DÒMHNALL OG MACNÌLL AGUS NA BARRAICH AN CEAP BHREATAINN
bho Sheumas Watson (Ceap Breatainn)
B’ ann a mhuinntir Bharraigh a bha Dòmhnall Og MacNill: Gaidheal a tha ainmeil chun an là-an-diugh ann an eachdraidh Siorramachd Bhictoria ann an Albainn Nuaidh.
B’e còta dearg airm a’rìgh a bha Dòmhnall a’ cosg sa’ bhliadhna 1758. Bha e an làthair san aon bhliadhna sin nuair a chuir feachd nam Breatannach an daingeanach Louisburg, ann an Eilean Cheap Breatainn, fo shèisd gus cumhachd Riaghaltas na Fraing a sgiùrsadh a-mach às a’ cheàrnaidh ud do dh’ Ameireaga-a- Tuath. As deaghaidh dhan t-sèisd a bhith ullamh bha Dòmhnall air bòrd air soitheach-cogaidh a dh’fhàg Cala Louisburg a’ dèanamh air Cala Shidni, air neo Abhainn nan Spàinteach mar a theirte ris san aimsir ud. Air an t-slighidh gu port chunnacas seann soitheach-seòlaidh Frangach air a robh siùil gu math riobagach, luideagach a’ gabhail seachad gu fuaradh orra. Ged bu bhochd an coslas a bh’ air a’ bhàta thuagh a bha seo, bha feadhainn air bòrd an t-soithich-chogaidh a bha amharasach nach robh a’ chùis mar bu chòir dhi a bhith. Bha an deasbad a’ dol agus Dòmhnall Og san èisdeachd nuair a thuirt an còcaire, ga chur an cèill anns a Ghàidhlig, “Ged is broinneagach, salach do choltas, is luachmhor na tha nad bhroinn.” Ghabh Dòmhnall a bheachd fhèin air seo fad greiseig agus chuir e roimhe iomradh a thoirt air briathairean a’ chòcaire dhan chaiptean. Rinn an caiptean dheth gu robh brìgh dha-rìreadh anns na faclan a labhair an còcaire agus ghabh iad a-mach an tòir air a’ luing Fhrangaich sa’ mhionaid. Cha b’fhada an dearbhadh a’ tighinn air beachd-shùil a’ chòcaire nuair a chuir na seòladairean Frangach siùil ùra ri crannaibh agus thog iad orra gu còrsa na Fraing le cùrsa càm, doirbh a leanaid. As deaghaidh dhi iomadach là ga ruith dh’fhairtlich air a’ luing-chogaidh Shasannaich an soitheach Frangach a chur an sàs. B’ fheudar dhi sguir dhen ruaig nuair a thàinig an nàmhaid sàbhailte gu cala san dùthaich aca fhèin. Leis cho anmoch ’s a bha i sa’ bhliadhna agus ràith’ a’ gheamhraidh a’ teannadh orra cha robh cus feum ann a bhith tilleadh air n-ais a chladaichean Chanada. Air a shàilleabh
sin leigeadh sgioba na luing-cogaidh fa sgaoil air fòrladh. Bha Dòmhnall Og air a chunndais mar fhear dhiubh sin agus chuir e aghaidh air a dhachaigh fhèin ann am Barraigh.
Thug Dòmhnall Og an geamhradh taitneach gu leòr measg a chuideachd fhèin. Agus bu mhòr am moladh a rinn e air bòidhchead, is toradh Eilein Cheap Breatainn: gu sònraichte air cladaichean Lèig Bhra d’Or nuair a bhitheadh e ga aithris dha na càirdean mar a dh’èirich dha ’na shaighdear air an taobh thall an Canada. Chaidh Dòmhnall a mharbhadh san ath-bhliadhna, 1759, anns a’ bhlàr ainmeil ud a chaidh a chur air Magh Abrahaim anns a’ Mhòr-Roinn Quebec.
Ged nach do thill Dòmhnall Og a-riamh a dh’ Eilean Cheap Breatainn cha do dhìochuimhnich muinntir Bharraigh, sìos dhan ath ghinealach, mar a dhealbhaich e dhaibh gealltanas na dùthchadh àlainn ud thar a’ chuain. Agus anns a’ bhliadhna 1799 thàinig ceathrar do Chloinn Nill gu tìr mar eilithrich ann am Pictou air tir-mòr na h-Albainn Nuaidh. B’ iad sin: Dòmhnall mac Ruairi agus a mhac Ruairi, agus Eòin mac Dhòmhnaill agus a mhac-san fhèin Iain. Thug iad an geamhradh air fàrdrach aig càirdean ann an Arasaig, goirid do Bhail’ Antigonish, ach cho luath ’s gun do dh’fhàs an t-Earrach rinn iad calg direach air Ceap Breatainn ann am bàta beag, uidheimichte le seòl ’s ràimh. Nuair a ràinig na laoich Baile Naoimh Pheadair, taobh na maradh, rinn iad tarraing air a’ bhàta tarsainn na coilleadh gu ruige cladach na Bra d’Or. Bha e ’na chùis iongnaidh dhaibh gu bhith faicinn cho mòr ’s a bha an Lèig ’na meud agus an deaghaidh dhaibh iomaramh dhan ear, a’ cumail ris a’ chladach mu dheas, cho fada ri Ceann a’ Bhàighe thill iad air n-ais a’ gabhail taobh a’ chladaich mu thuath dol ionnsaigh an aird an Iar. Goirid ’na dheaghaidh sin dh’ amais iad air na caoiltean air an do chuireadh Caolas nam Barrach mar ainm, agus b’ ann an sin a chuir iad rompa gun tuinicheadh iad. Ach man d’fhuair iad fiù ’s craobh spruis a leagail choinnich grùnn borb do dh’Innseanaich riutha dhen treubh ris an abrar “Mic Mac”.
