[203]

Air an Spiris

UISGE Beatha agus Uisge Bàis.” Sin an ceann fon do sgrìobh Eachann MacIomhair na briathran a leanas, anns an leabhrachanAlbaann an 1946.

It woud be good to think that Gaelic Drama would at last drive the bogus orators and maudlin songsters from the stage. We would then have, in the Gaelic Movement, some of the strong water of life instead of the present tastleless water of death. ”

Bha sin bho chionn deich bliadhna, agus tha Eachann, agus an fheadhainn a bha an comh-aonta ris, afeitheamh fhathast!

Bonn òir an sud: bonn airgid an so! Cuirm-chiùil shìos: Coisir Ghàidhlig shuas! Agus céilidh, céilidh, céilidh . . . . Agus mar is mìlse dhfhàsas an guth cinn, ’s ann is raige dhfhàsas an teagan. Chan eil móran nach aontaich gu bheil an dòlais air cuirmean móra Ghlaschu, agus còinteach liath na h-aoise atachdadh nan céilidhean Sathurnaach sin, ma chreideas sinn na chìs na chluinn sinn, meud agus leudcultureaGhàidheil an diugh. Obh! Obh!

Tha dràma cho dual don Ghaidheal agus a tha an gugachan do na Nisich, ach is e mullach na truaighe nach do dhéirich dràma, mar bu chòir dhi a bhith air éirigh, a làraichean nan seann tighean céilidh. Nan robh sin air tachairt, àn aite na seachd misde a dhol air na rudan bu mhiosa anns an tigh chéilidh, chuireamaid ar cinn ar a gheall gu robh staid na Gàidhlige air a bhith na bfheàrr an diughna thà i. Ach ged a bhogas aghrian, cha tig crìoch air an latha. Gabhaidh rud-eigin dèanamh fhathast.

An fheadhainn a their nach eil tarrguin ann an dràma do na Gaidheilsaoil am faciad riamh dealbh-chluich Ghàidhlig ann am Dalabrog, no am Portrìgh, no am Bràgar, no eadhon ann an Glaschu? Ma chunnaic, saoil an tug iad an aire cho làns a bha na suidheachain, no cho cridheils a bhan glochd gàire a rachadh an coinneamh gach eirmseachd a thigeadh far achlàir-àird? Ma thug, ciamar nach do thuig iad gu bheil sireadh is iarraidh air an dealbh-chluichsireadh is iarraidh a ghabhas, eadhon an diugh, cur gu buil.

Bho chionn beagan bhliadhnachan, tha Comunn Dràma na h-Alba air a bhith amisneachadh bhuidhnean anns acheann-a- tuath gus cluichean Gàidhlig a chlàradh anns na féisean bliadhnail. Thàtar air a bhith adeanamh sin, agus gu deagh bhuil cuideachd. Uair is uair, tha cluichean Gàidhlige air buaidh a thoirt air an fheadhainn Bheurla, a dhaindeoins nach robh breitheamhan ann a thuigeadh Gàidhlig.

Tha acheisd air a bhith acur dragha air Comunn Dràma na h-Alba bho chionn greise a ghabhas dèanamh gus an tuilleadh cothrom a thoirt do dhràma Ghàidhlig. Aig coinneamh ann an Inbhir-nis as t-samhradh so chaidh, chaidh a sheulachadh gum bu choir féis shònraichte a chur air chois airson nam buidhnean Gàidhligféis bhon rachadh na buidhnean a bfheàrr air adhart



[204]

[Dealbh]
Sgiobadh a Steòrnabhagh

gu prìomh Fhéis Dhràma na h-Alba, far am bhiodh Gàidhlig is Beurla bus ri bus.

Ann an Glaschu, tha daoine air leum a thoirt asda. Fo stiùireadh Dhaibhidh Bacstar, fear de fhir comhairle an S.C. D.A. , thàtar, mar thà, air cuideachadh fhaotainn bho Chomairle an Fhoghluim anns abhaile gus clas dràma a chur air chois. Aig achlas soa bhios air a chumail ann an Ard Sgoil nan Gillean, mu choinneamh Aitreabh nan Gaidheal, Di-màirt gach seachdain fad na Gilblin agus na Màighetheid comhairle agus teagasg a thoirt do fheadhainn a gheallas a dhol amach agus buidhnean dràma a stéidheachadh ann am baile Ghlaschu. Buidhnean Gàidhlig. Thàtar an làn dòchas gun teid na buidhnean sin air adhart gu féis Ghàidhlig a bhios ann an Glaschu mu dheireadh a gheamhraidh so tighinn.

A nise tha sin math. Tha Gairm acur fàilte air an fhéis so, agus aluthaigeachdainn gun soirbhich leatha. Tha sinn an dòchas cuideachd gur i achiad de mhóran. Ach tha aon bu mhaith lenn a ràdha. Chan eil so adol a dheanamh feum sam bith mur a téid e nas fhaide na GlaschuGaidhealachs ged a tha am baile mór so, chan eil a chuid ceò fallainn don Ghàidhlig. Tha sinn an dòchas gun dean an t-eudach treabhadh an turus so, ma rinn e riamh e, agus gum faic sinn roimh dheireadh na bliadhna, bailtean agus eileanan na Gaidhealtachd aleantainn Ghlaschu agus astéidheachadh fhéisean iad fhéin. Ma thachras sin, co aige a tha fios nach fhaic sinn, ann an ùine nach bi fada, buidhnean as gach ceàrnaich acromadh air baile Gaidhealach mu seach ann am féis mhóir bhliadhnail! Nach ann an sin a bhios an latha. Achànain mu dheireadh thall afaotainn a h-àite dligheach, agus be duine ladurna a theireadh an còrr a thig an cois sin. . . . .

titleAir an Spiris
internal date1956.0
display date1956
publication date1956
level
reference template

Gairm 15 %p

parent textGairm 15
<< please select a word
<< please select a page