LEASACHADH AGUS CANAN
(Beachdan air feallsanachd is buaidh Bòrd Leasachaidh na Gaidhealtachd, le fear a bha ag obair dhaibh fad dà bhliadhna).
le Maoilios Caimbeul
Siostam agus Luachan
Anns an alt seo bidh mi a’ toirt suil air a’ bhuaidh a tha aig an stèidh choitcheann a tha ann am Breatann -- no an ‘establishment -- air a’ Ghàidhlig. Leis an stèidh choitcheann chan eil mi dìreach a’ ciallachadh na structuran a-mhàin, ach cuideachd na beachdan a tha daoine a’ gabhail riutha gu nàdurrach, cho nàdurrach ri bhith ag analachadh. Tha mi ciallachadh creideamh ann an adhartas, ann an cumhachd airgid agus calpa, ann am prothaid mar bhun-phrionnsabal, ann an saidheans agus san teicneolas ùr agus anns an t-siostam fhèin.
Tha an creideamh sin a’ ciallachadh gu bheil luachan àraidh aig an fheadhainn a tha a’ stiùireadh an siostaim.
Bha uair ann agus bha luachan tur eadar-dhealaichte aig A’ Ghàidhealtachd agus na bha aig a’ chòrr de Bhreatainn. Nuair a bha na cinnidhean aig àird an neirt ’se calmachd ann an cath, dìlseachd dha d’ fhine fhèin agus fialaidheachd na prìomh luachan a bha aig daoine. A-nise, gu ìre mhòir, tha A’ Ghàidhealtachd air gabhail ris na luachan ‘Eòrpach/Sasannach’ a chaidh ainmeachadh, mar a ta a’ mhòr-chuid dhen t-saoghal.
An-dràsda tha sinn a’ faicinn ath-bheothachadh -- mas e sin am facal -- air na luachan ‘Sasannach’ fo stiùireadh Thatcher. ’Se prothaid, agus saorsa a bhith aig duine prothaid a dhèanamh, na bun-phrionnsabail a tha air cùlaibh na feallsanachd aice. Saorsa dhan duine air leth gu h-àraidh, ach cò, no dè, tha pàigheadh air a son?
Feallsanachd Schumacher
Anns an leabharSmall is Beautiful, a chaidh fhoillseachadh an toiseach ann an 1973, tha an t-eaconomair E. F. Schumacher nach
maireann a’ cur an cèill feallsanachd airson eaconomachd a tha a’ dol tur an aghaidh na prionnsabail a bha, agus a tha fhathast a’ riaghladh eaconomaidh a’ mhòr-chuid dhen t-saoghal, ach gu h-àraidh na dùthchannan as beartaiche. Ged a bha Schumacher ’s dòcha a’ smaoineachadh air a’ mhì-chothrom a tha eadar na dùthchannan beartach agus an fheadhainn bhochda, tha na tha e ag ràdh fìor dhan mhòr-chuid dhen t-saoghal. Seo geàrr-chunntas air na smuaintean aige.
Na Nithean a tha Ceàrr
’Se fàs eaconomach gun chrìch, prothaid, agus margaidh shaor na luachan as àirde a tha aig an eaconomair agus aig dùthchannan na h-iar.
Chan obraich sin air dà adhbhar: thig beartas nàduir gu crìoch, agus chan fhuiling an àrainneachd an truailleadh, am màbadh agus an spùinneadh a tha i a’ faighinn.
Tha an eaconomair a’ cur prìs airgid air gach nì, mar gun gabhadh prìs a chur air nithean mar bòidhchead, slàinte, cultur agus gnè ar beatha.
Tha prothaid agus a’ mhargaidh a’ tighinn ro dhaoine agus na feuman aca.
Tha eòlas a’ faighinn barrachd inbhe na tha gliocas.
Mar a Ghabhas Nithean a Chur Ceart
Feumaidh an eaconomaidh a bhith ag obair do dhaoine ’s chan ann ’nan aghaidh.
