[258]

LATHA SAM BITH SA’ PHRÌOSAN

le Eòghann MacGillEathain

Amannan Anshocrach
Tha sinn gu minig aleughadh o chionn treis anns na pàipearan-naidheachd, agus tha sinn acluinntinn anns na meadhonan san fharsaingeachd, mar a tha nithean adol troimh-a- chèile nar
prìosanan an Alba, agus an Sasainn cuideachd.

Chan eil enam inntinn a bhith aliùbhradh aiste fhiosrach air mar a chaidh cùisean ceàrr, agus chan fheuch mi ìocshlaint dhan euslaint leantalaich seo a chur air adhart. Tha na h-aimhreitean a thachair fhathast ann am mothachadh an t-sluaigh. Thig ainmean gu ar n-inntinneanCeann Phàdraig, Barlinnie, Saughton, Shotts, Glenochilagus tha sgrùdadh geur air a ghabhail os làimh leis na h-ùghdarrasan dreuchdail air a h-uile cùis is suidheachadh a thàinig am follais anns na trioblaidean. ’S e dòchas dhaoine an cumantas gun treòraich an rannsachadh seo daoine gu co-dhùnaidhean a bheir strì gu ceann.

Beachdaicheamaid, ge-ta, air cho cumantas a tha ar-a- mach dhe gach seòrsa an aghaidh ùghdarrasan an-diugh sachoimhearsnachd. Chan urrainn nach bi a leithid ann, eadar na prìosanaich is an luchd-faire. Na nithean a chuireas dragh air daoine an taobh a-muigh dhen phrìosan, ’nan saothair, ’nan dreuchd, ’nan cosnadhtha iad sin a cheart cho coltach dragh is aimhreit a bhrosnachadh. Chan eil anns aphrìosan, gu fìrinneach, ach sgàthan atoirt ath-ìomhaigh air cùisean a-muigh.

Is coltach, ge-ta, gum bi an sluagh asmaoineachadh gun urrainn beatha chiùin, reusanta a bhith adol air adhart o latha gu latha, is buaireas an dèidh buaireis abriseadh a-mach. Ach is ann mar seo a tha. Is biadh is deoch dha na meadhonan fios fhaotainn mu thachartasan aimhreiteach. Chan eil naidheachd sam bith aca dha na leughadairean ma tha gnothaichean an latha adol gu dòigheil anns na prìosanan.



[259]

Cùisean Gearain
Gheibh thu cuid a thogas gu h-àrd gearan aphrìosanaich gu neo-chlaon-bhreitheach, is feadhainn eile a chuireas air adhart an cronachadh fhèin gu bheil na prìosanaich air am maothachadh tuilleadhs a chòir. Is dòcha gu faighear freagradh cothromach le bhith acoimhead air beatha nam prìosanach gu coitcheann o latha gu latha.

Do Shaorsa Chaillte
Saoilidh mi gur e an as fheàrr a thig tarsainn, air an rèidio is an telebhisean co-dhiù, is iad ri prògram air gnothaichean a tha abuntainn ri prìosan agus na thèid ann, fuaim chruaidh, chinnteach doras na cille adùnadh gu daingeann air prìosanach, mar chomharra air an t-saorsa a chaill e.

Nach toir seo ort stad, a leughadair. Beachdaich air mar a dhfhaodas tu gluasad far an togair thu, is nuair a thogras tu, is mar a thogras tu, a h-uile latha, a h-uile mionaid. Caill an comas prìseil seo, is chan eil mòran romhad as fhiù dad, gu h-àraidh is tu gus binn-beatha a chur seachad air an taobh a-staigh dhe na ballachan bagarrach, mùgach, neo-aoigheil.

Dol Seachad Gach Latha
O seo a-mach chan fhaod thu dad a dhèanamh ach mar a dhiarrar ort. Eiridh tu samhadainn gad dheasachadh fhèin agus dfhàrdach chumhang, mus tèid thu a dhithe anns an t-seòmar-bìdh, is ceud aghaidh neo-aithnichte gad sgrùdadh, is ameas do chùis is do chàileachd.

