TURAS FEILL GHLASCHU
le Aonghas Mac-a- Phì
Anns na bliadhnaichean roimhe ’s as dèidh a’ Chogaidh Mhòir (1914-18), bha iomadh Gàidheal a’ fuireach am baile-mòr Ghlaschu, ged a chaidh àrach an gleann neo air eilean Gàidhealach. Bha teaghlaichean mòra aig a’ mhuinntir aig toiseach an linn seo– – ’s dòcha gun robh dotaireachd na b’ fheàrr aca ’s nach robh cho mòr dhiubh a’ caochladh ’nam paisdean, le fiabhrasan nach toireadh smuaintean oirnn an-diugh. ’S dòcha gun robh e ciallach do phàrantan teaghlach mòr a thogail agus a bharrachd tuarasdail a thoirt dhan dachaigh . . . ach ’sann a bha ’n trioblaid ann obair agus cosnadh fhaotainn do gach anam, far nach robh e sa’ chiad àite. Rinn na Gàidheil mar a rinn tuath eile na dùthcha ’s lìon iad na bailtean-mòra, far an robh obair farasda gu leòr fhaotainn, ged nach robh ’m pàigheadh ro-mhòr.
Nach b’i Màiri Mhòr nan Oran, a bhan-Sgiathanach a rinn bàrdachd cho eireachdail, a thuig seo nuair a sgrìobh i . . . .
“Chuir mi sìos mo liòn ann am meadhon baile-mòir” . . . ’s a-rithist ag ràdh. . . “Cuir m’ aghaidh air Glaschu b’airtneulach mo cheum” . . . nach i a chuir smaointean nan Gàidheal cho math am faclan.
Dh’fhàg mo phàrantan-sa an t-Eilean Sgiathanach anns an d’rugadh iad, ’nan deugaich a shireadh cosnadh am baile-mòr Ghlaschu ’s cha robh iad ’nan aonar.
Bha ’m baile mòr seo acrach airson luchd-obrach de gach seòrsa anns na taighean-ceàirde a’ deànadh gach nì a bha a dhìth air dùthaich às a rian, an cogadh cho mìlteach ’s a thàinig air an Roinn Eòrpa riamh. Cha robh gainne airgid airson buill-airm, èideadh-chogaidh, carbadan, bàtaichean is itealain agus nuair a sgrios na h-innealan cogaidh an dara leth dhen t-sluagh san Fhraing agus a dh’ fhàg iad cho mòr dhen àite ’na fhàsach, bha ’n luchd-obrach fhathast anns na bailtean le teaglaichean ag èirigh is bochdainn air gach taobh.
Bha deich bliadhna cruaidh air feadh na dùthcha an dèidh a’ chogaidh ’s gun ghuth a-nis air airgead mòr gach seachdain agus ‘overtime’ na thogradh iad mar a b’ àbhaist. B’ann anns na bliadhnaichean sin a rugadh mi-fhìn aig àm an ‘Depression’ mar a thug iad air, agus tha fìor-chuimhn’ agam air bochdainn nan daoine am baile Ghobhainn, an Glaschu, ’s gun bàtaichean gan togail anns na dochdaichean falamh, ’s luchd-ceàird ’nan tàmh air feadh nan sràidean. B’ e saoghal cruaidh neo-dhòchasach e gu dearbh dhan mhòr
chuid, ach bha dà sheachdain sa’ bhliadhna nuair a thigeadh saorsa . . . .
Colla-deug Fèill Ghlaschu!
Chan eil fhios-am cuin a thòisich baile Ghlaschu air a bhith cumail Fèill aig toiseach an Iuchair, ach tha e coltach rium gum b’e mìos mhath seo do luchd a’ bhaile cuimhneachadh gum bu daoine dùthchail iad bho thùs, agus ged nach dèanadh iad ach uair sa’ bhliadhna e, gum faodadh iad a bhith. . .
. . . “a’ fàgail smùid agus stùr a’ bhaile, ’s a bhith ’g amharc air gleanntan nam bò.”
B’aithne dhomh ’s mi beag am baile Ghobhainn, clann aig aois sia is seachd bliadhna nach robh riamh taobh a-muigh sràidean a’ bhaile fhèin. Eadhon ’nam bhalachan, bha truas agam riutha agus nuair a smaoinicheas mi’n diugh air ’s gann gun creid mi-fhìn gun robh sin fìor . . . ach bha.