Tha feum air gnìomhachasan agus buidhnean beaga a bhitheas fo bhuaidh nan daoine anns a’ choimhearsnachd.
Feumaidh eòlas a bhith fo bhuaidh gliocais anns an dòigh a tha sinn a’ dèiligeadh ri beartas nàduir, am fearann agus an teicneolas ùr.
Bha còir a bhith a’ gabhail slighe a’ bhealaich, eadar Prothaid a bhith againn mar dhia agus tur-smachd a bhith aig an riaghaltas thairis air an eaconomaidh.
Bu chòir cumhachd a bhith leis an duine choitcheann thairis air a bheatha fhèin, agus chan ann leis an eòlaiche.
Sin dìreach blasad dhe na tha Schumacher ag ràdh. An nì a tha cudthromach mu dheidhinn na feallsanachd aige ’se gu bheil e a’ coimhead air cùisean gu h-iomlan. Chan eil e seachnadh ceistean moraltachd, cultuir agus luachan.
Na Structuran
’Se a’ chiad nì a bheir sinn an aire dha gu bheil structuran neo-fhaicsinneach agus faicsinneach ann a tha toirt buaidh oirnn. Leis an fheadhainn neo-fhaicsinneach tha mi ciallachadh an dòigh-smaoineachaidh a tha fuaighte ris a’ chultur smachdail; is iad sin creideamh ann am prothaid, ann an sòghalachd, ann an adhartas gun chrìch agus ann an eòlas.
Leis na structuran faicsinneach tha mi ciallachadh na buidhnean Riaghaltais agus prìobhaideach a tha ag èirigh a-mach às a’ chultur smachdail. Aig co-labhairt air dà-chànanas ann an Inbhir Nis ann an 1984 chaidh liosta a thoirt dha na bha làthair dhe na buidhnean poballach aig a bheil làthaireachd bheag no mhòr ann an Roinn na Gàidhealtachd. Bha 161 buidheann air an liosta, mòran dhiubh a chaidh a stèidheachadh le Achd Pàrlamaid Bhreatainn. ’Se Beurla a’ chainnt oifigeil aca agus tha a’ mhòr-chuid aca nan dòigh fhèin a’ taisbeanadh luachan a’ chultuir smachdail.
Tha cuideachd na buidhnean prìobhaideach a’ riochdachadh na luachan sin. Mar a tha Schumacher a’ sealltainn, tha na luachan -- agus an cànan (Beurla anns an dùthaich seo) leis am bheil iad air an giùlan -- air an snìomh a-staigh anns na meadhanan foghlaim. ’Se na h-aon luachan a tha air an craoladh tro na meadhanan foghlaim air a’ Ghàidhealtachd agus anns a’ chòrr de Bhreatainn. Le sin tha e nàdurrach gum bi buidhnean prìobhaideach cuideachd ag obair tron chultur smachdail.
Gun fiaradh na fìrinn faodaidh sinn a ràdh gu bheil bàs na Gàidhlig sgrìobhte air na structuran faicsinneach agus neo-fhaicsinneach sin. Chan e a’ Ghàidhlig a-mhàin a tha a’ fulang, ach na mion-chànanan air feadh an t-saoghail. Tha e a’ tachairt anns a h-uile dùthaich far a bheil an cultur smachdail a’ gabhail ri luachan sòghalach agus a’ dleasadh dha fhèin ùghdarras riaghlaidh. Agus sin an saoghal air fad.
Schumacher a-rithist:
‘Unintentional neo-colonialism is far more insidious and infinitely more dificult to combat than neo-colonialism intentionally pursued. It results from the mere drift of things, supported by the best intentions. ’
Ged is ann air na dùthchannan bochda a bha e a’ bruidhinn, saoilidh mi gu bheil na facail sin fìor mu ar suidheachadh-ne.