Glasar a-rithist thu, gus am bi an uair ann saothair an latha a thòiseachadh, a-rèir mar a chaidh a roinn dhut. Gheibh thu muga am meadhon na h-obrach. Thèid thu air ais gu do thalla gu do dhìot tràth-nòin. Glasar thu nad chill a-rithist afeitheamh àm obrach. Fad na h-ùine tha cuideigin acoimhead ort, is asgrùdadh a h-uile gluasad a thu. Aig crìoch saothair an latha, fanaidh tu sachill an dèidh bìdh feasgarach, gus an tig mu dhà uair anns a bheil saorsa agad measgachadh le prìosanaich eile. Faodaidh tu fuireach nad chill, no a bhith ri cluichean-bùird, no eacarsaich a dhèanamh.

Cha dèanar dad ach mar a chuirear romhad, no le cead air leth. Thig àm cadail, achs dòcha nach tig cadal. Tha do chompanach asrannail. Tha achill cho fuar. Tha cuideigin ag èigheach gu cruaidh tha ceàrr? ma thachras dad, is mi glaiste a-staigh? Teine? Am fear seo an seòrsa duine a thann? An toir e ionnsaigh orm? Mathair! Mo mhàthair! Mo bhean, ’s achlann! Gu a thug an seo mi? Còig bliadhna! Deich bliadhna. .. no



[260]

barrachd! Ach thèid eadhon sin seachad. .. An tèid?

Deireadh SeachdanachBeagan Foise do Chorp is do dhAnam
Deireadh seachdanach! Nad thàmh! Thig do phàrantan. Bha latha a rachadh tu dhan t-searmon, ach faodaidh tu do roghainn a dhèanamhfantainn nad chill, nad thalla, no a bhith ri adhradh sa chaibeal. Tha seirbheisean ann Latha na Sàbaid do Chaitligich is do Phròsdanaich, agus ùine airson sgrùdadh aBhìobaill ann an clas air leth. Mas seinneadar thu, cuiridh còisir na caibeil fàiltort a sheinn còmhla riutha. Tha salm Gàidhlig aca a sheinneas iad o àm gu àm. Gheibh prìosanach Caitligeach aifreann gach seachdain, agus aig an Nollaig is aig aChàisg bidh Comanachadh ann dha na Pròsdanaich.

Fear-Comhairle
Ma tha a dhìth ort bruidhinn ris amhinistear no ris an t-sagart, cuiridh tu dainm sìos air leabhran, is chithear thu aig dobair no nad thalla gu pearsanta.

Cuiridh na clèirich fios dhut a dhionnsaigh clèireach na sgìre aig an taigh, ma dhiarras tu sin, is faodaidh esan tighinn gad fhaicinn gu riaghailteach.

Faodaidh tu coimhead air adhart ri tadhal do chàirdean uair samhìos gu cumanta, no chì thu iad math dhfhaodte a dhà no trì uairean mhìos air tadhal goirid, a-rèir dinbhe saphrìosan, agus suidheachadh do dhachaigh. Ach ma tha thu afeitheamh do dheuchainn, tha cus a bharrachd de shochairean agad. Ma tha teaghlach agad, faodaidh iad tighinn gad fhaicinn cuideachd san talla-aoigheachd, is bidh mnathan an làthair a chumas sùil air an òigridh mar ghoireas dha na pàrantan.

Feum air an Lèigh
Ma bhios tu afaireachdainn tinn, innsidh tu sin do phrìomh oifigeach na talla, is an dèidh bracaist thèid thu a dhfhaicinn an lèigh. Mas e an dèideadh a tha gad mharbhadh, is gu feum thu fiaclaireachd, thèid thu airson sgrùdaidh fheumail chun an lèigh-fhiaclan, is gu lèigh eile ma tha do shùilean acur dragh ort.

Math dhfhaodte gur h-e dìobhail-misnich a tha adorchnachadh do spioraid fa chomhair deuchainnean aphrìosain, no a tha acur dragh air do chridhe is do spiorad a dhfheumas cuideachadh gus do chur air seòl nas cinntichetha comas agad a dhol a dhfhaicinn an lighiche-inntinn no an inntinn-eòlaiche.

Ma thig tinneas a chumas san leabaidh thu, theid thu dhan roinn-eiridinn; is ma bhios feum agad air aire a bharrachd, cuirear



[261]

a-mach dhan ospadal a-muigh thu, is bidh oifigeach an sin còmhla riut.

Leabhraichean, Cluichean, Biadh, Ceòl, Aodach
A bheil leabhar a dhìth ort? Tha sgeilp no dhà de leabhraichean ri faighinn san talla agad, is tha leabharlann air leth math suidhichte airson feuman phrìosanach san fharsaingeachd.

