Seumas MacGaraidh, California
165 Georgia Avenue, San Bruno, California.
’FIR MO GHRAIDH—Is e mo mhiann fhìn, agus tha mi cinnteach gur e miann gach Gaidheil as fhiach an t-ainm, fios a bhi aig na h-uile gu bheil sinn dìreach an aghaidh mì-naomhachadh ar cànain,
[Dealbh]
Alasdair Mac Dhomhnaill
agus léir-sgrios modhannan-beatha ar sluaigh, ’s am fàrdaichean ’s am fearann, agus eadhon an t-eilean fein, le acfhuinnean-cogaidh a tha coimheach do na Gaidheil a bhith air an togail air Eilean Uibhist-a- Deas, no an àite air bith air feadh na Gaidhealachd. Is e eòlas cumanta gur i Sasunn an aon nàmhaid a bha againn riamh, agus tha Sasunn an deidh ar cànain a mharbhadh as gu buileach.
Slànaidh Dia na tha air fhàgail dhuinn!
title | Na Rocaidean (3) |
internal date | 1955.0 |
display date | 1955 |
publication date | 1955 |
level | |
reference template | Seumas MacGaraidh in Gairm 14 %p |
parent text | Gairm 14 |