Bòrd na Gàidhealtachd
Bu thoigh leam Bòrd Leasachaidh na Gàidhealtachd a ghabhail mar
eisimpleir air na structuran faicsinneach, agus sealltainn air mar a the
e a’ coimhlionadh an cliath-smuain a tha Schumacher a’ cur fo ar comhair.
Tha beagan eòlais agam air dòigh-obrach A' Bhùird bhon taobh a-staigh leis gu robh mi ag obair ann airson còrr agus dà bhliadhna. Còig bliadhna deug air ais tha cuimhne agam a bhith faighneachd dhiom fhìn: Dè tha Am Bòrd a’ dèanamh airson leasachadh na Gàidhlig? Aig an àm sin cha robh càil. Carson? Dè tha Am Bòrd a’ dèanamh a-nise? Sin na ceistean dhan robh mi ag iarraidh freagairt, agus tha mi ’n dòchas le bhith ag obair dhan A’ Bhòrd airson greis gun d’fhuair mi freagairtean, agus cuideachd sealladh beag air mar a tha na structuran faicsinneach a tha gar riaghladh ag obair.
Nuair a chaidh Am Bòrd a stèidheachadh le Achd Pàrlamaid ann an 1965 chanadh cuid gur ann le deagh rùn dhan Ghàidhealtachd a chaidh sin a dhèanamh. Bha daoine mothachail gu robh an Roinn air dheireadh a thaobh eaconomaidh agus leasachaidh. Bha cuid ann an ùghdarras dhen bheachd gu robh an sluagh fad air ais, no ’s dòcha coma co-dhiù, nuair a bha cùisean a’ tighinn gu gnìomhachas. Ged a bha am facal ‘sòisealta’ air ainmeachadh bha fios aig a h-uile duine gur e a bhith cruthachadh obraichean agus ghnìomhachasan ùra an nì cudthromach. Cha robh cultur air ainmeachadh.
Tha e air a chur sìos anns an Achd nach fhaod Am Bòrd innse cò tha faighinn cuideachaidh. Tha an dìomhaireachd sin feumail, mar a chì sin.
’Se a’ chiad nì a bheir sinn an aire dha gun deachaidh Am Bòrd a stèidheachadh mar ionnstramaid airson leasachadh eaconomach agus, mar a tha Shumacher a’ sealltainn, nuair a tha sin mar sin ’se prothaid am bun-phrionnsabal. De airgead A’ Bhùird tha mu leth, no £18 millean, a’ dol a-mach air tabhartasan, iasadan agus air earrannan-maoineis. Chan eil e gu diofar cò a gheibh an t-airgead sin fhads a chruthaicheas iad obraichean agus a nì iad prothaid. Tha e fìor a ràdh nuair a tha e a’ tighinn gu cultur agus luachan spioradail sam bith gu bheil airgead agus prothaid dall.
Nise chan eil mi ag ràdh idir gu bheil a bhith a’ dèanamh prothaid ceàrr. ’Se tha mi ag ràdh gu bheil e riatanach sealladh iomlan a bhith aig eaconomairean, no aig duine sam bith, nuair a tha iad an sàs ann an leasachadh.
Tha e fìor gu bheil aon roinn anns A’ Bhòrd, an Roinn Leasachaidh shòisealta agus culturach gun a bhith coimhead air prothaid a-mhàin. Ach cuimhnicheamaid nach eil ach còignear, de luchd-obrach A’ Bhùird -- a-mach às còrr agus 260 -- ag obair innte, agus gur e criomag dhen airgead a tha aca -- gu math nas lugha na millean.
’Se an dara nì a bheir sinn an aire dha gu bheil an fheallsanachd sin aig A’ Bhòrd a’ ciallachadh nach eil sealladh air leth aca bhon
t-sealladh chumanta – ’se sin sòghalachd. Chan eil duine saidhbhir agus a’ dèanamh prothaid. Chan eil e gu diofar dè seòrsa luachan, cànan, no cultur a bhitheas aig daoine fhads a bhitheas iad a’ faighinn beòshlainte. Tha Schumacher a’ sealltainn nach eil na luachan dall sin a tha ceangailte ri airgead gu leòr.
