AN COMANACHADH
le Aonghas Mac-a- Phì
Bha mi a’ bruidhinn ri caraid bho chionn ghoirid, a thubhairt rium nach deach e riamh gu geamaichean Phortrìgh, nuair a bha e beag, oir gum b’ e èildear a bha ’na athair agus gun robh latha-traisg na h-eaglais aca, air an aon latha ris na geamaichean.
Nach e ’n saoghal a tha air atharrachadh anns na bliadhnaichean bhon uairsin. Bha mi a’ leughadh sna pàipearan ’s a’ cluinntinn air rèidio gun robh àimhreit eadar luchd-deasachaidh nan geamaichean am Portrìgh agus eaglais anns a’ bhaile sin, gun do thagh luchd-nan-geamaichean, latha traisg na h-eaglais seo airson am fèisd aca ... rud nach d’ rinn iad riamh roimhe.
Thug seo ’nam chuimhne iomadh comanachadh dhan deach mi, cuide ri mo phàrantan anns an Eilean Sgiathanach ’s mi òg.
B’e seachdain mòr, seachdain a’ chomanaiche, anns gach baile beag an uairsin. Bha daoine a’ cruinneachadh às gach àite dhan eaglais agus glè thric cha robh àite-suidhe gu leòr ann dhan àireamh dhaoine a bha tighinn a dh’ èisdeach. Bhiodh cuid dhen t-sluagh a’ tighinn an carabadan, cuid am busaichean, cuid am bàtaichean, cuid air baidhsagal, ’s cuid a’ coiseachd. Bhiodh muinntir an àite a’ deasachadh biadh fad seachdain airson na càirdean aca a thoirt go bòrd gach latha dhen chomanachadh. Bha gach bean-taighe air bhioran gu leòr a bhith aice airson na daoine a bheireadh fear-an-taighe dhachaigh leis an dèidh an t-searmoin, ’s gun fhios aice co-mheud, gus an ruigeadh iad ... ach cha chuala mi riamh gun do ruith bean-taighe a-mach à biadh aig dìnneir-comanachaidh. (Ged a bhiodh mac bràthair m’athar ag ràdh gun cual e athair ag innse dhaibh, gur tric a bhiodh e ag ùrnaigh nach toireadh am bodach ro-mhòr a dhaoine dhachaigh an là-ud, oir nach fhaigheadh esan a dhìnneir, gus an robh a’ chailleach cinnteach gun robh gach aoigh sàsaichte!)
Bha ’n comanachadh a’ tòiseachdadh le latha-traisg air Diardaoin. Chan fhaca mise duine riamh a’ trasg air an là-ud, ach is cinnteach gun robh iad ris anns an t-sean-nòs. Bha ’n uairsin coinneamh ann Dihaoine, coinneamh Ceist nam bodach. Air Disathairne, bhiodh
coinneamh Ullachaidh ann airson an t-Sàbaid. Bha ’n Comanachadh a’ tighinn gu crìch le seirbheis Taingealachd air Diluain ... làithean trang air leth.
Ach ’sann air an t-Sàbaid a bha ’n cruinneachadh a bu mhotha dhen t-sluagh nuair a bha na comanachaidhean aig bòrd agus is tric nach robh coltas air gum biodh àite suidhe ann do gach duine anns an eaglais, ge be cho mòr ’s a bhiodh e. Ach cha robh seo ’na dhragh, ’s an aimsir math a-muigh, oir chruinnicheadh a’ mhuinntir air slios cnoc, teann dhan eaglais far an robh farsaingeachd gu leòr aca. Nach b’e seo an cleachdadh, fada mus robh eaglaisean cloiche na eile aca co-dhiù.
Bha cùbaid-fiodh aig gach eaglais sna làithean ud, a ghabhadh togail a-mach dhan phàirce agus e mòr gu leòr airson dithis suidh’ ann. Cha robh e ao-coltach ri bocsa-telefon neo cathair-sedàn, le doras beag air aon taobh agus an dara leth dheth fosgailte air an taobh eile. Bha ’n coithional ’nan suidhe air sliosan chnuic – a’ chuid a bu mhotha air na seacaidean, neo na còtaichean aca, ged a bhiodh corra sheann duine neo cailleach le cathair.
