CUTAIREAN BHAGH A’ CHAISTEIL
le Pòl Mac a’ Bhreatunnaich
Eachdraidh mu dheidhinn cutairean an sgadain am Barraigh sna bliadhnan roimhn Chiad Chogadh Mhòr.
Bha Bàgh a’ Chaisteil san linn roimhn Chiad Chogadh Mhòr, ’na àite cho trang, adhartach le obair iasgaich an sgadain, ri port eile san dùthaich, oir bha a’ Mhaoil fharsainn ri làimh, tabhairteach, loma-làn dhen iasg àlainn a thug beò-shlàint do mhòran; agus a bha blasda do chuid mhath de shluagh an t-saoghail a bha cho fortanach ’s gum faigheadh iad fhaotainn. B’ann air a shailleadh a bhiodh a chuid bu mhotha dheth, oir cha robh dòighean eile mar a tha againn an-diugh airson a ghleidheadh ùrail fo dheigh, no a thiormachadh fo thoit, cho cumanta.
B’ann air na boireannaich a thuit obair deasachaidh an sgadain
airson a shailleadh, agus bu mhòr an co-dheuchainn eatorra ’nan dùil am fasdadh sna sgioban a bhithear a’ cruinneachadh bho thoiseach aimsir an iasgaich. Aig an àm ud, bha a laimrig fhèin aig a h-uile luchd-saillidh mun cuairt cladach Bhàgh a’ Chaisteil. Bha comann Dunbar aig an robh laimrig air taobh na Horugh dhen bhàgh, agus comann Jenkins air a’ Leideig, air feadhainn cho mòr ’s cho ainmeil dhe ne luchdan a thigeadh à àitean mar Cheann Phadruig, Obar Dheadhain, agus puirt-iasgaich eile a’ chosta- ’n-Ear, aig toiseach an t-samhraidh gu na laimrigean a bha sìneadh a-mach mar mheuran air gach taobh dhen bhàgh, a dheasachadh airson teachd an sgadain.
Bhiodh sgur ga chur air iasgach an sgadain sa’ Mhaoil airson deannan sheachdainean o mheadhoin na Giblein gu cothrom a thoirt dhan iasg tighinn gu abaichead. Cha b’e àm dìomhanach a bhiodh an sin matà, oir bha mòran ri chrìochnachadh eadar lìn a chàradh, siùil nan luing-fhada rin cairteadh, agus gach bàta ri snasachadh le teàrr-dhubh air a bonn, agus a dreach-dhathadh air rèir miann a fir-seilbhe. Thòisicheadh na luingeas-choigreach on chosta- ’n-Ear ri cruinneachadh agus a’ ceangal suas ri taobh nan laimrigean aig na luchdan-saillidh air gach taobh, gus nach mòr am biodh oisinn dhen bhàgh falamh far an seòladh no an tionndadh eathar. Nuair a bha a’ chabhlach uile cruinn a’ feitheamh àm tòiseachadh an iasgaich, theirte nach mòr nach coisicheadh duine o gach taobh dhen bhàgh fharsainn thairis air na luingeas ceangailte taobh ri taobh. Bha na cruinn àrda mar choillidh gun duilleach, a’ deàrrsadh sa’ ghrèin len dathan rìomhach. Bha an t-sreath bhùithean air aon t-sràid ghoirid a’ bhaile, ’nam boil ’nan dèanadas malairt a’ cumail suas ri riatanas an t-sluaigh mheudaichte a bha gus am baile beag a sgeapadh. Chan e gun robh neach a’ gearain, oir b’e àm an iasgaich an t-àm a b’fhiachaile dhaibh uile dhen bhliadhna, agus a bhiodh iad a’ feitheamh ris le dòchas tuilleadh beairteas.
Thog gach luchd-saillidh taighean fiodha os cionn an laimrigean fhèin, mar àitean còmhnaidh dha na cutairean coigreach a thigeadh toiseach an t-samhraidh a dh’obair a bhàrr air boireannaich an eilein fhèin. Thàinig cuid mhath dhiu sin on chosta- ’n-Ear maille ri sgioban nam bàtaichean iasgaich às na ceàrnan sin; agus tuilleadh à Uibhist agus Eirisgeidh. B’àbhaist na taighean fiodha sin a bhith ’na sreathan os cionn a’ chladaich air a’ Leideig-taobh ear a’ bhàigh, agus anns na Horugh – air an taobh shiar. Chan eil aon dhiu air fhàgail an-diugh, nas motha na tha na laimrigean a bha cho trang agus beothail ann a làithean an iasgaich.