Tha nithean a’ sruthadh on chreideamh chumanta. Tha e ciallachadh gu bheil leasachadh eaconomach agus cultur air an sgaradh bho chèile. Chan e a-mhàin gu bheil iad air an sgaradh, ach tha sloc do-thomhas eadar na dhà. Chan fhaod smuaintean faoin, lag mu chultur a bhith a’ truailleadh agus a’ milleadh an smuain chruaidh eaconomach.
Tha e ciallachadh nach eil e gu diofar cò gheibh airgead cuideachaidh bhon Bhòrd fhad’s a bhitheas an gnìomhachas aca soirbheachail. Tha e ciallachadh nach eil fhios aig A’ Bhòrd fhèin, no aig duine eile, co às a tha na daoine a tha a’ faighinn a’ chuideachaidh. Chan eil ceist mar sin ceadaichte.
Tha an aithisg phrìseil sin, Cor na Gàidhlig, a dh’ùghdaraich Am Bòrd ann an 1982 ag ràdh:
‘The stabilisation of population figures is supportive (airson a’ chànain) in so far as it retains a native population within the traditional Gaelic area, but destructive to the extent that it depends on a large influx of non-Gaelic population. ’
’Se an fhìrinn, ma tha an sluagh a’ fas agus an eaconomaidh ‘fallain’ nach eil e gu diofar leis A’ Bhòrd dè an cànan a bhitheas daoine a’ bruidhinn. Dhan A’ Bhòrd chan eil ceistean mar, ‘Dè bhuaidh a tha aig na poileasaidhean againn air a’ chànan?’ ceadaichte.
A-nise, nam biodh Am Bòrd ag obair ann an Lunnainn ’s dòcha nach biodh e gu diofar cò gheibheadh an cuideachadh. Airs bith dè thachras anns an eaconomaidh, tha cultur agus luachan Lunnainn air an dìon gu ìre tro na structuran -- gu h-àraidh fòghlam. Ach chan eil sin fìor idir air a’ Gàidhealtachd far a bheil an sluagh tearc, an cultur lag agus a’ mhòr-chuid dhen fhòghlam tro mheadhan na Beurla.
Chan eil Am Bòrd ach ’na eisimpleir. Tha a’ chuid as motha de bhuidhnean ag obair leis an aon fheallsanachd. Tha e ciallachadh gu bheil a’ Ghàidhealtachd ag atharrachadh gu luath le buaidh bhon taobh a-muigh, ach cuideachd bhon taobh a-staigh.
Tha cuid mhath, ’s dòcha a’ chuid as motha, de shluagh na Gàidhealtachd a’ gabhail ri luachan nan sòghalach, nì a tha ’na chuideachadh mòr dhan chultur smachdail.
A bharrachd air an riaghailt mhòr -- prothaid -- tha nì a thuilleadh ann a tha fìor mun Bhòrd agus mu bhuidhnean eile, nì a tha a seulachadh gu bheil an siostam ag obair. Is e sin crannchur an luchd-obrach . . .
Luachan nam Bùirdeasach
Tha Schumacher a’ dèanamh eadar-dhealachadh eadar eòlas agus gliocas agus ag agairt gur h-ann air saoghal an eolais a tha saoghal an latha an-diugh stèidhichte. Tha eòlas a’ cur na ceist, Ciamar? ach gliocas a’ cur na ceist, Carson? Nuair a tha sinn a’ faighneachd Carson? tha sinn a’ ceistneachadh na luachan a tha gar cuairteachadh.
Is iad na bùirdeasaich muinntir a ‘Chiamar?’ Leis na bùirdeasaich tha mi ciallachadh an cuibhreann sin dhen t-sluagh aig a bheil na luachan seo gu coitcheann: tha iad a’ dèanamh uaill às, agus feum de, eòlas agus fòghlam, agus a’ faighinn inbhe agus beòshlainte tro bhith reic an eòlais aca; no tha iad a’ dèanamh airgead às malairt no gnìomhachas air choreigin.
