An Sgeilp Leabhraichean
Birds and Mammals of Shetland, le Venables & Venables.
Clo-bhuailte le Oliver & Boyd. (30/- ).
Dé an seòrsa leabhair a tha’n so? Bho’n ainm, shaoileadh duine nach biodh e gu mór ùidh do dhuine sam bith ach an duine a tha an sàs an eachdraidh-cinnidh nan ainmhidh. Ach chan ann mar sin idir a thà. Bho a thoiseach gu a dheireadh, chan eil facal an so nach tuig agus nach còrd ri gach neach a dh’ fhosglas an leabhar.
So a’ chiad leabhar a chaidh riamh a chur ri chéile mu eòin ’s mu ainmhidhean Shealtainn, le daoine a tha air bliadhnachan a chur seachad anns an àite. An uair a chaidh an dithis Venables an greim na h-oibreach so, chuir iad rompa gun toireadh iad dealbh de Shealtainn do’n luchd-leughaidh, le bhith a’ toirt dhaibh cunntas air teachd is falbh, air beatha ’s air bàs nan creutairean. Sin dìreach a rinn iad, a’ tòiseachadh le cunntas air gnè an talmhainn agus a’ foillseachadh dé an seòrsa eun agus bheathaichean a tha a’ còmhnaidh air seòrsachan àraidh fearainn, agus cia meud. Tha iad an uair sin ag innse ciamar a thainig na daoine a Shealtainn an toiseach, a’ dol air ais gu mìle gu leth bliadhna roimh Chrìosd. Bho’n àm sin, tha iad a’ deanamh oidhirp air mion chunntais a thoirt air ciamar a thàinig na h-ainmhidhean—a’ nochdadh mar a chaidh beathaichean àraidh a bith mar a dh’atharraich sìde is aimsir ’s mar a dh’ fhàs am biadh air am biodh iad beò tearc.
Ciamar as urrainn daoine, an diugh, eachdraidh a thoirt air beathaichan ’s air eòin a chaidh as gu tur bho chionn suas ri mìle bliadhna? Is e sin rud cho iongantach ’s a tha san leabhar—sgeul air beatha chreutairean air a cur an altan a chéile bho sheann chnàmhan is uaireannan bho bhìdeagan chreagan anns an lorgar bileag fhionnaidh no fiacail no ite! Ach chan e mhàin an seòrsa eachdraidh sin a tha aig na Venables. Tha suas ri dara leth an leabhair a’ toirt mion chunntas air gach aon chreutair beò a tha air talamh, no an lochan Shealtainn an diugh, le iomradh air an ainm Shealtainneach air an son. Iongnadh air muin iongnaidh anns gach duilleig. Leabhar do’n sgrùdaidh, a chòrdas ris an fhear nach do ghabh ùidh anns a’ chuspair thuige so.
F. McD.
title | An Sgeilp Leabhraichean (Birds and Mammals of Shetland) |
internal date | 1956.0 |
display date | 1956 |
publication date | 1956 |
level | |
reference template | Fionnlagh MacDhòmhnaill in Gairm 15 %p |
parent text | Gairm 15 |