[207]

Scottish Poetry, A Critical Survey,deasaiche le James Kinsley (Cassell, Lunnainn. 30/- ).

S ann tearc a tha leabhraichean tomadach air eachdraidh litreachas na h-Albann, is chan eil e ri fhaotainn an duine a bheireadh breith chomasach air gach lùb is filleadh a thanns an tartan so, gun luaidh air na meanbh-ghreimeannan a tha san obair-ghréis thallsa bhos. Tha eòlas domhain ann an grunn chànainean a dhìth air an fhear-



[278]

sgrùdaidhBeurla is Albais, Gàidhlig (agus Gàidhlig na h-Eireann), Laideann, agus is dòcha Cuimris is Norse. Agus a chionns gu bheil litreachas an còmhnaidh afàs is asearg, is gu bheil fàs mar shearg ann an sealladh an dara duine, is searg mar fhàs ann am beachd fhir eile, cha bfhuilear do dhaon duine a bheachd iomlan a thoirt seachad air an eachdraidh sin.

Anns an leabhar a tha fo ar comhair tha deich ùghdairean atoirt seachad am beachdan eadar-dhealaichte; tha beagan eòlais aig dithis dhiubh sin air litreachas na Gàidhlig, is cha mhór gu bheil guth air Cuimris no Norse.

Ach coma: tha sinn taingeil air na fhuair sinn. Faodaidh sinn a ràdh gur h-e so leabhar cho luachmhors a chaidh a sgrìobhadh fhathast air litreachas na h-Albann. Tha e aleigeil fhaicinn dhuinn cho farsaings a bha an raon sin, is cho cumhangs a dhfhàs eabair tràth anns an 18mh linn, agus a rithisd anns an 19mh linn—; cho làidirs a bha na bàird nuair a bha co-cheangal aca ri litreachas na Roinn-Eòrpa, agus cho lags a dhfhàs iad nuair a thòisich iad air na Sasunnaich a leantainn (30 no 50 bliadhna air an cùl), no an uair a liùg gach fear air cùl gàrraidhna sgìreachd fhéin. Tha rud againn ri ionnsachadh uaithe so: thaWhistlebinkiegu math beothail air aGhaidhealtachd fhathast. So mar a tha David Daiches ag ràdh:

The strength of a national art does not lie in its refusal to borrow from other national arts, but in its ability to domesticate its borrowings properly in its own medium. ”

Chì sinn gu bheil ceangal nach beag eadar litreachas na Gàidhliggu h-àraidh anns an 16mh linnagus litreachas eile na h-Albann. Tha an t-Ollamh James Kinsley asgrìobhadh air na bàird o shean, mar a tha Barbour, Dunbar, Seumas a h-Aon, Henryson. Sgrìobh bana-Ghaidheal nach maireannAgnes Muir Mackenzieair bàird an Renaissance, mar a tha Gavin Douglas, David Lindsay, Alexander Scott, Alexander Montgomery, William Drummond. Chaidh an t-uabhas de bhàrdachd an Laideann a sgrìobhadh an Albainnmóran dhith a thainig amach a Oilthigh Obair-dheadhainagus ged nach do mhair móran dhith beò cha bu mhath dhuinn a dìochuimhneachadh. Tha an Ridire Seumas Fearghustan asgrìobhadh gu sgilear air na baladan, amìneachadh acho-cheangail a theatorra agus eachdraidh dhaoine. Cha do dhùisg abhean-uasal A. M. Oliver iarrtas mór unnam air bàird na h-ochdaimh linne deug ath-leughadh, ged a tha móran am bàrdachd Sheumais MhicThómais (a sgrìobh mu na Ràithean) as fhiach a chnuasachadh. Glacaidh sgrìobhadh David Daiches aire an leughadair, gu h-àraidh air na cuspairean Allan Ramsay is Robert Ferguson. Tha caibidil air Burns an so cuideachd, gun móran de rud às ùr ann; achs fhiach na tha aig John W. Oliver ri ràdh mu bhàrdachd Scott a leughadh. ’S e sop as gach seid a thaig George Kitchin, asgrìobhadh airThe Modern Makers. ” (Is math co-dhiùbh nach eil eagal air innse do MhacDiarmaid gun do thuit a bhàrdachd bhuaithe gu mór o chionn fhichead bliadhna). Is aig deireadh an leabhair tha facal no dhà aig Douglas Young ri ràdh mu bhàrdachd Ghàidhlig troimh na linntean.

R. McT.



[279]

[Sanasan]

titleAn Sgeilp Leabhraichean (Scottish Poetry)
internal date1956.0
display date1956
publication date1956
level
reference template

Ruaraidh MacThómais in Gairm 15 %p

parent textGairm 15
<< please select a word
<< please select a page