[311]

CRODH CHAILEINIS ORAIN EILE
le Dòmhnall Iain MacDhòmhnaill (nach maireann)
(Uibhist-a- Deas)

Crodh Chailein mo chridhe, crodh Chailein mo ghaoil,
Gun tugadh crodh Chailein dhomh bainnair a raon,
Crodh Chailein mo chridhe, crodh Chailein mo ghaoil,
Crodh ciar-dubh breac ballach air dhath na circ-fhraoich.

Nach iomadh uair a chuala sinn an t-òran brèagha sin ga sheinn le còisirean agus le guth aon-neach, maraon ri òrain àlainn eile a chaidh aiseag a-nuas ugainn tro na linntean, agus a tha bitheanta gu leòr eadhon fhathast, a-measg seinneadairean ar latha fhìn.

Tha e dualach an còmhnaidh gum bi sgeulachd bheag àraid air choreigin air cùl òrain den t-seòrsa seo. Nach eil an t-òran brèagha sin achluineas sinn gu math tric ga sheinn air a rèidio, ‘Màrtainn aBhealaichnoBe siud en cùlag innse mu Bheathaig Mhòir agus mu a mac a bhaice bho Mhàrtainn?

Nach eil an t-òranCalum aGhlinneasealltainn dhuinn cho faighidneachs a bha bean Chaluim, nuair nach abradh i achDia leat a Chaluim”, eadhon nuair a thilleadh Calum còir gun mhin gun each gun airgead. Nach iomadh fear a dhòrdaicheadh leithid bean Chaluim a bhith aige, gu h-àraid aig seachdain aMhòid. Saoil am biodh sìth ann dha atilleadhs e air an t-fhèileadh a reic is òl!

Ach mar a tha a sgeulachd fhèin air cùl gach òrain dhiubh sin, bha mar an ceudna air cùl an òrainCrodh Chailein’.

Feumaidh sinn a dhol air ais còrr is trì cheud bliadhna chun an àm a bha an cogadh eadar a Rìgh Teàrlach a h-Aon agus aPhàrlamaid. Anns abhliadhna 1644 thog am Marcos Montròs arm anns aGhaidhealtachd gus sabaid air taobh an Rìgh. Ghabh na Dòmhnallaich taobh an Rìgh, chan ann idir le meas no bàigh dha na Stiùbhartaich, ach gus cothrom fhaighinn air stràchdan a thoirt air na Caimbeulaich, a bha iad riamh acunntaisnan nàimhdean.

Tha fios againn cheana tro eachdraidh mar a thug Montròs an t-arm a-nuas bho Chille Chuimein, acoinneachadh Diùc EarraGhaidheal -- a bhair an tòir le suas ri trì mìle saighdear -- aig Inbhir Lòchaidh. ’Sann mun bhlàr a chaidh a chur a seo a thuirt Iain Lom Dòmhnallach, Bàrd na Ceapaich,


[312]

An aithne dhuibh an Goirtean Odhar,
Bu mhath a bha e air a thodhar,
Chan innear chaorach no ghobhar
Ach fuil Dhuibhneach an dèidh reodhadh.

Bu bhiadh is bu cheòl an dòigh-beatha seo do na cinnidhean Gaidhealach aig an àm ud. Sabaid is creachadh; bha creach ri togail an còmhnaidh. Crodh an dàrna cinnidh ga ghoid air falbh leis achinneadh eile.

Anns an Og-mhios 1646, bha buidheann dhe na Dòmhnallaich fo cheannas Aonghais Oig na Ceapaich atilleadh bho chuairt-creachaidh dhen t-seòrsa seo, nuair a chualiad gu robh Caimbeulaich Ghleann Urchaidh aig cuirm-bainnse a nighinn agus gu robh uaislean Bhraid-Albainn gu lèir còmhla aig achuirm fo bhuaidh na deoch-làidir. a bfheàrr leis na Dòmhnallaich ach crodh nan Caimbeulach a thoirt leotha còmhla ris na bhaca mu thràth. Ach chuala na Caimbeulaich bha dol, agus ged a bha an deoch-làidir fhèinnan cinn, rinn iad a-mach às dèidh nan creachadairean le claidhnean rùisgte. Rug iad orra aig àite ris an canar Sròn aChlachain, far na thòisich an cath. Bann aig aghleac seo a chuir fear Ghilleasbuig MacPhàil ùrnaigh gu Dia acomhairleachadh Dha mura gabhadh E taobh nan Dòmhnallach sachath, E dhfhuireach caoiteas e buileach, “agus biodh an gnothach eadar sinn fhìns iad fhèin!” Bha e ag innse an dèidh abhlàir gun do chuir e saighead ann an gobhal fear-na-bainnse, air chors nach biodh e furasda dha oighre athaireachadh an oidhche sin!

Ach air rèir eachdraidh, cha do chuir saighead Ghilleasbuig cus grabaidh air fear-na-bainnse oir mu robh an cath buileach seachad mharbh e Aonghas Og na Ceapaich fhèin, ceannard nan creachadairean an oidhche sin.