Mur a biodh àite aig teaghlaichean à Glaschu fuireach airson seachdain neo colla-deug cuide ri càirdean, ’s dòcha gum biodh gu leòr a dh’ airgead aca sàbhailte fad na bliadhna airson taigh beag a ghabhail neo fuireach an taigh-loidseadh, shìos air cladaichean Cluaidh leithid Gouraig, Dun-omhain, Baile Bhòid, na Leargaidh-Ghallda ’s mar sin. ’S mur a biodh gu leòr aca airson seachdain, dhèanadh iad aon là mòr dheth, a’ falbh air turas sìos Cluaidh air tè dhe na bàtaichean-luath, ’s dòcha a-null gu Eilean Arain, neo air chuairt do Chaolais-Bhòid agus b’ann aca fhèin a bhiodh an latha mòr “Doon -the- Water”, le ceòl is òl ’s gach nì eile a thogadh inntinn.
Tha fìor-chuimhneam air latha mar seo, oir cha b’ ann tric a bhithinn-sa an Glaschu aig an àm, ’s mi-fhìn ’s mo mhàthair cuide ri ar càirdean fad na mìos san Eilean. Ach bha m’ athair ’na phìobaire an còmhlan-phìoba luchd Chàraichean Ghlaschu agus bha iad uile air falbh air turas aon uair, a phàigh Riaghaltais a’ Bhaile do ghrùnn chloinne à taigh-dìlleachdain, agus fhuair teaghlaichean nam pìobairean iad fhèin cead a dhol air an turas. Latha mòr fealla-dhà is ro-mhòr a dh’ ithe do shuiteas is do mhìlsean eile de gach seòrsa. Cha chreid mi nach robh mise tinn ’s chuir mi a-mach mo sgamhan, nuair a fhuair sinn dhachaigh, eadar gach salachar a dh’ith mi.
Ach chan ann air abhainn is bàtaichean Chluaidh a laigheas m’inntinn, nuair a chuimhnicheas cuideigin dhomh Fèill Ghlaschu, ach air stèisean mòr ghloinne Sràid Ban-righ far Squair Sheòrais.
B’ann a siud a bha ’n ‘stir’ ’s an ùbraid, cha b’ann a-mhàin DiSathairne Fèill Ghlaschu, ach tric air Dihaoine cuideachd. Ach b’e madainn DiSathairne a bu mhiosa glan, oir ’sann an uairsin a bha baile Ghlaschu ga fhalamhachadh fhèin gu grad.
Cha robh guth air càraichean is pleunaichean an là-n- diugh. Cha robh dòigh dhan t-sluagh ach an tram a ghabhail gu stèisean nam
busaichean . . . “charabancs” a bh’aca orra ’n uairsin – neo gu stèiseanan nan trèanaichean a bha cho trang sna làithean ud, ’s iad mar mheadhon eige an damhain-allaidh le lìon do loidhnichean a’ dèanadh air gach àird. Bha stèisean Sràid na Bàn-righ (Queen ’s Street) agus am Prìomh Stèisean (Central) ’s cuideachd stèisean mòr eile, nach eil idir ann an-diugh aig Sràid Bhucannan ’s fear eile aig St. Enoch ’s . . . ’s gach fear dhiùbh beò le daoine, mar na sneangannan, a’ falbh a dh’ àird air choreigin.
Bhiodh na trèanaichean a’ falbh gu math tràth sa’ mhadain ’s tha cuimhneam nach biodh mo mhàthair a’ cadal mòran an oidhche roimh ’n imrich. Bhitheamaid air ar cois eadar trì is ceithir uairean sa’ mhadainn, a’ gabhail ar braicaist agus a’ dùnadh suas an taighe airson a’ cholla-deug. Bha na h-uimhir ri sealltainn ris agus ceusaichean ri chur a-mach aig bàrr na staidhre . . . b’ ann trì staidhrean suas an taigh-teanament a bha sinn a’ fuireach air Sràid Luath, far Rathad Ghobhainn.
Bhitheamaid a-muigh air an t-sràid aig còig uairean a’ glacadh an tram a bheireadh suas am baile sinn chun an stèisean. Bhiodh an t-sràid làn dhaoine coltach ruinn fhìn ’s iad a’ togail orra air làithean saora. Mar a bu trice b’ iad Gàidheil neo Eireannaich, oir bha baile Ghobhainn làn dhiubh an uair ud agus chluinneadh tu a cheart uimhir de Ghàidhlig ga bruidhinn air an tram, ri Beurla.