Bha te-ionad aig gach luchd saillidh a’ còmhnaidh am baile
Bhàgh a’ Chaisteil agus uice sin a chuirte an t-urras neo ‘eàrnais’ mar a theireadh na boireannaich air, gu na cutairean fhasdadh gu obair an t-samhraidh. Thigeadh an eàrnais roimh’n bhliadhn’ ùir, agus bu thoileach na boireannaich aig an robh dùil ris, gu h-àraid aig an àm ud dhen bhliadhna. B’e miann gach tè a bhith air a fasdadh leis an luchd-saillidh bu mhotha, oir bhiodh barrachd dòchais aice air pàigheadh na bʼfheàrr a-rithist nuair a thòisicheadh an t-iasgach.
[Dealbh]
Bàgh aʼ Chaisteil ann an 1912
Bhiodh na boireannaich air am fasdadh ʼna sgioban de thriùir – dithis airson a’ chutaidh, agus an treas tè airson an sgadan a phasgadh anns na baraillean fiodha. B’e pàigheadh nan cutairean mu chòig tasdan fichead de eàrnais, agus tasdan a h-uile baraille sgadain a lìonadh an sgioba, agus mu ochd sgillinnean san uair fad ’s a bhiodh iad ag obair gach latha. Aig an àm cha bʼe droch phàigheadh e idir agus bha còmhstri gu leòr eadar nam boireannach airson an cosnadh fhaotainn; ach thigeadh e daor às an cuim eadar sgios agus goirteas am meuran air an gearradh leis na cutagan beaga geur leis an robh iad a’ sgoltadh an èisg.
Nuair a thòisicheadh an t-iasgach, bheireadh na luingeas an cuan orra – siùil mhòra gan sgaoileadh ris na cruinn air an fheasgar, agus gach tè a’ toirt a sròin seachad Mhaol Dònaich agus a’ deanamh air na grùnndan far am b’fheàrr a bha an sgadan am beachd gach sgiobair. Cha robh na h-innleachdan a tha aca an-diugh aca sna làithean ud gu comharra an èisg a shealltainn dhaibh air clàr mun coinneamh mun cuireadh iad lìon. Bha eòlas
fhèin aig gach sgiobair air far am bʼfheàrr dùil nan cnapan sgadain a bhith cruinn; agus air na h-àitean a ruighinn, bha eòlas air coltas na mara agus eunlaith ag innse dha cuin a dhʼfhaodadh e an seòl mòr a lagadh agus na lìn a chur a-mach. Chìte cuid a luingeas a’ seòladh a-mach às aʼ bhàgh tràth air an fheasgar – gu tric bha sin a’ dearbhadh gun robh iad ma dh’fhaoidte aineolach mu na cladaichean, agus gun robh ʼnam beachd beagan siubhail a dhèanamh mun cuireadh iad an lìn; ach bha feadhainn eile athaiseach mu sheòladh, oir cha bhiodh iad airson an dùrachdan fhoillseachadh.
Co-dhiù, mun robh am feasgar seachad bhiodh na luingeas uile sgaoilte air aʼ chuan, an siùil mhòra air am pasgadh, agus an lìn ʼnan sreathan fhada o an deiridhean, ʼs gun aca ach fuireach ach gu dè a chuireadh am fortan ʼnan rathad le an slaodadh air bòrd saʼ ghlasanaich. B’e daoine Diadhaidh a bha anns na h-iasgairean uile, agus cha robh neach dhiu nach tairgeadh facal beag ùrnaigh an dèidh nan lìon a chur, gu Dia bhith fàbharach dhaibh ann an strì na h-oidhche.
Air na lìn a chur, bheireadh an sgioba fasgadh an toisich orra airson grèim bidhe, mun sìneadh iad iad fhèin sìos air na bùird chruaidhe a bha ʼna leapannan dhaibh airson an tacain mun tòisicheadh riasladh slaodadh nan lìon. Nam b’e oidhche chiùin e, cha chluinneadh duine ach pluban na mara aʼ sguabadh taobh aʼ bhàta; sgreuch eunlaith air ghluasad faisg air na lìn; agus gu cinnteach srann nam fear ʼnan cadal. Cha bhiodh an fhois fada, nuair a ghluaiseadh an sgiobair iad gu faighinn air am bonnan, agus airson aghaidh a thoirt air tarrainn nan lìon. Còmhdaichte ʼnan còtan fada agus brògan sliasaideach dhìreadh gach fear am fàradh gu geur-ghaoith na tràth-mhoch, aʼ toirt sùil air comharran nan lìon mun tòisicheadh an slaodadh. Gu tric ma bha òganach san sgioba, chuireadh esan a ghàirdean ri ràmh an guallainn na luinge gu a cumail air a leud ris na lìn aʼ tighinn air bòrd.