Bidh cothrom ball-coise agad anns na ceàrnagan, agus air an taobh a-muigh dhe na tallachan anns na raointean-cluiche. Mas e sin do roghainn, tha goireasan air leth rim faotainn airson eacarsaich, agus tha cluich-cneutaig is snucair anns na tallachan.

Uair san t-seachdain, bidhcanteenfosgailte anns na tallachan, is gheibh thu mìlsean, tombaca is pàipearan airson shiogaraitean, agus goireasan eile a leigeas leat dairgead cosnaidh a phàigheadh a-rèir aithris do chairt-obrach. Ma dhiarras tu do ghiotàr, is coltach gu faigh thu cead i a bhith agad, is a chuireas bacadh air meileòidian-beòil?

Sin beagan de shuidheachadh prìosanaich làitheil a thachras riut on uair a thèid thu dhan àite-gabhail-a- staigh, far am fàgar do chuid aodaich is an cuirear ort èideadh aphrìosain. ’S e stuth grànda, garbh a thann a chuireas stamp aphrìosain ort is a chomharraicheas dhut do shuidheachadh dìblidh fad ùine do bhinn. Tha seòrsa de stuthdenimcleachdte cuideachd, a tha acoimhead cus nas fheàrr.

Còraichean Sìobhalta
Ach cuimhnich, a charaid: a dhaindeoin nan uile, tha do chuid fhèin de chòraichean sìobhalta agad. Is fear-àiteachaidh na dùthcha thu fhathast. Faodaidh tu aon litir san t-seachdain a chur a-mach an asgaidh, is pàighidh tu airson gin a bharrachd. Faodaidh tu afòn a chleachdadh, apàigheadh airson gach gairm thu fhèin.

Ma tha thu san talla anns a bheil luchd-feitheimh Cùirt (Remand), faodaidh tu na thogras tu de litrichean a chur a-mach, cho fad’ ’s nach bi thu a-ghnàthachadh na sochair. Agus bidh do litrichean an cumantas air an sgrùdadh nach còrd riut co-dhiù a tha thu anns an àite-gleidhidh no a-muigh aig an taigh. Tha ùghdarras aghleidhidh eudmhor. San talla seo tha e ceadaichte dhut do chuid aodaich fhèin a chumail ort, no èideadh aphrìosain a chleachdadh. Faodaidh tu litir a chur a dhionnsaigh Ball-Pàrlamaid, is cuideachd gu Ughdarras Còraichean Dhaoine san Roinn-Eòrpa.

Tha cead agad mar an ceudna aslach àraidh a chur air beulaibh Rùnaire na Stàite. Ma tha a dhìth ort dfhear-lagha fhaicinn, faodaidh tu sin a dhèanamh.



[262]

Cunnart Dhrogaichean
Ma tha pasaids shocrach a dhìth orts tu an grèim, na bean ris na drogaichean a dhfhaodas a bhith adol mun cuairt gu dìomhair, is na iarr air neach an leithid a thoirt thugad ri àm cèilidh ort, co-dhiù air do shon fhèin no mar shàsachadh do mhiann na cuideachd a tha fo bhuaidh nan drogaichean. Is ma tha thu afaighinn fios on dachaigh a chuireas dragh ort mun teaghlach, iarr a dhol a choimhead muinntir na roinne saphrìosan, a chuireas fios chun na roinne ionadail faisg air do dhachaigh.

A bheil thu ag aideachadh dhut fhèin gur e an daorach no ceàrrachas a dhfhàg mu dheireadh thu an grèim? Matha thu acur romhad an trèigsinn, gheibh thu cothrom tachairt ri dleithid, is èisdeachd ri daoine a fhuair làmh-an-uachdair air na cleachdaidhean sin agus a thig dhan phrìosan a dhaon ghnothach airson misneachd a thoirt seachad.

Buill de Chaochladh Chreideamhan
Ma tha thu de chreideamh àraidh is gu feum thu seòrsachan bìdh a sheachnadh, is eile a ghabhailnan àite, nithear seo. Ma tha a dhìth ort fear-cleachdaidh no ceannard o dchreideamh fhèin fhaicinn, cuirear sin air dòigh dhut leis anchaplain.

