“Gnothaich Bhoireannach”
Le MURDAG NICCOINNICH
BHO chian nan cian b’e glaodh nam boireannach nach robh fàth aca iad fhéin a dhearbhadh. Chan fhaodar a chleith gu bheil cothrom nan cothrom aig tè sam bith a thogras an diugh ann an ceàird no dreuchd—gu tric le pàidheadh fir—agus cha mhotha dh’fhaodar àicheadh gu bheil móran a’ cleith nan cothroman. Gun teagamh cluinnear mu thè an sud ’s an so a tha mach as a’ ghréigh—ach gu minig chan eil cho òg ’s a bhà i. Tha fada cus co-ionnanachd ’nar measg.
Mu roinn bhig de mhnathan na dùthcha, ged thà, thatar a’ gleachd gu dìblidh an dràsda. Is ainmig a chualas gu robh na sgoiltean air an cumail a’ dol idir gu bho chionn ghoirid. Ged is cudthromach argumaid nam fear, tha aon ionad anns a bheil na mnathan os cionn prìs—na sgoiltean. Nach ann an làmhan bean-teagaisg a thòisich sinn uile, agus có a thogas ionad fiùghail, ge be cho fiosrach ealanta e, mur eil a’ bhunait daingeann? ’S cinnteach gur làn thìde dhuinn ar sùilean fhuasgladh: gu bheil an t-àm air caochladh nuair a bha rudeigin tàireil co-cheangailte ri dreuchd na ban-mhaighstir sgoile. Cha do dh’éirich an Ròimh an aon là, agus chan ann clisg a thilgeas sinn dhinn cleachdadh linntean, ach is aobhar iomagain teircead luchd-teagaisg earbsail ’nar cuid sgoiltean.
Gu dé, matà, an seòrsa boireannaich a gheibhear aig ceart mullach na dreuchd so, a tha a’ togail uimhear de dheasbaireachd? Tha May Andrews, O.B. E., M.A. , ’na h-àrd cheann air an sgoil mhóir chaileag a stéidhich Seumas Gillespie an Dun-éideann.
B’i a’ chiad bhoireannach air an do chuir Dun-éideann an t-urram so. Chuir a’ Bhàn-righ urram eile oirre bho chionn còrr agus bliadhna airson a h-oibreach am measg na h-òigridh. Thoiribh sùil air a dealbh agus chì sibh nach ann a mhàin ’na dreuchd a tha i sònraichte ach mar bhoireannach cuideachd. Chì sibh gnùis chiùin, shubhach, làn de’n tuigse ’s de’n ghliocas a threòraich ceudan chaileagan thar stairsnich an slighe troimh’n t-saoghal, làn de’n choibhneas nach eil bog no fann nuair dh’fheumar achmhasan a thoirt. Rugadh i an Dun-dèagh le gìbhtean anabarrach sgoilearachd agus comas riaghlaidh air leth—ach
[Dealbh]
chan e sin gu léir a tha ’ga comharrachadh. Is iomadh tè a rugadh le mór bhuadhan, ach nach tric a chailleas iad cuimhne air gur h-e boireannaich a tha annta.
Nuair a dh’fheòraich mi do Mhay Andrews mu a smuaintean agus i nis aig crìch aon turuis, oir tha i a’ leigeil dhith a h-uallach mór san earrach so, fhreagair i as a’ bhad, “Fhuair mi mór-shonas agus deagh shàsachadh ’nam obair an còmhnuidh.” ’S e a prìomh òrdugh do’n luchd-teagaisg a tha fòidhpe iad ionnsachadh do na caileagan gu feum iad oibreachadh le dìchioll daonnan. Is e a creud innseadh dhaibh bho àm gu h-àm gun an aire a bhith air gu dé a’ bhuannachd a gheibh iad as an saothar, ach le an uile chridhe air meud nas urrainn dhaibh a chur ’s a thoirt do an saothair. Cha do choinnich May Andrews ’na beatha riamh, agus shiubhail i earrann mhath de’n t-saoghal mhór, beag meas no dìth spéis air sgàth i bhith ’na bean-teagaisg—cha robh i a’ coimhead air an son. Chòrd a beatha rithe agus tha i a nis a’ sgur mus fhàs i car sgìth, is a’ togail oirre gu New Zealand, far a bheil i ’n dùil òraidean a thoirt do chuid de na comunnan Albannach, agus tha Gairm a’ dol ’na cois. Fad a beatha b’e a mór-thlachd an òigridh, agus chuir i a h-eiseamplair àrd fhéin rompa daonnan. Tha tàbhachd ’na pearsa maille ri sèimheachd; chan eil i a’ sàthadh a cuid foghluim sìos d’amhaich, agus, a chàirdean, nach àluinn a brat. Chan fhaicear i gun a bhith banail, taitneach fasanta.
