[18]

SGOIL FHEARANN-DOMHNAILL

le Seònaid NicDhonnchaidh

Seo seann dealbh de Sgoil Fhearann-Dòmhnaill, an sgìre Shlèibhte, san Eilean Sgitheanach. Chaidh a ghabhail mu 1920.

Be na tidsearan a bha os ar cionn Oighrig Mhàrtainn à Stafainn is Seumas Christie, fear Gallda. Seo achlann, atòiseachadh aig an làimh chlì anns an t-sreath chùil:

Crìsdean Iain Fhionnlaigh, Iain Raonaid, Iain Mhata, Iain Chaluim Bhàin, Aonghas Aonghais Raghnaill, Dòmhnall Màrtainn, Iain aMhinisteir, Daibhidh Aonghais IaRuaidh, Ruairidh MacCruimein, Dòmhnall Uilleam Chaluim Bhàin.

An dara sreath:

Màiri NicAsgaill, Mòrag Eòghainn, (is a piuthar bheag, Anna, air làimh aice ris an aghaidh), Màiri Alasdair Amarsdan, Katie Ann Sheonaid Ruaraidh, Mòrag Chailein, Peigidh Alasdair Ailein, Cathie aMhinisteir, Màiri Alasdair Ailein, Seasaidh Ann Eachainn, Màiri Anna an Fheargasdannaich, Chrissie NicCruimein, Bessie aMhinisteir, Annag Borbra, Ceiteag Alasdair Ailein, Seasaidh Eòghainn, Dolina Dhòmhnaill Mhòir.

An treas sreath:

Aonghas Chailein, Jackie Iain Chlachair, Dànaidh MacCruimein, Calum Eachainn, Eachann aMhinisteir, Niall Dhòmhnall Lachlainn, Dòmhnall Dhòmhnall Lachlainn, Eòghann Beag Eòghainn, Murchadh Raonaid, Alasdair Aonghais, Ailein MacCruimein, – agus an dithis nigheannan beaga acumail suas na sgliat san fhìor aghaidh: Seasag Aonghais is Ceiteag Dòmhnall Lachlainn.



[19]

Tha cuimhnagam fhìn gu robh còir aig triùir eile bhith an làthair:- Alasdair Eachainn, Seonaidh Beag Eachainn agus Ceiteag an Fheargasdannaich. Bha mar sin còrr is da fhichead adol an sgoil a dhFhearann-Dòmhnaill agus cuiridh e annas air mòran a chluinntinn gu robh còig sgoiltean eile an Slèibhte an uair sin: Sgoil na h-Airde, Sgoil Aird-vàsair, Sgoil Thòcavaig, Sgoil an Druim-fheàrna agus Sgoil Dhuibheasdail -- gun ghuth airSgoil Dhòmhnaill Pheadairfar an robh caileag òg à Achadh na Cloiche atoirt ionnsachadh do chloinn cìobar an Dal aBhile. Bha an t-àite cho iomallachs nach fhaigheadh i dhachaigh ach deireadh na seachdainneach.

Cha robh sgoilear aig nach robh Gàidhlig ruidhteach fhileanta. Bha Gàidhlig aigMiss Martinagus bha sin feumail nuair a thigeadh an fheadhainn bheaga an sgoil gun aca ach Gàidhlig agus an t-eadar-theangachadh gu Beurla atòiseachadh on chiad latha. “ ’S mòr cumhachd na h-eisimpleir,” agus gu dearbh, le bhith cluinntinn na feadhainn mhòra, suarach an ùine gus am biodh clann gu math beag atoirt oidhirp air aBheurla.

Bha am maighstir-sgoile air a bhith an Aird Shlèibhte an toiseach agus is iomadh sgeulachd air an tugadh e làmh a bhuineadh do dheachdraidh is beul-aithris na sgìre. Tha cuimhne agam an a dhainmich e gu robh seann bhodach beò anns AChill-Mhòir fhathast aig an robh cuimhne air Loch nan Uraichean a bhith air a slaodadh le lìon feuch am beirte air aneach uisgeis e an dèidh nighean òg bhrèagha a ghoid leis às an àirigh an Gleann Shàsaig is gabhail a-steach don loch leatha. Ach chan fhacas a dubh no dath riamh. ’Se duine beag tapaidh a bha anChristie”. Bha ena eildear isna chlèireach anns an Eaglais Stèidhichte agus chan eil e annasach e fhèin -- agus Miss Martin cuideachd -- bhith cho fìor dhìcheallach ri leasan Bìoball ionnsachadh dhuinn achiad rud a h-uile madainn.