Chan e nach eil a’ cheist, Carson? uaireannan ag èirigh ann an inntinn nam bùirdeasach, gu h-àraidh mur boin e/i dhan chultur smachdail. ’S dòcha gun can e ris fhèin. Co dha bha còir agam a bhith dìleas? Ma tha Gàidheal ag obair taobh a-staigh na structuran smachdail agus fhios aige, can, gu bheil am buidheann anns a bheil e a’ marbhadh a chultur fhèin, dè tha e a’ dol a dhèanamh? Faodaidh e ràdh. Tha na luachan aig a’ buidheann nas cudthromaiche. Fuirichidh mi far a bheil mi. Cha chan mi guth. Faodaidh e ràdh. Tha an t-airgead ro mhath. Fuirichidh mi far a bheil mi. Cha chan mi guth. No ’s dòcha gu can e. Obraichidh mi taobh a-staigh an siostaim. Cuiridh sinn an siostam gu feum an dualchais.
’Se a’ chrois leis an roghainn mu dheireadh gu bheil na structuran faicsinneach agus neo-fhaicsinneach a dh’ainmich mi mar tha a’ ruith an siostaim. ’Se glè bheag as urrainn do aon duine, no dithis no triùir, a choimhlionadh taobh a-staigh an siostaim. ’Se an sporan a tha riaghladh, agus a thaobh bhuidhnean poballach ann an Alba ’sann aig a’ chultur smachdail ann an Lunnainn a tha na h-iuchraichean.
Nuair a bha mi ag obair aig A’ Bhòrd bha mi a’ faicinn gur h-ann mar sin a bha cùisean. Tha Am Bòrd a’ fasdadh dhaoine air sgàth an eòlais phroifeasanta a tha aca. Ach ’se na daoine a tha a’ gabhail ri luachan A’ Bhùird -- luachain a’ chultuir smachdail -- a tha aig an inbhe as àirde. Anns an dol seachad faodaidh sinn toirt an aire gu bheil dà Bhòrd ann, am bòrd riaghlaidh, is iad sin na seachdnar a tha air an taghadh leis an Riaghaltas, agus an luchd-obach as àirde a tha a’ cur an sàs poileasaidh an Riaghaltais agus a’ Bhùird Riaghlaidh. Airson cùisean a dhèanamh sìmplidh canaidh sinn Bòrd 1 agus Bòrd 2.
Faodaidh sinn a bhith cinnteach gu bheil na structuran sin fìor airson a’ mhòr-chuid dhen siostam a tha gar cuairteachadh. Ann an aithghearrachd -- prothaid, eòlas, reic agus ceannach anma, agus buaidh tro structuran faicsinneach agus neo-fhaicsinneach.
‘Cor na Gàidhlig’
Gu ruige na bliadhna 1982 ’se glè bheag de dh’airgead agus nas lugha de thìde a bha Am Bòrd a’ cosg air a’ Ghàidhlig. Mar a chunnaic sinn cha robh adhbhar aca. Bha cultur taobh a-muigh feallsanachd agus raon-ghnothach A’ Bhùird. Cuideachd, chanadh iad, cha robh iad a’ faighinn iarrtasan airson cuideachadh bho na Gàidheil. Mean air mhean bho 1982 tha Am Bòrd air a bhith cur airgid ann an adhbhar na Gàidhlig gus na chosg iad, anns a’ bhliadhna 1985/86, còrr agus £200 ,000. Mar a chunnaic sinn chan eil an sin ach criomag bheag às lofa mhòr A’ Bhùird. Ach carson a’ chriomag fhèin? An e gu robh feallsanachd ùr aig A’ Bhòrd a bha a’ dol an aghaidh tè a’ chultuir smachdail?