Bu mhath leam a dhèanamh soilleir an seo, ged a bha an nàimhdeas follaiseach eadar na Dòmhnallaich agus na Caimbeulaich, nach e idir na Caimbeulaich a bu choireach anns an tachartas ainmeil bhrùideil air an treasa deug den Ghearran sabhliadhna 1692. Cha robh an Caiptean Raibeart Caimbeul ach aco-lionadh òrdan fir eile. Gu dearbh, bha cuid dhe na daoine aige a thug rabhadh dha na Dòmhnallaich bha gu tachairt, rabhadh a dhadhbharaich gun dfhuair mòran dhiubh tarraing às, ’na measg mhac Alasdair Mhic Iain fhèin, dàrna triath deug Chlann Iain Abraich.

Tha achoire gu mòr, mura bheil gu h-iomlan, ri chur air Sir Iain Dalrymple, a bha aig an àmna Rùnaire Stàite an Albainn, an toiseach an co-phàirt ri Seòras Melville. Ach cha robh làmh sam bith aig Melville ann an Gleann Comhann. Bha Dalrymplena dheaghaidh seona fhear-taice gu math làidir do dhAchd an Aonaidh sabhliadhna 1707, aonadh a bhiodh is dòcha buannachdail gu leòr dhàsans dha sheòrsa, ach bhàsaich esan mun deach a dùnadh gu


[313] buileach. Bann air an t-siathamh latha deug den Ghiblein 1706 a choinnich na teachdairean Sasannach is Albannach an toiseach gus deasbad air an achd seo. Tha ena chulaidh-smaointinn gur ann air an dearbh latha, fhichead bliadhnana dhèidh sin, a chaidh cumhachd nan cinnidhean, agus saorsa na Gaidhealtachd a mhàbadhs a sgrios gu fuilteach air raon Chuil-lodair.

Ach tha mi falbh bhàrr mo sgeòil. Tilleamaid gu crodh Chailein.

Thug mi iomradh roimhe seo air an ruaig a thug na Dòmhnallaich air crodh nan Caimbeulach sabhliadhna 1646. Anns abhliadhna 1655 thug iad ruaig eile orra, agus air rèir beul-aithris be seo a ruaig a thug dhuinn an t-adhbhar airson an òrainCrodh Chailein’.

Se Clann Iain Ghlinne Comhann, maille ri an càirdean às aCheapaich, a thug a ruaig seo. Chuir iad teine ris na bàthchannans thug iad leotha an crodh bhàrr an ionadan-ionaltraidhs rinn iad air an fhearann aca fhèin. A bharrachd air achrodh fhèin thug iad leotha cuideachd nighean òg a bha buachailleachd achruidh-bhainne. Aig bad àraid air an t-slighe nuair a bha iad adol tro bhealach cumhang bhrist a nighean seo casan feadhainn dhe na laoigh, gnìomh a chuir uiread a mhaille air na creachadaireans gun do rug na Caimbeulaich -- a bha gu làidir air an tòir -- orra. Am bad a chèile ghabh iad, agus mar a theireadh a seanchaidh ag aithris na sgeulachd,

Dhèanadh iad bogan air achreaganAgus creagan air abhogan.

Gu -fhortanach chaidh a nighean a mharbhadh anns an ar-a- mach a bhann, ach shàbhail i an crodh -- Crodh Chailein -- dha luchd-cinnidh fhèin.

Chaidh an t-òranCrodh Chailein’, a chluinnear air a sheinn chun an lathan diugh, a dhèanamh mar gum be a nighean fhèin a bhag aithris na faclan, aguss iomadh fear is am Braid-Albainn a thug luinneag air fad iomadh bliadhna an dèidh sin.

Anns an leabhar Folksongs and Folklore of South Uist, tha Maighread Fay Shaw atoirt seachad cùnntais a fhuair i bho Mhàiri NicRath à taobh a deas Loch Baghasdail. Ar rèir cùnntais Màiri, ’se sìthich a bhann an Cailean, agus be na fèidh an crodh aige. ’Se an leannan-daonnda a bhaige a rinn an t-òranna òran-bleoghainn.

achùnntais a tha ceart?

Chan eil teagamh nach eil gach sgeul beul-aithriseil a theid aiseag a-nuas bho bheul gu beul, adol air iomrall uair no dhà troimh cheò nan linntean, ach cha bheagaich sin idir an tlachds an toil-inntinn a bheir iad dhuinne, na leughadairean an-diugh, eadhon gach caochladh cùnntais dhiubh.

Crodh Chailein mo chridhe, crodh Chailein mo ghaoil,
Crodh lìonadh nan crogan, crodh thogail nan laogh.

title‘Crodh Chailein’ is Orain eile
internal date1987.0
display date1987
publication date1987
level
reference template

Dòmhnall Iain MacDhòmhnaill in Gairm 140 %p

parent textGairm 140
<< please select a word
<< please select a page