Cùram air aMhòr-shluagh mu Mheudachadh Fòirneirt
Tha e nàdurrach gu leòr anns an lathaichean seo, is uiread de bhriseadh lagha adol, gum bi daoine cùramach mu thèarainteachd cuirp is maoine, is gu h-àraidh mu shàbhailteachd na h-òigridh is iad on taigh, is mu dhìon ar daoine a thair fàs aosda. Ged a tha an lagh gan cuartachadh uile, tha feadhainn ann a chuireas suarach an lagh, is a tha toileach a bhith adol an cunnart prìosain.

Is aithne dhaibhsan, nuair a dhìtear is a chuirear an grèim iad, nach eil air tachairt dhaibh ach a-rèir am mearachd fhèin gun do rugadh orra. Mar cho-thoradh, cha bhi dragh air amhòr-shluagh, ach taingealachd airson gach eucoraich a chuirear air falbh.

Gabhaidh an sluagh beachd math air gun do ghlacadh is gun do chuireadh an grèim e, is gum bi e afulang cudthrom an lagha airson ùine cho fadis a chuir am britheamh air.

Co-dhùnaidh daoine gu bheil an t-eucorach coma co-dhiù is nach eil àite nas fheàrr ann dha na bhith an grèim far am pàigh e airson beud a rinn e air duine neo-chiontach.

BraighdeanasPeanasachadh no Leasachadh
Tha achuid mhòr dhen t-sluagh toilichte mar sin ann a bhith ag



[263]

aontachadh gur iad prionnsapalan aghlasaidh suas casgadh neo-laghalachd, agus ath-dhìoladh ceart o cheann gu ceann na binne. Chan fhaicear am prìosan leotha ach mar thaigh-cumail agus mar àite peanasachaidh, le deagh sguad de dhfhir-gleidhidh is tuairnearan-iuchrach an tòir orrasan a tha fo làimh, fad an t-siubhail.

Bidh an leithid aluaidh an t-seòlaidh sgriobtaireilsùil airson sùla’, gun a bhith toirt fa-near nach eil an ràdh sin ag àithne peanasachadh gun tròcair gu ruig achrìoch mu dheireadh. Nach e an Naomh Pòl a dhaithris, “Fhuair mi o na h-Iùdhaich còig uairean fhichead buille ach a h-aon” – is carson nach dfhuair e an fhichead buille a-rèir an lagha? Airson nach bitheadh luchd-faire an lagha adol thairis air abhinnnan eud airson lànachd dìolaidh, eadhon le aon bhuille a bhiodh dheth fhèin abriseadh an lagha.

Ath-Cheannachadh is Cumail Thruacanta
Tha sinn taingeil nach ann mar sin a tha gnothaichean. Tha prionnsapal cudthromach eile ga chur air ar beulaibh. ’S e sin, gum bu chòir oidhirpean cearta a dhèanamh gus gum bi prìosanaich air an aiseag air ais, fhads a tha iad an grèim, is gun tèid iad a-mach a-measg an t-sluaigh, mu dheireadh, mar chreutairean ath-cheannaichte nach till a-rithist a dhionnsaigh na dòigh-beatha a badhbhar iad a bhithnam prìosanaich sachiad àite. ’S e a thaca air seoAth-cheannachadh’. Tha an eileamaid seo paisgte anns an dealbh sgriobtaireil mun bhreitheanas dheireannach, mar a labhair Iosa – “Bha mi euslan, agus thàinig sibh gam amharc; bha mi am prìosan, agus thainig sibh am ionnsaigh”. Anns na lathaichean seo, is prìosain air an lìonadh is adol thairis air an gabhail dhreuchdail, tha beachd-smaoin eile air a cur air adhart – ‘Cumail Thruacanta’ – leis a bheil feadhainn atagradh nach urrainnear, a dhaindeoin a h-uile deagh aire do dhath-cheannachadh, a leithid de a thoirt gu ìre èifeachdaich.

Mar sin, tha iad aco-dhùnadh nach eil e mar fhiachan air fir-riaghlaidh na seirbheis ach na prìosanaich a tha fon cùram a chumail, a ghleidheadh is a fhrithealadh gu truacanta. Cha bhi am prìosanach air a mhaslachadh; cha mhò a nithear dìcheall air ath-cheannachadh mar dhleasdanas.

Cuirear prìosanaich ann an ceithir seòrsachan mar seo.

