Acadamaidh Rioghail Inbhirnis
LE ALASDAIR IAIN MACASGAILL
“Bu lòchran mi do’n àirde tuath
’Son seachd ceud bliadhna ’s còrr.”
MA thadhaileas tu an Acadamaidh Rioghail Inbhirnis, agus ma theid thu asteach air an dorus mhór, chì thu na briathran so fuaighte, gu snasmhor grinn ann an Laidinn, air brat-dùnaidh an talla mu do choinneamh, a’ comharrachadh gu soilleir gu bheil freumhaichean na sgoile a’ tolladh air ais troimh iomadach linn, ged nach eil an togalach anns a bheil na sgoilearan an diugh, taing do Shealbh, càil idir coltach ri cho aosda ri sin! Air an taobh eile, mu choinneimh na cloinne gach latha, nuair a tha iad an ceann a chéile aig adhradh maidne, tha suaicheantas na sgoile, le a sgrìobhadh an Laidinn “Le cruaidh spàirn agus deagh bheus” (Labore et virtute)a’ cur gu sìmplidh réidh ’nan cuimhne nach tig buaidh gun dìchioll, agus nach ann le aran a mhàin a bheathaichear an duine.
Seallamaid a nis ris an t-seann eachdraidh so. Ma sgrùdas sinn na seann sgrìobhaichean cho fad air ais ri 1233, chì sinn gu robh Manachainn Dominicanach an Inbhirnis aig an àm sin, an àit’ -eigin faisg air an t-sràid ris an canar an diugh Sràid nam Manach neo nam Bràithrean Bochda(Friars) ,agus gu robh sgoil bhalach dlùth cheangailte rithe. Chan eil aon chlach air muin cloiche de’n t-seann làrach sin ri fhaicinn a nis, ach is ann ris an sgoil ud a tha an Acadamaidh Rìoghail a’ tagradh a’ chiad chàirdeis ud a dh’ainmich sinn.
Ri linn an ath-leasachaidh chuireadh as do Sgoil nam Manach ach cha tàinig crìoch air Foghlum, oir cha b’ann mar sin bu mhath le luchd-riaghlaidh a’ bhaile aig an àm e; thog iasdan Sgoil Ghràmair a tha fhathast ri a faicinn aig fìor cheann shìos Sràid na h-Eaglaise. ’S ann anns an dearbh sgoil so a fhuair iomadach balach a bha gu bhith iomraideach ann an eachdraidh is an litreachas na Gaidhealtachd a’ chiad bhlas air foghlum is air eòlas leabhraichean. Air an fheadhainn a b’ ainmeile de na ceatharnaich sin, dh’fhaodamaid ainmeachadh Mac-an-Tòisich Bhòrluim a bha cho sgairteil ann an ar-a- mach nan Seumasach, 1715; Seumas Mac a’ Phearsain, a choisinn uimhir de chliù agus de mhì-chliù leis, mar a thuirt e-fhéin, an eadar-theangachadh, a rinn e air Bàrdachd Oisein; agus cuideachd bha Sinileir Wolfe, a fhuair ainm dha fhéin agus buaidh d’a rìoghachd aig Quebec, a’ gabhail Mathamataics anns an sgoil so nuair a bha e ’na fhear-cuideachaidh aig Diùc Cumberland an déidh blàr fuilteach Chuil-lodair.
