[55]

RIGH NAN CUAN ARD

le Iain MacUisdein

Nuair a thadhail an Ceannard-càbhlaich Dòmhnall Murchadh Mac GillEathain air Steòrnabhagh ann an 1962 a ghabhail saorsa abhaile, bha ena sgiobair air an t-soitheach bu mhotha anns an t-saoghal, aBhan-righ Ealasaid. Bha e air a bhith ag obair còmhla ri Cunard airson fhichead bliadhnas a ceithir, agus sheòl e air faisg air fhichead bàta le Cunard.

Ach bha a chiad eòlas air beatha aig muir gu math eadar-dhealaichte aig Dòmhnall Mac GillEathain. Anns abhliadhna 1916 bha e fhathastna oileanach ann an àrd-sgoil MhicNeacail. ’S e bàta chroinn is

[Dealbh]
ABhan-righ Ealasaidh aig Iorc Nuadh.



[56]

fhichead tonna anns a robh e. ’S ann aig bràthair athar Tormod a bha am bàta seo aguss eCeann Phabailan t-ainm a bha oirre. An dèidh mòran uairean a thìde air abhàta bheag, bha Dòmhnall afaireachdainn dòigheil gu leòrgus an do thòisich am bàta aroiligidh ann an sumainn. An uairsin ghabh e truinnsear sgadan ròsda agus gu math luath bha nasealegsaige aruith air falbh. Ach chuir e roimhe nach buannaicheadh am muir agus, an dèidh an dara oidhche, cha robh cur na mara air Dòmhnall tuilleadh.

Nuair a bha ena Chaiptean air aBhan-righ Ealasaid agus air bàtaichean eile le Cunard, mar am Britannic, Carinthia, Caronia, Franconia, Mauretania agus aBhan-righ Màiri, cha be sgadan ròsda a bha aig Dòmhnall airson a bhracaist. Ach, nuair a thòisich e aig Cunard, cha robh e cho math air a dhòigh. ’S e an Tyria achiad bhàta a bha aige. ’Se bàta-luchd de 1,800 tonna a bha innte,aguss e preantas a bha ann nuair a chaidh e air bòrd. Ghiùlain an Tyria luchd eadar na puirt saMhuir Mheadhan-thìreach aChiad Chogaidh. Aig Sisili, chuir iad 2,000 tonna de phronnasg airson gas puinnsein a dhèanamh, air tìr.

An dèidh aChiad Chogadh, bha Dòmhnallna oifigear, air bàtaichean-luchd beaga agus air luing-aisig mhòra. Chaidh e an uairsin don R.N. R. far an drinn e seirbheis air iomadh long agussubmarine”. anDepression”, dhoibrich e greiseag ghoirid air tuga aguss edeckhanda bha ann. Ann an 1938, rinn e seirbheis ghoirid air aBhan-righ Màiri, a bha an uair sinna bàta grinn ùr. Ach bha neulan dorcha acruinneachadh agus bha Cogadh eile atighinn a chuireadh seòladairean ann an cunnart.

Do Dhòmhnall, thòisich an dara cogadh air bòrd H.M. S. Transylvania, bàta-aisig dhaoine de 17,000 tonna, far am besan am Prìomh Oifigear air bòrd. Bha iad acur stad air bàtaichean a bha cur stuth chun na Gearmailt. ’S e Bian bho Suomi an t-ainm a bha air aon bhàta. Nuair chaidh Dòmhnall air bòrd abhàta seo, dhaithnich e gum be Gearmailtich a bha air an t-soitheach agus be gu dearbh am Bianca bho Hamburg a bha anns abhàta. An dèidh iomadh latha doirbh, thug Dòmhnall am bàta agus na sgiobaidhean aice sàbhailte gu Lìte.

Cha robh Dòmhnall cho sealbhach anns an Iuchar 1940. Bhuail an toirpead bho bhàta-U air HMS Transylvania. Chaidh am bàta fodha gu math luath. Ràinig Dòmhnall bàta-teasairginn ach bha cus dhaoine innte agus chaidh i thairis. Mhair Dòmhnall beò acur seachad na h-oidhche acùmail grèim air crann. Shàbhail e beatha aon seòladair òg, dall le ola. Thug e cobhair dha agus chùm e grèim air achrann cuideachd.



[57]

[Dealbh]
Domhnall Mac GillEathain ann an 1988.



[58]

bhliadhna an dèidh an Dara Cogaidh chaidh Dòmhnall a shuidheachadh mar Chaiptean air an SS Samsurf. ’S e bàta-luchd de 7,000 tonna a bha innte agus chuimhnich Dòmhnall gur e am bàta seoan rud as gràinde anns an do sheòl mi riamh”. Ach chaidh e ceart mu chuairt an t-saoghail ann an Samsurf. Ann anVancouver, far na luchdaich iad 8,000 tonna de chruithneachd, bha troigh de shneachd air an deic. Nuair thugadh an luchd cruithneachd dhith ann amBombay, bha iad ag obair aig 95°F . AigBasra, ràinig an teodhachd 122°F . BhoBasrathug iad 8,000 tonna eòrna guFreetown, far na rug iad air còig “stowaways” cuideachd. Thill anSamsurfair ais don phort an dèidh an turais a thug ochd mìosan agus a bha 31,648 mìle air fad.

An dèidh an turais seo, bha beatha eadar-dhealaichte aig Dòmhnall. Bha na luing aige uile ag aisig dhaoine. Thug na bàtaichean seo daoine gu na Stàitean Aonaichte agus Canada, no sheòl iad gu puirt annasach air na cùrsan mara. Bha daoine beairteach agus ainmeil air na liostan de fhir-turais. Nuair a bha Dòmhnallna Chaiptean air aBhan-righ Ealasaid ann an 1960, cha burrainn dha a bhith na beadar-dhealaichte na chiad turas aige air Ceann Phabail mu chuairt air Eilean Leòdhais.

Chan eil aBhan-righ Ealasaid còmhla ruinn a-nis ach tha Dòmhnall Mac GillEathain afuireach fhathast ann aSouthampton, dachaigh nam bàtaichean-aisig aig Cunard. Tha e a-nis ceithir fichead bliadhnas a deich.

titleRìgh nan Cuan Ard
internal date1989.0
display date1989
publication date1989
level
reference template

Iain MacUisdein in Gairm 149 %p

parent textGairm 149
<< please select a word
<< please select a page