Chan e idir. ’Se an t-adhbhar dha tachairt gu robh cuid de luchd-obrach A’ Bhùird deònach rudeigin a dhèanamh, agus às a sin thàinig am buidheann a chuir ri chèile an aithisg Cor na Gàidhlig. Tha Am Bòrd ri am moladh airson gabhail ri cuid dhe na molaidhean a tha anns an aithisg sin, gu h-àraid am prìomh mholadh -- a bhith stèidheachadh am buidheann piobrachaidh agus comhairleachaidh, Comann na Gàidhlig (CNAG).
Tha an sgrùdadh a chaidh a dhèanamh air staid a’ chànain ann an Cor na Gàidhlig air leth feumail agus cudthromach. Tha an aithisg a’ toirt dealbh dhuinn air staid dhòrainneach a’ chànain agus na h-adhbharan eachdraidheil a tha air cùl an t-suidheachaidh; ag innse dhuinn anns an fharsaingeachd na nithean matha a tha air a bhith tachairt agus na h-uireasbhaidhean; agus cuideachd a’ comharrachadh na slighe air adhart.
Tha a aithisg cuideachd a’ sealltainn na tha ceàrr air na structuran -- sin na stèidh-bhuidheannan, mar na h-ùghdarrasan ionadail, aig a bheil buaidh air ar beatha. Seo beagan dhe na tha ceàrr:
‘They are characterised by fragmentation of effort and lack of liaison, misconceptions and outdated stereotypes of the nature of the modern Gaelic community, a tendency to isolate the linguistic aspect from other aspects of community development, and the lack of sophisticated research into communal development from a linguistic viewpoint. ’
Airson gu bheil na structuran cho lag bha an aithisg a’ moladh gum bitheadh buidheann ùr ann, Comhairle na Gàidhlig, a bhiodh a’ lìonadh na beàrn. Bhiodh am buidheann ùr a’ dèanamh nithean mar seo:
‘. . . providing information, liaison, research and development facilities in the Gaelic field generally, but particularly for the
agencies with which it would be linked. ’
agus
‘. . . our purpose should be to provide a bank of resources, knowledge, skill and expertise on which such organisations could call at will. ’
Tha‘the agencies with which it would be linked’a’ ciallachadh Comhairle nan Eilean, Roinnean na Gàidhealtachd agus Strathchluaidh, Bòrd Leasachaidh na Gàidhealtachd agus An Comunn Gàidhealach.
A bharrachd air a bhith a’ comhairleachadh bhuidhnean eile bhiodh CNAG cuideachd a’ gabhail phròiseactan os làimh iad fhèin.
Chì sinn bho na chaidh a ràdh gur h-e am bun-phrionnsabal a bhith ag obair còmhla ri buidhnean a tha ag èirigh às a’ chultur smachdail. (Chan eil mi a’ cùnntadh A’ Chomainn Ghàidhealaich ’nam measg). Mar a chunnaic sinn, tha craobh mhòr ann dhiubh sin le iomadh geug agus iad stèidhichte air luachan a tha aineolach mu luachan culturach, no tur nan aghaidh.
’Se a’ cheist a tha ag èirigh: A bheil sinn a’ dol a dh’ath-bheothachadh na Gàidhealtachd le bhith ag obair còmhla ri buidhnean a tha le aon làimh a’ cuideachadh na Gàidhlig, aus leis an làimh eile a’ cur às dhi? Chan eil a’ cheist dubh agus geal. ’S dòcha nach eil dòigh eile ann. Tha an siostam ann agus ’s dòcha nach urrainn dhuinn atharrachadh. No an urrainn? Chan e ceist dhùinte a bha còir a bhith ann.
