Uibhisteach nach tug cead dhuinn ainm innseadh
— — —— a dh’aindeoin na leugh sinn, tha 90% de mhuinntir Uibhist air a shon.
Gheibh sinn rathaidean nas fheàrr, cidheachan nas fheàrr, is a leithid sin. Is dòcha ann an ceann deich bliadhna gum bi na rocaidean so air chùil an t-seanachais, agus gum bi làraichean sement air am fàgail air a’ mhachair, ach bithidh na rathaidean, na drochaidean is na cidheachan fhathast ri’m faicinn.
Chaidh móran a ràdh mu chànain is mu “chulture” nan Eileanan, ach thainig iad sin air uachdar an deidh dà chogadh agus an deidh do’ n R. A. F. agus do na Pólaich a bhith ann am Beinn-a- Bhaoghla rè a’ chogaidh mu dheireadh, agus chan eil mi ’n dùil gun cuir dha no trì rocaidean móran dragh air na gnothaichean sin.
title | Na Rocaidean (2) |
internal date | 1955.0 |
display date | 1955 |
publication date | 1955 |
level | |
reference template | Gairm 14 %p |
parent text | Gairm 14 |