[243]

Righ na Greige

Chuireadh an sgialachd so ri clàr le Calum Iain N. MacLeòid o aithris Neill Mhic an t-Saoir, nach maireann, Gleann na Maiseadh, siorramachd Cheap Breatann, Alba Nuaidh.

LA bha sud bha Rìgh na Gréige amuigh asealg, is thàinig tiugh-cheò air, is chaidh seacharan-seilge air an Rìgh. Shuidh e sìos ri taobh sìdh-bhrugh a leigeil anail agus chuala e guth ag ràdh, guth na ban-sìdhe, “Chan eil dùil agam fhéin, a Rìgh na Gréige, nach eil thu air chall.” “Uill,” ars esan, “thà, chan eil fhios agam càit a bheil mi.” “O”, ars is, “thig astigh, thig astigh.” Chaidh e asteach don àite bha sin, agus bhan fhàrdach acoimhead ro-mhath, is dhfhuirich e an sin fad na h-oidhche. An -rna-mhàireach thuirt abhean-shìdh ris, “O Rìgh na Gréige,” ars isethan t-àm agad a dhol dhachaidh. Chan eil pioc den chaisteal agad nach eil air a lìonadh suas le flaiceagan dubha. Chan eil dùil aca dfhaicinn gu sìorruidh.” “O,” ars an Rìgh, “nach ann an a thàinig mise an so?” “O chan ann,” ars ise, “tha agus bliadhna on a thàinig thu so. Tha ùine mhór air a dhol seachad,” ars ise, “aguss fheàrr dhut a dhol dhachaidh.”

Uill, thog e rithe is dhfhalbh e. “A nis, a Rìgh na Gréige,” ars ise, “tha thu falbh, ach thoir acheart aire,” ars ise, “ma bhios dragh sam bith orm-sa air tàilleabh na h-ùine a thug thu còmhla rium gu bheil agad-sa ri seasamh ris.” Dhéisd e ri sin, chùm e roimhe, is dhfhalbh e.

Nuair a ràinig en tigh, tha fhios agad, thog iad sòlas is leag iad bròn, bheil thu faicinn, oir mu dheireadh thall, thàinig an Rìgh dhachaidh sàbhailte. Bha iad uabhasach uile gu léir taingeil; ach co-dhiùbh lean esan air an t-sealgaireachd mar a bha e roimhe. de làithean thàinig an eachlach-ùrlair a dhionnsaigh na ban-rìghinn is thuirt i rithe gun robh mac aig an Rìgh amuigh sabheinn-sheilge le ban-sìdhe, is nuair a thigeadh e air aghaidh gum biodh tnùth aige ri mac na ban-rìghinn. “O,” ars abhan-rìghinn, “chan eil an leithid sin ceart idir. Ged a bhiodh, is ged a chailleadh ar réit uile gu léir cha bhithinn cho dona riut-sa.”

A nis bha a dhìth air abhan-rìghinn a toil innse dhi mar a gheibheadh i mac na ban-sìdhe dhachaidh. Nuair a dhinnis i don eachlach-ùrlair na bha dhìth oirre thuirt an eachlach-ùrlair, “Cha mhór is cha bheag, ach gu dearbh tha gu leòir an sin.” “Nuair a thig an Rìgh dhachaidh,” ars an eachlach-ùrlair, “cuir balgum de fhìon deargnad bhial is theirig don leabaidh is nuair a thig an Rìgh air ais on bheinn-sheilge spùt am fìon amach air an ùrlar, is abair gur e fuil do chridhe a tha sud. Foighnichidh esan an uair sin a bheil rud sam bith ann a ni do leighis is canaidh tusa gu bheil ma ni esan an rud a dhiarras tu air.

Rinn abhan-rìghinn mar a dhiarr an eachlach-ùrlair oirre, is nuair a thàinig an Rìgh dhachaidh spùt i am fìon dearg amach air an ùrlar, is dhfhoighnich an Rìgh gu bha sud. “Tha sud,” ars ise, “fuil mo chridhe.” “Bheil rud sam bith ann a chùm do leighis?” ars an Rìgh. “Ma ni thusa an rud a dhiarras misort thig leigheas thugam,” ars abhan-rìghinn. “Gu an rud tha sin?” ars an Rìgh. “Tha sin,” ars abhan-rìghinn, “mac na ban-sìdhe a thagad



[244]

sabheinn-sheilge a thoirt dhachaidh an so.” “Uill,” ars an Rìgh, “mur a be gun gheall mi e, cha dèanainn e, ach co-dhiùbh,” ars an Rìgh, “seasaidh mi ri mo ghealltanas.”