Ma bha an saothair torach, bha aoibhneas air aodann gach fear a’ dèanamh a dhìcheall ris an t-slaodadh chudthromach. Chrathadh iad an sgadan à mogaill an lìn sìos dhan toll mum pasgadh iad na ròpan ʼs na lìn suas air aʼ chlàr thoisich. Cho luath ’s gum faigheadh iad an lìon mu dheireadh air bòrd, ’s ann bu luaithe a gheibheadh iad gu cala agus math dhʼfhaoidte aʼ phrìs a bʼfheàrr. Thigeadh an seòl mòr a thogail gun dàil, agus le stiùir chinnteach, bheireadh an long a sròn air Maol Dònaich.
B’ann air laimrig aʼ bhaile aig ceann a deas na sràide, a bheireadh na bàtaichean-iasgaich orra; agus aʼ mhionaid a rinn iad cala, bheireadh gach sgiobair deagh thaghadh dhen sgadan a
[Dealbh]
Caileagan an Iasgaich aig stèisean Mhic Choinnich à Steòrnabhagh, san Leideag, Bàgh a’ Chaisteil.
(On làmh chlì): Màiri, Bean Iain às a’ Ghleann. Beann Dhògain Ruairi – Gleann. Ceiteag Dhògain Ruairi – Gleann. Anna Raonuill Eachainn – Gleann. Màiri Iain Mhic Iain Mhìcheil – Garrygall. Bean Iain Bhàin – Crìochan. Alasdair Mac Coinnich, Cùbair, – Steòrnabhagh. Sheila Aonghais Ian Eòghainn – Leanais. Catrìona, Bean a’ Dògaidh – Crìochan. Annag Alasdair Dhòmhnaill Mhìcheil – Garrygall. Peigi Iain Sheumais – Garrygall. Bean aʼ Mheit – Gleann. Màiri Chalainn – Leideag. Calum Neill Bhlid – Rubha.
ghlac e, ann am bascaid, suas gu taigh na ‘glaige’ – talla fharsainn iarainn far an sgaoileadh gach fear a-mach a shamhla fo shùilean fir-ceannaichidh an èisg. Bhualadh an glag cruaidh nuair a bha an sgadan deiseil airson a reic. Cho luath ’s a dh’aontaicheadh luchd-saillidh ris an sgadan a cheannach, bheireadh gach bàta a laimrig shònraichte orra, far an eutromaicheadh an sgioba a luchd; agus ghabhadh tè eile a h-àite aig laimrig a’ bhaile.
Thigeadh an luchd sgadain a thomhas ’na chrannan – ceithir bascaid-chrannach ris a’ chrann. Tharrainneadh triùir de sgioba a’ bhàta crann eatorra – dà bhascaid ’nan dorn eatorra, agus bascaid air gualainn gach fear air an taobh a-muigh, ’s e a’ cumail taic oirre le làmh shaor. Dhòirteadh iad an sgadan sa’ bhocsa-chutaidh – bocsa mòr fada le taobhannan agus cinn ìosal.
Bhiodh na cutairean ’nan sreath mun cuairt a’ bhocsa-chutaidh – còmhdaichte ’nan còtan-oilsgean, agus am meuran air am pasgadh an aodach-canaich gu an dìon o ghèire nan sgeinean agus guin an t-salainn; agus a’ crònan le sùrd ’s iad ag obair gun stad a’ cutadh an sgadain. Sguireadh iad airson mionaid gach turas a thigeadh na h-iasgairean le ’m bascaidean sgadain a bha iad a’ dòirteadh dhan bhocsa-chutaidh; agus nuair a thigeadh an cùbair le truinnsearan mòra de shalainn garbh, a sgaoileadh e air feadh an èisg.