A. Fear a dhfheumas gleidheadh dhen inbhe as àirde (highest security).
B. Fear a dhfheumas cumail chinnteach (very securenot maximum).



[264]

[Sanas]



[265]

C. Fear nach fheum uiread de ghleidheadh, ach nach fhaigh comas teichidh.
D. Fear as urrainn a bhinn a chur seachad ann an suidheachadh fosgailte.

Thèid achuid as motha de phrìosanaich do C is D nuair a bhios iad acur seachad na binne, agus tha an dòchas ann gum bi e comasach daoine adèanamh binne fada a chur do C no D o thoiseach na binne. Bheireadh deasachadh mar sin barrachd comais airson tadhal air fòrladh coimheadaichte.

an Seòrsa Cumail?
Cluinnear gearan thalls a-bhos gu bheil am prìosanach air fhaiceall ann an dòigh tuilleadhs achòir bàidheil, gun chuimhne air eucoir, gun dragh air mun neach a chaidh a dhochann gu dona, no air an neach a chaidh a mhurt is a luchd-eisimeil a dhfhàgadh gu truagh. Chan eil sinn ag àicheadh gu bheil an leithid a-measg nam prìosanach, ach cha mhath a bhith acur aon chomharra air daoine eadar-dhealaichte ach a bhith asealltainn air eucoir, binn is nàdur aphrìosanaich. Chan eil a h-uile prìosanachna mhurtair, nona fhear-truaillidh bhan, nona fhear a rinn ionnsaigh air muinntir aosda.

Agus chan eil a h-uile eucoir a rinneadh air a dealbhadh ro-làimh. Chuir cuid an gnìomh rudeigin gu h-obann is iad air an glacadh ann an aon mhòmaid de dhìth-cèill, de dhfheirg, no de dheagal, no de theannachadh nach urrainn dhaibh fhuasgladh, no nuair a bha iad fo mhisg. Tha mòran dhiubh sin agiùlan uallach an droch ghnìomh a rinn iad a lathas a dhoidhche, le nàire, is bidh an t-uamhann a thuit orra còmhla riutha fad am beatha.

Nuair a dhiarras sinn freagradh dhaibhsan a tha breitheach a thaobh dèiligidh leasachail, cuimhnichidh sinn air na faclan, “Ged robh ur peacaidhean mar an sgàrlaid, bidh iad geal mar an sneachd; ged robh iad dearg mar chòrcar, bidh iad mar olainn”. Is e seo prionnsapal de chreideamh nan Iùdhach is nan Crìosdaidhean nach urrainn dhuinn a chall. Chan eil facal no còir aig riaghaltas aphrìosain mu nàdur na breith, ach dìreach am prìosanach a ghabhail a-staigh. An uair sin, feumar a ghleidheadh is a chumail mar dhuine, is chan ann mar bhiast. Tha Diaatabhairt air aghrèin fèin èirigh air na droch dhaoine agus air na daoine maithe, agus acur uisge air na fìreanaibh agus air na neo-fhìreanaibh”.

Daoine Cruaidhe
Air an taobh eile, tha iad ann a chumas a-mach gu bheil an dòigh-



[266]

beatha a thathar ariarachadh dha na prìosanaich sachumantas ro chruaidh. “Seadh,” their iad, “is -dhaonna.”

Tha prìosanaich ann a thanandaoine cruaidhe’ – tiotal àicheanach a thugadh dhaibh gu minig leis na meadhonan craobh-sgaoilidh. Chaidh iad le beachd cinn-làidir an aghaidh lagha, is a-rèir gnìomhachais bhuirb nach eil furasda gabhail ris. Tha cuid dhiubh nach iarr feàrradnam beatha, is a mheasas ath-nuadhachadh mar fhianais air anfhannachd neo-fhearail.

Is beag-chuid iad sin a-reir àireimh, ach anns an t-saoghal neònach, dhoilleir a dhrùidheas tron phrìosan, nuair a thig tubaist, air a leantainn le corra chasaid ga dèanamh an aghaidh riaghaltas aphrìosain mu dhroch cor nam prìosanach fo làimh fhòirneartaich nan oifigeach, is minig a gheibhear an leithid air chùl na h-aimhreite.