Se sgoil-mhara cuspair a bha am maighstir-sgoile glè mhath air is bha eòlas math aig na balaich mhòr air mum fàgadh iad aig 14. Eadar Aird-Shlèibhte is Fearann-Dòmhnuill is iomadh sgiobair a chaidh roimh na làmhan aige. Bha e bòsdail às a sin -- gun cuireadh e balach gundrochaidle sgoil-mhara! (Ach cha robh guth air ràdar no rud sìos bhuaithe san sin).

Ris an tìde bhrèagha thogadh e fhèin is na gillean mòra orra don ghàrradh len cuid spaidean is eile -- fhads a bhiodh na h-igheannan afuaigheal is afighe. Chan eil cuimhnagam air mòranP.T. ” fhaotainn ach an uair ainneamh a thigeadh timcheall -- tha mi cinnteach à Ard-Sgoil Phortrìgh. ’S cha bu mhotha na sin a bha dhfheum againn air -- ’s a h-uile creutair againn air coiseachd na sgoil. (Gu dearbhsann aruith bu trice bha sinn!) Bha na h-uimhir a bha tighinn à Bràigh na Teangan. Cha be mhàin gu



[20]

robh an t-astar fada ach bha an rathad, ma bairidh e air an ainm, scarbach curs, droch cheann bhrògan no chasan rùisgte. Cha robh caiseart no aodach aig clann an uair sin seach mar a thacan-diugh. Tha fios gun drinn e cruaidh sinn!

Tarraing -- sin cuspair eile air nach eil cuimhnagam mòran spèis a bhith am Fearann-Dòmhnaill. An uair ainneamh a chluinneamaid gum biodh tarraing againn an dèidh àm dìnnearach thilleamaid an sgoil le rudeigin à clais an rothaid -- mar bu trice meanglan smeur no caorainn. Cha ben t-iongnadh nach tug neach againn a-mach ìre sam bith anns an loidhne sin!

Bha suim mhòr againn an claisean an rothaid as t-Earrach is toiseach an t-Samhraidh nuair a thòiseachadh na h-eòin bheaga air neadachadh is bha mòran fhlùraichean rin cruinneachadh. ’S iomadh achlais mhòr deshaighdearana gheibheadh Miss Martin on chloinn bhig aon uairs gum biodh buidhe Bealltainnseachad. Bha earrann mhath de ar n-ionnsachadh air taobh a-muigh den taigh-sgoile. ’S dòcha gu bheil an uimhir sin againn a bharrachd air cloinn an an-diugh is achuid mhòr dhiubh air an toirt an sgoil is dhachaigh le busaichean -- no càraichean am pàrantan.

Uair aineamh gheibheadh sgoilearbursaraidha chuidicheadh e gu dhol air adhart gu Ard-sgoil Phortrìgh. Mar bu trice dheanadh iad glè mhath -- a thaing sin, tha mi cinnteach, chan ann a-mhàin dhoibh pèin ach do Christie. Chumadh e ceann an amail ri tidsear à sgoil mhòr sam bith. Bha e faotainn anTeachers' Worldgu cunbhalach is adèanamh deagh fheum dheth.

Se glè bheag a bha air a chur a-mach air leabhraichean leughaidh. A bharrachd air an t-seann leabhar-lann aig Coats -- is bha sinn air an rùchd a thoirt à sin o chionn fhada -- chan eil cuimhnagam ach air aon leth-dusan bloigh leabhair, gun dealbh gun eile aig ceann an t-suidheachain aghaidh, is mar bu luaithe chuireadh tu crìoch air do chuid cunntaissann a bfheàrr do sheannsair grèim fhaotainn airWestward Ho, Quentin Durwardno a leithid.

Tha mi sabharail gur e dithis mhinistearean, ceathrar nursaichean, is seachdnar thidsear thàinig às na bheil san t-seann dealbh seo, a bharrachd air iomadh cosnadh eile a bfhiach. Bha e air a sparradh air cloinn an sin gur e faotainn air adhart faotainn air falbh. Saoil an robh mòran aig sin ri dhèanamh ri bàs na Gàidhlig?

Thoiribh sùil far na sheas sinn airson fear nan dealbhan. Seo gnoban beag àrd ri cùl abhalla am pàirc nan nighean. Sin far an robh am feur snog gorm. Sin cuideachd far an robh iomadh greis



[21]

thoilichte againn. Mar an robh sinn afaotainndràmaa bfhiach san sgoil bha sinn adèanamh suas ar dràma fhìn an uair a thòisicheamaid airtaighean beaga”.