Tha am beul-aithris a leanas ’na chùnndais air mar a dh’èirich dha na Gaidheil treuna a bha sa’ chruaidh-chàs a bha seo a-rèir eachdraidh ’s seanachas a tha air tighinn a-nuas o ghlùin gu glùin measg muinntir Shannraidh air neo “Iona” mar a theirear ris air an là-an-diugh, baile beag an cois Caolas nam Barrach.
Chan eil e ach nàdarra gur e fear a Chloinn Nill a mhuinntir an ionaid ud a tha ga aithris. ’S e sin Migi Mac Bean Neileig, Ruairi, Eòin a’ Phlant. Duine sgairteil, laghach, gasda nach do chuir cas a-riamh air fearann Albainn.
Nuair a thàinig na ciad Ghaidheil, nuair a thàinig iad a-nall, ’s e
[Dealbh]
(An dealbh le Ellison Robertson, Sydney, Alba Nuadh)
na h-Innseanaich a bha san àite seo an toiseach. Thàinig iad a-nall ’s cha robh criù ro mhòr aca. Ach nuair a thàinig iad leis na bàtaichean air tìr bha na h-Innseanaich rompa. Ach ged a bha na h-Innseanaich fhèin rompa dh’aithnich na Gaidheil nach robh an gnothach dol a bhith rèidh, agus cha robh na h-Innseanaich airson càirdeas a dhèanamh riutha. ’S chunnaic na Gaidheil bhochda, leis na bh’ aca do dhaoine ’s na bha ’nan aghaidh, nach b’urrainn dhaibh cus a dhèanamh. An aon rud a chuimhnich iad air, gum b’fheàrr leotha sìth dhèanamh le Dia, air tàilleamh nach robh cus do dhaoin’ aca. Choisrig iad iad fhèin. ’S nuair a choisrig iad iad fhèin mhothaich na h-Innseanaich a rud a rinn na Gaidheil. Dh’aithnich iad an uair sin gur e Caitligich a bh’ annda. Ach chaidh na h-Innseanaich a mhealladh cho tric…ach bha aca ri dòigh air choreigin eile fhaighinn a-mach a robh iad dha-rìribh ’nan Caitligich. A robh sgath ac’ a shealladh gum buineadh iad do luchd nan Caitligich?
Dh’fhosgail fear dhe na Gaidheil…dh ’fhosgail e drong bheag a bh’ aige, na bocsa, cha robh e gu diofar, ’s thug e mach crois. Thog e ’chrois suas. ’S nuair a thug e ’chrois suas chrath na h-Innseanaich làmh leo ag aithneachadh gu robh iad dhan aon chreideamh. Cha robh na h-Innseanaich son an còrr trioblaid a dhèanamh on a chunnaic iad gu robh iad dhan aon taobh. Bha iad a’ faicinn cha robh sin ceart dhaibh, ’s iad fhèin barrachd aca do dhaoine ’nan aghaidh.
Dè bh’ ann an uair sin ach bha easgannan gu leòr aig na h-Innseanaich, ’s rinn iad a-mach gun dèanadh iad feasd mhòr. Chaidh sin a dhèanamh ach cha robh na h-Innseanaich ag usaideachadh salainn. Cha robh cleachdeadh aca salann a bhith aca. Ach bha salann gu leòr aig na Gaidheil. Ach bha na Gaidheil iad fhèin…eagal aca ro’ na h-easgannan a bha na h-Innseanaich a’ toirt dhaibh, ged a bha iad a’ cantail gur e easgannan a bh’ annda, air tàilleamh gun deach am mealladh trup reimhid le nathairichean a thoirt dhaibh ann am biadh an àite nan easgannan. Ach dh’aithnich iad leis cho còir ’s a bha na h-Innseanaich gu robh an dùrachd gu math, agus thairg iad dhaibh salann. Sin rud nach d’fhuair na h-Innseannaich blas riamh air gus an uair sin. Dh’fheuch na h-Innseanaich a’ salann air a’ bhiadh, ’s chòrd a’ salann riutha gu math. ’S dh’fhaighnich iad am b’urrainn dhaibh sian a thoirt dhaibh dhan t-salann a bh’ aca. Rachadh aca sin a dhèanamh nam biodh dòigh aca airson a’ salann a chumail. Cha robh sin doirbh sam bith leis na h-Innseanaich air tàilleabh cairt a’ bheith’ a bhith aca. Leag iad a’ chairt ’s chuir iad a’ salann a sin’s phaisg iad sin. Sin an dòigh a bh’ aca air an t-salann a chumail.
A-nisd airson an gnothach a thoirt car gu deireadh, air a’ làr a
tha ‘sin an drasd’, far na choinnich na Gaidheil ris na h-Innseanaich, tha eaglais air a togail ann air a’ cheart làr far na choinnich iad. [Eaglais Chaluim Chille] ’S tha rud eil’ ann. Cha robh e gu diofar co às an tàinig Innseanach a riamh dhan Chaolas, cha robh trioblaid sam bith eadar na h-Innseanaich ’s na Gaidheil riamh. Nuair a thigeadh iad a-measg nan Gaidheal, air taobh a’ Chaolais, cha bhiodh trioblaid, ’s cha bhì gu sìorraidh. Sin stòiri na h-Innseanaich bhochda agus stòiri nan Gaidheal a thàinig an toiseach gu “Iona” …gu Sanndraidh.
title | Dòmhnall Og MacNìll agus na Barraich an Ceap Bhreatainn |
internal date | 1990.0 |
display date | 1990 |
publication date | 1990 |
level | |
reference template | Seumas Watson in Gairm 151 %p |
parent text | Gairm 151 |