[123]

Na Rocaidean

Na làithean a dhfhalbh— ’s a shìor dhfhalbhas

RINNEADH móran còmhraidh agus othail mar thà mun ionad-rocaidean a tha luchd-riaghlaidh Bhreatainn an geall air a thogail ann an Uibhist-a- Deas. Chunnaic sinn e air a ràdh uair is uair anns na paipearan-naidheachd nach bu chòir bun no gnothaich a bhith aig Goill no aig Gaidheil a bha air thigheadas air Gallachd ris achuspair chudthromaich a tha so. Tha Gairm am beachd nach eil anns abharail sin ach dallbhrat a tha cuid asgaoileadh thar sùilean na feadhnach sin air Galldachd aig a bheil fhathast cogais a thaobh na Gaidhealtachd agus nan nithean a bhuineas dhi. Tha acheart uiread de chòir againne an so an Glaschu ar barail fhìn a bhith againn, agus a chur an céill, agus sinn sin. Ach cha thilg duine oirnn nach toir sinn seachad barail nan daoine a bhuineas do dhUibhist, agus a tha fhathast acòmhnaidh ann. Chuir sinn amach iomadach cuireadh ag iarraidh beachdan mun chùis, agus tha sinn acur an clò gach barail a fhuair sinn, ge be taobh air a bheil i. ’S e glé bheag de bharailean a chunnaic sinn adol an clò an Gàidhlig air achùis gu ruige so, ach so agaibh grunnan.

Ach an toiseach, cha bu mhisde sinn ruith thairis air abheagan fiosrachaidh a fhuair sinn gu ruige so as aPhàrlamaid ann an Lunnainn. Ann an Tigh nam Moirearan, o chionn mìos no dhà bhruidhinn am Morair Carrington air achuspair, agus dhinnis e na h-uiread so co-dhiùbh de na tha am beachd an luchd-



[124]

riaghlaidh a dheanamh a thaobh nan rocaidean ann an Uibhist agus ann an eileanan eile ann an Innse Gall:—

(1) Tha dùil aca an ionad-rocaidean a thogail air amhachair air taobh an iar-thuath de dhUibhist-a- Deas, faisg air baile Ghéirinis. Bheir so leis, a reir am barail an dràsda, 1200 acaire fearainn. An so bithidh an t-àite as am bi na rocaidean air an caitheamh, agus a thuilleadh air a sin tighean-obrach, tighean-stòir, beagan àiteachan-fuirich agus goireasan eile.

(2) Am Beinn-a- Bhaoghla bithidh àiteachan-fuirich na móir-chuid de na saighdearan is den luchd-cogaidh de gach seòrsa a bhios iomchuidh. Tha iad an dùil gum bi mu 1500 duine an so aig an aon àm aig achar as motha. Feumar cuid de thighean a leagail agus na h-uiread de thalamh-àitich a thoirt bho na croitearanis dòcha mu 70 acaire fearainn.

(3) Bithidh stéiseanan-ràdar air an togail am Barraidh, an Uibhist-a- Tuath agus air Hiort gus faire thairis air an ionad-rocaidean agus air cùrsa nan rocaidean amach gu muir.

(4) Bithidh raon-itealan air a chur amach an Sollas, ann an Uibhist-a- Tuath, do gach seòrsa itealain, le peilot no as aonais, air am bi an obair acur feum. Bheir so leis mu 500 acaire, agus cha bhi ach beagan dhaoine daonnan co-cheangailte ris an raon-itealan so.

S e sin amhór-chuid de na chaidh innse dhuinn gu ruige so mu mheudachd na h-oibreach. Tha sinn a nis atoirt seachad beachdan cuid de dhaoine ann an Uibhist air aghnothaich, agus an deidh sin bheir sinn seachad cuid de na beachdan a tha aig Gairm air.

titleNa Rocaidean (1)
internal date1955.0
display date1955
publication date1955
level
reference template

Gairm 14 %p

parent textGairm 14
<< please select a word
<< please select a page