Seallamaid air cuid dhe na buidhnean. Tha Am Bòrd 1 a’ toirt taic do CNAG agus do phròiseactan Gàidhlig, ach tha cuid dhe na tha ann am Bòrd 2 -- luchd-obrach A’ Bhùird le àird inbhe -- gu tur an aghaidh na Gàidhlig. Tha iad an aghaidh inbhe sam bith a thoirt dhan chànan ann an obair choitcheann A’ Bhùird, ach gu h-àraidh ann an dad co-cheangailte ri malairt agus gnìomhachas. Tha na trì Ughdarrasan Ionadail a’ cruthachadh clasaichean agus sgoiltean Gàidhlig. ’Se ceum mòr a tha sin. Ach dè mu dheidhinn an luchd-obrach aca? Dè an luach a tha anns a’ chànan anns an obair choitcheann aca?
Saoilidh mi gu robh còir structuran Gàidhealach le luachan Gàidhealach a bhith ann. Tha toiseach tòiseachaidh air a bhith ann le CNAG, Comhairle nan Sgoiltean Araich, Comann an Luchd Ionnsachaidh, Fèis Bharraigh, Aonadan Gàidhlig ann an sgoiltean, na meadhanan craolaidh (gu ìre), Sabhal Mòr Ostaig, Fearann Eilean Iarmain agus mar sin air adhart. Tha fallaineachd na Gàidhlig an crochadh air fàs tighinn orra sin. ’Se a’ chrois gu bheil iad sin gu ruige seo air a bhith ag earbsa ri taic bho structuran a’ chultuir smachdail.
Obair A’ Bhùird airson na Gàidhlig
Mar a chunnaic sinn tha Am Bòrd Gàidhealach anns na ceithir bliadhna mu dheireadh air barrachd ùidh a ghabhail ann an ceist na Gàidhlig, agus chan fhaod sinn an cuideachadh a thug iad seachad a chur an dìmeas. Gidheadh, cuimhnicheamaid gu bheil dà thaobh air a’ cheist agus gu bheil Am Bòrd a’ dèiligeadh ri Gàidhlig ru ruige seo mar phròiseact sam bith eile -- can tuathanachas èisg no forsaireachd. Ach eadhon ged a tha, tha mòran air tachairt.
’Se am prìomh nì a rinn Am Bòrd a bhith a’ cuideachadh le Comann na Gàidhlig a chur air chois. Tha CNAG air a bhith ag obair ann an dà phrìomh roinn: anns na coimhearsnachdan (gu h-àraidh còmhla ris an òigridh) agus am measg bhuidhnean nàiseanta agus ionadail -- a’ cruthachadh bhuidhnean-obrach, a’ comhairleachadh agus a’ piobrachadh, ach gu h-àraidh a’ dèanamh cheanglaichean eadar diofar bhuidhnean. Anns na bliadhnaichean air thoiseach tha mi ’n dùil gum faic sinn cho cudthromach agus a tha an obair-sa air a bhith (ged is ann taobh a-staigh nan structuran smachdail a tha CNAG ag obair).
’Se an obair co-cheangailte ri fòghlam ma dh’ fhaoite an obair as cudthromaiche -- a’ cuideachadh Comhairle nan Sgoiltean Araich agus Comann an Luchd-ionnsachaidh, a’ comhairleachadh nan ùghdarrasan ionadail agus Oifis na h-Alba, agus a’ cruthachadh
structuran, mar na clubaichean òigridh, Sradagan, aig an rong ionadail.
Tha am Bòrd cuideachd air a bhith a’ cuideachadh CNAG le pròiseactan àraidh a chur air adhart. ’Nam measg tha Iomhaigh, am buidheann fiosrachaidh/sanasachd stèidhichte ann an Slèite.
A thaobh a bhith a’ cuideachadh bhuidhnean eile, faodaidh Am Bòrd Tabhartas Sòisealta a thoirt dhaibh no corra uair cuidichidh iad air stèidh Phròiseactan. Feumaidh pròiseact a gheibh taic a bhith ùr, annasach agus airidh, agus ’sann airson am pròiseact a chur air a chasan a bhitheas an cuideachadh. Mar as trice mairidh an cuideachadh trì bliadhna. Gheibh buidhnean eile cuideachadh tro thabhartasan malairt A’ Bhùird.
