[134]

Alasdair Mac Dhomhnaill, a Bornais, an Uibhist-a- Deas

A rèir mo bheachd-sa, ma bheir iad leotha an talamh àitich is ionaltraidh as fheàrr an ionad-rocaidean call air na croitearan an Uibhist. Air an làimh eile is dòcha gum bi abhuannachd nas motha na bhios an call. Tha còir gum bi margaid nas fheàrr aig na croitearan anns an eilean airson bàrr na talmhainn. Gheibh sinn rathaidean nas fheàrr, cidheachan is drochaidean. Tha droch fheum aig feadhainn de ar bailtean air rathaidean gu h-àraidh, oir chaidh feadhainn de na thann an dèanamh do chairtean, o chionn iomadh bliadhna, agus chan eil seasamh aca ri innealan troma an -an-diugh. Ach anns na bliadhnachan ri tighinn, is sinn an crochadh ri daoine-uaisle Westminster, bidh dòchas againn gum bi cùisean nas fheàrr.

Tha gu leòir asmaoineachadh nach fheàirrde aGhàidhlig ui ead de Ghoill a thighinn don àite. A rèir mo bheachd-sa tha aGhàidhligna cnap-starraidh dhuinn nuair a thig oirnn a dhol amach air crìochan nan eileanan, mar a thig oirnn a dhèanamh o àm gu àm. Mar sin, ma bhios aBheurla timcheall orra, bithidh ena bhuannachd don fheadhainn òga, ma thig orra siubhal fada amach air na crìochan.

Tha mise trì fichead bliadhnas a h-ochd, ach tha mi an dòchas gum faic mi an t-ionad-rocaidean fo ghleus, agus bithidh ena thoileachas dhomhsa agus do dhiomadh croitear eile gun do chuidich Uibhist-a- Deas gu mór le bhith dìon ar rìoghachd.

titleNa Rocaidean (4)
internal date1955.0
display date1955
publication date1955
level
reference template

Alasdair Mac Dhomhnaill in Gairm 14 %p

parent textGairm 14
<< please select a word
<< please select a page