Dhfhalbh e. Thog e rithe. Ràinig e an sìdh-bhrugh far an robh an gilles abhan-sìdhe. Cha do leig e air idir fàth a thuruis ach cho luaths a nochd e ris abhan-sìdhe thuirt i, “O Rìgh na Gréige, thàinig thu a dhiarraidh do mhic. Thoir leat e ach thoir acheart aire ma dhéireas beud do mmhac, achlach as àirde a thanad chaisteals i achlach as ìsle a bhios ann,” agus, “a Rìgh na Gréige,” ars ise, “ged is e do mhac a thann cuimhnich gur e mo mhac-sa a thann cuideachd.” Ach, co-dhiùbh, thug an Rìgh leis an gille, agus bha e cho coltach an cruths an cumadh ris amhac eile sachaisteals gun robh e duilich an aithneachadh o chéile.

bha sud bha na dithis ghillean acluich ri chéile, agus ag iomain air amhachair. Smaoinich abhan-rìghinn nuair a bha i acoimhead orra gun cuireadh i fios air fear-fiosachd ach a faigheadh i amach gu an caithe-beatha is gu am bàs a bha dol a bhith aig balaich. Thàinig am fear-fiosachd is dhfhoighnich abhan-rìghinn dha mar so: “Gu an caithe-beatha a bhios aig na brogaich is gu am bàs a gheibh iad?” “Chan eil feum agad,” ars am fear-fiosachd, “air sin fhaighinn amach idir. Ni thu achùis as aonais. Chan innis mise dhut e.” “Siuthad,” ars abhan-rìghinn, “innis thusa dhòmh-sa dfhiosachd oir tha migad phàidheadh air a son.” “Uill,” ars am fear-fiosachd, “innsidh mise dhut sin. Than dàrna fear dhiùbh adol a mharbhadh an fhir eile.” “Sin,” ars esan, “am bàs a thig orra.” Dhfhalbh am fear-fiosachd is fhuair e pàidheadh.

Mar a bha na làithean adol seachad dhearbh mac na ban-sìdhe do na h-uile gur e gille acfhuinneach, lùthmhor a bhann, móran nas èasgaidh nan fhear eile. Nuair a dhfhàs iad suas le chéile chaidh i a thoirt fa-near dhaibh an fhiosachd a chaidh a dhèanamh dhaibh. Nuair a chuala mac na ban-sìdhe an naidheachd bhruidhinn e ri mi bhràthair is thuirt e, “Tha mise,” ars esan, “afalbh. Chan eil mise adol a dhfhuireach an so idir. Tha mi dol còmhla ri mmhàthair. Ged a tha mathair an so chan eil mo mhàthair ann. Fuirich thusa còmhla ri dmhàthair fhéin agus theid mise còmhla ri mmhàthair fhéin. Coimhead,” ars esan, “chaidh flosachd a dhèanamh gu bheil an dàrna fear againn adol a mharbhadh an fhir eile, is chan eil fhios gu a dhfhaodadh tachairt. Dhfhaodadh sinn a bhith neo-chiontach ach nan tachradh sam bith bhiodh e air fhàgail oirnne gur e sinne a rinn an cron, agus leis a sin chan fhuirich mise idir an so.”

Dhfhalbh mac na ban-sìdhe is bha dubh-bhròn air a bhràthair nuair a leig e beannachd leis ach cha robh àrach air. Ràinig e tigh a mhàthar is bha e greis mhór an sin gus mu dheireadh an do theirig an t-aodach a bhair a fhuair e on Rìgh. Chaidh an t-aodachna stiallan isse an rud a bhiodh e adèanamh aruith nan gobhar fhiadhaich. Rùisgeadh e dhiùbh an seiche is chuireadh e sin ri chraiceann, is o sin amachse Gille aChochuill-chraicinn a thug iad air.