Dhèanadh na cutairean trì seòrsa taghaidh dhen sgadan a-rèir a thomhais, ’s iad a’ tilgeadh an sgadain air a chutadh ann an trì bascaidean air cùl gach sgioba, gun riatanas sùil air an cuimse, ’s iad ag obair mar na seilleanan. Bhiodh tuba tana aig gach tè air a beulaibh am broinn a’ bhocsa mhòir anns an tilgeadh i mionach an èisg. Nuair a bhiodh na bascaidean làn air an cùlaibh, bheireadh an dithis bhoireannach dhen sgioba a bha cutadh, iad gu ceann eile an àite-saillidh far am biodh an treas tè ga feitheamh gus an sgadan a phasgadh sna baraillean. Dhòirteadh na cutairean an sgadan ann an tubaichean eile a-rèir meudachd an sgadain gu
Caileagan an Iasgaich, Bàgh a’ Chaisteil. Chan eil aithneachadh agam ach air a’ cheathramh thè on làmh dheas: Maireag Mhìcheil Nèill agus Màiri Anna Iain Choinnich – às a’ Gharaidh-gall le chèile.
[Dealbh]
bhith deas airson a phasgadh. Cha b’e obair fhurasda a bha sin, oir bha e goirt air druim na tè a bha crom air uachdar baraille fad latha.
Bha na baraillean air an dèanamh o fhiodh làidir, seasg agus dìonach. Thigeadh an sgadan a thaghadh gu cùramach o na tubaichean a lìon na cutairean, agus phaisgteadh e sa’ bharaille ceart cho cùramach ann am pailteas salainn garbh. Bhiodh an sgadan air a phasgadh earball ri earball agus a dhruim gu h-ìosal. Air gach sreath a cho-lìonadh, chuirte pailteas salainn air uachdar mun tòisichteadh an ath shreath a phasgadh. Nuair a bhiodh am baraille làn, bheireadh an cùbair geur-amharc air mun cuireadh e an sgiathag fiodha air uachdar ga dhùnadh, agus an uair sin ga dhèanamh tèaruinte le cearcall-iarainn mu bhàrr. Sgrìobhte ainm a’ cheann-uidhe shònraichte don robh am baraille a’ dol ann a litrichean mòra dubha air a thaobh; agus an uair sin rolladh e gu uachdar a’ chàrn bharaillean a bha cheana làn. Mar bu mhotha an t-iasgach, b’ann bu mhotha a dh’fhàsadh an càrn, gus an tigeadh an t-ám a luchdadh air bòrd nam bàtaichean a thigeadh às gach ceàrn gu tharrainn air falbh.
Roimhn chogadh mhòr, bhiodh cuid mhath dhen sgadan a’ dol thairis gu Ameireaga far an robh sireadh mòr airson prìomh sgadan an Og-mhìos agus an Iuchair. Chaidh an earrann bu mhotha dhen sgadan a chur dhan Ghearmailt agus dhan Ruis. Is iomadh seòladair Barrach, a’ seòladh do phuirt mar Odessa aig ceann deas na Ruis, a thug naidheachd dhachaigh gum faca iad balaich a’ deoghal clàran nam baraillean a thug an sagdan à Bàgh a’ Chaisteil, gu blas an èisg a shùghadh ’nan acras.
Ma bha saothair nan iasgairean duilich, a’ slaodadh nan lìon, agus a’ cur suas ri an-shocair an àitean-còmhnaidh cumhang air bòrd nam bàtaichean, cha robh nithean dad na bu shoirbhe dha na mnathan a bha ris a’ chutadh. Dh’fhàgadh iadsan às na bailtean a-mach à Bàgh a’ Chaisteil an dachannan moch sa’ mhadainn gus a h-uile ceum a choiseachd thun an àitean-obrach airson an ruigsinn mun nochdadh na bàtaichean iasgaich a-staigh ceann Mhaol Dònaich. Gu tric bhiodh na mnathan sin sa’ bhaile mun gluaiseadh cuid mhath dhe na bha còmhnaidh anns na taighean fiodha às an leapannan. An dèidh dhaibh latha sàraichte a chur seachad a’ làimhseachadh an sgadain, bheireadh iad na bùthan orra a cheannach eallach bidhidh a tharrainneadh iad dhachaigh air an dromannan còmhla ri gad sgadain ùir. Nuair a ruigeadh iad an taighean, cha b’ann gu an casan a chuir suas, ach gu làmh a thoirt air na bha riatanach a dhèanamh dhaibh fhèin. Bhiodh crodh ri bleoghan, aran ri fhuine, biadh ri dheasachadh, agus an
[Dealbh]
Stèisean Mhic Iomhair, à Steòrnabhagh am Bàgh a’ Chaisteil, air an làimh chlì, agus caileagan trang aig stèisean Dunbar, às a’ Bhruaich.
dèidh a’ chlann a bhiadhadh dh’fheumte an dèanamh deas gu an cur dhan leabaidh. Bha sgoiltean an eilein a’ faighinn saor o thoiseach Mhàigh aig an àm ud airson gun cuidicheadh clann aig beagan aois am màthraichean le obair nan croitean, oir bhiodh na fir aig muir ag iasgach fad an t-samhraidh.
