[280]

Marjorie of Scotland,le Pamela Hill.
Clo-bhuailte le Chatto & Windus (13/6)

Tha Pamela Hill ainmeil mar sgrìobhaiche air cuspairean eachdraidh. Tha i ataghadh cuspair a tha taitneach bho thùs, agus, an uair sin, tha iga leudachadhs acur ris le a macmeanma fhéin. Anns an leabhar so, tha i agabhail mar chuspair boireannach cho treun, calma, ’s a tha againn ann an eachdraidh na h-AlbaMarsaili, nighean Raibeart Brus.

Bhon bha ina pàisde, bha Marsaili Bhrus an teas meadhon aimhreit is còmh-stri. Bha a h-athair astrì ris na Sasunnaich a chartadh amach as an dùthaich, agus, cho luaths a thainig sin am follais, chaidh e fhéins a theaghlach a chur fo choill. Ged nach fhaca i móran de a h-athair riamh, bha am pàisde dìleas dha, ach, mar a rinn am -shealbh, rug na Sasunnaich oirre agus chum iad am prìosan gràineil i fad ochd bliadhna. Fhads a bha i an greim, chaochail Righ Eideard 1, agus, mu dheireadh thall, fhuair Alba saor bho ghlas-ghreim Shasuinn. Fhuair Marsaili saor cuideachd, agus phòs i, ach ged a lorg i sonas cha do mhair e fada. Latha no dhà roimh bhreith a mic, bha i amuigh amarcachd agus thuit i far an eich. Bann bho a corp marbh a thugadh an leanabhfhathast beòan leanabh don robh en dàn crùn na h-Alba a ghiùlan.

Ro thric, ann an leabhraichean den t-seòrsa so, tha eachdraidh air a riasladhs air a toinneamh. Ach chan e sin don fhear so e. Tha Pamela Hill aleantainn gu dlùth ri fìrinn na h-eachdraidh agus, as an fhìrinn sin, atoirt dhuinn nobhal cho taitneachs a leugh sinn bho chionn greise.

F. McD.

titleAn Sgeilp Leabhraichean (Marjorie of Scotland)
internal date1956.0
display date1956
publication date1956
level
reference template

Fionnlagh MacDhòmhnaill in Gairm 15 %p

parent textGairm 15
<< please select a word
<< please select a page