Dhfhalbh e matà bha sud is thuirt e gun drachadh e gu Fionn MacCumhaill fiach am faigheadh e fasdadh. Dhfhalbh e, thog e



[245]

rithe. Chaidh e gu Fionn MacCumhaill. Thuirt Fionn ris gu faigheadh e fasdadh. “ ’N téid thu,” arsa Fionn, “a dhèanamh biadh deiseil airson na Féinne? Nuair a thig iad asteach aig bial na h-oidhche thoir dhiùbh am brògan is fasdaidh mi airson sin thu.”

Thàinig an Fhiann matà dhachaidh ach bha earraig aig Gille aChochuill-chraicinn mun dfhuair e air na brògan a thoirt dhiùbh. Chunnaic Fionn nach dèanadh e feum dha Gille aChochuill-chraicinn a chumail air adhart. Chaidh Fionn a dhionnsaigh an Fhir-chomhairleach is thuirt e ris, “Gu a sinn leis aghille ghasda tha sud?” “O,” ars am Fear-comhairleach, “innsidh mise dhut gu a thu. Abair ris nach bi duine air fhasdadh fon bhratach aig Fionn MacCumhaill ach fear a chumas ruith ri Caoilte. Cha ruith e ri Caoilte idir, agus falbhaidh e an uair sin.” Thuirt Fionn MacCumhaill ri Gille aChochuill-chraicinn matà gu feumadh e ruith a chumail ri Caoilte ma fasdadh esan e. Dhfhoighnich Gille aChochuill-chraicinn càit an robh Caoilte. Thuirt Fionn, “Sud e thall.” Nuair a mhothaich Gille aChochuill-chraicinn dha thug e roid as a dheidh. Rug e air anns amhionaid is cha mhór nach do mharbh e e. Bhuail e an t-slat-dhraoidheachd air Caoilte is dhfhalbh ena fhiadh còmhla ris na féidh eile don bheinn.

Cha robh Fionn riaraichte fhathast. Chaidh e a dhionnsaigh an Fhir-chomhairleach, is dhfhoighnich e dha gu an ath dhearbhadh-spionnaidh a chuireadh iad air Gille aChochuill-chraicinn. “Abair ris,” ars am Fear-comhairleach, “a dhol suas air an taobh ud den chaisteal, is a thighinn a nuas air an taobh eile den chaisteal agus seachd sleaghan diag a chaitheamh anns an adhar os cionn cùl a chinn, agus sin rud nach gabh dèanamh. Théid iad troimhe.” Dhiarr Gille aChochuill-chraicinn na sleaghan is fhuair e iad. Chaith e suas anns na speuran na seachd sleaghan diag, is a h-uile mar a thigeadh cheapadh e i, is thàinig e a nuas an taobh eile den chaisteal gu slàn, fallain, is na seachd sleaghan diag aigenan aon tòrr aige cruinn, còmhla.

Dh innis Fionn MacCumhaill don Fhear-chomhairleach mar a dhéirich do Ghille aChochuill-chraicinn. “Math dhfhaoidte,” ars am Fear-chomhairleach, “gur e sud an duine as fhèarr a chunnaic thu riamh.” Bi gu math ris, is math dhfhaoidte gun dèan e feum gun chiall dut fhathast.” Bha sin mar sin, is bha Gille aChochuill-chraicinn afaighinn air adhart taghte math.

An ceann is bliadhna thàinig fios air Fionns air an Fhéinn a dhol gu dìnneir gu Bàn-Righ Eilean nam Muc. “A nis,” arsa Fionn ri Gille aChochuill-chraicinn, “Fhuair mi fios o Bhàn-Righ Eilean nam Muc a dhol thuice gu dìnneir is falbhaidh tusa còmhla rium.” “O,” arsa Gille aChochuill-chraicinn, “chan fhalbh, chan fhalbh. Cha do dhfhasdaidh thusa mise airson a dhol gu dùthaich eile idir, is cha mhotha a théid mi ann.” Bha Fionn MacCumhaillga shìor iompachadh mun chùis is mu dheireadh thall thuirt Gille aChochuill-chraicinn ris, “Uill, tha mi coma co-dhiùbh,” ars esan, “ma gheibh thu cead o mo mhàthair gu faod mi a dhol ann.” “Càit air an t-saoghal mhór,” arsa Fionn MacCumhaill, “a faic mise do mhàthair?” “O,” arsa Gille aChochuill-chraicinn, “éirich thusa