Bha, mar sin, freumaichean na sgoilearachd air greim linntean a ghabhail an Inbhirnis, ach bha an t-ochdamh linn deug gu bhith amach mus do thòisich iad ri sgiabadh agus ri beathachadh bhlàth rud-eigin coltach ris nas aithne dhuinn an diugh. B’e a’ cheart bhliadhna, 1787. A réir coltais, bha anns a’ bhaile fiùghalaich— ’nam measg bha Mac an Tòisich, MacShimidh, Mac Mhic Alasdair agus daoine mór eile—nach robh idir idir làn riaraichte gu robh cothrom na Féinne aig òigridh na Gaidhealtachd gu feum sgoilearachd a dheanamh de na tàlantan breithneachaidh agus na buadhan foghainnteach a bhuilich nàdur orra. Chruinnich iadsan an ceann a chéile, thug iad ruith air cùisean, agus, an deireadh an latha, leig iad ris gu neo-sgàthach an comh-dhùnadh: gum biodh e ion-mhiannaichte feumail, chan ann a mhàin do bhaile Inbhirnis agus do’n t-Siorrachd ach eadhon do’n Airde-tuath air fad, nan deidheadh Acadamaidh a thogail sa’ bhaile. “Sgoil far am bitheadh balaich uasal na Gaidhealtachd air an oileanachadh,” mar a thuirt iad fhéin. B’ àrd an rùn agus b’ airidh an iarraidh. Gu tà, cha dean coplaich bruidhinn idir togalach—bha £4 ,000 a dhìth orra agus cha bu bheag e an diugh fhéin gun luaidh idir air an là ud. Ach, nach fìreannach an seanfhacal: “Far am bi toil, bithidh gnìomh”? Chaidh na seòid gu fuaim. Chuir iad comunn ri chéile, agus cha b’ fhada gus an robh fios aig Gaidheil ann an ceithir rannan ruadha an domhain mar a bha cùisean aig baile.
Chaidh am fios amach gun robh cor an fhoghluim anns an àirde tuath am feum cobhair—gun robh feum do-labhairt air Acadamaidh far am faigheadh an òigridh ionnsachadh cho math agus a bha a’ dol—agus gum b’ e Inbhirnis an t-àite bu fhreagarraiche agus bu ghoireasaiche airson togalach de’n t-seòrsa. Seach nach b’urrainn do bhaile Inbhirnis na bha sud de airgead a thogail, bha cothrom a nis air a thoirt do gach mac màthar aig an robh dàimh ris a’ Ghaidhealtachd a làmh a chur ’na phòcaid agus an cuideachadh a b’ fheàrr a b’urrainn e a thoirt do’n aobhar.
Cha b’ e tadhal gum bhanacharaid a bha aig a’ chuireadh. Ann am beagan is bliadhna, chaidh còrr air £6 ,000 a chruinneachadh, agus
[Dealbh]
Is e Alasdair fhein a tha air ceann earrainn na Gaidhlige ann an Acadamaidh an diugh.
ann an 1792 bha an Acadamaidh so an àirde. Is ann air an t-Sràid Uir, ris an canar an diugh “Sràid an Acadamaidh” a bha an togalach, far a bheil Tigh-Bìdh Burnett an diugh, agus chithear beagan de’n t-seann làrach an sin fhathast. An ath-bhliadhna chuir ùghdarras an rìgh seula air an obair, agus tha an sgoil rìoghail an ainm agus an urram bho’n là sin gus an diugh. B’ann airson na Gaidhealtachd gu h-iomlan a bha an sgoil so, agus is iomadh òganach aig nach robh móran de imlich na spàine sa’ chlachan a chuir i air a chasan, a’ fosgladh dhaibh-san chothroman a chuir iad fhéin le tùr, tuisge, deagh cheann agus mór dhìchioll, gu fìor bhuil. Agus cha robh sin gun chliù dhaibh féin, do’n daoine, agus do’n sgoil a dh’oilein iad, ann an iomadach ceàrnaidh de’n t-saoghal.
Cha robh caileagan idir anns an sgoil so an toiseach, ach fhuair iasdan cothrom a thighinn innte uair-eigin mu mheadhon na naoidheamh linne deug agus tha balaich is nighneagan a’ strì ri chéile a nis innte.
Bheir sinn a nis sùil mhionaideach air obair na sgoile so san là ud agus chì sinn nach b’ ann da-rìribh ’nan cadal a bha na balaich. Bha cagnadh gu leòir mu’n coinneamh mus cnàmhadh iad na bha air a thairsge dhaibh. Bha ceann a’ bhùird, mar gum b’eadh, mar thà aig a’ Bheurla, agus bha eadhon Sasunnach fhéin gu bhith ’ga teagaisg. ’S e tòrr a bha so, tha e glé choltach bho’n eubhach a bha air!
