhnachan. Ach cha robh ena thàmh. Gu dearbha, chan eil móran sgrìobhadairean ann am Breatainn an diugh aig am bheil an coimeas labhairt a tha aige, agus, bhon a chuir e amach a leabhar mu na h-Eileanan a Siar, chuir e co-dhiùbh leabhar eile chun na beairt-bhualaidh.

Tha e duilich a thuigsinn a thachair do MhacGriogair. An uair a baithne dhuinn an toiseach e, bha e ealanta leis apheann agus leis achamara, agus bha móran de na ciad leabhraichean a sgrìobh enan tlachd an leughadh. Ach, bho chionn greise, tha gob a phinn air maoladh, agus tha na leabhraichean a tha e acur amach adol bhuaithes adol bhuaithe. A nise, tha e air tionndadh ri cuspair air an do rinneadh luadh tana fada mun do rugadh e. Na taibhsean.

Eadhon an diugh, tha feadhainnagus daoine glicenam measgadeanamh leth chreidsinn air taibhseireachds air shealladh, ach, mar is trice, tha eadhon an fheadhainn as dìorrasaiche caran sàmhach mun chùis, agus tha leisg orra móran a ràdha gun fhios nach deanar amadain dhiùbh. Ach chan e sin do MhacGriogair e. Theid esan, mar a their am facal Beurla, an comhair a chinn far an



[184]

teid na h-ainglean air an corra-biod, agus, anns an leabhar so, tha e acur for comhair eachdraidhean mhanaidhean agus thaibhsean cho dànas a chuireas Ollamhan eachdraidh Chuil-fhodair.

Tha an leabhar adéiligeadh ris an rìoghachd, gu léirbho Mhaighdean Ghlinn Dùrair (air an do chuir e fhéin eòlas tràth aon mhadainn) gu seann tigh Hampton Court far an robhas afaicinn taibhs gille frithealaidh bho linn nan creach. Sgrìob thalls a bhos, achse an rud as iongantaiche, nach eil e uair sam bith acur teagaimh ann an dad. Chan eil. Tha a h-uile dad cho fìor ris aBhìobull, agus, mar as trice, fóghnaidh e don leughadair gum bheil MacGriogairgan ràdha.

Their sinn so as leth an leabhair. Tha e atoirt leis cuid de na sgeulachdan thaibhsean as fheàrr a thagainn, agus bithidh feadhainn againn toilichte iad a bhith cruinn còmhla air ar sgeilpidh eadar clàran aon leabhair. Tha taibhs Loch-Buidhe an so. Tha sgeul ann air làraich spògan achoin shìth air tràigh Loisg-an-tìr anns na Hearadh. Tha iomradh ann air comhart achoin shìdh air cladach Haoineis ann an Tiridhe. Mas toigh leibh sgeulachdan den t-seòrsa sin, gheibh sibh an so iad. Agus chan e sin uile e. Ma tha sgeulachdan matha agaibh fhéin, tha MacGriogair atoirt cuiridh dhuibh an cur thuige, agus faodaidh sibh am fàgail aige-san gus an cur ann an leabhar. Tha e math air sin a dheanamh.

[Sanas]

titleAn Sgeilp Leabhraichean (The Ghost Book)
internal date1955.0
display date1955
publication date1955
level
reference template

Gairm 14 %p

parent textGairm 14
<< please select a word
<< please select a page