[246]

[Sanasan]



[247]

anns amhadainn tràth gu leòir is chì thu i fo uinneig an rùim agad an sin acìreadh a cinn. Theirig mun cuairt air an taobh so den tigh is gabh suas ri a taobh gun fhios di cuir car ma gruaig le ddhòrn is bruidhnidh i riut an uair sin.” Chùm Fionn MacCumhaill sùil ghiar air an uinneig tràth san ath mhadainn is bha màthair Gille aChochuill-chraicinn an sin gun teagamh. Dhèalaidh e suas ri a taobh is chuir e car ma gruaig le dhòrn. “Ha, ,” ars ise, “Tha thu air tighinn a Rìgh na Féinne. Faodaidh mo mhac-sa falbh còmhla riut.” Dhinnis Fionn do Ghille aChochuill-chraicinn mar a dhéirich dha, is rinneadh an long deiseil gu falbh.

Sheòl iad gu Eilean nam Muc, is ghabh an long dìreach don Chreig an Eilean nam Muc leis cho domhainns a bha an t-uisge. Nuair a shuath an long ris aChreig shìn Feachd na Féinne air gearradh leum amach ach cho luaths a chuireadh iad cas air aChreig rachadh a h-uile fear an sàs is chan fhaigheadh e as a sin. Thàinig Gille aChochuill-chraicinn is thuirt e riutha, “Gu a tha sibh adèanamh a nis fhearaibh? Cha dèan math dhuibh leum air aChreig idir oir tha i làn buidseachd.” Gheàrr Gille aChochuill-chraicinn sìnteag an uair sin amach as an luing is bhuail e shuas air an fhiar ghorm is bhuain e sgrathan talmhainn. Shad e iad sìos do na fir ag ràdh, “So dhuibh a nis, coisichibh suas orra sin.” Choisich cuid dhiùbh suas is na feadhainn nach burrainn gluasad thug Gille aChochuill-chraicinn an crathadh beag ud dhaibh is amach a ghabh iad as aChreig. Dhfhalbh iad uile an uair sin gu Bàn-Righ Eilean nam Muc. Nuair a choinnich Fionn rithe thuirt e, “Càit a bheil an dìnneir mhór a gheall thu dhuinn a bhith agad?” “Chan eil dìnneir idir agam dhuibh,” arsa Bàn-Righ Eilean nam Muc, “ach tha tarbh air an eilean is ma bheireas sibh air ni e dìnneir dhuibh.” Dhfhalbh an Fhiann ach nuair a bhiodh an tarbh air achnoc bhiodh an Fhiann anns an lag, is nuair a bhiodh an Fhiann air achnoc bhiodh an tarbh san lag, is cha burrainn daibh breith air idir. “O,” arsa Gille aChochuill-chraicinn, “cha robh gnothach agaibh falbh on tigh idir. Cha téid agaibh air rud sam bith a dhèanamh.” Dhfhalbh e fhéin is thug e sìnteag an deidh an tairbh. Sguab e leis e fo achlais is mharbh e e samhionaid, is thug e a dhionnsaigh an tighe e. “Tha a nis,” arsa Bàn-Righ Eilean nan Muc, “sobhal thall an sin. Glanaibh amach an todhar as is dèanaibh teine is ròstaibh an tarbh ann. Chaidh an Fhiann an sàs an obair aghlanaidh ach a h-uile làn-spaide a chuireadh iad amach thigeadh a dhà asteach. Theich iad lem beatha as an t-sobhal is chuir Fionn a chomhairle ri Gille aChochuill-chraicinn. “Glanaidh misamach an todhar,” arsa Gille aChochuill-chraicinn. Rug e air spaid is am prioba na sùla bha an sobhal air a ghlanadh amach o cheann gu ceanns air a sguabadh. Co-dhiùbh, ròst iad an tarbh, is dhith iad e. “A nis,” arsa Gille aChochuill-chraicinn, “rachaibh a chadal airson greiseig. Cha bhi sinn fada san àite uabhasach a tha so oir tha e làn bhuidseachd. Cha bu chòir dhuinn a bhith ann idir. Fuirichidh misenam dhùisg.” Rinn iad so. Cha robh Gille aChochuill-chraicinn fadana fhaire nuair a dhfhairich e creutair beag gloineach air an starsach, is e adèanamh ciùil cho bòidheachs a chuale riamh. Thug Gille