O chionn bliadhna no dhà air ais thathar air prìosanaich òga a ghabhail a-staigh a dhèanamh còig bliadhna no barrachd, aleantainn droch eucoire, no malairt dhrogaichean, is nach iarr a bhith sèimh ach draghail, oir mar a tha nithean smachdachaidh air a bhith agluasad, ’s dòcha nach fhaigh feadhainn aca saorsa apharòil.

A dhaindeoin a h-uile seòrsa duine cruaidh a tha air a chumail, chan fheumar aon stampa a chur orra uile. Tha a h-uile fear air leth. Tha a chomasan fhèin aige. Am faigh iad tighinn am bàrr? Tha aon duine co-dhiù a bha ainmeil anns aphrìosan is a tha a cheart cho ainmeil on a chaidh e a-machSeumas Boyle. Chuireadh esan anns an Aonad shònraichte ann am Barlinnie, an Glaschu, an dèidh cùrsa fada, ceannairceach, agus an sin fhuair e saorsa a ghibhtean fhosgladh a-mach, is fhearg is a dhroch càil a cheannsachadh. Ged nach biad oifigich-gleidhidh aphrìosain a thug air tuiteam ann an làmhan an lagha sachiad àite, chuir e làimhseachadh gun chiall às leth a luchd-cumail saphrìosan is e ag ràdh nach robh dòigh eile aige air achùis a dhèanamh follaiseach, ach a bhith acumail airna rag-mhuinealas.

Dhatharraich e san Aonad Shònraichte, is cha besan a-mhàin. Tha e a-nis air a bheatha a choisrigeadh do chuideachadh nam feumach, is do chleachdadh a ghibhteana thaobh ealain.

Tha daoine an grèim nach baithne dhaibh fhèin an sìol math a bha planntaichte annta eadhon mun tàinig iad dhan phrìosan. A bheil daoinecruaidhecho cruaidh uile-gu-lèir? Nach math as dfhiach ionnsaigh ùr, mheudaichte a shuidheachadh coltach ri Barlinnie is an t-Aonad sònraichte gus an sìol sin uisgeachadh a chum àrach mhath is na droch bhuaidhean a thig on taobh a-mach, a cheannsachadh? Nach tig am prìosanach danarra dha ionnsaigh



[267]

fhèin? Tha deagh eisimpleir ri faotainn san sgeul mun Mhac Struidheil. Tha seo ann cuideachd. Chunnaic athair abhalaich staid ìosal achulaidh-thruais a be a mhac, is fhreagair e a ghuidhe.

A thaobh suidheachadh nam prìosanach a thig a-staigh dhan phrìosan às na h-ionadan-gleidhidh airson òigridh: tilgear air ball iad an sàs ann am beatha làitheil nan inbheach, beatha nach tuig iad gu tric, nach còrd riutha, is a bhios duilich dhaibh a ghiùlain. Faodaidh an teannachadh a thig air feadhainn a thighinn gu ìre is nach fhaic iad fois no saorsa ach am beatha thruagh fhèin a chrìochnachadh.

Cluinnidh mi fhathast guth àlainn balaich a bha sachòisir, is e le tlachd aseinn an 23mh Salm anns aGhàidhlig, a dhionnsaich e ged bu Ghall e. Bha coltas àigh is socair air a ghnùis, ach ghabh esan, gun dùil ris, a bheatha fhèin. A bheil rèiteachadh fhathast feumail, a bharrachd air làimhseachadh lèigh is aotromachadh achràbhaidh, a dhobraicheadh nàdur de dhàile teaghlachail eadar prìosanach fo chùram is iomnaidh fir-gleidhidh àraidhseadh, eadhon prìosanach eile a ghabhas aire?

Tha feum gum bi gleidheadh is cùram cothromaichte. Thathar a-nis abeachdachadh air comasan toirt gu ìre a bhith aig prìosanaich, gus fuasgladh a thoirt gu buil air na draghannan is na ceistean pearsanta a bhios aca. Mar sin, thathar nas buailtiche co-obrachadh fhaighinn o dhuine mura cuirear teannachadh air. Ma dhèiligear ri duine mar neach cùramach, bidh e nas coltaiche gum bi ena dhuine cùramach nuair a dhfhàgas e am prìosan.

(Ri leantainn)

titleLatha sam Bith sa’ Phrìosan
internal date1991.0
display date1991
publication date1991
level
reference template

Eòghann MacGillEathain in Gairm 155 %p

parent textGairm 155
<< please select a word
<< please select a page