Tha i làn chinnteach gu soirbhicheadh a’ Ghàidhlig gu math san sgoil mhóir; bu chaomh leatha bhith air tòiseachadh oirre san sgoil mus do leig i suas a dreuchd fhéin, agus ’s e a comhairle sinn strì a dhèanamh gus am faigh sinn i.
[Dealbh]
CHAITH mi greiseag là eile còmhla ri ban-Albannach eile—F. Marian Nic-Nèill. So agaibh tè a tha tuigseach, foghluimte, le brod na giùlain, air nach eil a h-earrann mhath de lasantachd macmeanmach a’ Ghaidheil a dhìth. Tha an dà chuid aice-se, mór thlachd anns na làithean a dh’aom, agus eòlas farsaing air an là-an-diugh, “Saoileam,” thuirt i, “gur h-ann a’ saothrachadh as leth na h-Alba bha mi riamh.”
Seachdain roimhe so bha i air tilleadh dhachaidh a Inbhir-nis, far an robh i ’na ban-chomhairlich do luchd-oibreach Walt Disney agus iad a’ deanamh film de Oidhche Shamhna anns na seann làithean. Chan eil neach san dùthaich d’an aithne barrachd mu sheann mhodhannan na i, agus tha i trang ’gan sgrìobhadh an leabhar mór a chumas cunntas gu bràth air iomadh nòs
[Dealbh]
A’ deanamh film de Oidhche Shamhna
àraid agus beul-aithris. Chan e sin a-mhàin—anns an leabhar d’an ainm “An Cidsin Albannach” sgrìobh i dhuinn gu ciatach an t-uabhas de dhòighean fuine agus deasachaidh lòin a thional i air feadh na tìre.
Nighean ministeir, aon de theaghlach mór, rugadh Marian ann an Arcaibh, agus ged nach robh an sporan tric cho làn ’s bu toigh leotha, bha pailteas ciùil, leughaidh agus brod a’ chòmhraidh daonnan mu a timcheall. ’S iomadh ceann a chaidh a chrathadh nuair a chaidh clann a’ mhinisteir do sgoilmhóir san Roinn Eòrpa, ach thill Marian do Oilthigh Ghlaschu. ’S iomadach ceàrnaidh a thadhail i air feadh an t-saoghail, agus fad na tìde bha i tional sgeul, nòs agus rann.
Tha còrr air ceud crònan, móran dhiubh sa’ Ghàidhlig, aice nis, agus bidh dùil againn am faicinn an clò cho math ri dà leabhar eile an athghoirid. Is mór a gràdh air a’ Ghàidhlig, ged nach eil i aice cho math ’s bu toigh leatha. Bha làn a chlaiginn aig a h-athair dhith; ach, mar is tric a thachras, nuair nach eil i aig a’ mhàthair, no ma tha i lapach, beag diù dhith, cha do thog a’ chlann i, agus is mór am beud nach ann anns a’ Ghàidhlig a tha Marian a’ sgrìobhadh dhuinn. “Chaill mise nì luachmhor thar prìs bho nach do thòisich mi air a’ Ghàidhlig ’nam òige” ars ise. “Cha bu chòir do neach a bheir ùidhe air gnathasan na h-Alba a thuigsinn, a bhith gun Ghàidhlig.”
Co-dhiùbh no co aca, bu chòir dhuinn a bhith làn toileachais gu bheil eachdraidh nam féisdean ’s nan dòighean aosda ann an làmhan cho comasach, an urra ri tè tha cho beò, gramail, glan-fhradharcach. Ars ise ann an dealachadh, “Cha ghabh mi aig àm sam bith, ’s cha do ghabh a riamh, iomradh mar fhìrinn.”
[Dealbh]
A’ Bhanais Oir—agus nuair a tha an dithis cho ainmeil ri Sir Compton MacCoinnich agus a bhean uasal, saoileam gu las sùilean nam ban buileach clisg. Bha am balachan trì fichead ’s a dhà dheug so anns an leabaidh agus a chas ’ga shàrachadh am feasgar a chaidh mi a chòmhradh ris, agus is e fhéin a bha frogail meanmnach innte.
