[223]

Turus don Spàinnt.

Le MURCHADH MOIRREACH

(2) TROIMHN FHRAING

GHEALL mi gun cuirinn sgrìobag thugaibh a dhìnnseadh mu ar turus gu Tir-mór na h-Eòrpa aig deireadh an t-samhraidh so a chaidh, ach chan ionann gealladh is coimhlionadh. On thill sinn thainig gach le uallach fhéin, agus leis gach coileid a bhann chaidh an dàil saghnothaich, agus le dàil dearmad.

Cha robh ma thà dad a dhùil agamsa ruighinn Tir-mór na h-Eòrpa am bliadhna, nos math dhfhaoidtidir, gus aon is mi aig coinneamh an Dunéideann san Ogmhios, an dfhuair mi aphutag uds a dhìnnseadh dhomh gu robh cuideigin aig an dorus airson facal fhaighinn ruim. bha so ach caraid a thainig a dhìnnse gu robh e-fhéin agus fear eile acur rompa a dhl gu Tir-mór aig toiseach an Iuchair agus guma mhath leis mi-fhìn is bean-an-tighe a dhol còmhla riutha, nam biodh sin gar rèir. Bha an Spàinnta bha iad an dùil a ruighinncar fad as leinn, ach aige bha fhios cuin a bhiodh an cothrom againn a rìs, agus le sin mar sin rùnaich sinn Tir-mór a ruighinn.

Creideadh sìbhse nach bann gun iomagain a fhuair sinn gach deisealachd air dòigh, oir bha an ùinena dian-ruith agus an Spàinnt ag iarraidh uarrais a bharrachd(visa)air dùthchannan eile. Co-dhiùbh, bha gach deiseil mu choinneamh an latha, agus air an t-slighe bhà sinn.

Cha be rathad gu deas a bfhasa dhe na ròidean. Ann an cuid de àitean, gu h-àraidh anns na bailtean móra, mar Doncaster, agus eadar Tilburaidh agus Dóbhar, bha na càraichean sròn ri céir fad mhìltean. Ràinig sinn co-dhiùbh ann an latha, mar a bhagainn san t-sealladh, agus an ath mhadainn, madainn àigh, chaidh sinn sìos chun na lamraig, agus an deidh beagan cheistean a chur ruinn le fir na cuspuinn, chaidh sinn air bòrd gun fiù as màileid fhosgladh.

Mar a bha am bàta acumail a cuinnlein air an Fhraing far an cuinge an Caolas Sasannach, no mar chante o shean, am Muir n-Icht, bha minntinn aruith air turusan eile a chaidh mi a null an Caolas, an dubh na h-oidhche, mar bu trice. Chan fhaca mise geala-chreagan Dhóbhair o na láithean ud gus an sud, agus cho fadas a bheireadh cuairt na



[224]

sùla asteachnam sheasamh air clàr abhàta, cha do shaoil mi gun dhfhàg an chogadh làrach mór sam bith air abhaile no air an lamraig. Bha gun teagamh barrachd thoill am bonn nan creag, làraichean ghunnachan móra agus chuilidhean tasgaidh, agus ann an aon àite, shaoil mi, beàrn fhada ann an dìon-bhalla aphuirt, ach sin uile cho fada agus a chunnaic mi.

Cha be sin do Chalais e. Mar a bha am bàta atighinn asteach ris an lamraig, bha an léir-sgrios a chaidh a dheanamh air aphort faicsinneach air gach taobh. Bha fliuch-bhallachan nan cidheachan air am briseadh gu dona ann an iomadh àite, agus togalaichean dlùth air aphort air an leagadh gu làr, cuid dhiubh fhathastnan sléibhtrich air chùl challaidean. Ach air achidhe fhéin bha cuid, mar oifisean is tighean-bìdh, air an ùr ath-thogail. An deidh dhuinn a dhol troimh chachaileith na cuspuinnagus sin gun mhóran mailleagus blasd bìdh fhaighinn, chùm sinn oirnn gu deas. Chan fhaca mi shuas am meadhon abhaile urad de bhristeadhs a shaoilinn, ach dhfhaodadh gun deach ùr-thogail na chaidh a sgrios. Bha aon atharrachadh don tug mi toidh, ’s e sin nach robh aon Fhrangach ra fhaicinn le briogais-bhuilgs i air a ceangal mu na h-aobranna, a bha cumanta fhichead bliadhna air ais.