Bha cuideachd air a’ chlàr, Laidionn, Greugais, Fraingis, Sgrìobhadh, Cùnntas, Dòigh chumail leabhraichean, Mathamataics, Sgiobaireachd, Gunnaireachd, Tomhais de gach seòrsa, Eachdraidh, Feallsanachd, Speuradaireachd, agus beagan de gach seòrsa eòlais eile air an d’fhuair mac an duine greim. Ach a’ Ghàidhlig? —och, ochan, cha robh fiù agus faighneachd oirre an toiseach. Ma bha ùir dhubh Chuil-lodair, eadhon fhathast fliuch drùidhte le fuil nan laoch d’am bu dual a’ Ghàidhlig a bhruidhinn gu pongail fileanta agus a cliù a dhìon bho thàir an fhòirneirt, ag osnaich leis an ùr-thamailt so, cha robh cluasan càirdeil air ghleusadh gu éisdeachd sa’ bhaile. Nach b’e an dìol e air cànain na Gaidhealtachd? Ach ged a bha càirdean a’ bhaile ’nan tosd, cha do dh’fhàg sin bratach na Gàidhlige gu tur ’na sìneadh, agus cha b’fhada gus an do dh’ainmicheadh gun robh Comunn Gaidhealach Lunnainn—ar beannachd aca—a’ tagradh
a còrach—agus beagan ’na dhéidh sin, gum biodh a’ Ghàidhlig, mar bu chòir dhi, a’ togail a h-àite am measg chuspairean teagaisg na sgoile. Tha i an sin fhathast, agus cha mhisde an sgoil pioc e.
Mas fhàg sinn eachdraidh an Acadamaidh Rìoghail anns na làithean bho chian ud, chì sinn ainm eile, cuideachd, as am bu chòir do na Gaidheil ainmeil ud, Eóghan MacLachlainn a chuir uiread de mheas is de urram air ar cainnt is air ar litreachas. Bha fear-teagaisg Laidinn agus Greugais a dhìth air an sgoil aig an àm, agus chuir esan asteach air a shon. ’S e Mac Mhic Alasdair Ghlinngaraidh an tac a b’fheàrr a bh’ aige airson an t-àite fhaighinn, agus, gu dearbh, bha esan cho mór leis agus gun mhaoidh e gun deanadh e fhéin agus a dhaoine dìreach air Inbhirnis agus gun deanadh iad smùr dheth mur faigheadh MacLachlainn an inbhe a bha a’ sireadh!
Thig sinn a nis gu Acadamaidh Rìoghail an là ’n diugh; ’s ann an 1895 a chuireadh an togalach so an àirde, air mullach a’ chnuic, agus fairichidh tu òirdhearcas na h-aoise ’ga chuartachadh agus e ’na pìos air phìos a chur ris bho’n uair sin—oisean airson ealdhain agus fiosrachadh dhùilean(science)ann an 1912, agus oisean eile air leth air a’ cheann eile airson na cloinne bige ann an 1926. Feumaidh sinn, cuideachd, cumail ’nar cuimhne gun robh a h-uile balach agus caileag a bha a’ tighinn do’n Acadamaidh sna laithean ud a’ pàidheadh airson am foghluim agus an oileanachaidh, agus faodar a thuigsinn, a’ cur meas air a’ chothrom d’a réir. Ach chuir Achd an Fhoghluim 1918, as do phàidheadh, anns na sreathan bhos cionn na trìtheamh bliadhna, agus chuir Achd 1946 as gu buileach dha ann an Ard-Sgoil.
An diugh, tha suas ri ochd ceud anns an sgoil uile gu léir, agus tha timcheall air an t-sia ceud dhiubh sin san àrd-sgoil. Thainig a’ mhór-chuid dhiubh sin asteach a òg-sgoiltean a’ bhaile agus timcheall; tha deuchainnean aca ri shuidhe an sin nuair a tha iad mu dhà-dheug, agus ma tha gach cunntas aca sin agus gach teisteanas sgoile eile a’ cumail amach leth-ghealltanais gun toir iad deagh fheum as an t-seòrsa sgoilearachd agus oileanachaidh a tha àrd-sgoil mar so a’ cur fa chomhair chloinne, tha an cothrom sin air a thoirt dhaibh. An sin tha sia bliadhna rompa san sgoil ag ionnsachadh chànanan, eachdraidh, cunntais, eòlais-dùthcha, fiosrachadh dhùilean, agus gach eòlais eile a thàtar a nis a’ smaoineachadh feumail do inntin agus do chorp an duine ’na fhàs gu coimhliontachd. Tha Ard-dheuchainnean na rìoghachd san amharc aca mus fàg iad, agus ma shoirbhicheas leotha an sin, faodar stiùireadh air oil-thigh na thaobh sam bith eile a tha am miann fhéin agus am faireachduinnean ’gan tarruing.
