[82]

LATHA AN DUBAIDH

le Calum MacMhaoilein

Nuair a bha minam bhalach ann an Grabhair, bha mòran obrach co-cheangailte ri latha an dubaidh. Is ann anns an t-Samhainn a bhiodh an dubadh air a dhèanamh aig an àm sin ged is ann san t-Sultainn a thatar ga dhèanamh an-diugh.
Bhiodh amhòr-chuid de na caoraich air abhaile mun tìde sin den bhliadhna, ach bhiodh corra thè fhathast air amhòintich agus dhfheumadh gach croitear a bhith air a chasan gu moch anns amhadainn gus iad sin a thoirt a-steach don bhaile agus an sprèidh gu lèir a chruinneachadh a-steach do bhàthaich no do shabhal gus an cumail tioram o uisge sam bith a thigeadh orra às na speuran.
An uair sin dhfheumte an amar a chur air dòigh - amar fiodha, agus drubair fiodha a dhfheumte a chur an àirde air sorchan, de thubannan, no de innleachd air choreigin eile a chuireadh croitear innleachdach air chois.
Dheidheadh achiad chaora a thoirt gun amar le fear a bha an urra ris achuid sin den obair, agus bhiodh dithis eile aig an amar gus an dubadh a dhèanamh. Bha a h-uile croitear ann an Grabhair aig an àmnan iasgairean cuideachd, agus bha na h-oilisginn a bha iad acleachdadh aig an iasgach glè fhreagarrach airson an cumail tioram nuair a bhiodh iad acur nan caorach dhan amar. Bheireadh an dara fear air casan toisich agus ceann na caorach, agus am fear eile air a casan deiridh. Thogadh iad i agus chuireadh iad air a druim don amar i. Thionndaidheadh iad an uair sin air a casan i agus bheireadh iad dhi cuideachadh gu coiseachd suas don drubair far an sileadh pàirt den dub dhith.
S e obair throm a bhann a bhith togail caora an dèidh caora don amar, agus cha bhiodh an ùine fada gus an tòisicheadh an dithis a bha ris an obair seo afàs glè sgìth. Nam biodh mòran dhaoine mun dubadh dhfheumadh dithis eile an àite ghabhail an ceann greis, ach far am biodh teaghlach beag adèanamh an dubaidh fhèin, dhfheumadh iad fuireach aig an obair seo gus am biodh an



[83]
obair gu lèir seachad. Bha seo ag adhbharachadh gum feumadh iad sguir bho àm gu àm gus an anail a tharraing, rud a dhfhàgadh an obair adol airson ùine mhòr den latha.
Nuair a thigeadh na caoraich a-mach às an drubair cha robh ri dhèanamh ach peanta an teaghlaich a chur air gach gus an aithnichear air amhòintich co bu leis i agus gus an aithnicheadh gach croitear a chaoraich fhèin nuair a bhiodh iad am-measg chàich air amhòintich.
Bha obair glè chruaidh ann an seo dha na croiteirean, agus bha na caoraich afaighinn riasladh nach robh idir gu math dhaibh. Is iomadh caora bhochd a bhris a cas le bhith sleamhnachadh nuair a bhiodh i adìreadh don drubair.
Air Disathairn an 29mh den t-Sultainn 1990, thachair dhomh bhith ann an Grabhair air Latha an Dubaidh, agus chaidh mi don fhaing còmhla ri na croiteirean. Bha latha glè fhiadhaich le gèile agus uisge trom air a bhith ann Dihaoine agus bha eagal oirnn nach fhaighte air an dubadh a dhèanamh Disathairn, ach nuair a dhèirich sinn anns amhadainn bha latha eadar dhà shìon ann, agus cha do chuir an aimsir dragh sam bith air an dubadh. Chòrd e rium fhìn fìor mhath a bhith aon uair eile am-measg nan caorach.
Is mòr an t-eadar-dhealachadh a bha eadar seo agus an dubadh air an robh mi eòlach ann an làithean mòige. Tha faing mhòr a ghabhas caoraich abhaile gu lèir air a togail de shaimeant ann am mullach Druim Thainis. Tha i air a roinnna h-earrannan gus am faigh gach croitear air a chaoraich fhèin a chur air leth bho chàch ma bhios sin riatanach, agus geata beag air gach roinn. Aig ceann a deas na fainge tha amar saimeant air a ligeadh sìos don talamh air dòigh agus gum faigh na caoraich air coiseachd a-steach ann. Tha an amar mu dhà throigh a leudna mhullach agus atighinn a-steach gu mu aon troigh gu h-ìosal. Gabhaidh e mu thrì cheud gu leth galan agus feumar mu aon ghalan de Paracide a churna mheasg. ’S e seo a stuth a bha aig croiteirean Ghrabhair ach tha mi atuigse gum bheil stuthan eile gan cleachdadh ann an ceàrnaidhean eile.
Am-measg nan croiteirean a bha mun dubadh seo bha bhodach - mi fhìn agus bodach eile a bha beagan na baosda na mise. Cha do rinn sinne mòran cuideachaidh mun trusadh oir bha gu leòr do fhir òga ann a bha na bu chomasaiche air an obair na sinne. Chaidh sinn a-mach leis achàr gu ceann a-muigh Rathad aGhlinne, ach cha robh mòran chaorach ann cho tràth air an latha, oir bha iad gun cromadh bho na mullaichean. Chunnaic sinn ceithir caoraich ach nuair a rinn sinn oidhirp air an cur a-null air



