Tiriodh
Le SEUMAS MACTHOMAIS
Air an rathad a Chornaig Mór (Iain Camshron)
BHA uair a theirte Tìr Iosal an Eòrna ris an eilean-sa, agus bha an t-ainm sin fìor fhreagarrach aig an àm. Tha an tìr ìosal fhathast, móran dith nach eil leth-cheud troigh os cionn còmhnaird na mara, ach chan fhaicear raointean eòrna innte nas motha. Is iomadh luchd eathair de choirce is eòrna a thug manaich I Chaluim Chille ’nan latha fhéin as an eilean, agus nach liutha balach agus caileag a dh’àraicheadh air math na talmhainn o’n àm sin, ach tha na buailtean an diugh gu léir, ach beag, fo fheur.
’S e dùthaich ghrianach a tha so. Chan eil nas grianaiche an Albainn, agus tha na machraichean daonnan ùrar, gorm. Am mìosan an t-samhraidh tha gach machair fo bhlàth, le dìtheanan iomadh dathach, ach chunnaic mi ann an eileanan fad tuath air Tiriodh cluaintean a bheireadh bàrr air ann an dreach a’ chulaidh ged nach math leis na Tirisdich sin a chluinntinn no aideachadh.
Tha an samhradh fionnar mar as trice, agus chan eil fuachd geamhraidh ri cur dragh air duine. ’S ann ainneamh a tha reodhadh a’ tadhal an àite agus nas ro ainneamh na sin a thig an sneachda. A chionn nach eil beanntan àrda anns an eilean, ged a tha trì cnuic anns a’ cheann a deas aige air an sloinneadh mar gun robh iad àrd uair-eigin, tha na neòil, nuair a thig tarsuing a’ Chuain a Siar, a’ siubhal seachad air Tiriodh mar nach biodh iad ’ga fhaicinn, agus a’ dòrtadh an tuiltean air Muile agus air Tir-Mór.
Ma tha thu airson Tiriodh fhaicinn ann an sàmhchair, bheirinn a’ chomhairle ort a thadhal mu mheadhon an t-samhraidh. Ma thig na gaoithtean, agus thig iad gu cinnteach chon an fhir a dh’fheitheas riutha, fuirich am broinn an tighe, no biodh acair earbsach agad. Chan eil fasgadh ann. Theagamh gur e sin an t-aobhar nach eil eadhon aon chraobh a’ fàs o cheann gu ceann de’n eilean. Ach ged a shéideas gaoth a’ gheamhraidh gu gailleannach cha sheas i fada.
’S e chiad iomradh a tha againn air Tiriodh ann an eachdraidh an cùnntas a tha sgrìobhte air mar a chaidh na Cruithnich fhuadach a ceàrnaidh de Eirinn agus a chaidh iad air thigeadas do thìr an eòrna.
’Nan deidh-san thainig na Lochlannaich a bha ann an seilbh air an eilean ceudan bliadhna. Tha làraich nan dùn anns an robh na Cruithnich ’gan dìon fhéin ri am faicinn an iomadh àite fhathast, ach dh’fhàg na Lochlannaich airm shònraichte no leugan luachmhor as an deidh anns na dùin-sa mar a chunnacar an àiteachan eile.
Air do na Lochlannaich na h-Eileanan a Siar fhàgail an deidh cath na Leargaidh Ghallda anns a’ bhliadhna 1263, fhuair Clann Dòmhnaill nan Eilean ùghdarras air Tiriodh, agus thugadh e mar shaor thiodhlac do Chlann Mhic GillEathain anns a’ bhliadhna 1517. So fine as lìonmhoire a gheibhear anns an eilean gus an latha an diugh.
Fhuair Caimbeulaich Earraghaidheil còir air Tiriodh anns a’ bhliadhna 1674 agus ’s e Iarla Earraghaidheil uachdaran an eilein fhathast.
An deidh Achd nan Croitearan thòisich an sluagh air an talamh àitich a leasachadh, agus tighean còmhnaidh freagarrach a thogail. Le an saothair fhéin, agus air an cosguis fhéin, tha dachaidhean aig
[Dealbh]
“. . . raointean de ghainneimh ghil an achlais gach bàigh.”
a’ mhór chuid aca an diugh anns am faod iad uaill a dheanamh. Uidh air an uidh, chaidh tacannan móra a bhriseadh sìos ’nan croitean as an urrainn teaghlach gnìomhach an teachd-an-tìr a thoirt gun ghainne.