Chan eil barrarchd air an da fhichead aig a bheil a’ Ghàidhlig; tha iad sin as na Hearadh, Scalpaidh, Uibhist agus Barraidh agus mu dhithis na triùir aig am beil an dachaidh a nis air tir-mór, ach a fhuair am bainne am measg fàile cùbhraidh an fhraoich. Gu bitheanta, tha a’ mhór-chuid de na sgoilearan sin a’ fuireach ann an sgoiltean nan Eileanan aca fhéin gus a bheil iad a’ streap ris an t-sia-deug, agus a’ tighinn chun na ceathramh bliadhna san Acadamaidh, ach
[Dealbh]
Domhnall I. MacDhomhnaill
bithidh corra dhuine a’ tighinn eadhon air a’ chiad bhliadhna. Is e fìor bheagan gu dearbh a tha ag ionnsachadh na Gàidhlige gun eòlas idir a bhith aca oirre mar chànain mhàthaireil, agus bu mhór am beud, ach chan eil e cho furasda ri sin sean fhreumhaichean a’ chleachdaidh a reubadh a bith, ged nach biodh cnap-starra sam bith eile san t-slighe ach sin fhéin.
Ma bheir sinn sùil air feadhainn de na maighstirean sgoile a chuir meas agus urram air an togalaich dhreachmhoir so, chì sinn fìor charaid eile do’n Ghàidhealtachd air ceann na sgoile bho 1895 to 1908—b’ e sin Mgr. U. I. MacBhàtar. Nach mór a rinn esan airson na Gàidhlige agus airsonsgoilearan agus sgoilearachd, gu h-àraid an déidh dha a dhol ’na àrd-ollamh a dh’ Oil-thigh Dhuinéideann? Is iomadh òganach a chuir esan air a chasan, agus, cuideachd, is iomadh balach eile a dh’fhalbh as an sgoil bhon’ uair sin, a ràinig inbhe ro-àrd ann an iomadh ceàrnaidhean na talmhainn—ann an oilthighean, colaistean, sgoiltean, eaglaisean, leabhar-lann, sgrìobhadh, saighdearachd tha iad a’ nochdadh gu glan soilleir an tùr a rugadh annta agus am foghlum a thug an sgoil dhaibh. Chan eil math an ainmeachadh uile, oir bhiodh an t-sreath cho fada ri do ghàirdean, agus dh’fhàgte cuid-eigin as, ach, far a bheil iad tha an sgoil a’ cur fàilte orra, air an son fhéin agus airson an urraim a chuir iad air a ballaichean.
’S e Sgiathanach urramach, Domhnull Greum nach maireann, a Uige, a bha air ceann na Gàidhlige san sgoil gus an do chaochail e mu chóig bliadhna air ais. Bha e fhéin tuisgseach tonaisgeil, agus ciùin carthannach ’na dhòighean, agus is iomadh oileanach aig a bheil cuimhne chùbhraidh bhlàth air cho bàidheil coibhneil agus a choinnich e riutha air an t-slighe troimh ’n sgoil.
Tha sinn toilichte, cuideachd, a ràdh gu bheil a’ Ghàidhlig againn air ceann na sgoile an diùgh, oir is ann a Loch Carran a tha Maighstir MacDhòmhnaill, agus tha làn a chinn aige-san dhith. An là a shuidhicheadh esan ’na cheann air an sgoil bho chionn còrr is deich bliadhna is ann sa’ Ghàidhlig, tha e coltach, a dhaingnicheadh na cùmhnantan, agus nach bu mhór—agus airidh—an là e an eachdraidh na sgoile a bhith a’ cluinntinn mac-talla an t-seana chànain a’ siubhal gu binn bàidheil am measg nan sparran agus neo-air-thaing do na chumadh as i? Gum fada mhaireas i mar sin.
title | Acadamaidh Rioghail Inbhir Nis |
writers | Alexander John MacAskill |
internal date | 1956.0 |
display date | 1956 |
publication date | 1956 |
level | |
reference template | Alasdair Iain MacAsgaill in Gairm 15 %p |
parent text | Gairm 15 |