Cha bhiodh na h-iasgairean aʼ dol gu muir air Disathairne no air Latha na Sàbaid, ’s mar sin, bhiodh na luingeas ’na laighe sàmhach aig acaire sa’ bhàgh, neo ceangailte suas aig laimrig. Cha robh mòran aig na h-iasgairean coigreach a dhèanadh iad an dèidh dhaibh an lìn a chàradh ’s a phasgadh aig deireadh na seachdain, ach an cothrom a ghabhail an casan a shìneadh a’ coiseachd mun cuairt an eilein. Bhiodh an tìde grinn san t-samhradh, agus faodar a bhith cinnteach gur iomadh tlachd a thug iad às na sgrìoban a ghabhadh iad. Chìte iad ’nan sreathan, gach aon dhiu còmhdaichte sna briogaisean de chlò gorm agus an geansaidhean fighte gu rìomhach le snàth gorm cuideachd. Bhiodh buidheannan de chaileagan a’ chutaidh a gabhail cuairt air an rathad cuideachd air an fheasgar, agus glè chinnteach bhiodh fealla-dhà gu leòr eatorra. Bha na h-iasgairean, mar mharaichean
gu lèir, làn gheasagan, agus bha miann mhòr aca air na baideinean de fhraoch geal agus an raineach-rìoghail a chruinnicheadh iad air mòinteach Bhruthairnis.
B’ann dhan Eaglais Shaor a bhuineadh a’ chuid mhòr de iasgairean a’ chosta-n- Ear, agus a thaobh sin, bha a’ Ministear à Eaglais Chuidhir a’ deanamh seribhis àraidh dhaibhsan air feasgar latha na Sàbaid ann am Bàgh a’ Chaisteil. Nach iomadh pears-eaglais an-diugh a bhiodh aoibhneach a leithid a cho-thional cho Crìosdail, furachail, a chruinneachadh fon aon uachdar – ach thrèig an cleachdadh cliùiteach sin gu mòr, mar an t-iasgach fhèin.
Chuir an Cogadh Mòr stad air an iasgach, agus crìoch air a’ mhargadh thairis a’ chuain a cheannaicheadh an sgadan saillte. Mun do thogadh an t-iasgach air bonn a-rithist sna bliadhnan an dèidh a’ chogaidh, thàinig iomadh atharrachadh air. Dh’fhalbh na siùil mhòra à fasan, agus thug innealan fuaimneach an àite. Bha aimsir ùr air tighinn a’ toirt dhòighean ùra air adhart; ach gu bràth tuilleadh chailleadh sealladh nan siùil mhòra làn fo sgairt-ghaoith air feasgar samhraidh a’ cromadh à sealladh a-mach cùl Mhaol Dònaich.
Ged a thugar sùrd air sailleadh an sgadain eadar sin agus an ath chogadh, chaill an gnìomhachas a bhrìgh le ganntas an sgadain ri ghlacadh sa’ Mhaoil; agus cor an t-saoghail san fharsainneachd. Beag air bheag thrèig na luchdan-saillidh Bàgh a’ Chaisteil; thuit na laimrigean fiodha às a chèile le cion-càireidh, gus an-diugh chan eil eadhoin an làraich am follais. Chan eil tuigse aig òigridh air na duilgheadasan a chuir an seanamhairean suas ris a lorg an astair a thriall iad gach latha, agus sgìos an t-saothair a bhith crom os cionn bocsa-cutaidh o mhoch gu anmoch. Nach b’iad a bha treun agus gasda, agus gu cinnteach faodaidh sinn a bhith moiteil à caileagan a’ chutaidh a rinn an dìcheall gu Bàgh a’ Chaisteil a thogail gu’n inbhe a ràinig e a-measg puirt-iasgaich an sgadain sna linntean a chaidh seachad.
title | Cutairean Bhagh a’ Chaisteil |
internal date | 1991.0 |
display date | 1991 |
publication date | 1991 |
level | |
reference template | Pòl Mac a’ Bhreatunnaich in Gairm 154 %p |
parent text | Gairm 154 |