Tha àireamh an t-sluaigh ri sìor sheargadh mar a tha a’ tachairt ann an eileanan eile na Gaidhealtachd. Anns a’ bhliadhna 1846 b’e an àireamh cóig mìle. Chan eil ann an diugh ach dà cheud deug. Tha an òigridh a’ dol gu tìrean céine no do na bailtean móra, agus na seann daoine air am fàgail. Tha móran de’n chloinn anns na sgoilean nach do rugadh riamh an Tiriodh, ach a tha air daltachas an dachaidhean an eilein. ’S i a’ Ghàidhlig cainnt na cloinne-sa, ach chan eil am freumhan anns a’ Ghaidhealtachd idir, agus cha bhi e soirbh fìor Ghaidheil a dheanamh de chuid aca gu bràth.
Saoilidh cuid gur e eilean iomallach a tha’n Tiriodh, ach chan ann mar sin a thà. Tha am bàta-siubhail ’ga ruighinn trì là san t-seachdain as an Oban, agus an t-soitheach adhair a h-uile là ach là na Sàbaid. Ged nach toir thu ach trì cheathramh na h-uarach air sgéith eadar Glaschu agus Tiriodh, tha thu ’fàgail aon saoghal air do chùl agus a’ fosgladh do shùilean agus do chluasan ann an saoghal eile. Tha a’ ghleadhraich seachad, agus sàmhchair agus fois a’ riaghladh. Tha ùinich a’ bhaile mhóir ’na thosd, agus beòlragaich nann tonn air tràigh ghil agus ceileireadh nan eun ’gad thàladh. Tha drip is uallach a’ tuiteam gu làr, agus saorsa gun fhadachd a’ lìonadh do chridhe.
Co-dhiùbh ’s ann mar sin a thachair dhòmhsa anns an Og-mhios a chaidh ’s mi air chuairt an tìr-an-àigh. An ceann ceithir là deug thill mi air m’ ais air m’ ùrachadh agus air mo bheathachadh an corp ’s an inntinn, a’ creidsinn gu bheil sochairean aig muinntir nan eilean nach ceannaichear le òr, agus sonas agus riarachadh spioraid air nach urrainnear luach a chur.
Thug mi dhachaidh leam dà chuimhneachan a leanas mi fad iomadh latha. An toiseach, cho toilichte is cho càirdeil ’s a tha muinntir an eilein ’nam measg fhéin agus cho aoidheil ’s a tha iad ri coigrich, agus a rithist, ath-chuimhne air raointean de ghaineimh ghil an achlais gach bàigh leis a’ chuan trom-dhathte le dealtradh gorm is uaine a’ sgaoileadh thairis orra. Anns an Ob air cùl an tighe anns an robh mo chéile is mise a’ fuireach chì mi fhathast na ròin moch is anmoch a’ snàmh ’s a’ cur nan car dhiubh mu na sgeirean dlùth air làimh, gun duine beò a’ cur dragha orra. Chì mi Barraidh a’ togail a chinn os cionn a’ Chuain a Siar, agus Uibhist is na Hearadh air fàire. Chì mi Muile nam fuar bheann àrda astar goirid air falbh, I Chaluim Chille r’a thaice gu h-ìosal, agus Ruma air cùl chàich san àirde tuath.
Chan aithne dhomh dòigh as fheàrr gu bhith ’toirt deablh inntinne air doigh beatha an t-sluaigh na sùil a thoirt orra troimh’n uinneig. Tha bùth a’ cheannaiche fosgailte tràth sa’ mhadainn, ach ’s ann anmoch feasgar a chì mi an luchd ceannachd a’ tighinn, cuid air an casan, cuid air eich-iarainn air an rathad no air an tràigh, agus cuid eile ’nan càraichean. Tha ùine gu leòir an Tiriodh as deidh naoidh uairean feasgar airson gnothaich a dheanamh ris a’ cheannaiche. Tha ùine gu leòir ann airson còmhradh ri neach sam bith a thig an rathad,
[Dealbh]
Bean-an-tighe agus a mac, Calum MacGilleathain
agus gu céilidh cuimseach a dheanamh anns an ath dhorus as deidh sin.
Cha teirig naidheachd no òran math Gàidhlig gu meadhon oidhche. Ma tha seinn is seanachas ’nan comharraidhean air riarachas agus sonas tha an dà chuid gun sòradh an Tiriodh. Agus chan e an òigridh ’nan aonar a tha toigheach air òrain ach na braisichean agus na seann daoine mar an ceudna. Cha robh duine annns a’ chuideachd air a bheil mo shùil bu déidheile air seinn agus a b’ ealanta air an obair na bean-an-tighe. Cha robh i ach ceithir fichead ’s a trì! Chan e gnothach dithis no teaghlaich a tha ann am banais an sud ach gnothach baile, no eilein.
