[168]

FEALLSANACHD

le Torcuil MacRath

Thig na Sasannaich as t-fhoghar
le fùdar ga fhrasadh,
eadar agus gunna
thèid cearc-fhraoich thoirt gu làr.

Rinneadh an lagh ann a Sasainn,
tha e sgrìobht acair pàipear,
gur leo farsaingeachd amhonaidh
gu oir amhuir-làin.

Cha robh a riamh tòrr chearcan-fraoich air an astar ud a-mach on bhaile againn. Bha na h-uimhir ann gun teagamh bho bu chuimhne le duine. Is dòcha gu robh iad ann fada mus deach Tursachan Chalanais a thogail.

Co-dhiù, làimh ris abhaile tha gleann ris an canar Gleann na Beinne Bric. Sin far na rinn achearc-fhraoich a nead air an t-samhradh seo chaidh, agus air an t-samhradh roimhe sin. Bha i le cuid uighean an taobh aghlinne, falaichte seasgair am-measg an fhraoich.

Thog i àl ann cuideachd. Cha robh duine a bha dol an astar ud a chuireadh dragh oirre. Ach cha do shàbhail sin i. Thàinig na Sasannaich agus chuir iad às dhi, agus gu ìre mhòir dhan àl cuideachd.

Thaobh bàs na circud
a bha cho luideach air iteig
tha crònan ri ionndrain
aig tuiteam nan sgàile.

Ged as neònach an rud e tha ceangal eadar bàs na circe-fraoich agus ceist a chuir mi air aPhàrtaidh Laborach o chionn meall bhliadhnachan air ais. Mar sin gun facal a-null no a-nall mi imrich air sgiathan na cuimhne, thairis air na bliadhnachan gus an ruig mi abhliadhna 1945. ’S e samhradh a bhann.

Bha cogadh Hitler seachad agus cha bfhada gus am bidhte aleigeil abhom atamaich ma sgaoil os cionn bailtean Sheapan. Achs ann a bha sin gun thighinn aig an àms ann a bha ar n-aire-ne air taghadh



[169]

Pàrlamaid a bha gu bhith ann air an fhicheadaibh latha dhen Iuchar. Be seo achiad thaghadh a bhann bho 1935. Abair càineadh. Cha robh olc fon ghrèin nach robh am Pàrtaidh Tòraidh agus Laborach acur às leth a chèile.

Anns an taghadh a bhann bha mi fhìn, mar a thuirt am measan, gu math bragail. Deise ghorm aChàbhlaich Rìoghail orm is a ruma dearg a bha sinn afaighinn acumail mo chridhe rium. Cha be long mhòr air a robh mi, agus mar sin bha e furasda gu leòr botal a lìonadh agus a chur an dara taobh. Mar bu deirge es ann a bfheàrr e.

Cha robh poilitics agam. Cha bhuininn do phàrtaidh sam bith ach air a shon sin bha beachd no dhà agam. Mar eisimpleir, bha mi adèanamh dheth nach robh e ceart a bhith areic agus aceannach talaimh. Bha am feallsanachd a bhagam cho sìmplidhs a thogras tu. Cha be duine rinn an talamh, achearc-fhraoich, am fiadh no am bradan. Cionnas a-rèisde as urrainn an dàrna duine a ràdh gu bheil còir aigesan air na nithean sin a bhàrr air duine eile?

S e feallsanachd tha sin a bhuineas do dhualchas nan Gaidheal. Crann à coille, fiadh à fireach, breac à linne - trì meirle às nach do ghabh an Gaidheal a riamh nàire. Chanainn fhìn nach be meirle a bhann. Mar sin bha acheist a chuir mi air aPhàrtaidh Laborach nàdurrach a-rèir na feallsanachd a bha, agus a tha, agam.

Dhfhaighnich mi dhiubh gu bha dùil aca a dhèanamh mu dheidhinn na h-oighreachdan neo-eisimeileach a fhuair seilbh air fearann na Gaidhealtachd agus nan Eilean. Tha còrr air fhichead bliadhna agus a ceithir a-nis bho lìbhrig mise na bhagam ri ràdh agus cha dfhuair mi freagairt fhathast.