Bha sinn air port cruinnich a chur air a h-uile picean -- a h-uile soitheach briste bu bhrèagha na chèile -- is air an stopadh sabhalla -- ’se sin ar cuid-ne dhethn bhalla -- agus dhfhanadh sinn an sin gus am faigheadh sinn achiad chèileadaran . . . Cha bfhiach na h-ainmean againn fhìn ach a h-uile h-ainm a bfhasanta na chèile; Abair gnothaichean mòras fealla-dhà! Geama eile a bhagainn, ’seAchearcs an coileach” . Bhiodh achearc air toiseachs i cur a h-aghaidh air achoileach is esan acur roimhe gum faigheadh e dhionnsaigh nan isean a bhana loidhne fada aslaodadh ri chèile air cùl na circe. Bhan geama seo car trom air peiteanan! Chan eil fhios agam ciamar a fhuair sinn grèim airHere we go gathering nuts in May, ”noLondon Bridge is broken down, ”ach tha e collach gu robh an fheadhainn Bheurla sin bitheanta sna h-Eileanan-a- Muigh cuideachd.

Bha balla cloiche aroinn pàirc nan nighean bho phàirc nan gillean. A dhaindeoin sìde bhiodh na balaich ag iomain. Is bha bhuil ann! Cha robh bileag feòir air fhàgail saphàirc aca-san: bha tàmh-uisge cuideachd ris an taobh ìosal agussann an sin bu trice a bhiodh iad asabaid airson am ball. Abair poll! As t-Samhradh tha cuimhnagam na balaich a bhith ruith mach is dhachaigh aig àm dìnnearach legiordmar a theireadh iad ris achuibhle baidhsagail a bhiodh iad astiùireadh cho snasail le lùbach de uèir. Cha robh na rothaidean mòra cho cunnartach an uair sin, is bha na meircean air an ithe cho lom aig achrodhs gu robh e soirbh ruith cas-rùisgte orra.

Cha robh mòran cur-seachad againn taca ri cloinn an -an-diugh ach cha robh ionndrain againn air air nach robh eòlas againn. Uair no dhà fhuair sinn fèisd Nollaige bho mhuinntir AChnuic -- Màidsear Kembles a bhean agus bho na Màrtannaich a bha an Ostaig Ard. ’Se othail a bhann aig àm fèill achruidh. Bhiodh na dròbhairean adol seachad an oidhche roimhn àm is dhfheumadh na gillean mòra bhith às dèidh achruidh len cabair mhaide -- co-dhiùse math no milleadh a bha iad adèanamh. ’Sann an siod a bhan èigheach -- crodh ageumraich, coin acomhartaich, dròbhairean afeadaireachd is clann ag othail. Aon fèille tha cuimhnagam an sgoil a dhfhaotainn ma sgaoil mu mheadhoin is rinn achuid mhòr againn air Armadal is pàirc na fèille. ’S mi fhuair mo lèireadh air an rathad sìos an uair a sgailc mi mòrdag mhòr ri upag mhòr cloiche aig Drochaid



[22]

aMhuilinn. Is cuimhneile thagam air an aon fhèill -- gun tug mathair air ais dhachaighLòcan”, a bhò shnog Ghàidhealach aig an robh am bainne brèagha tiugh bho nach robh e faotainn oirre ach ochd notaichean!

Is iomadh bliadhna o chaidh a h-uile sgoil an Slèibhte a chur còmhla ri Fearann-Dòmhnaill. Tha an sgoil fhèinna seasamh gun mòran atharrachaidh on taobh a-muigh ach gun deachaidh am balla meadhanach a thoirt air falbh is teàrr a chur air a' phàirc-chluich
gu lèir. Ach o chionn beagan bhliadhnachan fhuair Slèibhte rud air an robh iad glè fheumach -- sgoil ùr. Agus sgoil bhrèagha da-rìreadh! ThaSgoil Shlèibhteair a togail aig aChill-Bhig ann an raoin brèaghacoimhid a-mach air an Linne Shlèibhteach is a-null gu Loch Nibhis is Mallaig. Cha burrainn mi smaoineachadh air suidheachadh bu ghrinne. Tha ceathrar thidsearan os cionn mu cheithir fichead sgoilear is ceithrear eile atadhal mu leth san t-seachdain airson cuspairean sònraichte -- aon dhiubh Gàidhlig. Chan eil ach beagan aig a bheil Gàidhlig mar chiad chànain.

Tha a h-uile goireas san sgoil: compiutairean is eile agus biadh brèagha air a dheasachadh is air ithe air an làraich. Taobh a-muigh na sgoile tha farsainneachd gu leòr aig achloinn le raoin ball coise taobh na sgoile, airson inbhich cho math ri sgoilearan.

A h-uile piseach leotha!

titleSgoil Fhearann-Dòmhnaill
internal date1987.0
display date1987
publication date1987
level
reference template

Seònaid NicDhonnchaidh in Gairm 141 %p

parent textGairm 141
<< please select a word
<< please select a page