Cha bhiodh eachdraidh Thiriodh coimhlionta mur a biodh iomradh air a dheanamh air am bàrr de dhaoine fiùthail a chuir e dheth fad nam bliadhnachan, gu sònraichte ministearan agus maraichean. Is aithne dhuinn cuid de na ministearan so a ràinig an cliù iomallan na rìoghachd agus nas fhaide mach. Bha na maraichean ainmeil ’nan latha agus feumail do chàch. Nach iad a bha dol ’s a’ tighinn fo sheòl eadar na h-eileanan is Tir-Mór le bathar—biadh is connadh. Bha deich smacaichean fichead aon uair a’ seòladh o chladaichean an
eilein. Nach tric a thug iad luchd mònach a Colla agus as an Ros Mhuileach, agus nuair a sguir sin, nach iad a bha ’toirt guail o dheas?
Bha port iasgaich an Tiriodh aon uair, ach chan fhaicear móran eisg a’ tighinn gu laimrig am Baile Màirtinn an diugh. Chuir na tràlairean giorra-shaoghail air iasgach an truisg ’s a’ langainn o chionn fhada na fada.
Chan fhaca mi fàd mònach fad mo chuairt san eilean. Bha mòine ’ga buain an dà cheann an eilein aon uair, ach chan eil nì an diugh far an robh a’ mhòine ach creagan loma. Car ùine bha an sluagh an urra ri connadh a bha iad ag àrach an Colla agus am Muile. Chailleadh sgioba eathair barrachd air aon uair ag aiseag mònadh as an dà àite sin. Tha Baile Phuill an ceann a deas an eilein a’ cumail air chuimhne gu robh riasg uaireigin anns a’ cheàrnaidh sin, mar a tha Baile a’ Mhuilinn a’ nochdadh gu robh min ’ga bhleith ann aig aon àm.
Tha e furasda siubhal eadar na bailtean o’n Chaolas sa’ cheann a Tuath gu Hainis sa’ cheann a Deas, agus o Sgairinis air an taobh an ear gu Còrnaig Mhór air an taobh an Iar. Co-dhiùbh, tha rathaidean matha ’gan ceangal r’a chéile. Ach chan eil innealan siubhail goireasacdh do’n fhear turuis idir. Tha móran de na croitearan aig a bheil an càraichean fhéin, nì tha comharrachadh an inbhe aig a bheil iad.
Cha do dh’ionndrainn sinne nach robh càr againn fhéin. Rainig Mac Dhùghaill, Chòrnaig Mhóir, leinne gach cùil is cial anns an eilean air fad, agus dh’innis e dhuinn air an rathad na tha ri innseadh mu gach baile agus bàgh, mu gach cleachdadh is dòigh am measg an t-sluaigh. Ged nach e Tirisdeach a th’ann-san tha an t-aon choibhneas ’na chridhe.
Cionnas a nis a tha muinntir Thiriodh a’ cosnadh an teachd-an-tìr? Chan eil obair ann ach obair fearainn, agus ’s e àrach chruaidh an obair shònraichte air a bheil na croitearan an crochadh airson am bith-beò. Tha o dheich ar fhichead gu trì fichead acair eadar talamh àitich agus talamh cùil anns gach croit. Air croit chumanta gheibh thu sia no seachd ba bhainne agus dusan no cóig deug eadar laoigh is aighean. “Cionnas,” arsa mise ri bodach sgoinneil, “a tha dol agaibh air na tha sin de bheathaichean a gheamhrachadh?” “Seall,” fhreagair e, “air na mulanan feòir sin anns an iodhlainn. Bha ochd ann deireadh an fhoghair, agus tha dhà ann fhathast. Chan eil dìth feòir an so, ma bhios an taiseachadh ann.”
Chan eil reic air bainne idir, ach tha iad a’ beathachadh nan laogh leis. Tha na dò-bhliadhnaich air an reic san Oban toiseach a’ gheamhraidh. A thuilleadh air crodh tha caoraich bhàna air gach croit, agus tha tighinn-a- steach cuimseach an cois chlòimh is feòil chaorach. Bha uair a bha mucan aca ’gan àrach ach leigeadh seachad iad gu buileach nuair a thuit a’ phrìs o chionn àireamh bhliadhnachan. Chan eil teaghlach gun chaigeann chearc airson am feumalachd fhéin.
Cho fada ’s a chì am fear-tadhail tha na Tirisdich gu math air an dòigh, riaraichte le an crannchur, agus neo-eisimeileach agus daonnan sona.
[Dealbh]
A’ buannachadh na réis
(Dealbh le Eóghann Camshron)
[Sanasan]
title | Tiriodh |
internal date | 1956.0 |
display date | 1956 |
publication date | 1956 |
level | |
reference template | Seumas MacThómais in Gairm 15 %p |
parent text | Gairm 15 |