Cha robh guth air èideadh “casual” sna làithean ud . . . ma bha deise-Shàbaid agad, bha i ort, agus gleansadh nad bhrògan a dhèanadh sgàthan dhiubh. Bhiodh na mnathan spaideil air leth le adaichean iteagach, grinn – craiceann is fionnadh an t-sionnaich mun guaillean agus còtaichean fada, grinn os cionn brògan-àrda le sàilean biorach. Cha bhiodh iad gu mòran feum anns a’ bhàthaich nuair a gheibheadh iad dhachaigh chun a’ chroit, ach nach iad a dhèanadh an dealbh dhan càirdean a’ tighinn far a’ bhata aig cidhe Phortrìgh!
Ghiùlaineadh tramaichean a’ bhaile suas chun an stèisean thu le iomadh glag is iomadh stad, a’ togail nàbaidhean far sràidean eile air an aon imrich. Bhiodh a’ chlann-òga ’nan suidhe sàmhach, ’nan leth-chadal ’s grèim aca air poca-shuiteas neo pàipeir-èibhinn-chloinne.
Mu dheireadh thall, bha gach duine a’ dòrtadh a-mach agus suas bruthach beag cas, chun an stèisean, ’s tu a’ tuigsinn gun robh dara-leth a’ bhaile romhad agus ciudha mòr do theaghlaichean a’ snàgail a-mach bhon gheata aig àrd-ùrlar, far am biodh trèana Mhallaig a’ fàgail. Fhad ’s a bha d’ athair a’ ceannach na tiocaidean bha do mhàthair a’ trusadh mar chù-caorach gus an robh sibh uile anns a’ chiudha le bhur treallaich. Nuair a dh’ fhosgaileadh oifigich na trèana an geata, bhrùchdadh an sluagh troimhe, mar abhainn ’na thuil a’ dòrtadh far a bhruachan, ’s a-mach air an àrd-ùrlar a’ dèanadh air an
trèana. Nuair a thachradh seo, bhiodh gach duine mionnaichte nach fhaigheadh e àite-suidhe leis an àireamh dhaoine roimhe, ’s air a’ chùlaibh, ach b’ ainneamh a thachradh seo, ’s ged a thachradh gum biodh an trèana luma-làn, bheireadh na fir na h-àitean suidhe aca dha na boireannaich ’s dhan chloinn ’s na seann daoine, gu h-ealamh.
Mu dheireadh thall bhiodh gach duine air bòrd, ’s gach ceus air a phasgadh àrd neo ìosal. ’S dòcha gum biodh cuideigin ’na ruith aig a’ mhionaid mu dheireadh, nach tric a tha air trèana, ach shèideadh an geàrd fhìdeag agus rachadh am flaga uaine suas, ’ssrannbhoneinnsean agus spùt mhòr de cheò dubh bhon t-simileir, dh’ fhalbhamaid le glagadaich bho na carbadan, a-mach às an stèisean dhan là-ùr.
Cha bhiodh ri fhaicinn an toiseach ach cùlaibh thaighean, cùirtean sàmhach, agus taighean-ceàirde dùinte. Sud Dun-tochair ’s ’na dhèidh cloc mhòr Taigh-Cheàirde ‘Singer’ aig Bruach-Chluaidh ag innse dhut nach eil e ach beagan an dèidh sia . . . .
Ach siud abhainn Chluaidh air chùl simileirean ‘Bowling’ agus bàtaichean-smùide a’ falbh suas is sìos ’nan cabhaig le luchd is daoine. Ach tha ’n trèana a-nis air togail oirre agus ceò, smùid is sradagan a’ falbh às an t-simileir, cho tiugh ’s gum feumar na h-uinneagan a dhùnadh, oir bidh èideadh glan ùr nam ban cho dubh ris an t-sùith . . . ’s nach tric pàisde a’ rànaich ri mhàthair gun deach sradag ’na shùil.
“Gligididh-glag, gligididh-glag” aig na cuibhlichean ’s iad a’ dèanamh òran ’s tu a’ tuigsinn gum bheil truimeid a’ chadail air d’ fhàgail ’s tu a’ faicinn uisge fada Loch Laomainn shìos ud eadar na craobhan. Tha ainmean nan stèisean ’nam bàrdachd dhut nach dìochuimhnich thu ri d’ mhaireann. Ainmichidh mi uile iad, cho fad ’s mo chuimhne ged a tha sreath fada annta . . . .