Agus fhathast ann an Gleann na Beinne Bric, airson spòrs agus cur-seachad, tha na Sasannaich amarbhadh an corra chearc-fhraoich a thair fhàgail. Ged a bhruidhinn mi air oir amhuir-làin, chan eil an t-ùghdarras a tha aca astad an sin idir:

Togar lìon bhàrr na mara
mus glacar ann bradan,
chan fhaod iasg an t-Sasannaich
a bhith air ithe le gràisg.

Gun teagamh, thàinig caochladh air iomadach rud bho thog mise acheist an toiseach anns abhliadhna 1945. Airson aon rud, chan eil croitearachd ann a-nis ach mu làimh, gu sònraichte cho fadas a tha na h-Eileanan air an gabhail a-steach. Co-dhiù lean an t-ainm. Ach a-rithist bha taobh air croitearachd nach robh uile gu lèir fallain. Chuala mi an seanchas seo aig seann bhodach o chionn iomadh bliadhna, nuair a bha mina mo chlèireach-baile.



[170]

Na òige bha ùidh mhòr aig abhodach ann an iasgach. Cha bu dùth leis fearann. Mar sin bha e airson gum faigheadh e làrach taighe ann an àite sònraichte anns na chuir e sùil. Bha an t-àite seo an cois na mara air taobh a-muigh crìochan abhaile anns a robh e afuireach aig ann àm.

Baithne dha an dithis a bha acoimhead thairis air cùisean abhaile. “Dìreach”, ars esan, “anns an aon dreuchd anns a bheil thu fhèin an seo an-dràsda”. Chaidh e far a robh an dithis sin agus dhinnis e dhaibh gu a bha aige san amharc. Ach dhaithnich e nach robh càil aca mu dheidhinn làrach taighe a thoirt dha.

Achiad fhear aca ris na bhruidhinn e, dhfhaighnich am fear sin dha an ann air a dhol às a chiall a bha e. “Dhinnis mise”, ars am bodach, “fàth mo thurais dhan fhear eile cuideachd ach chaidh esan dhan talamhs cha do fhreagair e mi”.

Chan eil mi acantainn gun do thachair a leithid seo ro thric, ach air a shon sin thachair e an siuds an seo. Ach anns an fharsaingeachd faodaidh sinn a ràdh gun thòisich an croitear acoimhead air fhèin mar uachdaran aig a robh còirichean air leth.

Tha dlùth-cheangal aig aphuing seo ris achuspair a thagam. Oir mas e rud es gun teid na h-oighreachdan a chur à biths gum faigh na Gaidheil seilbh air fearann an sinn sear, ’se guth an t-sluaighs chan e guth nan croitearan a-mhàin bo chòir a bhith tighinn an uachdar.

Mar sin a-rèir na feallsanachd air a bheil mi bruidhinns e na nithean a tha gnèitheil dhan tìr dha feum sinn an aire a thoirt: am fiadh, am bradan fiadhaich agus an crodh Gaidhealach. Chanainn gum bu chòir na nithean sin a bhith air an cur gu feum chum maith an t-sluaigh anns gach ceann dhen Ghaidhealtachd mar a bhios sluagh an àite afaicinn iomchaidh.

Gu cinnteach chan eil sinn faisg a mhìle dhan fheallsanachd seo. Eadhon air oighreachd Urras Steòrnabhaigh chan eil bhòt ach aig croitear agus aig an feadhannn eile tha pàigheadh ràtaichean. Gun teagamh dhfhaodadh seo atharrachadh ri linn achìs-coìmhearsnaich ged nach teid mise a thoirt rann molaidh air achìs sin.

Co-dhiù, bidh feallsanachd air choreigin ann. Mura bi siud ann bidh seo ann. Ma chanas duine nach eil feallsanachd aige, chan eil e ach ag innse mun t-seòrsa feallsanachd a tha aige. Tha drochd amharas agam mun t-seòrsa feallsanachd tha buailteach air a bhith ann aig acheann thall mura coimhead na Gaidheil beò:

Thig na Sasannaich as t-fhoghar
s bidhn t-airgead ga thabhach,
s ceannaichear leotha gach croit
than diugh aig Gaidheil air màl.

titleFeallsanachd
internal date1990.0
display date1990
publication date1990
level
reference template

Torcuil MacRath in Gairm 150 %p

parent textGairm 150
<< please select a word
<< please select a page