Domhnall MacPhail
Nach Maireann
Le IAIN MAC’ ILLE NA BRATAICH
“THA mise a’ gealltainn gum bi mi ’na mo shàr Ghaidheal cho fad ’s is beò mi.” ’Si sin a’ bhòid a chuir Dòmhnall MacPhàil air na mìltean de chloinn an uair a ghabh e iad mar bhuill de Chomunn na h-Oigridh. Bòid a chùm e fhéin gu dìleas gus an do sgar am bàs bhuainn e air Di-h- aoine, an 25mh de’ n t-Samhuinn.
B’aithne dhòmhsa Dòmhnall bhon a bha mi ’nam bhalach, agus ’se mo chiad chuimhne air an uair a bha sinn le chéile an sàs anns na ciad dhealbh-chluichean a chaidh riamh a chur air chlàr ann an Glaschu. Bhuaithe sin, chuir esan loinn air iomadh cruinneachadh agus céilidh le a naidheachdan éibhinn a dh’fhàg mios air anns gach ceàrnaidh. Anns a’ Ghairm mu dheireadh, leugh sinn dha no trì de na sgeulachdan sin, agus tha mi a’ creidsinn gur iad an fheadhainn mu dheireadh a sgrìobh e. Tha na Fir-Deasachaidh ag innse dhomh gum faic sinn, anns na duilleagan a leanas, mar a thaitinn iad ri a chàirdean lìonmhor air feadh na Gaidhealtachd.
Rugadh Dòmhnall ann an Dailmhàili ann an 1885, ach ged a bha e riamh an sàs ann an obair Gàidhlig b’ann ann an 1932 a chaidh e chun a’ Chomuinn. Dà bhliadhna an deidh sin, stéidhich e fhéin agus Seoras Gallda nach maireann a’ chiad Champa Comunn na h-Oigridh. Anns a’ chiad champa sin, lorg Dòmhnall a phrìomh shonas—sonas a lean e fad a bheatha fhad’s a bha gille beag no caileag faisg a mhìle dha. Ged a rinn e obair mhór as leth na Gàidhlige anns gach dòigh air an smaoinich duine, b’e Comunn na h-Oigridh agus teagasg na cloinne a bu dlùithe dha chridhe riamh. Agus cha b’urrainn càrn-cuimhne na b’ uaisle a bhith aig duine, na’n càrn gràidh air a bheil ainm sgrìobhte ann an litrichean Gàidhlig ann an cridheachan òigridh ar dùthcha.
title | Dòmhnall MacPhàil Nach Maireann |
internal date | 1955.0 |
display date | 1955 |
publication date | 1955 |
level | |
reference template | Iain Mac’Ille na Brataich in Gairm 14 %p |
parent text | Gairm 14 |