[84]
an abhainn, is ann a chùm iad gu tuath aig astar agus cha burrainn dhuinne an tilleadh. Bha aca leis abhodach eile agus tha dòchas agam gun deach a dubadh air latha eile.
Bha na fir a bòige air falbh romhainne, agus air tòiseachadh air an trusadh bho chùl Meall nan Caorach. Ràinig iad an fhaing goirid an dèidh dhuinne ruighinn agus fhuair sinn air cuideachadh a thoirt dhaibh gus an treud - còrr math air trì cheud beathach - a stiùireadh a-steach don fhaing.
Bha na caoraich atighinn gu socair roimh na bhanan dèidh de dhaoine agus de choin, ach nuair a thàinig iad dlùth air an fhaing agus a thòisichear gan teannachadh a-steach do dhoras cumhang na fainge thòisich beathach an siud agus an seo afiachainn ri bristeadh air falbh. Ach bha gach duine agus gach deiseil gu iad seo a thilleadh agus fhuaradh a h-uile beathach a-steach don fhaing gun abheag de thrioblaid.
Bha a-nis an amar ri lìonadh. Bha iad ag innseadh dhomh gum bàbhaist an obair seo a bhith glè fhurasda nuair a bhiodh iad a’ toirt an uisge à Loch a’ Chàrnain le pìobgravity’, ach gun robh a-nise an loch seo air fàs cho ìosal agus cho salach agus nach ruitheadh an t-uisge troimhn phìob. Bfheudar a-nise an t-uisge a thoirt le pumpa à lochan beag a tha shìos an leathad. Ged nach robh an inneal tarraing seo ag obrachadh ro mhath, agus ged a bfheudar fear a bha eòlach air pumpaichean greis de ùine chur seachad acur seo ceart, fhuaradh air an amar a lìonadh gun ach mu uair an uaireadair a chall.
Mar a thuirt mi mu thràth, bha an fhaing air a roinnna h-earrannan. Is ann ceart-cheàrnach a bha na h-earrannan gu lèir ach a h-aon, an anns am biodh na caoraich air an cumail dìreach mun deidheadh iad a-steach don amar. Bha i seo cruinn le fuasgladh oirre troimhn deidheadh iad don amar. An teis meadhon na h-earrainn bha post agus gheata an crochadh ris, agus mar sin bha e comasach roinn a dhèanamh dhi. Nuair a chaidh beagan chaorach a leigeadh a-steach don earrann seo, fhuaradh air an roinn a bfhaisge air an amar a dhèanamh na bu lugha agus na bu lugha gus nach robh dol às aig na caoraich ach a dhol air adhart gu na fir a bha gan stiùireadh a-steach don amar. Cha robh a bhith an urra ris agheata seo ag iarraidh mòran eòlais agus chaidh earbsa rium fhìn airson greis gus cìobair a leigeadh gu gnothaich eile nach burrainn do fhear neo-dhreuchdail mar mise a dhèanamh.
Nuair a bha an drubair làn, chaidh na caoraich a ligeadh a-steach do earrann eile don fhaing. Bfheudar seo a dhèanamh uair no trì mun dfhuaradh air na caoraich gu lèir a dhubadh.



[85]
Chaidh a h-uile càil gu rèidh, ach fhuair aon chaora greis da saorsa. Nuair a bhatar dha stiùireadh a-steach don amar thug i leum aisde agus chaidh i seachad air an amar agus air an fhear a bha an urra ri ceann nan caorach a chur fodha, agus bha i sìos guallainn Dhruim Thainis cho luaths a bheireadh a casan i. Ach luath agus mar a bha i, cha do ghlèidh i a saorsa ro fhada. Chaidh a chur air falbh agus nuair a fhuair e gu a cùlaibh cha robh dol às aice. Bha na cìobairean glè fhaiceallach oirre nuair a thàinig i gun amar an dara turas, agus fhuair i a dubadh an dèidh na h-uile.
Bha a-nise gach caora air a dubadh, ach bha iad gu lèirnan aon threud agus cha bhiodh e furasda do gach croitear a pheanta fhèin a chur orra mar a deidheadh sgaradh a dhèanamh orra. Mar a bha na geataichean air an cur an òrdugh air earrannan na fainge, cha be obair dhoirbh a bhann caoraich gach duine a chur ann an earrann dha fhèin. Cha robh sinne fada acur slìob de pheanta dearg air cliathaich dheas gach beathach agus plub den aon dhath air amhàs aca, agus bha sinn aig an taigh agus agabhail deagh dhìnneir aig trì uairean feasgar. Bha feadhainn ann aig an robh mòran a bharrachd oirnne ri pheantadh agus bha e gu math na bfhaide dhan latha mun robh iadsan air an obair gu lèir a dhèanamh.
Nuair a thuirt mi ri fear de na croiteirean gun robh an gnothach mòran na bfhasa dhaibh a-nis na bha e ann an làithean mòige, is ann a fhreagair e.
O tha. Chan eil càil an seo a-nis achroll on, roll offdìreach mar a tha na bàtaichean-aiseig ùra.”

titleLatha an Dubaidh
internal date1990.0
display date1990
publication date1990
level
reference template

Calum MacMhaoilein in Gairm 153 %p

parent textGairm 153
<< please select a word
<< please select a page