Chuidich Am Bòrd le bhith a’ cur na leanas air bhonn: Acair, Sabhal Mòr Ostaig, CNSA agus CLI. Tha 10 -- 20 buidheann Gàidhlig a’ faighinn Tabhartas Sòisealta ann am bliadhna.
Seo cuid dhe na bha mise ris fhad’s a bha mi aig A’ Bhòrd: a’ dèanamh rannsachadh am measg luchd-obrach A’ Bhùird airson faighinn a-mach cò bha ag iarraidh teagasg ann an Gàidhlig; a’ cur chlasaichean air bhonn; a’ cuideachadh le Dearc, am buidheann
prògraman chomputair, agus Toradh, buidheann airson stuth Gàidhlig a reic, a thòiseachadh, a’ cur taisbeanadh-sgoile agus an sgeime airson luchd-turais, Blasad den Iar, air adhart anns an Eilean Sgitheanach; a’ dealbh poileasaidh airson na Gàidhlig dhan Bhòrd; a’ dèiligeadh ri iarrtasan airson tabhartasan sòisealta agus a’ dèanamh ceanglaichean le buidhnean eile.
Co-dhùnadh
Chì sinn gu bheil Am Bòrd air tòrr adhartais a dhèanamh anns an taic a tha iad a’ toirt dhan Ghàidhlig, ach chì sinn cuideachd gu bheil sgaradh ann eadar eaconomachd agus leasachadh cànain. Tha feum air feallsanachd a bheir na dha còmhladh, chan ann dìreach ann an obair A’ Bhùird Ghàidhealaich ach ann a bhith a’ coimhead air a’ Ghàidhealtachd anns an fharsaingeachd.
Tha mi air mòran cheistean a thogail anns an alt seo mu ar suidheachadh mar Ghàidheil, agus chan eil mi a’ dol a leigeil orm gu bheil mi cinnteach às na freagairtean, ach tha beachd agam orra. Thòisich sinn le bhith a’ bruidhinn air saorsa, an t-saorsa a tha Thatcher a’ tairgse dhuinn. ’S dòcha gu bheil saorsa eile ann, saorsa luachan, cultur agus cànan dhuinn fhìn a bhith againn agus na structuran a dhealbh a ghiùlanas na nithean sin.
An-dràsda chan eil ann ach structuran briste a tha an crochadh airson am bith air a’ chultur smachdail. Cha tuirt mi guth air Comhairle nan Eilean, ach ’s docha gu bheil na thuirt mi mun Bhòrd fìor gu ìre mun deighinn-san cuideachd. A bheil feallsanachd aca a tha a’ dèanamh ceangail eadar leasachadh eaconomach agus cànan? Dè na luachan a tha a’ stiùireadh an luchd-obrach inbheach?
Nuair a bha mi aig A’ Bhòrd bha a’ cheist sin ag èirigh dhòmhsa. Dè na luachan dha robh còir agam a bhith dìleas, luachan a’ chultuir smachdail no luachan a tha a’ dol a dh’ adhartachadh na Gàidhlig? Tha mi cinnteach gu bheil an aon strì ann an cridhe gach Gàidheal a tha ag obair anns an siostam. ’S dòcha nach urrainn buidheann mar Comhairle nan Eilean a bhith beò le dà thighearna, Mamon na Beurla, agus na structuran agus na luachan a tha fuaighte rithe, agus saorsa nan Gàidheal agus na Gàidhlig?
Ach ’si a’ Chomhairle ’s dòcha an aon bhuidheann poballach a dh’fhaodadh a bhith ’na cheannard dha na Gàidheil -- nam biodh an toil ann.
title | Leasachadh agus Cànan |
internal date | 1987.0 |
display date | 1987 |
publication date | 1987 |
level | |
reference template | Maoilios Caimbeul in Gairm 141 %p |
parent text | Gairm 141 |