Dun-bhreatann, Creag-an-Dòbhrain, Bail’ -Eilidh, An Rubha, Ceann Loch Geàrrloch, Arachair ’s an Tairbeart, Ard-lìgh agus suas an Gleann Falach gu Crion-làraich, far am faigheadh tu tì aig an stèisean mus togadh tu ort a-rithist gu Taigh-an-druma, Drochaid-Orchaidh, ’s dùthaich Dhonnchaidh Bhàin, Monadh an Raineach, Coire-Odhar, Tullach, An Drochaid Ruadh, Drochaid-Spithinn, ’s an Gearasdan. Stadamaid greis an siud, gus am falbhamaid uair eile air an rathad-iaruinn an Iar gu Bana-bhuidh, An Corpach, Sliabh Loch Iall, Gleann Fionghain, Loch Ailleort, Arasaig, Mòrar agus mu dheireadh ceann-an-loidhne, am Mallaig.
Nach bu chiatach na h-ainmean ud do Ghàidheal a’ fàgail prìosan baile mhòir ’s a’ faicinn roimhe dà sheachdain de shaorsa agus farsainngeachd tìr a bhreith air thoiseach air. Cha robh e ’na iongnadh gun robh iomadh cèilidh a’ dol air feadh na trèana, le òrain Ghàidhlige agus eadhon port air pìob-mhòr neo air bocsa-nam-putain anns na seòmairean neo a-mach anns an trannsa . . . .
“ ’S truagh nach robh mise ’n Eilean mo chrìdh’ ” aig na Sgiathanaich, agus “Eilean Leòdhais tìr nan Gaisgeach” aig na Leòdhasaich.
Bhiodh crachd-nam-buadh a’ dol eatorra uile, ’s na boireannaich a’ dèanamh càirdean ùra ’s a’ cur eòlas air daoine a chunnaic iad aig cèilidh an ‘Overnewton’ sa’ Gheamhradh. Bhiodh clann a’ ruith air ais ’s air adhart san trannsa, a’ dol dhan taigh-faileidh ’s iad a’ call am mùin neo a’ cur-a- mach leis a’ bhrosnachadh. Bhiodh gach màthair ’s aon shùil aice air a’ bhodach, nach robh e a’ gabhail tuilleadh ’s chòrr dhen dràm ’s an deoch-slàinte, cuide ri a chàirdean, agus sùil eile air a clann, mus tuiteadh iad a-mach air doras an trannsa . . . bhiodh na mnathan truagha ’nam fallas, mus ruigeadh iad Mallaig.
Nach bu bhrèagh an sealladh air rathad-mòr-iaruinn nan Eileanan, a bhith a’ tionndadh guallainn-na-beinne ’s a’ faicinn a-mach ud romhad, an Cuan Siar, ciùin gorm fo ghathan na grèine, ’s iad a’ deàrrsadh sìos air cladaichean nan eilean. Thall ud na sreangannan do dh’ eileanan beaga a’ meàrsadh a-mach gu Sgor Mhòr Eige, Culthionn Arda Eilean Rùm, le trusgan beag do cheò – teas an t-Samhraidh agus air an cùlaibh Canaigh iosal, gorm-ghlas fo bheanntan Eilean a’ Cheò.
Ged as dìleas dhar dùthaich sinn uile nar Gàidheil chan eil sinn a’ cur seallaidhean an t-saoghail am meud cho mòr, nuair a chanas sinn gum bheil seo ’na shealladh cho maiseach ’s a chithear an dùthaich sam bith . . . Tràigh gheal Mhòrair le uisge uaine-ghorm a’ Chuain Sgìth ag ataireachd air a chùlaibh ’s a’ cuartachadh na h-eileanan àrda is ìosal fo speuran chiùin an t-Samhraidh.
Ach stad an còmhlan a’ coimhead a-mach uinneagan na trèana, oir bha iad gu bhith aig “Ceann-an-loidhne” ’s àileadh na mara, an t-iasg ’s na ‘kippers’ . . . àileadh Mhallaig a’ tighinn teann.
Stèisean Mhallaig – an geàrd ag eubhach – portairean a falbh a dhèanamh cobhair air luchd nan ceusaichean – mnathan ag òrdadh ’s a trusadh chloinne – fireannaich a’ bruidhinn ro dheoch ’s a’ dèanamh bràthair do dhuine nach fhaca iad riamh roimhn mhadainn ud fhèin. Sluagh a’ feitheamh rin càirdean far na trèana a’ measgadh le sluagh na trèana, ’s e uile a’ cur nad chuimhne fèill-chruidh, neo trusadh chaorach.
