[213]

ACUIMHNEACHADH LAITHEAN MOIGE
le Catrìona NicNèill (à Barraigh)

Saoil co mheud agaibh aig a bheil cuimhne air bhith dol don sgoil cas-ruisgte, eadhon air làithean fuara, fliuch -- chan e idir air an toirt don sgoil ann an carbad, mar tha bitheanta san -an-diugh.

Cha robh mise cho dona dheths a bha cuid againn; bha na bu lugha na mìle dhastar agam ri choiseachd don sgoil, ach bha cuid eile acoiseachd mu dhà mhìle, agus nam be fliuch a bhann, dhfheumadh iad a sin suidhe ann an aodach àitidh fad an latha. Aig àm dìnneireach cha robh aca ach aran is càise, na leithid sin a thoireadh iad às an taigh -- cha be dìnnear theth air a còcaireachd. Be sin an cuid gus an tilleadh iad dhachaigh, acoiseachd a-rithist.

Air cho truasails gum biodh an fheadhainn a bha gar teagasg cha robh cothrom aca mòran a dhèanamh gus an cuideachadh nuair bha gach neach air an aon chàradh. Nach e an saoghal a dhatharraich!

Aig àm an Earraich bhiodh na casan againn goirt leis namàrtainnean”. Cha be daoine beaga às an neul-shiùbhlach Mars a bhan seo idir ach sgagaidhean beaga goirte a bha gaoth gheàrrteach adèanamh, gu h-àraid anns amhìos Mhàrt.

Tha cuimhne agam fhathast air an dèireach a bhiodhnam chasan aig àm cadail, nuair a bhithinn gan nighe.

Ach air cho goirts gum bitheadh iad, cha leigheadh an t-eagal leinn ràn a dhèanamh oir bha Gille nan Corc gar faicinn -- ged nach fhaiceadh sinne esan -- agus, mura nigheamaid ar casan thigeadh e lechorcan beaga (sgeanan) gus a stobadh nar casans an goirteachadh na bu mhiosa.

Se dòigh ghleusda bha seo aig ar pàrantan airson toirt oirnn a rud bu chòir dhuinn a dhèanamh gun dragh sam bith.

Cha be Gille nan Corc an aon bhòcan a bhan t-eagal againn roimhe. Bha chreutair eile ann a bhite maoidheadh oirnn: ANighean Chlach-ùrlair agus aChorra-chagailte. Chan fhaca duine riamh aNighean Chlach-ùrlair ach bha i cho geur-shuileach is cho math claisneachd is gu robh fios aice air a h-uile dad beag ceàrr a


[214] dhèanamaid aig àm sam bith, is chluinneadh ar pàrantan dheidhinn. Chan eil fiosam ciamar.

Math-dhfhaoite gur eChorra-chagailte a bhag innseadh nan sgeul. Bhan creutair, non Spiorad neònach seo (co be bhann) acòmhnaidh am-measg nan èibhleag san teine ach cha robh teas an teine ga losgadh idir. Chitheamaid sealladh beag siùbhlach bho àm gu àm anns an teine nan coimheadamaid gu dlùth. An e aChorra a bhann? Co aige bheil fios.

Air Dimàirt Inid, a latha ro thoiseach aCharghais, bha ena chleachdadh gu feumadh deagh dhìnnear a bhith air a chur air abhòrd aig gach teaghlach mun tòisicheadh traisg aCharghais, agus leis a sin, mharbhadh iad cearc -- no dhà, air rèir meud an teaghlaich -- airson sin. Neach sam bith nach dèanadh seo bha en cunnart gu rachadh aicheamhail a thoirt às oir bha e ri ràdh, “Ge be nach dèan an Inid dha dheòin ni e aChàisg dha aindeoin”.

Co-dhiù bha boireannach bochd anns abhaile nach robh aice ach chearc agus, mun tàinig Dimàirt Inid fhuair a h-aon dhiubh bàs.

Ciod a bha i ri dhèanamh? Nam marbhadh i achearc a bhair fhàgail cha bhiodh gin de dhuighean aice. Bha achearc math gu breith agus uighean mòra brèagha aice. Cha burrainn dhi a marbhadh!

Air dhi a h-inntinn a dhèanamh suas chaidh am boireannach don taigh bheag a-muigh, far a robh barailte de sgadan saillte aice, agus thug i às na dheanadh dìnnear a latha.

Cha do smaointich in còrr mu dheidhinn gus an deach i mach gus achearc a dhùnadh suas airson na h-oidhche. Fhuair i air a bàthadh i anns abharailte sgadain! Bha e coltach nach do chuir i a sgiathag dòigheil air mullach abharailte nuair a thug i às an sgadan. Leum achearc suas air abharailte, chaidh a sgiathag air a tarsainn is thuit achearc anns abharailtes chan fhaigheadh i às. Mo thruaighe! Cha robh nis cearc no ugh no sgadan aice -- oir cha leigeadh a sgreamh leatha an còrr den sgadan ithe on a bhàthadh achearc anns aphiceal anns a robh e.

An e aicheamhail a bhann? Cha chreid mi idir gu robh leithid de rud riamh ann.

Nach eil a seanfhacal ag ràdh, “Nuair thig ri duine thig ris uile”.

Agus cuideachd, “Cha tig trioblaideannan aonar

(Tha leabhar le Catrìona, Only the Sunny Days, air ùr thighinn a-mach bho Heatherbank Press).

titleA’ Cuimhneachadh Làithean m’ Oige
internal date1988.0
display date1988
publication date1988
level
reference template

Catrìona NicNèill in Gairm 143 %p

parent textGairm 143
<< please select a word
<< please select a page