[248]

aChochuill-chraicinn roid as a dheidh fiach am faigheadh e greim air ach dhfhairtlich air breith air. Ghabh Gille aChochuill-chraicinn an tachartas so mar dhroch mhanadh. Co-dhiùbh thàinig amhadainn. Dhùisg an Fhiann is thog iad ri sàl san luing. Nuair a fhuair iad air bòrd thuirt Gille aChochuill-chraicinn ri Fionn, “Tha mise a nis sgìths tha mi adol a chadal ach ma chì thu atharrachadh uabhasach atighinn air an iarmailt fiach gun dùisg thu mise,” ars esan. Bha Fionn asìor choimhead air an iarmailt is mhothaich e droch choltas atighinn oirre, mar gum biodh i làn stéillean is gòbhlan bheaga de gach seòrsa. Dhùisg Fionn Gille aChochuill-chraicinn ag ràdh, “Tha rud air choireigin atighinn as ar deidh.” Thog Gille aChochuill-chraicinn a shùil ris an iarmailt is thuirt e, “Ha, , sin agad a nis Bàn-Righ Eilean nam Muc atighinn airson do shliochd a thoirt bhuat. Tha cóig ciad seanchairibh, is cóig ciad seanghalach len cuid airm, ’s len cuid dhìoghaltairean atoinnteachadh ri chéiles asìor rùsal, agus tha tuilleadh ann air nach ruig an t-ionnsachadh agam-sa, ach tha mo bhràthair as aGhréig air toiseach an treud. Tha fios agam-sa gu bheil esan ann ach chan eil fios aige-san gu bheil mise ann. Mar sin buail an t-slat-dhraoidheachd orm-sa is falbhaidh mi as an deidh.” Rinneadh sin. Dhfhalbh Gille aChochuill-chraicinn. Thog e rithe is thòisich an t-sabaid anns an iarmailt. An ceann tacain thàinig Gille aChochuill-chraicinn air ais gu slàn, fallain. Mharbh e a bhràthair is thill e an fhras, ach nuair a thàinig e air bòrd chaidh a sgiorramachadh le sleaghan air an oir a bha air bial-mór na luinge.

Ràinig iad caladh. Bha abhan-sìdhe aig achladachgan coinneachadh. “Tha,” ars ise, “mo mhac marbh.” “Thà,” arsa Fionn, “tha en ìre mhath.” “Càit a bheil e?” ars ise. “Tha e an so,” ars esan. “Suain do bhratach ma thimcheall,” ars ise ri Fionn. Rinneadh sin. Dhfhalbh abhan-sìdhe. Thog i rithe is sguab i leatha eallach a mic, is amach a ghabh i gu Aird an t-Sealgair. Dhfhàs Gille aChochuill-chraicinn nas fheàrr, is thòisich e ri sealg. “O a mhàthair,” arsa Gille aChochuill-chraicinn aon bha sud, is e amuigh mun cuairt, “nach fhaca mi Caoilte aruith an sud. Carson nach do thog thu an draoidheachd ort fhéin.” Anns na facail a bhann dhfhalbh Gille aChochuill-chraicinn is thug e roid an deidh Caoilte. Bhuail e an t-slat-dhraoidheachd air ag ràdh, “Falbh a nis dhachaidh còmhla ri Fionn MacCumhaill. Bha thu fada gu leòir air an fhiar.”

[Sanas]

titleRìgh na Gréige
internal date1956.0
display date1956
publication date1956
level
reference template

Niall Mac an t-Saoir in Gairm 15 %p

parent textGairm 15
<< please select a word
<< please select a page