[217]

Troimh Shùil na Camara

BE An t-Athair Urramach Iain Moireasdan a bàirde rinn sgal an aghaidh rocaidean Uibhist. Co-dhiùbh a tha duine leis nona aghaidhagus nochd sinn anns an àireamh mu dheireadh an taobh air a bheil Gairmchan eil neach nach mol daigneachd an t-Sagairt. So shuas an eaglais aigeEaglais Aird-Choinnichagus an uair a chunnaic sinn an dealbh, shaoil leinn gum bu toigh le feadhainn a faicinn agus beagan a chluinntinn mu na tha ìnnte.

Thogadh an dealbh aig àm Nollaige, mar a thuigeas duine bhon chreathail air an làimh-chlì. Tha achreathal so air a togail a h-uile bliadhna le buill den choimhthional, agus tha i aseasamh anns an Eaglais bho Nollaige gu ochd an déidh Féill an Taisbeanaidh. Tha achùbaid air a snaigheadh a taoic, agus ghibhteadh i do dhArd Eaglais an Obain le Marcus Bhòid bho chionn leth-cheud bliadhna; bha Mgr. Moireasdan asearmonachadh ìnnte fad shia bliadhna anns an Oban, agus an uair a chaidh crìoch a chur air an Ard Eaglais ùir, lean achùbaid do Uibhist e. Chaidh an t-altair a shnaigheadh le saor Uibhistech an uair a chaidh an Eaglais fhéin a thogailbho chionn 127 bliadhna! —agus chunnacas am Pàilliun agus na Coinnlearan an toiseach anns aChaibeal Chaitligeach a bha anns an Fhéill Mhóir am Bellahouston ann an 1937.

Tionndaidhibh a nise an duilleag, ach chì sibh dealbh eile a Uibhist . . . .

[Sanas]



[218]

[Dealbh]

AM bliadhna, air son na ciad uair, thug Comunn Chloinn Dòmhnaill Cuach Airgid mar dhuais pìobaireachd do Chomunn nan Lùth-chleasan ann an Uibhist-a- Deas. ’S i an duais Cuach Fhionnghail NicDhòmhnaill, agus chumadh achiad cho-fharpuis air a son air an 26mh latha den Fhaoilteach. Chan fhaod an duais a dhol gu duine nach buin do dhUibhist fhéin, agus, am bliadhna choisneadh i le Uilleam Walker a Dalabrog a bhana shaighdear fad achogaidh ann an Réiseamaid MhicShimi. Anns an dealbh so, chì sibh Uilleam afaotainn na Cuaiche bho Cheann-suidhe Comunn nan Lùth-chleasanFionnlagh MacCoinnich. ’Na sheasamh air a chùl, chì sibh Fear Cathrach nan Lùth-chleasanMaidsear Alastair Camshron.

Seallaibh a nise air an duilleig so thall . . . .

Thogadh na dealbhannan so le deagh charaid do Ghairm, agus an uair a thug e dhuinn iad, thubhairt e gun toireadh e leabhar eireachdail mar dhuais don chiad duine a sgrìobhadh thugainn agus a dhinnseadh dhuinn càite a bheil na dealbhannan air an togail. Ainmean nan sràidean ann an Gàidhlig! Mun dthuirt achailleach Sgiathanach— “An dean sibh stem orra?” Ma , sgrìobhaibh thugainn gu 227Bath Street,Glaschu, C.2.

[Sanas]



[219]

[Dealbhan]

titleTroimh Shùil na Camara
internal date1956.0
display date1956
publication date1956
level
reference template

Gairm 15 %p

parent textGairm 15
<< please select a word
<< please select a page