Tha na ròidean anns achuid mhóir den Fhraing farsaing agus dìreach, agus dheanadh càr astar maths gun mhóran coileid orra, mur biodh nach eil modh is riaghailt-rothaid ann, co-dhiùbh air an aon rians thagainn am Breatainn. Le sin dhfheumteadh faiceall a chleachdadh, gu h-àraidh aig crasg nan ròidean. Bha ena iongnadh leinn cho aonaranachs a bha an t-slighe agus an dùthaich mun cuairt, oir chaidh sinn mile an deidh mìle gun abheag fhaicinn eadar na bailtean ach talamh àitich fo bhàrr air gach taobh, gun thigh, gun fheansa, gun challaid, dhfhaodainn a chantainn, gun chrìochan, ’s gach òirleach dheth air oibreachadh gu fìor-iomall an rothaid-mhóir. Bha an rud a shàraich mnathan abhaile eilena cinn-sguraglé choltachna shùgradh 1e mac-an-Fhrangaich, oir bha e faicsinneach gu robh e adeanamh uile dhìchill gu feartan na talmhainn a chur gu deagh bhuil; is cho fadas a chitheadh an t-sùil bha na raointean torrach 1e biadh am pailteas do dhuines do dhainmhidh.

Bha na mòr-bhailtean troimh an deach sinn am bicheantas mar na bailtean againn fhìn, lem bùthtean làn bathair, agus daoine, mar bu trice, air an deagh chòmhdach. Cha robh na tighean an cuid a shràidean ach mu làimh, agus cha bann anns na bailtean beaga a bfheàrr iad. Bha iad sin móran na bu mhairbhe na tha iad againne. Cha robh duine no leanabh, no no cat ri am faicinn ach ainnmeamh; ged a dh'fhaodadh gu robh achuid sin dhiubh a bha strì ri fearann amuigh sna h-achannan agus achuid eile anorradaich an cùil-eigin sam faigheadh iad sgàil on teas. Cha robh a choltas air na tighean gu robh móran cùraimga ghabhail riutha, gu h-àraidh ris na dorsans ri clàir-dhùnaidh nan uinneagan— ’s cha robh uinneag gun a clàroir bha gach aon aca air sgréathadh aig aghréin, agus am peant, mas e peant a bhann, adolna dhust. Na leacan starsaich fhéin bha air an cladhach fòpa le gaoith is teas is sian. Bha sàmhchair lom thar gach , ach a h-aon; be sin na fasaidh-phetroil, agus bha pailteas



[225]

[Dealbh]

dhiubh sin ann. Far an robh tighean ùragan togail, agus bu tearc iad na bailtean beaga tuath air an Seine, anns nach dfhàg an cogadh beàrnan briste, bha iad móran na bu shnasaile an deilbhs an sgèimh na tha iad againne. Bha iad air an suidheachadh cho socair air am bonns gu robh caomhalachd anabarrach ann don t-sùil.

Chuir sinn seachad achiad oidhche ann am Beauvais, baile tuath air an Seine. Chaidh a chur ri talamh ach beag ri linn achogaidh, ’s thug sin cothrom do na Frangaich an grinneas a chleachdadh an deilbh nan tigheans nan sràid; agus rinn iad sin air dhòigh a ghlacadhs a riaraicheadh an t-sùil. Chì sibh san dealbh aon oisinn sràide a bha mu choinneamh an òsd-thigh san dfhuair sinn cuid-oidhche, agus saoilidh mi nach eil ena nàire dhaibh.

Chùm sinn oirnn á sin gu iomall Pharis, sìos gu Versailles is Fontainebleau, ’s á sin a rìs gu deas an cois nan aibhnichean Loire agus Alier. Bha cuid den dùthaich an so, eadar choille is phòr, anabarrach taitneach, oir bha anail nam bliadhnachan cùbhraidh air tigh is raoin. Bha chuid bu mhotha de na bailtean beaga anns a bheil an luchd-àitich afuireach air an suidheachadh an lagain fasgach beagan astair bhon rathad mhór, ach bha stìopal na h-eaglais, le a biod os cionn nan craobh, adeanamh aithnichte far an robh gach aon acana laighe, gu socair, sàmhach, mar gum beadh, air chùl an t-saoghail.

