[127]

A’ cruinneachadh na feamann ann an Uibhist-a- Deas

Domhnall Alasdair Mac Eachainn, as an Aird-bhig, am Beinn-a- Bhaoghla

Ann an litrichean a chunnaic sinn anns na paipearan-naidheachd o chionn greis a nis chaidh móran a ràdh mun ionad-rocaidean a tha dùil aca a stéidheachadh an Uibhist-a- Deas. Tha a bharail fhéin aig gach duine air abhuaidh a bhios aig a so air caitheamh-beatha is teachd-an-tìr an t-sluaigh, aon uairs gum bi e ullamh agus air dol an greim.

An àm a bhithga thogail bheir e obair do mhóran nach urrainn a dhol ga sireadh a dhàiteachan eile, gu h-àraidh do luchd-teaghlaich.

Nuair a bhios e ullamh bheir e am beò-shlaint don àl òg, eadar ciùird is obair-latha eile.

Fhads a chumas an luchd-riaghlaidh ri an gealladh nach toir iad leotha am fearann as fheàrr bithidh sinn riaraichte, ach ma bheir iad leotha pàirt de na croitean, agus ma leagas iad na tighean-fuirich a chaidh an togail leis na croitearan no le an athraichean, theid an sluagh am mugha an àit a dhol am meud. Bithidh sinn toilichte obair fhaighinn, ach chan eil fàsachadh a dhìth oirnn.

titleNa Rocaidean (6)
internal date1955.0
display date1955
publication date1955
level
reference template

Dòmhnall Alasdair Mac Eachainn in Gairm 14 %p

parent textGairm 14
<< please select a word
<< please select a page