’S math mo chuimhne air na seirbhisean ud a-mach fo na h-iarmailtean ’s a’ ghaoth bhlàth a’ tighinn a-steach far na locha. Tha fios gun d’rinn e ’n t-uisge uairean, ach chan eil cuimhneam air uisge a bhith stad comanachadh riamh.
Tha cuimhneam gun do theab a’ mheanbh-chuileag seirbheis a stad aon uair aig a’ Chomanachadh againn, ge ta. Bha iad ag èirigh beò às an fheur ’s às a fhraoch ’s am feasgar cho ciùin, fionnar, ’s theabar an coithional ithe gu lèir. ... B’e seirbhis ghoirid e ’n oidhche ud!
Ach is e ’n t-seinn, a-mach fo na h-iarmailtean, an rud nach dìochuimhnich mi rim mhaireann ... ag èisdeach ri Sailm Dhàibhidh an Gàidhlig,ag èirigh suas bhon t-sluagh an dèidh dhan phrecentor an loidhne a chur a-mach, an guth làidir, treun. B’ e eòlas àlainn, taitneach seo, a ghabh grèim air spiorad is cridhe iomadh Gaidheal, òg is sean. Chuireadh am fear a bha togail an fhuinn a-mach an loidhne le ghuth ceòlmhor ’s na faclan Gàidhlig a’ sgeadachadh pongan a’ chiùil. Dh’èireadh a ghuth an uairsin aig ceann na loidhne air co-sheirm a’ choithional ’s iad uile a’ togail glòir, faclan an t-salmadair gu Dia air an robh iad a’ dèanamh adhradh.
Chuala mi a leithid do dh’ adhradh aon uair, ’s mi fadalach air baidhsagal a’ dol gu coinneamh pìos bhon bhail’ againn-fhìn. Bha mi mu mhìle air falbh agus feasgar brèagh, ciùin ann, ach dh’èirich an t-sèise seo mar bheannachd air an fheasgar agus stad mi car tamall ga èisdeachd ... bithidh mi ga chluinntinn fhathast ’nam mhac-mheanmna.
Dh’fheumadh tu bhith ruighinn agus buan ge ta, a dhol chun nan seirbhisean, oir bha na ministearan a’ creidsinn ann a bhith a’
dèanamh searmoin agus ùrnaighean làn. Mar a bu trice, bha dithis mhinistearan agad co-dhiù, agus nuair a bha fear dhiubh sgìth thòisicheadh am fear eile. Ach ’s iad daoine cruaidh na Gàidheil agus nuair a dh’fhàsadh an latha ro-bhlàth ’s an searmoin slaodach, cha robh daoine diùmbach nam faiceadh iad fear neo tè an siud ’s an seo a’ dèanamh norrag bheag. Tha e doirbh a h-uile facal a ghabhail a-steach, nuair a tha ’m ministear a’ bruidhinn barrachd air leth uair a thìde ... ged nach gabh iomadh ministear ris a sin, ’s iomadh fear aca a’ tomhas tlachd a shearmoin, air fhaide.
Ach bha na ministeirean iad-fhèin comasach agus cruaidh, oir bu tric a bheireadh fear dhiubh sgleog air oir na cùbaid ’s teachdaireachd a shearmoin a’ tighinn gu ìre. Bha e èibhinn an uairsin a bhith a’ faicinn bodach neo cailleach a’ breabadh às an t-suain, ’s iad a’ feuchainn ri bhith a’ coimhead dùisgeil.
Bhiodh sluagh mòr a’ dol chun na Comanaichean nuair a bha mis’ òg – mòran a bharrachd air na chithear an-diugh. Chan eil mi idir ag ràdh gun robh an sluagh sin uile beannaichte, seach mar a thàtar an-diugh, ach bha àireamh mhòr a’ cruinneachadh anns na bailtean aig àm a’ chomanaiche, agus bha càirdeas mòr ga shealltainn am-measg dhaoine aig an àm, nach eil idir cho bitheanta san là-an-diugh. Ach ’s fhada bho na làithean a chunnaic ’s a chuala mi coitheanal ’nan suidhe air cnoc a’ seinn:–
“Mo shùilean togam suas a chùm nam beann on tig mo neart.”
title | An Comanachadh |
internal date | 1988.0 |
display date | 1988 |
publication date | 1988 |
level | |
reference template | Aonghas Mac-a-Phì in Gairm 145 %p |
parent text | Gairm 145 |