’S an uairsin an dòrtadh dhaoine seo a’ deànamh sìos air a’ chidhe far an robh bàtaichean-aiseig Mhic a’ Bhruthainn an ceangal, a’ feitheamh na h-aiseigeich ’s gach fear dhiubh le ceòban do smùid a’ falbh as na funalan-dubh-is-dearg aca. Am-measg na tha ’n siud do dhaoine bha là mòr aig na faoileagan ’s iad ’nan ceudan sa’ bhaile seo . . . bha fear an siud ’s an seo a’ guidheachan dhaibh ’s a chòta geal an dèidh dhaibh a bhomadh . . . ’s ged a bha ’m ‘mess’ dona gu leòr bha àileadh far salachar faoileagan Mhallaig nach gabhadh creidsinn.
Suas am bealach-aiseig ’s air bòrd an ‘Loch Nis’ ma bha Steòrnabhagh air do shlighe – an ‘Loch Mòr’ ma bha thu a’ deànamh air an Tairbeart neo Loch-na-Madadh, agus an ‘Loch Neibhis’ ma bha thu a’ dol dhan Chaol, neo a Phortrìgheadh, neo Raarsaigh . . . ’S romhad air bòrd, cho luath ’s a phaisg thu do cheusaichean, luchd-seirbhis na bàta airson cupa-tì a thoirt dha na mnathan( ’s nach iad a bha feumach air sin), gloinne neo pinnt a thoirt dha na balaich agus a’ chlann a thoirt gu h-ìosal a dh’ fhaicinn na h-einnsean. B’ iad sgioba gu math fritheilteach, gillean Mac a’ Bhruthainn.
’S mus tàrr dhut suidhe an dèidh a bhith tilgeil fàilte air a’ mhuinntir ’nan sreath air deice an ‘Loch Nis’, ’s i a’ falbh gu math le craos geal do chop-na-mara às a dèidh, suas an Caolas a’ dèanamh air Leòdhas, siud an dùdach a’ dranndan os do chionn agus fuaim na h-einnsean a’ cur crith fo d’ chasan ’s tu a’ coimhead na portairean a’ tilgeil nan ròpan-ceangail gu na maraichean, a’ saoradh am bàta bho thìr.
Shuas air an drochaid aodann dearg an sgiobair ’s e toirt òrdain dhan phìleat, glagadaich bhellaichean ’s torman ùr fo d’ chasan ’s i air a ceann a thionndadh, a’ mhuir fo a sròn a’ dèanamh a-mach à port Mhallaig, seachad air na ficheadan de bhàtaichean-iasgaich an ceangal ri laimhrig an èisg, ’s air an cuartachadh le faoileagan.
Clann bheaga ’nan ruith ’s na mnathan às an dèidh mus tuit iad a-mach air a’ mhuir (ged nach fhaca ’s nach cuala mi riamh a leithid a’ tachairt) – bodaich is cailleachan ’nan suidhe sàmhach còmhla le plaidean a’ còmhdach an seann ghlùinean bhon ghaoth a tha ’m bàta a’ togail air a gluasad, ’s iad a’ coimhead a-mach le sùilean laga, bog air an t-sealladh àghmhor seo uair eile le taingealachd, oir ’se miann gach eileanach a dh’ ainneoin dachaigh bhrèagh am baile mòr, gum faod e tighinn gu deireadh a thurais an ‘Innse Gall’ . . . an aois air aon taobh agus an òige thall ud len gàirdeanan fiadhte ’na chèile . . . dithis shuirghichean a’ dol dhachaigh a dh’ ìnnse dham pàrantan gum bheil iad a’ dol a phòsadh?
Buille chruaidh na h-einnsean ‘a sgoltadh thonn’ roimhpe agus sreath fhada do fhaoileagan ’na dèidh . . . Eilean Orasaidh air a làimh chlì agus Loch Huirn air a làimh dheis suas Caolas Shlèibhte, ’s chan fhada gus am bheil sinn an Caolas thana Radha, ’s long a’ tighinn a-mach à Gleann-Eilg an coinneamh a’ bhàta. Daoine is luchd a’ dol air tìr agus an tiota na h-einnsean gar putadh Tuath, troimh fhairge uisge a’ chaolais gu Loch Aillse ’s Beinn a’ Chapuill air ar cùlaibh.