Chuir mi romham sgrìobhadh mu’n tigh dhuibh, ach le innse na fìrinn, cha chreid mi gun toir neach cus toidhidh do rùm sam bheil Sir Compton, is e fhéin cho sunndach tarruingeach. Tha a’ Ghàidhlig
dlùth do a chridhe, is ged is toigh leis cumail amach nach eil i aige ach mu làimh, nuair a thuirt e dhà no trì fhacail an dràsda is a rithisd, gun fhios da, cha b’e blas na Beurla bh’ orra.
Phòs an dithis so, bho chionn lethcheud bliadhna, ann an Lunnainn, gun fhios do neach—b’ fheudar dhaibh fear-sguabaidh na sràide a thoirt asteach do’n eaglais mar fhianuis. Chosd biadh na bainnse dà thasdan an duine, ’s am fìon ’na chois. Fhreagair e ri m’ cheisd mu shonas pòsda cho buan—nì nach eil cumanta san àm so—gu robh pailteas ri dhèanamh aca le chéile an còmhnuidh, gun chleachd iad an tonaisg, ’s nach do dh’fhàg an dàrna neach an neach eile air chùl. Tha a bhean i fhéin tàlantach, ealanta air deilbh a dhreach-dhathadh, deas air a’ phiàno a chluiche, sgileil air gràbhaladh, agus tha greis mhath bho thòisich i fhéin a’ cur leabhraichean an clò. Cha robh i, mar sin, an sgàil a companaich, ach ’na leth-bhreac dha.
Cha ruig mise a leas iomradh idir a thoirt air mór-oibrichean Shir Compton fhéin—tha iad iomraiteach agus bithidh. ’S ann a chaidh mise choimhead an duine uasail so—fìor charaid na Gàidhlige—air sgàth aithris co ris a bha e coltach ’na dhachaidh. B’e sin an dachaidh bhòidheach, stàiteil, làn dhealbh agus àirneis phrìseil—bha litrichean Greugais an dath òir suas taobhan na staidhre. Chan eil e furasda tionnsgain air còrr agus ceithir mìle deug leabhar, ach sud san robh iad gu h-òrdail, réidh. ’S a leabhraichean air gach taobh, na tallain eadar dà sheòmar. Tha suas ris an àireamh sin de chlàir aige cuideachd, ach ’s ann a bha an clàr ann am fear a chuir an Gramaphone thuca aig àm na bainnse òir—clàr de’n òr as deirge dreach, ann am bocsa de thartan Chloinn Choinnich, air a bheil òraid a rinn Sir Compton do’n Bh.B. C.
[Sanas]
Tha cùirteinean fada de shìoda mollach (no meilmheid) anns gach rùm, gach dath eadardhealaichte mar fhreagaireadh an àirneis, uaine agus dearg mar as trice. ’S ann an cathair àrd ghàirdeanach a tha Sir Compton a’ sgrìobhadh daonnan—cathair dhearg le stòl-chas agus bòrd-sgrìobhaidh eadar an dà ghàirdean. Tha e air grunn dhiubh a chaitheamh ’na là. Chan eil bodach sa’ Ghaidhealtachd nach fhaodadh ceò a thogail ceart comhladh leis na tha de phìoban tombaca an sud. Anns an leabaidh, ’s amach ’s asteach, bha trì cait Siamese cho bòidheach pròiseil ’s a chunnaic mi riamh—creutairean uallach, mór-chuiseach a th’anns na cait so, agus is iad a dh’fhaodas le bian mar shìoda.
Chuir Sir Compton blàth bheannachd thugaibh uile, agus dh’fhàg e mise co-dhiùbh làn iongantais agus irisleachd. Bha fearas-chuideachd an so— “Bu chòir” deir e, “Ministear Diùltaidh a bhith sa’ Phàrlamaid. ’S ann a chuireadh esan fàilte chridheil air ceistean dreamasach.” Tha cuimhne chumhachdach aige, ’s chan eil samhla guth sam bith nach cuir e air. Tha a inntinn geur nimheil, àbhachd nas sradagaiche is a chridhe nas òigeil na móran de’n òigridh.
Ghabh mi cupan tea maille ris. Cha robh spaidealachd no pròis an so, cha robh àrdan no uaibhreachas. Tha sinn sealbhach gu bheil an dachaidh shònraichte so ’nar measg an Alba, oir innte gheibhear nithean nach fhaod Alba chaoidh a chall, aoidheachd is ceòl-gàire, cliù a tha sìmplidh.
[Sanas]
title | “Gnothaich Bhoireannach” |
internal date | 1956.0 |
display date | 1956 |
publication date | 1956 |
level | |
reference template | Murdag NicCoinnich in Gairm 15 %p |
parent text | Gairm 15 |