Chaidil sinn an oidhche sin am baile beag air an abhainn Alier, mu dhà cheud mìle deas air Paris. Bha an tigh-òsda glan, comhfhurtail, ’s na daoine càirdeil, dìchiollach agus an rùn gach riarachadh a thoirt duinn, gu h-àraidh fear-an-tighe. Besan an còcaire, ’s bha e air thì gu dìnneir a chur fa ar comhair a bhiodhna teist air a



[226]

sgils a liut fhéin mar shàr-fhear-ealain. Is duine agaibhse a tha adol don Fhraing, cuimhnichibh nach ann an asgaidh a gheibh sibh te den t-seòrsa, oir cosgaidh i tioram dhuibh mu dhà not an duine, ’s e sin mu cheithir no chóig urads a chosgadh i san dùthaich so. Thachair Duitseachs a bhean ruinn an so is iad air an t-slighe dhachaidh as an Spàinnt. Bha Beurla mhath aca, is fhuair sinn móran eòlais bhuapa mu ghnothaichean san dùthaich sin. Mhol iad dhuinn ruighinn Sitges, baile tha mu 25 mìle deas air Barcelóna, far na chuir iad fhéin seachad mìos glé shona, comhairle a ghabh sinn gun aon aithreachasna deidh.

Lean sinn oirnn an ath-mhadainn ri slios na h-aibhne Aleir. Chaidh sinn troimh ghrunnan bhailtean móra air an t-slighe, Vichy air aon aca. Bha e so cho ainmeil ri linn achogaidh mar phrìomh-bhaile riaghaltas Phetain, an deidh an t-sleuchdaidh, ’s gun tug sinn sùil mhath air san dol seachad. Is baile glan, eireachdail da-rìribh, le coltas an airgid air gach sràid. Tha na tighean air gabhail ùmpa gu math, gach aon air ùr-pheantadh, ’s iad uile air chaochladh dath, is sealltanach, dealbhach don t-sùil. Thaghadh gu math san droch uair. Cha mhotha a dhìochuimhnicheas sinn an sealladh àghmhor a tha ri fhaicinn thar sratha is bheann bho luib an rothaid aig droichid Thiers.

Mar a bha sinn adìreadh suas gu bràighe nan aibhnicheans aonaichean Auvergne, bha fìonnarachd nam beann da-rìribh taitneach, an deidh teas achòmhnard. Fad mhìltean bha ar slighe troimh sgoltaidhean domhainn, coillteach an sud, lom creagach an so, ’s an còmhnaidhnan iongnadh. Air uairibh san doimhne, le sgorra-

[Dealbh]
“. . . . aonaichean Auvergne . . . .”



[227]

chreagan allta air gach taobh, air uairibh air na bearraidhean ceudan troigh os cionn, bha an rathad adìreadhs ateàrnadhs alùbadh gu ìre tuaineal a churnar ceann. Shuas am meadhon an aonaich chunnaic sinn baile mu mheud Ionarnis, Le Puy, a thair a shuidheachadh air sliosan mheallan creige(puys)thag éirigh o lag san aonach, is seipeil air mullach aon diubh agus iomhaigh na h-Oighe ag éirigh gu àirde mhór air aon eile, sealladh a chìte fad mhìltean o lom achòmhnards nach dìochuimhnich duine a chì. Nuair a ràinig sinn am mullach bha na sliosan air an còmhdach le coille, agus air abhad a bàirde, eaglais mhór mar abaid, agus sin còrr agus 4000 troigh os cionn na mara. Chaidh sinn troimh shùil, mu fhichead slat a dhfhad, ann an creig a bha, mur eil mi air mo mhealladh, adealachadh nan uisgeachan, dìreach aig tòiseachadh cromaidh dhuinn bho bhearraidhean nan Cevennes. Lean sinn sgoltaidhean gleanntach sìos taobh deas nam beann gus na ràinig sinn baile beag car a tuath air Ales, agus chuir sinn seachad an oidhche an sin. Bann an so a chunnaic sinn achiad fhìonan.