A-staigh dhan Chaol agus cidhe eile le stèisean trèana romhainn. Beagan dhaoine far treuna Inbhir-Nis agus bàt-iasgaich neo a dhà, ach chan eil seo idir cho trang ri cidhe Mhallaig.
Cuid a’ dol air tìr airson bàt-aiseig Chaol-Acainn fhaotainn a bheir dhan Atha-leathann ’s a Shlèibhte iad, ’s cuid eile a’ bòrdadh far na
trèana, airson seòl a ghabhail suas gu Port-an-rìgh. Faoileagan a’ sgiamhail ’s a’ suidhe air rèilichean na luing is a’ coimhead airson biadh, ’s clann gan sealg ach grèim a dhèanamh orra.
Ach an ceann greise, dùdach àrd bhon ‘Loch Neibheis’ a-rithist ag innse do gach neach gum bheil an t-àm togail orra. Eubhach bho na maraichean ’s iad a’ toirt a’ bhealach-aiseig air bòrd ’s fear an siud ’na dheann a-nuas an stèisean a chuir seachad ro-mhòr a thìde a’ gabhail deoch-slàinte cuide ri seann charaid.
Torman chiùil na h-einnsean fo d’ chasan a-rithist ’s i a’ gluasad gu h-ealamh seachad air taigh-solais a’ Chaoil. . . Eilean Phabaigh a-staigh ris a’ chladach-clì agus beanntan Rois os cionn Loch Ciosairn air an làimh dheis. A-mach le sùrd bhon Tuath air chùl Eilean Scalpaigh ’s na h-iasgairean a’ tarraing lìn a-null gu eileanan beaga Chròdhlinn . . . siud Sùisinis aig Ceann a deas Raarsaidh agus an Cuilthionn ri fhaicinn gorm os cionn Loch Shligeachain.
A-steach gu cidhe Raarsaidh agus beannachd fhada leis na Raarsaraich a’ dol air tìr cuide rin càirdean. Thall ud ma ’r coinneamh bailtean beaga a’ Bhràighe, Pein-a- chorrain, an t-Olach agus Camus-Tianabhaig air chùl an Aird.
Ach tha ceann ar turais a’ teannadh oirnn ’s an dùdach a’ rànaich bho Ghob a’ Chamais Bhàin ris an t-sluagh a’ feitheamh air cidhe Phortrìgh, ’s a cheart uimhir air tìr ’s a th’ air bòrd.
Nach brosnachail am pìobaire a ghabh air fhèin seasamh shuas ud aig toiseach na luingeis ’s e seinn fàilte air a’ phìob-mhòr ris a’ mhuinntir . . . glagadaich nam bellaichean is faram an einnsean a’ sior chlos . . . eubhach air tìr ’s daoine a’ faicinn an càirdean air bòrd. Na h-aiseigeich uile a’ cur liost anns a’ Loch Neibheis’ ’s iad uile a’ dol gu taobh-tìr a dh’ eubhach fàilte . . . maraichean a’ tilgeil ròpan gu portairean-a- chidhe ’s a’ ghrian a’ deàrrsadh air ballaichean geala taighean-òsda Phortrìghe, ’s a’ tilgeil faileas am bàrr an uisge.
Tha ’m bealach-aiseig air tìr ’s an sluagh a’ coiseachd sìos len ceusaichean troma . . . Calum ‘Smotach’ aig a’ gheata-chruinn ’s màl-a- chidhe a dhìth air, mus fhaigheadh tu a-mach . . . ‘Huppence please’ ars esan riut is blìon mòr air aogais a-nochd ’s e a’ togail fortan an sgillinnean.
Tha a-nis gach duine air a shlugadh aig na càirdean air tìr ’s ceò ag èirigh ’na smùid bho na càraichean ceithir-thimcheall. Tha làraidh an siud airson do chuideachadh leis na ceusaichean suas gu Squair Shomhairle far am bheil na busaichean a’ feitheamh gu d’ thoirt gu gach àird dhen Eilean.
Tha ’n sgìos air togail bhuat ’s tu cuide ri do chàirdean-fhèin ’s Gàidhlig bhrèagh do shìnnsre air gach bile mun cuairt dhuit. . . Tha dà sheachdain do shaorsa a-nis romhad.
title | Turas Fèill Ghlaschu |
internal date | 1989.0 |
display date | 1989 |
publication date | 1989 |
level | |
reference template | Aonghas Mac-a-Phì in Gairm 148 %p |
parent text | Gairm 148 |