Chan eil mullaichean an Avergnena thalamh cho torach ris an chuid eile den Fhraing, is bha ena iongantas leinn ciamar a bha daoine afaighinn bith-beò abfhiach an t-saothair ann, oir feumaidh gu bheil dìth an uisgena dheuchainn mhór don luchd-àitich. Chan eil boinne atuiteam as an adhar air am faigh iad greim nach eil air a chur gu feum a rìs agus a rìs, mas urrainnear idir. Tha an t-àite cho tiorams an teas cho mór, ’s nach robh bileag fheòir a bha ris aghréin nach robh loisgte gu a freumh. Feur sam bith a chunnaic sinn, ’s ann air sliosan cas a bha fo sgàil, agus bu mhór an t-saothair a bha air a ghabhail ris. Cha robh clais ri rathad, no an àit eile, anns am faodadh uisge a thighinn le tuil, nach robh leigidhean beaga aisde a chuireadh an t-uisge chladhain chaola, mu thrì òirlich an doimhne, a bha a nulls a nall, afiaradh gach leathad a bha fo sgàile ri àin na gréine. Air cho beags gam biodh na peiteagan glasaich, bhathasgan cur gu feum, ’s gach gas feòir air a spealadh cho lom ri feusag do lic, agus feumaidh gu robhas atighinn astar math gu sin a dheanamh, oir cha robh tigh ri fhaicinn ach corr-ainneamh. Chan fhaca sinn each fad an t-siubhail. Chunnaic sinn muileid no dhà agus a bannasaiches nach fhaca mi a riamh chun a sudcrodh-bainne anns na cairtean; ’s bu neònach iad sìos na leothaidean, le mall-cheum air mhall-cheum, is an ùghannan aglugadaich bho thaobh gu taobh. “Dual-puprose” ’ga rìribh! Is ann ainneamh a bha tigh anns na bailtean beaga a bha air na sliosan a deas gun cheithir stòraidhean, ’s an làr ìosal dhiubhna bhàthaich. Bha iad, mar bu tric, air an aon ruith, ’s co-cheangailte, agus ag éirigh mar dhùinnan cnapan garbhbeartach bhon t-sràid. Saoilidh mi nach

[Sanas]



[228]

[Dealbh]
“. . . crodh-bainne anns na cairtean.”

ann an aonait a bha Rob Ruadhs a cheatharnaich! an croitear air an t-saoghal aig an robh de dhairgead na thog iad!

Tràth an ath-latha ràinig sinn oirthir a deas na Frainge, ’s nuair a fhuair sinn achiad bhoillseadh den mhuir faisg air Cete, dhéigh sinn le iolach mar a dhéigh Xenophon o chianAn Cuan, An Cuan”; bha e an sudna shìntich lasrach fo dhian-ghathan gréine, ach chan fhaca sinn tuilleadh e gusna ràinig sinn an Spàinnt. Chaidh sinn troimh iomadh baile beag is mór, Montpellier, Nàrbonne, Perpingan is cuid eile, mas do stadadh sinn le luchd na cuspuinn aig achrìch sna Pyrenees. Fad na slighe, ’s cha robh i bheag goirid air cheud mìle, chan fhaca sinn móran afàs a talamh ach fìonan, fìonan, fìonan. Bha an rathad fad na h-ùine ris na sliosan ìosal, is shaoileadh tu nach robh dad suas oirnn ach achreag lom; ach le saothair mhóir, is le gaoith is teas is tiormachd, bha am beagan talmhainn a bha uaireigin air na leacan air a chruinneachadhna staidhrichean, is balla cloiche ri aghaidh nan ruitheanan, suas gu àirde nan cnoc; agus e fo fhìonain. Cha robh dad an sud ach fìonan, suas oirnn air na cnuic, sìos oirnn chun ìsle, mìle an deidh mìle gun dad ach fìonain, fìonain, gus an robh sinn seachd sgìth is fìonan.

Nuair a ràinig sinn achrìoch, chaidh sinn troimh eileamaidean na cuspuinn aig achachaileith Fhrangaich gun mhóran call ùine, ach aig achachaileith Spàinntich, beagan air aghart, cha robh gnothaichean cho sgiobalta, ged a dhfhaodadh gur h-e ar dìth eòlais air an cainnt a dhaobharaich earrainn deth. Ach, gu fortanach, fhuair sinn seachad gun mhàileid fhosgladh, ’s bu mhór sin: agus mur eil sibh sgìth den dorgh so, cluinnidh sibh an còrr uair eile.

(Ra leantainn.)

titleTurus do’n Spàinnt
internal date1956.0
display date1956
publication date1956
level
reference template

Murchadh Moirreach in Gairm 15 %p

parent textGairm 15
<< please select a word
<< please select a page